Dìon

Bi gràsmhor ri ar n-ùrnaighean,
A Dhè thròcairiche,
agus glèidh do shluagh le do dhìon ghràdhach;
airson nach biodh iadsan
a tha ag aideachadh d’ aon-ghin-Mhic mar Dhia,
air a bhreith nar feòil chorporra,
air an truailleadh le mealltaireachdan an diabhail;
Tron aon Ìosa Crìosd sin, ar Tighearna.
Amen.
Ambrose à Milan (c. 339-379)

A Chrìosd,
Riaghladair agus Tighearna an t-saoghail, thugadsa tha sinn a’ coisrigeadh na tìre seo,
an t-slat-rìgheil aice agus a cumhachd.
Dèan dìon air do thìr,
dèan dìon oirre bhon a h-uile nàmhaid.
Constantine (c. 280-337)