A Dhè beannaich sinn

Gun robh gràdh an Tighearna Ìosa
gar treòrachadh thuige fhèin;
Gun robh cumhachd an Tighearna Ìosa
gar neartachadh na sheirbheis fhèin;
Gun robh aoibhneas an Tighearna Ìosa
A’ lìonadh ar n-anman.
Gun robh beannachd Dhè uile-chumhachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
nur measg agus a’ fantainn còmhla ribh an còmhnaidh.

As dèidh Uilleam Teampall (1881-1944)

Gun robh an rathad ag èirigh airson do choinneachadh,
Gun robh a’ ghaoth an còmhnaidh aig do chùl,
Gun robh a’ ghrian a’ deàrrsadh gu blàth air d’ aghaidh,
Gun robh an t-uisge a’ tuiteam gu socair air do raointean,
Gun robh Dia ga do chumail ann an lag a làimh.

Ùrnaigh Ghàidhlig Thraidiseanta.