Fo dhragh

Leig ma sgaoil, A Thighearna, anman do sheirbheisich
bhon a h-uile dragh an-fhoiseil.
Thoir dhuinn an t-sìth agus an cumhachd sin
a tha a’ sruthadh bhuatsa.
Glèidh sinn anns a h-uile imcheist agus àmhghar, airson,
air ar cumail suas le do neart
agus air ar stèidheachadh air creag do dhìlseachd-sa
gum fan sinn annad an-dràsta agus gu sìorraidh.

Francis Paget (1851-1911)

A Thighearna Dia,
deònach nach biodh nì sam bith gam bhuaireadh,
Nach cuireadh nì sam bith an t-eagal orm.
Tha a h-uile nì ag atharrachadh,
Ach chan eil thusa ag atharrachadh.
Tha foighidinn a’ sealbhachadh a h-uile nì.
Cha bhi nì a dhìth orm ma bhios tusa agam.
Is tusa a-mhàin, a Dhè,
a h-uile nì a tha a dhìth orm.

Teresa of Avila (1515-1582).