Ag ullachadh airson ùrnaigh

Builich gràs oirnn, Athair uile-chumhachdaich, airson gum bruidhinn sinn riut le ar n-uile chridheachan cuide ri ar bilean. Tha thusa an làthair anns a h-uile àite: bhuatsa chan urrainn dìamhaireachdan sam bith a bhith air am falach.
Teagasg dhuinn ar smuaintean a stèidheachadh ortsa, gu h-urramach agus le gràdh, airson nach ann gu dìomhainn a bhios ar n-ùrnaighean, ach gum biodh iad taitneach dhutsa, a-nis agus an còmhnaidh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Sìne Austen (1775-1817)

 

A Thighearna teagasg dhomh dè a tha a dhìth orm, is teagasg dhomh ciamar a nì mi ùrnaigh;
agus na leig leam do ghràs a shireadh,
Gun a bhith a’ ciallachadh na tha mi ag ràdh.
John Burton (1803-77)

O, A Dhè uile-chumhachdaich,
Neach-rannsachaidh gach uile chridhe,
a tha air cantainn gu bheil iadsan – a theannas dlùth riut lem bilean
nuair a tha an cridheachan fada air falbh bhuat – oillteil dhut;
glan, tha sinn a’ guidhe ort, smuaintean ar cridheachan
tro dheachdadh do Spioraid Naoimh,
airson nach cuir smuaintean seachranach, fhaoin, no dìomhain,
a-mach às ar n-inntinnean an t-ùmhlachd sin agus an t-eagal diadhaidh
a tha iomchaidh dhaibhsan a thig a-steach na do làthaireachd.
Jonathon Swift (1667-1745)

 

A Spioraid naoimh, cluinn mi
Nuair a chromas mu a ghlùin a dh’ùrnaigh.
Thig thugam agus teagasg dhomh
Dè a bu choir dhomh a ràdh.
Bho laoidh le William H. Parker (1845-1929)

 

A Thighearna, tha an Sgriobtar a’ cantainn, ‘Tha àm ann airson sàmhchair agus àm airson còmhradh.’
A Shlànaigheir, teagasg sàmhchair na h-irioslachd dhomh,
Sàmhchair a ghliocais,
Sàmhchair a ghràidh,
Sàmhchair a choileantais,
An t-sàmhchair a bhruidhneas gun fhaclan,
Sàmhchair a chreidimh.
A Thighearna teagasg domh mo chridhe fhèin a dhèanamh sàmhach airson gun tèid agam air èisteachd ri gluasad ciùin an Spioraid Naoimh na mo bhroinn agus
gun tuig mi na doimhneachdan a tha bho Dhia.
Gun urra. Ùrnaigh Frankfurt (16mh linn)

A Dhè uile-chumhachdaich, fhiughantaich a tha a’ ghràdachadh na h-uile,
Cruithear gach nì faicsinneach agus neo-fhaicsinneach,
A Shlànaigheir agus Fhir-Ath-nuadhachadh, Fhir-buileachaidh agus Fhir-socrachaidh,
A Spioraid chumhachdaich an Athair,
tha sinn a’ guidhe ort le gàirdeanan fhosgailte agus ag ùrnaigh le osnaichean a’ seasamh mu choinneamh do làthaireachd a mhisnicheas urram.
Gregory Narek (951-1003)

A Thighearna ghràdhaich is Athair na cinne-daonna,
Maith ar dòighean gòrach dhuinn!
Ath-sgeadaich sinn nar n-inntinn cheart;
Ann am beathannan nas fhìor-ghlaine lorg do sheirbheis,
Ann an ùmhlachd nas doimhne, moladh.

Anailich tro theasan ar miannan
D’ fhionnarachd is d’ ìocshlaint;
Leig le mothachadh a bhith balbh, leig le feòil leigeil dheth;
Bruidhinn tron a chrith-thalmhainn, a ghaoth, ’s an teine
O a ghuth bheag chiùin na sèimhe.

Leag sìos do dhealtan chiùin de shàmhchair
Gus a stad na strìdhean againn gu lèir:
Thoir bho ar beathannan an t-strì agus an t-uallach,
Agus leig le ar beathannan òrdaichte aideachadh
An t-àilleachd a tha nad shìth.
John Greenleaf Whittier (1807-92)

 

Tha mi a’ lùbadh mo ghlùn
ann an sùil an Athar a chruthaich mi,
ann an sùil a Mhic a cheannaich mi,
ann an sùil an Spioraid a ghlanaich mi,
Le càird agus caoimh.

Tre d’ Aon Unga fhèin, a Dhè,
Tabhair dhuinn tachar nar teinn,
Gaol Dhè,
Gràdh Dhè,
Gàire Dhè,
Gàis Dhè,
Sgàth Dhè,
Is toil Dhè,
Dhèanamh air talamh nan Tre,
Mar a tha ainglich is naoimhich
A toighe air nèamh.

Gach duar agus soillse,
Gach là agus oidhche,
Gach uair ann an caoimhe,
Thoir dhuinn do ghnè.
Carmina Gadelica (air a leughadh air YouTube)

 

Dhè, èist ri m’ ùrnaigh,
Lùb rium do chluas,
Leig m’ achan agus m’ ùrnaigh
D’ ionnsudh a suas.

Thig, a Rìgh na glòrach
Da m’ chòmhnadh a nuas,
A Rìgh na bith ’s na tròcair,
Le còmhnadh an Uain,
A Mhic na Muire Òighe
Da m’ chomhnadh le buadh,
A Mhic na Muire mìne
As finne ghile-snuadh.
Carmina Gadelica

Tha mi a’ lùbadh mo ghlùn
Ann an sùil an Athar a chruthaich mi,
Ann an sùil a’ Mhic a cheannaich mi,
Ann an sùil an Spioraid a ghlanaich mi,
Le gràdh agus rùn.

Doirt a-nuas oirnn a flathas
Tròcair shuairce do mhathais;
Fhir tha an uachdar na Cathair,
Dèan-sa fathamas rinn.

Tabhair dhuinn, a Shlànaigheir Àigh,
Eagal Dhè, gaol Dhè, agus gràdh,
Is toil Dhè dhèanamh air talamh gach rè,
Mar nì ainglich is naomhaich air nèamh;
Gach là agus oidhche thoir dhuinn do shèimh,
Gach là agus oidhche thoir dhuinn do shèimh.
Carmina Gadelica

 

 

 

Fàg freagairt