Fianais

A Dhè, a cheadaich do dh’ Eaglais a bha a’ feitheamh is aonaichte – aig a’ Chaingeis – gibht an Spioraid Naoimh, agus a thug gu sgoinneil a-steach do dh’aon treud
iadsan a tha a-nis ag adhradh riut an seo:
ceadaich, tha sin n a’ guidhe ort, cuideachadh an aon Spioraid sin anns a bheatha agus an adhradh againn gu lèir,
airson gun sùilich sinn nithean mòra bhuat,
agus gum feuch sinn nithean mòra air do shon,
agus nar n-aon annadsa, gun seall sinn dhan t-saoghal gun do chuir thusa a-mach Ìosa Crìosd ar Tighearna,
thuige, leat fhèin agus leis an Spiorad naomh,
gun robh a h-uile onair is glòir, saoghal gun chrìch. Amen.
William Carey (1761-1834)

A Thighearna, thoir dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, ann an ainm Ìosa Crìosd do Mhac ar Tighearna, an gràdh sin nach urrainn stad gu sìorraidh, a lasas ar lampaichean ach nach cuir as iad, airson gum bi iad nan teinne annainne
agus a’ soillseachadh fheadhainn eile.
Gun robh thusa, A Chrìosd, ar Slànaighear as gràdhaiche thu fhèin a’ lasadh ar lampaichean airson gun deàlraich iad an còmhnaidh tuilleadh na do theampall agus gun sealbhaich iad solas bhuat fhèin nach cuirear as, a shoillsicheas ar dorchadas agus a lughdaicheas dorchadas an t-saoghail.
Calum Cille (521-597)

Tha mi a’ toirt taing dhut, mo Chruithear is mo Thighearna,
gu bheil thu air na h-aoibhneasan seo
a thoirt dhomh na do chruthachadh,
am mòr ghàirdeachas seo air sgàth obraichean do làimhe.
Tha mi air glòir d’ obraichean-sa a dhèanamh aithnichte –
cho fada ’s a bha mo spiorad chrìochnach
an comas do neo-chrìochnachas-sa a thuigsinn.
Ma tha mi air nì sam bith a chantainn
a tha uile-gu-lèir neo-airidh ort,
no ma tha mi air mo ghlòir fhèin a’ mhiannachadh,
thoir maitheanas dhomh, gu gràsmhor.
Amen.
Iain Ceaplair (1571-1630)