Air uchd bàis

Bho bheatha gu bàs: bho bhròn gu aoibhneas;
bho ghleann dòrainn gu pàrras de thròcair.
Is aithne dhomh gu bheil m’ fhear-saoraidh beò, is gun tèid
mo thogail a-rìs anns an là dheireannach.
Coisichidh mi mu choinneamh an Tighearna ann an tìr nam beò.
Annadsa, A Thighearna, tha mi air m’ earbsa a chuir:
na leig leam a bhith air mo chuir ann an imcheist.
A-steach dha do làmhan-sa tha mi ag earbadh mo spioraid:
oir tha thusa air mo shaoradh, A Thighearna,
thusa as e Dia na Fìrinn.
Is tusa mo neach cuideachaidh agus m’ Fhear-saoraidh:
na bi fada a’ tighinn, O mo Dhia.
Thig, A Thighearna Ìosa, thuig gu cabhagach.
A Thighearna Ìosa, sealbhaich mo spiorad.
John Cosin (1594-1672)

O Ìosa , bi a’ cuimhneachadh do gheallaidh; smaoinich mu ar deidhinn-ne do sheirbheisich; agus an uair a dh’fhàgas sinn an saoghal seo, can na faclan gràdhach ud ri ar n-anman: “An-diugh bidh thu còmhla riumsa ann an aoibhneas.”
A Thighearna Ìosa Crìosd, cuimhnich oirnne do sheirbheisich a tha ag earbsa annad, an uair nach urrainn dha ar theangaidh bruidhinn, an uair nach tèid aig ar sùilean faicinn agus an uair nach urrainn dha ar cluasan cluinntinn.
Deònaich gun robh ar n-anman an còmhnaidh a’ dèanamh gàirdeachas annadsa, agus gum biodh iad aoibhneil mi do shlàinte, a cheannaich thusa dhuinn tro do bhàs.
Miles Coverdale (1488-1568)

O a Thighearna Ìosa,
as e a-mhàin slàinte nan daoine a tha beò,
agus a bheatha shìorraidh
acasan a tha a’ bàsachadh ann an creideamh:
tha mise gam thoirt fhèin
uile-gu-lèir dha do rùn-sa
le cinnt nach urrainn don nì bàsachadh
a tha air earbadh dha do thròcair-sa.
Thomas Cromwell (1485-1540)

A Chrìosda ghràdhaich, treòraich mise, lagachan, as do dhèidh fhèin;
oir mur a treòraich thusa mi chan urrainn dhomh do leantainn.
Thoir dhomh spiorad a tha gaisgeil agus faireil.
Ma bhios mo bhodhaig lag, gun robh do ghràs-sa a’ dol romham,
thig ri mo thaobh agus lean leam.
As aonais do chuideachaidh chan urrainn dhomh nì a dhèanamh,
gu h-àraid a dhol gu bàs chràdhteach airson d’ onair-sa.
Thoir dhomh spiorad dheiseil, cridhe gun eagal, creideamh ceart,
dòchas suidhichte, agus gràdh coileanta,
airson gun leiginn sìos mo bheata air do shon
le foighidinn agus le aoibhneas.
Iain Hus (1369-1415), nuair a bha e na laighe ann an slabhraidhean anns a phrìosan.