A’ dèanamh seirbheis do Dhia

A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort gu ro h-iriosal gun toireadh tu gràs dhuinn:
airson nach biodhmaid a-mhàin a’ cluinntinn an Fhacail ach ga dhèanamh cuideachd;
airson nach biodh sinn a-mhàin a’ gràdhachadh do Shoisgeul ach ga dhèanamh nar beatha;
airson nach biodh sinn a-mhàin ga aideachadh, ach cuideachd a’ cuir an gnìomh d’ àithntean bheannaichte,
airson onair d’ ainm naomha.
Tòmas Becon (1512-1567)

Teagasg dhuinne, a Thighearna ghràismhor, a bhith a’ tòiseachadh ar gnìomhan le urram, a bhith a’ dol air adhart ann an ùmhlachd, agus a bhith gan crìochnachadh ann an gràdh;
agus an uairsin a’ feitheamh gu foighidneach ann an dòchas agus a coimhead suas le cinnt aoibhneil thugad fhèin, aig a tha geallaidhean a tha dìleas agus dìolaidhean a tha neo-chrìochnach; tro Ìosa Crìosd.
George Hickes (1642-1715)

Gun robh e ga do thoileachadh, A Thighearna, a bhith a’ soillseachadh mo chridhe le teine do ghràidh.
Tha mi a’ tagradh mo làmhan airson d’ obair a dhèanamh,
mo bhilean airson do mholaidhean a’ sheinn,
agus mo bheatha airson a bhith ag aithris do ghlòir.
Coimhead air mo choimhearsnaich nam feumalachdan agus treòraich mise agus beannaich mi fhad ’s a tha mi a’ dèanamh seirbheis dhutsa anntasan;
air sgàth Ìosa. Amen.
Hildegard von Bingen (1098-1179)

Ceadaich, A Thighearna, gum bi mi air m’ èigneachadh gu ìre cho mòr ann an iongantas do ghràidh is gun
dìochuimhnich mi mi fhèin agus na h-uile nithean;
nach fhairich mi air aon làimh soirbheachadh no cruaidh-chàs; nach bi an t-eagal orm a bhith a’ fulang cràdh an t-saoghail gu lèir an àite a bhith air mo dhealachadh bhuatsa.

O leig leam a bhith gad fhaireachdainn barrach air an taobh a-staigh, agus dha rìribh an làthair còmhla leam na tha mi leam fhèin, agus dèan mise fìor fhaiceallach na do làthaireachd,
mo Thighearna naomh.
Robert Leighton (1611-84)

O Ìosa, lìon mi le do ghràdh an-dràsta, agus, tha mi ag ùrnaigh, gabh rium, agus cleachd mi beagan gu do ghlòir-sa. O, gabh, gabh, rium tha mi ag ùrnaigh agus ri mo sheirbheis,
agus gabh an glòir gu lèir.
David Livingstone (1813-73)

Mo Thighearna, chan eil nì agam airson a dhèanamh anns an t-saoghal seo ach a bhith ga do shireadh agus a’ dèanamh seirbheis dhut.
Chan eil nì a ni mi le mo chridhe agus a chàilean ach a bhith a’ tarraing anail as do dhèidh fhèin.
Chan eil ni agam a nì mi le mo theanga no mo pheann ach bruidhinn riutsa agus air do shon, agus a bhith a dèanamh do ghlòir agus do rùn aithnichte. Amen.
Riodsard Bacstair (1615-91)

O mo Thighearna! Nach fìor a tha e gum bi a h-uile duine a ni saothair dhutsa air a phàigheadh le àmhgharan!
Agus nach luachmhor a phrìs dhaibhsan aig a bheil gràdh dhut ma thuigeas sinn an fiach aige.
Teresa Avila (1515-1582)

O A Dè thròcairich, lìon ar cridheachan, tha sinn ag ùrnaigh, le gràsan do Spioraid Naoimh; le gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, macantas agus stuaim.
A Thighearna, cinnteach à do mhòr thròcair ’s do mhaitheas dhaibhsan uile a nì aithreachas dha-rìribh agus a tha a’ cur romhpa dèanamh nas fheàrr, tha mi a’ guidhe ort gu ro-h-iriosal a ghràis agus a chuideachaidh aig an Spiorad Naomh a thoirt dhomh
airson mo dhèanamh an comas fàs nas fheàrr a h-uile là.
Ceadaich an ghliocas is an tuigse dhomh airson eòlas a bhith agam air mo dhleastanas, agus an cridhe agus an rùn airson a dhèanamh.
Builich ormsa, A Thighearna, an fìor eagal agus gràdh dhut fhèin,
agus eud ciallach airson do ghlòir.
Meudaich annam gràsan a charthannais agus a mhacantais, na fìrinn agus a cheartais, na h-irioslachd agus na foighidinn, agus neart spioraid airson a h-uile suidheachadh fhulang le seasmhachd inntinn.
An treas Rìgh Uilleam (1650-1702)