Sonas

Chan leig esan a tha shìos leas eagal tuiteam a bhith air
Esan a tha ìosal, am pròis:
Bidh Dia an còmhnaidh aigesan a tha iriosal
Airson a bhith na fhear treòrachaidh.
Tha mi sona le na tha agam,
Biodh e beag no mòr
Agus, A Thighearna, tha mi fhathast a’ mhiannachadh sonas
A chionn gu bheil thu a’ sàbhladh a leithid.
Iain Bunian (1628-88)

A Dhè, beothaich gu aoibhneas sinn, gun robh mothachadh aoibhneil againn dhar beannachdan, gun ionnsaicheamaid a bhith a’ coimhead air suidheachaidhean soilleir ar crannchur, agus gun cumadh sinn suas riarachas gun sguir fo do fhreastail. Neartaich ar n-inntinnean an aghaidh brisidhean dùil
agus tubaistean.
Glèidh sinn bho thruimead inntinn, bho ghèilleadh ro diùmbachd. Teagasg dhuinn nach eil olc sam bith ann nach eil an comas fhulang ach cogais a tha air a dìteadh, agus nach urrainn do nì sam bith ar leòn, ma tha sinne le fìor dhìlseachd agus chàil, a’ glèidheadh d’ àithntean agus a’ gabhail fasgaidh annadsa;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
William Ellery Channing (1780-1842)