Seachdain 19: Soisgeul Ceithir-fìllte Chrìosd

’S e freastal sgoinneil Dhè a th’ ann gun deach, chan e a-mhàin aon shoisgeul a thoirt dhuinn, ach ceithir (gun ghuth a ràdh mu na ‘soisgeulan gun ùghdarras,’ mar a chanar riutha, a chaidh a sgrìobhadh san dara linn airson taghadh de bheachdan diadhaireachd a chur air adhart nach robh a rèir na fìrinn). Tha Ìosa Crìosd fada ro mhòr ’s ro ghlòrmhor mar dhuine airson gum b’ urrainn do dh’aon ùghdar a ghlacadh gu tur no a dhealbh bho aon shealladh. ’S e pearsa le ceithir aodainn a th’ ann an Crìosd nan Soisgeulan, daoimean le ceithir aghaidhean. Chan eil saorsa againn nas mò a bhith a’ tionndadh nan ceithir nan aon tro bhith a’ rèiteach a-mach nan rudan a tha sònraichte anns gach fear no airson a bhith a’ tionndadh an t-aon na cheithir tro bhith a’ cur ri na tha sònraichte anns gach fear dhiubh.

Latha na Sàbaid:    Mata, Pàirt 1 – Ìosa an Crìosd
Diluain:                   Mata, Pàirt 2 – Ìosa an t-Eadar-nàiseantach
Dimàirt:                  Marcas – Ìosa an Seirbheiseach a tha a’ Fulang
Diciadain:               Lùcas 1 – Ìosa an Neach Eachdraidheil
Diardaoin:               Lùcas 2 – Ìosa Slànaighear an t-Saoghail
Dihaoine:                Eòin, Pàirt 1 – Ìosa Solas a’ Chinne-daonna
Disathairne:            Eòin, Pàirt 2 – Fear-buileachaidh na Beatha