Litir Gràidh an Athar

Litir Gràidh an Athar: Teachdaireachd Mhion-eòlach bho Dhia Thugadsa

Mo Leanabh,

‘S dòcha nach aithne dhut mise, ach is aithne dhòmhsa a h-uile nì mu do dheidhinn-sa
Salm 139: 1

Is aithne dhomh an uair a shuidheas tu sìos agus an uair a dh’èireas tu suas
Salm 139: 2

Tha mi eòlach air do shlighean gu lèir
Salm 139: 3

Tha fiù’s fuiltean do chinn air an àireamh
Mata 10: 29-31

Oir chaidh do chruthachadh na m’ ìomhaigh
Genesis 1: 27

Annamsa tha thu beò agus a’ gluasad agus a’ faighinn do bhith
Gnìomharan 17: 28

Is tusa mo shliochd
Gnìomharan 17: 28

Bha mi eòlach ort fiùs mus deachaidh do ghineamhainn
Ieremiah 1: 4-5

Thagh mi thu an uair a dhealbh mi an cruthachadh
Ephèsianaich 1: 11 – 12

Cha b’ e mearachd a bh’ annad, oir tha do làithean uile sgrìobhte nam leabhar
Salm 139: 15-16

Shuidhich mi an dearbh àm a rugadh tu agus far am biodh tu beò
Gnìomharan 17: 26

Tha thu air do chruthachadh gu h-uabhasach agus gu h-iongantach
Salm 139: 14

Dh’ fhighe mi ri chèile thu ann am broinn do mhàthair
Salm 139: 13

Agus thug mise a-mach thu air an latha air an do rugadh tu
Salm 71: 6

Chaidh aithris bhreugach a dhèanamh mum dheidhinn tron fheadhainn sin nach eil eòlach orm
Eòin 8: 41-44

Chan eil mi fad’ às s feargach, ach is mise aithris choileanta a’ ghràidh
1 Eòin 4: 16

Agus is e mo mhiann mo ghràdh a dhòrtadh a-mach ortsa
1 Eòin 3: 1

dìreach air sgath is gur tusa mo leanabh agus gur mise d’ Athair
1 Eòin 3:1

Tha mise a’ tairgse barrachd dhut na b’ urrainn dhad athair talmhaidh a thairgse dhut gu sìorraidh
Mata 7: 11

Oir is mise an t-Athair coileanta
Mata 5: 48

‘S ann bho mo làimh-sa a tha a h-uile tiodhlac choileanta a tha thu a’ faighinn a’ tighinn
Seumas 1: 17

Oir is mise d’ fear-buileachaidh, agus tha mi a’ coinneachadh ri d’ fheumalachdan gu lèir
Mata 6: 31-33

Tha mo phlana airson an ùine ri thighinn an còmhnaidh air a bhith air a lìonadh le dòchas
Ieremiah 29: 11

a chionn gu bheil mi gad ghràdhachadh le gràdh sìorraidh
Ieremiah 31: 3

Tha mo smuaintean dhad thaobh-sa gun chomas a bhith air an àireamh mar ghaineamh na tràighe
Salm 139: 17-18

Agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachas thairis ort le seinn
Sephaniah 3: 17

Cha sguir mi gu bràth a bhi a’ dèanamh maith dhut
Ieremiah 32: 40

Oir is tusa mo sheilbh luachmhor
Ecsodus 19: 5

Tha mi a’ miannachadh do stèidheachadh lem uile chridhe is anam
Ieremiah 32: 41

Agus tha mi ag iarraidh rudan mòra is iongantach a shealltainn dhut
Ieremiah 33: 3

Ma shireas tu mi le d’ uile chridhe, lorgaidh tu mi
Deuteronomi 4: 29

Gabh mòrthlachd annamsa agus bheir mi dhut miannan do chridhe
Salm 37: 4

oir is mise a thug na miannan seo dhut
Philipianaich 2: 13

Tha mise an comas air barrachd a dhèanamh air do shon na b’ urrainn tighinn dhad smuaintean
Ephèsianaich 3: 20

Oir is mise do neach misneachaidh as motha
2 Tesalònianaich 2: 16-17

Is mise cuideachd d’ Athair a tha gad chofhurtachadh nad uile àmhgharan
2 Corintianaich 1: 3-4

Nuair a tha do chridhe briste, tha mi faisg ort
Salm 34: 18

Mar a bhios buachaille a giùlain uan, tha mise air thusa a ghiùlain dlùth rim chridhe
Isaiah 40: 11

Aon latha sguabaidh mi a h-uile deur air falbh bhod shùilean
Taisbeanadh 21: 3-4

Agus bheir mi air falbh an cràdh gu lèir a dh’ fhulaig thu air an talamh seo
Taisbeanadh 21: 3-4

Is mise d’ Athair, agus tha mi gad ghràdhachadh mar a tha mi a’ gràdhachadh mo mhic Ìosa
Eòin 17: 23

Oir ann an Ìosa tha mo ghràdh air do shon-sa air a thaisbeanadh
Eòin 17: 23

Is esan am fìor fhoillseachadh dhem bhith
Eabhraidhich 1: 3

Thàinig esan a’ shealltainn gu bheil mi air do shon, ’s nach ann nad aghaidh
Ròmanaich 8: 31

agus airson innse dhut nach eil mi ag àireamh do pheacaidhean
2 Corintianaich 5: 18-19

Bhàsaich Ìosa airson gum faodadh rèite a bhith air a dhèanamh eadar thusa s mise
2 Corintianaich 5: 18-19

B’ e am bàs aigesan am prìomh mhìneachadh dhem ghràdh air do shon
1 Eòin 4: 10

Thug mi suas a h-uile nì a bu ghràdh leam airson do ghràdh-sa a bhuannachadh
Ròmanaich 8: 31-32

Ma ghabhas tu ri tiodhlac mo mhic-sa Ìosa Crìosd tha thu gam ghabhail-sa
1 Eòin 2: 23

Agus cha tèid aig nì sam bith air thusa a dhealachadh bhom ghràdh a-rithist
Ròmanaich 8: 38-39

Thig dhachaigh agus builichidh mi am pàrtaidh as mò a chunnaic nèamh riamh
Lùcas 15: 7

Bu mhise riamh an t-Athair, agus bidh mi gu bràth nam Athair
Ephèsianaich 3: 14-15

‘S i mo cheist… am bi thusa nad leanabh dhomhsa?
Eòin 1: 12-13

Tha mi a’ feitheamh air do shon
Lùcas 15:11-32

Le gràdh, D’ Athair

Gaelic ‘Father’s Love Letter’ Used By Permission Father Heart Communications Copyright 1999-2008 Translated by John Urquhart. www.FathersLoveLetter.com

 

Fàg freagairt