Taingealachd

A Dhè agus Tighearna nan Cumhachdan agus Cruithear a chruthachaidh gu lèir,
a chuir a-mach – air sgàth d’ iochd ’s do thròcair a tha gun choimeas –
d’ aon-ghin Mhic-sa agus ar Tighearna Ìosa Crìosd airson slàinte na cinne-daonna,
agus le a chrann urramach-san a reub as a chèile leabhar-cuimhne ar peacaidhean
agus tro sin a bhuadhaich thairis air riaghladairean agus cumhachdan an dorchadais;
gabh bhuainne – daoine peacach – A Mhaighstir thròcairich,
na h-ùrnaighean taingealachd is ùmhlachd seo agus saor sinn bhon a h-uile easantas mhìllteach is dhoilleir,
agus bhon a h-uile nàmhaid fhaicsinneach is neo-fhaicsinneach a tha a’ sireadh a bhith gar leòn.

Ceangail sìos ar feòil le d’ eagal Fhèin,
agus na leig le ar cridheachan a bhith air an aomadh gu briathran no smuaintean an uilc,
ach sàth ar n-anman le do ghràdh, airson:
an còmhnaidh a’ meòrachadh ortsa, air ar soillseachadh leatsa, agus gad thoirt fhèin fa-near
– an solas shìorraidh is neo-ruigheachdach –
gun robh sinn a’ tabhainn aidmheil is taingealachd gun sguir dhutsa,
an t-Athair sìorraidh, còmhla ri d’ aon-ghin Mhic,
agus còmhla ri do Spiorad uile naomh, ghràsmhor is beath’-bhuileachadh,
an-dràsta ’s gu sìorraidh, agus gu aoisean nan aoisean. Amen.

Basil the Great (c. 330-379)

Agus fhathast, A Thighearna, builich ormsa
Cridhe neo-chiontach agus taingeil.

S. T. Coleridge (1772-1834)

Thusa a tha air na h-uibhir a thoirt dhomh,
Thoir dhomh aon nì eile,
cridhe taingeil.

Chan ann taingeil nuair a thoilicheas e mise,
Mar gun robh làithean a bharrachd aig do bheannachdan;
Ach an seòrsa cridhe aig am biodh breab
A b’ e do mholadh fhèin.

George Herbert (1593-1616)

A Thighearna a tha a’ toirt beatha dhomh air iasad,
Thoir iasad dhomh de chridhe a tha làn de thaingealachd.

William Shakespeare (1564-1616)