Làthaireachd Dhè

A Dhè Shìorraidh, tearmann do chloinne gu lèir,
Nar laigse is tusa ar neart,
Nar dorchadas ar solas,
Nar bròn ar cofhurtachd agus sìth.
Gun robh sinn an còmhnaidh beò na do làthaireachd,
Agus a’ dèanamh seirbheis dhut nar beathanan làitheil;
Tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Boniface (c. 675-754)

Ceadaich, A Dhè uile-chumhachdaich,
fhad ’s a tha thu a’ deàlradh oirnn tro d’ Fhacal,
nach biodh sinne dall aig meadhan oidhche,
no le ar rùin a’ sireadh an dorchadais,
agus mar sinn a’ treòrachadh ar n-inntinnean a chadal:
ach gun robh sinn air ar dùsgadh gach là le d’ fhaclan,
agus gun robh sinn gar dùsgadh fhèin
barrachd agus barrachd gus a bhith fo eagal d’ ainm
agus mar sin gar tagradh fhèin agus ar n-oidhearpan uile,
mar ìobairt dhutsa, airson gum faodadh tu riaghladh gu sìtheil,
agus còmhnaidh a ghabhail annainn an còmhnaidh,
gus an cruinnich thùs sinn gu d’ àite fuirich nèamhaidh,
far a bheil fois shìorraidh air a ghlèidheadh dhuinn
agus glòir tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.

Iain Calbhainn (1509-1564)

A Dhè a chruthaich an talamh agus nèamh,
An dorchadas agus an solas,
A tha air an là a thoirt dhuinn airson saothair,
Agus an oidhche airson fois;
Dèan dìon oirnn nuair a tha sinn nar dùisg,
dèan dìon oirnn an uair a tha sinn nar cadal,
Agus an uair a bhàsaicheas sinn,
Gun robh sinne, na do ghlèidheadh chumhachdaich
A’ laighe gu shìtheil.

Reginald Heber (1783-1826)

A Thighearna Crìosd, a thàinig airson gum b’ urrainn beatha a bhith againn agus ann am mòr-phailteas dheth, thig ann an leithid de dhòigh is gum bi an làn chothrom aig a h-uile duine a bhith beò; thig ann an leithid de dhòigh is gum bi sinne an comas cothroman fhosgladh a-mach dhaibhsan uile a tha prìseil dhut a chionn gu bheil iad ann an dìth is a’ fulang acrais. Thig agus bris sìos a h-uile ni a chuireas bacadh air beatha, na ballachan iarainn de dh’ àicheadh dhòrainneach nach toir cothrom asam bith do bheatha. Thig agus thoir ghliocas dhuinn agus foighidinn, dànadas agus inntinn a bhith a’ faighinn a-mach ciamar a dh’ earbas do dheagh-ghean e fhèin dha na h-uile. Thoir beatha dhuinn airson gun sgaoil sinn beatha a-mach. Thig agus lìon sinn le do mhiann làidir fhèin;
le do dhòchas ghaisgeil fhèin,
airson gum faigh na h-uile an slighe gus a bhith beò annadsa.
Builich aonachd, builich bràithreachas; builich sìth.

Henry Scott Holland (1847-1918)

Teann dlùth ri do threud, O a Bhuachaille Israeil,
airson gun dèan sinn gàirdeachas ri fuaim do ghutha;
airson gun coisich sinn tro na sgàilean as duirche an uair a dh’iarras tu oirnn agus airson gun sreap sinn
na bruthaichean as creagaiche fo do dhìon.
Gum faodadh sinn thighinn mu dheireadh thall
gu sealladh dha d’ àilleachd neo-sgòthach, far, ann an glòir na an t-solais shìorraidh, a thathar ag adhradh riut gu sìorraidh. Amen.

Bede Jarrett (1881-1934)

An là seo ma thèid mi air chall am measg imcheistean na beatha agus cabhaig mhòran dhleastanasan, gun robh thusa ga mo lorg a-mach, a Thighearna ghràismhoir, agus ga mo thoirt air ais a-steach do shàmhchair do làthaireachd.

F. B. Meyer (1847-1929)