Fulangas

O Athair nèamhaidh, tha mi ga do mholadh agus a’ toirt taing dhut airson d’ uile mhaitheis agus do dhìlseachd tro mo bheatha gu lèir.
Tha thu air mòran bheannachdan a cheadachadh dhomh. A-nis leig leam gabhail ri buaireadh bho do làimh. Cha laigh thu barrachd orm na tha mi an comas fhulang. Tha thusa ag adhbharachadh gun co-obraich na h-uile nithean gu maith do chuid cloinne.
Dietrich Bonhoeffer (1906-45)

A Dhè thròcairich, ceadaich leantaileachd dhuinne – daoine truagh ann an àmhghar. Nar leigeadh gum biodh freumhan olc an fharmaid agus an droch-chàil a’ fàs annainn.
Slaod a-mach freumh olc an adhaltranais. Saor sinn bhon a bhith air ar treòrachadh dhan bhuaireadh aig an t-Sàtan. Ceadaich gràdh dhuinne dhar caraidean ’s dhar nàimhdean, airson gun lean sinn na do shlighean-sa, ar n-Athair, agus eisimpleir d’ Aon-ghin Mhic, Ìosa Crìosd.
Miles Coverdale, (1488-1568)

O Ìosa mhaith, Facal an Athair, soillse glòir an Athair, a tha ainglean a’ miannachadh coimhead air; teagasg dhomhsa do rùn a dhèanamh;
airson, air mo threòrachadh le do Spiorad mhaith, gum faodainn tighinn chun a bhaile bheannaichte sin far a bheil là sìorraidh ann agus far a bheil na h-uile de aon spiorad;
far a bheil sàbailteachd chinnteach agus soineantas shìorraidh air a ghlèidheadh agus sòlas shàmhach agus mìlseachd aoibhneil agus tlachd mhilis;
far a bheil thusa, leis an Athair agus an Spiorad Naomh beò agus a’ riaghladh, saoghal gun chrìch.
Griogair I (c. 540-604)

A De uile-chumhachdaich agus thròcairich,
as e neart nam muinntir a tha lag,
ath-ùrachadh nam muinntir a tha sàraichte,
comhfhurtachd dhaibhsan a tha brònach,
cuideachadh nam muinntir a tha air am buaireadh,
agus beatha nam muinntira tha a’ bàsachadh,
Dia na foighidinn agus nan uile chofhurtachd;
Is aithne dhutsa fìor mhath an laigse air an taobh a-staigh dhen nàdar againn, mar a tha sinn a’ crathadh ’s a’ critheanaich mu choinneamh cràidh, agus nach urrainn dhuinn crann a ghiùlain as aonais
do chuideachaidh dhiadhaidh agus do chumail suas.
Cuidich mi, a Dhè shìorraidh agus thruacanta, cuidich leam ann a bhith a’ sealbhachadh m’ anaim ann am foighidinn, airson dòchas nach crathar a chumail suas annadsa, airson an t-earbsa sin a tha coltach ri fear leanaibh a chumail a bhios a feuchainn ri cridhe Athair a lorg fon a chrann;
mar sin bi mi air mo neartachadh le cumhachd a-rèir do chumhachd ghlòirmhor, ann an uile fhoighidinn agus fhad fhulangas; bidh mi air mo dhèanamh an comas air cràdh agus buaireadh fhulang, agus ann am fìor dhoimhne m’ fhulangais, an comas do mholadh le cridhe aoibhneil.
Johann Habermann (1516-90)