Categories
2015

Seirbheis An Sgeul Mòr – Celebration Service for An Sgeul Mòr

Bidh sinn a’ comharrachadh 5 bliadhna den Sgeul Mhòr air Dairdaoin 24 an t-Sultain aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cùisean a’ tòiseachadh aig 6f le greim-bidh is deoch.  Ma tha sibh airson a bhith comhla rinn air an fheasgar, cuiribh fios gu ansgeulmor@gmail.com

We will be holding a special Celebration Service to mark 5 years of An Sgeul Mòr on Thursday 24th September at Sabhal Mòr Ostaig.  We will start things off with a buffet and refreshments at 6pm.  If you would like to join us please RSVP to ansgeulmor@gmail.com

Categories
2015 Ard Sheanadh

Gàidhlig aig An Ard Sheanadh :)

nothing

 

Tha sinn uabhasach toilichte innse dhuibh gun tèid Seirbheis Ghàidhlig a chumail aig Ard-Sheanadh na bliadhna-sa airson a’ chiad turas bho 1969!  Tha an t-Urr. Aonghas Moireasdan na Moderàtor am-bliadhna agus tha ùidh mhòr aige ann an gnothaichean Gàidhlig na h-eaglaise a bhrosnachadh. Tha sinn an dòchas, mar sin, gun tig piseach mòr air làthaireachd a’ chànain taobh a-staigh na h-Eaglaise Nàiseanta.

Tha An Sgeul Mòr an dùil tòrr a bharrachd cheanglaichean a chur ris an làrach a dh’aithghearr agus gum bi earrannan bhon leabhar aig John Stott, “Tron Bhìoball, Tron Bhliadhna” ri leughadh an seo a dh’aithghearr.  Cumaibh sùil air an làrach agus air na duilleagan Facebook is Twitter againn!

Ard-Sheanadh 2015