Ùrnaighean Ainmeil

Athair,
thoir ghliocas dhuinn airson d’ aithneachadh,
toinisg airson do thuigsinn,
dìcheall airson do shireadh,
foighidinn airson feitheamh ort,
sùilean airson d’ fhaicinn,
cridhe airson meòrachadh ort,
agus beatha a dh’ èigheadh mu do dheidhinn,
tro chumhachd an Spioraid
aig ar Tighearna Ìosa Crìosd.

Benedict 480-543

A Dhè Shìorraidh, tearmann do chloinne gu lèir,
Nar laigse is tusa ar neart,
Nar dorchadas ar solas,
Nar bròn ar cofhurtachd agus sìth.
Gun robh sinn an còmhnaidh beò na do làthaireachd,
Agus a’ dèanamh seirbheis dhut nar beathanan làitheil;
Tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Boniface (c. 675-754)

Tha sinn a’ guidhe ort, A thighearna, ar cuideachadh ’s ar dìon.
Saor iadsan a tha air an claoidh,
Dèan tròcair orrasan a chuireadh ann an dìmeas,
Tog iadsan a tha air tuiteam,
Taisbean thu fhèin dhaibhsan a tha ann an dìth,
Slànaich iadsan a tha tìnn,
Thoir air ais iadsan a chaidh air seachran bhuat,
Biadhaich iadsan a tha acrach,
Tog suas iadsan a tha lag,
Thoir air falbh slabhraidhean nam prìosanach.
Gun robh a h-uile dùthaich a’ tighinn gus a bhith a’ tuigsinn
gur tusa Dia a-mhàin,
Gur h-e Ìosa do Mhac,
Gur h-e sinne do shluagh,
caoraich d’ ionaltraidh.

Clement of Rome (c. 30-c.95)

Mo Thighearna as ro-ghràdhaiche,
Gun robh thu na do lasrach shoilleir mum choinneamh,
Gun robh thu na do rionnag-treòrachaidh as mo chionn,
Gun robh thu na do shlighe chòmhnard fodham,
Gun robh thu na do bhuachaille choibhneil gu mo chùl,
An-diugh – an nochd – gu sìorraidh.

Columba (521-597)

Dh’ fhaighnich mi do Dhia airson neart, airson gun soirbhichinn,
Rinneadh lag mi, airson gun ionnsaichinn gu h-iriosal a bhith umhail.

Dh’ fhaighnich mi airson slàinte, airson gun dèanainn rudan na bu motha,
Chaidh euslainte a thoirt dhomh airson gun dèanainn rudan na b’ fhèarr.

Dh’fhaighnich mi airson beairteas, airson gum bithinn toilichte,
Chaidh bochdainn a thoirt dhomh, airson gum bithinn glic.

Dh’fhaighnich mi airson cumhachd, airson gum faighinn moladh dhaoine,
Chaidh laigse a thoirt dhomh, airson gum fairichinn m’ fheum airson Dia.

Dh’fhaighnich mi airson na h-uile nithean airson gum mealainn a bheatha,
Chaidh beatha a thoirt dhomh, airson gum mealainn gach nì.

Cha d’fhuair mi nì a bha mi ag iarraidh –
Ach a h-uile ni a bha mi an dòchas air a shon,
Cha mhòr a dh’aindeoin mi fhèin, chaidh m’ ùrnaighean,
nach deachaidh an abairt, am freagairt.

Is mise am measg nan uile dhaoine am fear as o a chaidh a bheannachadh.

Anonymous Confederate Soldier in the US civil War.

A Thighearna dèan ionnsramaid do shìth dhìomsa.
Far a bheil fuath, leig leam gràdh a chur,
Far a bheil leòn, maitheanas,
Far a bheil teagamh, creideimh,
Far a bheil an-earbsa, dòchas,
Far a bheil dorchadas, solas,
Far a bheil bròn, aoibhneas.
A Mhaighstir dhiadhaidh,
Ceadaich nach bithinn a’ sireadh gu ìre cho mòr
A bhith a’ faighinn comhfhurtachd, ach a’ cofhurtachadh,
Chan e na h-uibhir a bhith air mo thuigsinn, ach a’ tuigsinn,
Chan e na h-uibhir a bhith air mo ghràdhachadh,
ach a’ gràdhachadh.
Oir is ann ann am buileachadh a tha sinn a’ sealbhachadh,
Is ann ann a bhith a’ maitheadh a tha sinn air ar maitheadh,
Is ann ann am bàsachadh a tha sinn air ar breith
chun a bheatha shìorraidh.

Francis of Assisis (1181-1226)

A Thighearna as ro-thròcairiche, teagasg dhomhsa a bhith còir,
Teagasg dhomh seirbheis a dhèanamh dhutsa a leithid a tha thu airidh air,
Teagasg domh a bhith a’ tabhainn gun a bhith a’ cunntas na chosgas e
A bhith a’ sabaid gu a bhith a’ gabhail aire dha na lotan,
A bhith ri saothair gun a bhith a’ sireadh suaimhneis,
A bhith ag obair gun a bhith a’ sireadh dìolaidh,
Ach a bhith a tuigsinn gu bheil mi a’ dèanamh do rùn.

Ignatius Loyola, (1491/5-1556)

A Dhè, builich an t-soineanntas ormsa
a ghabhas ri na rudan
nach urrainn dhomh atharrachadh,
am misneachd airson a bhith ag atharrachadh
na rudan as urrainn dhomh,
agus an gliocas a dh’aithnicheas
an t-eadar-dhealachadh.

Reinhold Niebuhr (1892-1971).

Tha mi a’ ceangal, an Ainm, rium fhèin,
An t-Ainm làidir aig an Trianaid;
Tro ùrnaigh ris an aon sin fhèin,
An Trì ann an Aon, agus Aon ann an Trì.
Bhuaithe a tha nàdar gu lèir air a chruthachadh;
Athair, Spiorad, Facal sìorraidh:
Moladh do Thighearna mo shlàinte,
Sann bho Chrìosd an Tighearna a tha slàinte.

Pàdraig (c. 389 – c. 461)

Taing gun robh dhutsa, mo Thighearna Ìosa Crìosd,
airson na buannachdan gu lèir a bhuannaich thu dhomhsa.
Airson na piantan agus na tàmailtean a giùlain thu air mo shon.
O, a Fhir saoraidh, a Charaid, ’s a Bhràthair as ro thròcairiche,
Gun robh mi a’ cur barrachd eòlais ort,
Ga do ghràdhachadh ann an dòigh nas gaolaiche,
Ga do leantainn nas dlùithe,
Là thar là.

Richard of Chichester (c. 1198 – 1253)

Fàg freagairt