Ùrnaighean nam Muinntir a tha Ainmeil

A Thighearna Dia uile-chumhachdaich,
fear-dealbhaidh agus fear-riaghlaidh gach uile chreutair,
tha sin ag ùrnaigh gun threòraich thu sinn gu do rùn
tro do mhòr thròcair agus tro chomharra a chrionn-ceusaidh naoimh.
Thoir dha ar n-inntinnean gun robh iad suidhichte,
neartaich sinn an aghaidh a bhuairidh,
agus glèidh sinn bhon a h-uile ana-ceartas.
Dèan dìon oirnn bho ar nàimhdean,
Faicsinneach agus neo-fhaicsinneach.
Teagasg dhuinn a bhith ga do ghràdhachadh fhèin ro na h-uile nithean
le inntinn ghlan agus bodhaig glan.
Oir is tusa ar Cruithear agus ar Fear-saoraidh, ar cuideachadh agus ar cofhurtachd, ar n-earbsa agus ar dòchas, gu bràth. Amen.

An Rìgh Alfred Mòr (849-899).

A Dhè uile-chumhachdaich,
anns a bheil sinn beò agus a’ gluasad agus anns a bheil ar bith, tha thu air ar dèanamh air do shon fhèin
agus tha ar cridheachan gun fhois
gus am faigh iad am fois annad fhèin.

Ceadaich fìorghlainead cridhe dhuinn agus neart rùin,
airson nach cuir boil fhèinealach sam bith bacadh oirnn
bhon a bhith eòlach air do rùn,
agus airson nach biodh laigse sam bith ann airson ar cumail bhon a bhith ga dhèanamh;
ach na do sholas-sa gun robh sinn a’ faicinn an t-solais gu soilleir, ’s na do sheirbheis-sa gum faigheadh sinn ar saorsa choileanta; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Augustin (354-430)

Builich gràs oirnn, Athair uile-chumhachdaich, airson gum bruidhinn sinn riut le ar n-uile chridheachan cuide ri ar bilean. Tha thusa an làthair anns a h-uile àite: bhuatsa chan urrainn dìamhaireachdan sam bith a bhith air am falach.
Teagasg dhuinn ar smuaintean a stèidheachadh ortsa, gu h-urramach agus le gràdh, airson nach ann gu dìomhainn a bhios ar n-ùrnaighean, ach gum biodh iad taitneach dhutsa, a-nis agus an còmhnaidh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.

Austen, Sìne (1775-1817)

O a Shlànaighear, dòirt Spiorad do mhacantais agus do ghràidh orm,
Cuir as don fhèinealachd annam,
gum bu tusa mo bheatha gu lèir,
Treòraich thusa mo làimh a tha a critheanaich
gu mòr, air creag nan aoisean.

Uilleim Blaidhc (1757-1827)

A Thighearna,
Ciamar a bhios mi ga do gràdhachadh?
Leig leam na dòighean a chunntais.
Tha gràdh agam ort chun an doimhneachd ’s a’ meud ’s an àirde as urrainn dha m’ anam a ruighinn, an uair a tha e a’ feuchainn ri faireachdainn, gun fhradharc, airson crìochan na bith agus a ghràis shàr-bheachdach.
Tha gràdh agam ort gu ìre gach dìth shàmhach a th’agam gach là,
fo sholas na gràine agus na coinneil.
Tha gaol agam ort gu tur-ghlan,
mar iadsan a thionndaidheas bho mholadh.
Tha gràdh agam ort le boil a chaidh a chuir an sàs anns na seann mhuladan agam, agus ann an creideamh mo leanabachd.
Tha gràdh agam ort le gaol a bha e a’ coimhead coltach
Gun do chaill mi le na naoimh a chaill mi –
tha gràdh agam ort le anail, gàirean, deòir, mo bheatha gu lèir!
Agus, A Dhè, ma thaghas tusa
Bi gràdh nas fheàrr agam òrd as dèidh a bhàis.

Ealasaid Browning (1806-1861)

Cha leig esan a tha shìos leas eagal tuiteam a bhith air
Esan a tha ìosal, am pròis:
Bidh Dia an còmhnaidh aigesan a tha iriosal
Airson a bhith na fhear treòrachaidh.
Tha mi sona le na tha agam,
Biodh e beag no mòr
Agus, A thighearna, tha mi fhathast a’ mhiannachadh sonas
A chionn gu bheil thu a’ sàbhladh a leithid.

Iain Bunian (1628-88).

Gun robh gràs Dhè an Athair
agus sìth ar Tighearna Ìosa Crìosd,
tro cho-chomann an Spioraid Naoimh,
a’ còmhnaidh còmhla rinn gu sìorraidh.

Iain Calbhainn (1509-1564)

Athair uile-chumachdaich agus as ro thròcairiche, coimhead sìos oirnne do sheirbheisich neo-airidh tro obair eadar-mheadhanachaidh is fiùghantachdan Ìosa Crìosd,
anns a bheil do mhòr thlachd.
Tur-ghlan ar cridheachan tro do Spiorad Naomh, agus mar a chuireas tu làithean ri ar beathanan, mar sin,
a Thighearna mhaith, cuir aithreachas ri ar làithean;
airson, an uair a tha sinn air a dhol tron bheatha bhàsmhor seo gum faod sinn a bhith nar luchd com-pàirteachaidh dhe
do rìoghachd shìorraidh;
tro fhiùghantachdan Ìosa Crìosd ar Tighearna.

An Rìgh Teàralach I (1600-1649)

A Chrìosd,
Riaghladair agus Tighearna an t-saoghail, thugadsa tha sinn a’ coisrigeadh na tìre seo,
an t-slat-rìgheil aice agus a cumhachd.

Dèan dìon air do thìr,
dèan dìon oirre bhon a h-uile nàmhaid.

Emperor Constantine (c. 280-337)

Gun Spiorad Naomh a tha gar naomhachadh, còmhla ris an Athair a rinn agus a chruthaich sinn, agus am Mac a shaor sinn,
gu robh aonair agus glòir air a thoirt,
saoghal gun chrìch. Amen.

Thomas Crammer (1489-1556)

Neartaich sinn, A Dhè,
airson a bhith a’ toirt faochaidh
dhaibhsan a tha air an claoidh,
airson a bhith a’ cluinntinn
osnaichean nam prìosanaich bhochda,
airson a bhith ag ath-leasachadh
ana-caitheamh gach dreuchd;
gus nach bhiodh nam mòran
air an dèanamh bochd
airson beagan a dhèanamh beairteach;
air sgàth Ìosa Crìosd.
Amen.

Oliver Cromwell (1599-1658).

Thoir sinne, a Thighearna Dia,
aig ar dùsgadh mu dheireadh a-steach do thaigh agus geata nèimh,
airson a dhol a-steach tron gheata sin, agus còmhnaidh a ghabhail anns an taigh sin,
far nach bi dorchadas no deàrrsadh, ach aon t-solas cho-ionnan;
far nach bi fuaim no sàmhchair, ach aon cheòl cho-ionnan,
far nach bi eagail no dòchais, ach aon t-sealbhachadh cho-ionnan;
far nach bi crìochan air a chuir air tòiseachaidhean, ach aon t-siorraidheachd cho-ionnan;
ann an àite fuirich do ghlòir agus d’ uachdaranas,
saoghal gun chrìch.
Amen.

Iain Don (1572-1631)

A Thighearna Dia, an uair a bheir thu dha d’ sheirbheisich
a bhith a’ strì ann an gnothaich mòr sam bith,
ceadaich dhuinn cuideachd gum biodh fios againn
nach e an tòiseachadh, ach an cumail a’ dol aig an aon sin
chun deireadh – gus am bi e uile gu lèir coileanta –
a tha a’ buileachadh an fhìor ghlòir;
troimhesan a leag sìos a bheatha airson d’ obair-sa a choileanadh,
ar Fear-saoraidh, Ìosa Crìosd.

Sir Francis Drake (c. 1540-96).

Lord God, when you give to your servants to endeavour any great matter, grant us also to know that it is not the beginning, but the continuing of the same to the end, until it be thoroughly finished, which yields the true glory; through Him who for the finishing of Your work laid down His life, our Redeemer, Jesus Christ.

Sir Francis Drake.

A Thighearna Dia, ceadaich dhuinn an còmhnaidh, -ge b’ e dè a dh’fhaodadh an saoghal a chantainn – a bhith gar fàgail fhèin riaraichte le tha thusa ag ràdh, agus a bhith fo chùram dìreach mu dheidhinn do mholadh-sa, anns am bi barrachd cuideam na a h-uile saoghal; air sgath Ìosa Crìosd.

General Charles Gòrdon (1833-85)

Ceadaich, A Thighearna, gun cum sinn faire gun stad thairis air ar smuaintean agus ar dèighean, airson nach threòraich iad gu sìorraidh sinn dhan a pheacaidh; airson gum bi sinn beò ann an gràdh foirfe leis a chinne-daonna gu lèir, ann an càil leothasan a tha gar gràdhachaidh, agus ann a’ maitheadh nam muinntir sin, ma tha a leithid ann, a tha gar fhuathachadh.
Thoir dhuinn caraidean mhatha agus le dèagh bheusan.
Ann an ainm ar Tighearna beannaichte
agus ar Slànaighear Ìosa Crìosd.

Warren Hastings (1732-1818)

A Thighearna Ìosa Crìosd, tha thu air mo chruthachadh agus air mo shaoradh agus air mo thoirt gu far a bheil mi an-dràsta: is aithne dhutsa dè a tha thu ag iarraidh a dhèanamh leam; dèan leam a-rèir do rùin, air sgàth do chaomh-thròcair.

Henry 6 (1421-71)

Thoir dhomhsa gun cuimhnichinn, A Dhè,
gur h-e do thiodhlac-sa a th’anns a h-uile là,
agus gum bu chòir dha a bhith air a chleachdadh
a rèir d’ àithne fhèin,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna -Amen.

Samuel MacIain (1709-1784).

Gun robh Easbaig mhòir ar n-anman,
Ìosa ar Tighearna,
a’ neartachadh ’s a cuideachadh ar cridheachan
a tha fo thrioblaid chun a leithid de dh’ìre,
le cofhurtachd chumhachdaich an Spioraid Naoimh,
is nach robh an cumhachd aig
air aon làimh aintighearnan talmhaidh, no àmhgharan saoghalta – airson ar ruag bho dhòchas
agus bhon a bhith a’ sùileachadh na rìoghachd sin,
a chaoidh ullachadh bhon toiseachd
airson an t-sluagh taghte,
le ar n-Athair nèamhaidh,
thuige a tha gach uile mholadh agus onair,
a-nis agus gu sìorraidh. Amen.

Iain Nocs (c. 1513-1572)

Nar leigeadh gum biodh eòlas agamsa gu bràth orm fhèin dealaichte bhon Dè bheò!

D. H. Lawrence (1885-1930)

A Thighearna, thoir dhuinn an creideamh
gu bheil ceartas a’ ciallachadh cumhachd.

Abraham Lincoln (1809-65)

A Thighearna, is ann leatsa a tha mi, dèan na tha a’ coimhead math na do shealladh fhèin,
agus thoir dhomh gèilleadh choileanta ri do rùn.

David Livingstone (1813-73)

A Dhè uile-chumhachdaich,
Fear-dìon nan uile a tha ag earbsa annad fhèin,
as aonais a chuid gràis nach eil nì làidir, nach eil nì naomh,
meudaich agus cur ri do thròcair dhuinne, airson,
tro do dheachdadh naomh,
gum b’ urrainn dhuinn a bhith a’ smaoineachadh na nithean a tha ceart
agus tro do chumhachd gun robh sinn an comas an dèanamh,
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.

Màrtainn Luter (1483-1546)

A Thighearna,
Thoir dhomh gum faic mi do ghlòir,
Anns a h-uile àite.
Amen.

Michelangelo (1475-1564)

A Thighearna, na leig leam gum bi mi,
bhon àm seo air adhart, a’ miannachadh slàinte no beatha, ach,
airson a bhith air an caitheamh dhutsa, leatsa, agus annadsa.

’S ann dhutsa a-mhàin as aithne dè a tha math dhomh;
dèan, mar sin, na tha a’ coimhead ceart dhut fhèin.
Thoir dhomh no thoir bhuam;
gun co-chòrdadh tu mo rùn ris an tè agad fhèin;
agus deònaich, le gèilleadh umhail agus choileanta,
agus ann an cinnt naomh,
gun sealbhaichinn òrdaighean do Fhreastail shìorraidh;
agus gun gràdhaichinn, ann an dòigh cho-chothromach,
a h-uile nì a thig thugam bhuat fhèin;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Blaise Pascal (1623-1662).

Thoir dhomh slige-creachainn de shàmhchair,
Mo bhata de chreideamh airson coiseachd air,
Mo sgriobtar aoibhneis, biadh sìor-mhaireannach,
Mo bhotal de shlàinte,
Mo ghùn de ghlòir, fìor shlat-tomhas an dòchais;
Agus mar sin ni mi mo thaistealachd.

Sir Walter Raleigh (1552-1618) written when he was a prisoner in the Tower of London, awaiting execution.

Ìosa, tha do sholas a’ deàrrsadh nar broinn,
Na leig le mo theagamhan ’s mo dhorchadas bruidhinn rium;
Ìosa, tha do sholas a’ deàrrsadh nar broinn,
Leig le mo chridhe gun robh e an còmhnaidh a’ cur fàilte air do ghràdh.

Brother Roger Schutz (1915-2005)

O, A Dhè uile-chumhachdaich,
Neach-rannsachaidh gach uile chridhe,
a tha air cantainn gu bheil iadsan – a theannas dlùth riut lem bilean
nuair a tha an cridheachan fada air falbh bhuat – oillteil dhut;
glan, tha sinn a’ guidhe ort, smuaintean ar cridheachan
tro dheachdadh do Spioraid Naoimh,
airson nach cuir smuaintean seachranach, fhaoin, no dìomhain,
a-mach às ar n-inntinnean an t-ùmhlachd sin agus an t-eagal diadhaidh
a tha iomchaidh dhaibhsan a thig a-steach na do làthaireachd.

Ionatan Luath (1667-1745)

Gun robh gràdh an Tighearna Ìosa
gar treòrachadh thuige fhèin;
Gun robh cumhachd an Tighearna Ìosa
gar neartachadh na sheirbheis fhèin;
Gun robh aoibhneas an Tighearna Ìosa
A’ lìonadh ar n-anman.
Gun robh beannachd Dhè uile-chumhachdaich,
an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,
nur measg agus a’ fantainn còmhla ribh an còmhnaidh.

As dèidh Uilleam Teampall (1881-1944)

Na leig le nì sam bith do bhuaireadh
nì sam bith an t-eagal a chuir ort,
tha an h-uile nithean a’ dol seachad;
sealbhaichidh fulangas fhoighidneach na h-uile nithean.
Chan eil dìth sam bith air an neach
A tha na sheilbh aig Dia,
Oir is leòr Dia fhèin a-mhàin.

Teresa Abhaila (1515-1582)

Ar n-Athair, seo mise, do leanabh, airson gun cleachd thu mi,
Airson gun cleachdadh tu mi gus an
cumainn orm a’ gràdhachadh do shaoghail,
tro a’ bhith a’ toirt Ìosa dhomhsa agus tromham,
do chàch-a-chèile agus dhan t-saoghal.
Dèanamaid ùrnaigh airson càch-a-chèile
airson gun leig sinn le Ìosa gràdhachadh annainne
Agus tromhainne leis a ghaol leis a bheil
a Athair-san gar gràdhachadh-ne.

Màthair Terèsa (1910-1998).

O A De thròcairich, lìon ar cridheachan, tha sinn ag ùrnaigh, le gràsan do Spioraid Naoimh; le gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, macantas agus stuaim.
A Thighearna, cinnteach à do mhòr thròcair ’s do mhaitheas dhaibhsan uile a nì aithreachas dha-rìribh agus a tha a’ cur romhpa dèanamh nas fheàrr, tha mi a’ guidhe ort gu ro-h-iriosal a ghràis agus a chuideachaidh aig an Spiorad Naomh a thoirt dhomh
airson mo dhèanamh an comas fàs nas fheàrr a h-uile là.
Ceadaich an ghliocas is an tuigse dhomh airson eòlas a bhith agam air mo dhleastanas, agus an cridhe agus an rùn airson a dhèanamh.
Builich ormsa, A Thighearna, an fìor eagal agus gràdh dhut fhèin,
agus eud ciallach airson do ghlòir.
Meudaich annam gràsan a charthannais agus a mhacantais, na fìrinn agus a cheartais, na h-irioslachd agus na foighidinn, agus neart spioraid airson a h-uile suidheachadh fhulang le seasmhachd inntinn.

King William III (1650-1702)

Fàg freagairt