Iadsan a tha tinn

O A Dhè as ro-chumhachdaich agus Athair thròcairich, tha sinn a guidhe gu ro h-iriosal riut, mas e do thoil mhaith a th’ann, gun cùm thu ruinn a bheannachd shònraichte sin a thug thu dhuinn ann an càirdeas do sheirbheisich, ar bràthair gràdhach, a tha a-nis na laighe ann an leabaidh tinneis.
Leig leis còmhnaidh a dhèanamh còmhla ruinn greiseag fhathast airson ar creideamh adhartachadh; glèidh e greiseag fhathast, airson gum bi e beò gu do ghlòir fhèin agus ar cofhurtachd-ne. Rinn thusa e na chuideachadh mòr agus na adhartachadh anns na rudan as fheàrr nar measg. A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, ath-bheothaich ar bràthair gràdhach dhuinn, tro a bhith ga ath-bheothachadh gu slàinte.
Nicholas Ferrar (1592-1637)

Tha mi nam laighe an seo na mo leabaidh,
air mo leagail sìos leis an olc,
A’ dol fodha ann am bobhstair tinneis agus dòrainn,
Coltach ri nam mairbh bheò ach fhathast an comas bruidhinn.
O Mhic choir Dhè,
Dèan tròcair orm na mo thruaighe.
Gregory Narek (951-1003)

Tha sinn ag ùrnaigh air an son-san a tha tinn,
ceadaich slàinte dhaibh agus tog suas iad bho na tinneasan aca
agus leig leotha gum biodh slàinte bodhaig agus anaim aca gu coileanta,
oir is tusa an Slànaighear agus am Fear-tabhairt,
is tusa Tighearna agus Rìgh nan uile.
Serapion (4mh linn)