Bìoball, am

“Tha Facal Dhè os cionn na h-eaglais” (Thomas Cranmer).

“’S e a th’ anns a’ Bhìoball ach an aon leabhar a chleachd Ìosa airson a bhith a’ togail mar ùghdarras, agus an uair sin cha b’ ann mar bhunait airson deasbad ach airson roghainn a dhèanamh mun phuing a bh’ air èirigh” (Leon Morris).

“Cha mhotha a chruthaich an eaglais an canan na chruthaich Newton lagh na h-iom-tharraing; chan e cruthachadh a th’ ann an aithneachadh idir” (J. I. Packer).

“Chan eil Bìoball a th’ air a phàirt-dheachdadh cus nas fheàrr na bhith gun Bhìoball idir” (J. C. Ryle).