Fìrinn

Thuirt Crìosd e fhèin ri Athair, “Is Fìrinn d’ Fhacal-sa.”
Gun robh an Dia uile-chumhachdach, ar n-Athair nèamhaidh,
A’ toirt dhuinne gràdh agus solas na Fìrinn airson a bhith a’ deàlradh nar cridheachan tro a Spiorad Naomh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Nicolas Ridley (c. 1500-1555)

Èirich a ghrèin na fhìreantachd, oirnne, le slàinte na do sgiathan; dèan cloinn dhen t-solas agus dhen là dhuinne.
Seall dhuinn an t-slighe anns am bu choir dhuinn coiseachd,
oir ’s ann thugadsa, A Thighearna a tha sinn a’ togail ar n-anman. Cuir air falbh ceòthan an aineolais a tha a dorchachadh ar tuigsean. Na leig le moladh neo-fhìor air an dà làimh ar cridheachan a threòrachadh air falbh bho ghràdh airson d’ fhìrinn, no bhon a bhith ga chuir an gnìomh
ann an uile ghnìomhan ar beathanan;
air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Thomas Sherlock (1678-1761)