Fo sprochd

Cha leig esan a tha shìos leas eagal tuiteam a bhith air
Esan a tha ìosal, am pròis:
Bidh Dia an còmhnaidh aigesan a tha iriosal
Airson a bhith na fhear treòrachaidh.
Tha mi sona le na tha agam,
Biodh e beag no mòr
Agus, A Thighearna, tha mi fhathast a’ mhiannachadh sonas
A chionn gu bheil thu a’ sàbhladh a leithid.
Iain Bunian (1628-88)

A Thighearna,
tha m’ ùrnaighean marbh,
tha mo chàilean marbh
agus tha mo chridhe marbh:
ach is e Dè bheò a th’ annadsa
agus tha mi gam ghiùlainn ort fhèin.
William Bridge (1600-1670)

O mo Dhia! Bunait gach uile thròcair!
Tha mi ag aideachadh do chumhachd uachdaranaich.
Fhad ’s a tha mi a’ cuimhneachadh na bliadhnaichean a dh’fhalbh a chaidh an caitheamh, tha mi a’ creidsinn gun urrainn dhutsa, a Thighearna, an call seo a thionndadh ann an diog gu buaidh.
Truagh ’s mar a tha mi, tha mi fhathast a’ creidsinn gu làidir gun urrainn dhut na h-uile nithean a dhèanamh. Mas e do thoil e. ath-chuir an ùine rium a chaill mi, a’ toirt do ghràs dhomh, an dà chuid an-dràsta agus anns an àm a tha air thoiseachd, airson gun nochd mi mu do choinneamh ann an ‘èideadh bainnse.’
Teresa of Avila (1515-1582)

A Thighearna, teagaisg dhuinn a bhith ag àireamh ar làithean, airson gun co-chuir sinn ar cridheachan ri ghliocas.

Aotromaich, mas e do thoil e,
brùthaidhean chùraman an t-saoghail seo.

As cionn nan uile, co-aontaich sinn ri do rùn, agus thoir gràs dhuinn nach urrainn dhan t-saoghal a thoirt air falbh;
tro ar Slànaighear Ìosa Crìosd.
Amen.
Tòmas Chalmers (1780-1847)

Tapadh leat,
A Thighearna Ìosa,
a chionn gum bi thusa nad àite falaich dhuinn
ge b’ e dè a thachras.
Corrie ten Boom (1892-1983)