Taingealachd airson a’ chruthachaidh

Aoin Uile-chumhachdaich, ’s ann air mo bheannachadh a tha mi anns na coilltean. Tha a h-uile duine toilichte anns na coilltean. Tha a h-uile craobh a’ bruidhinn tromhadsa.
A Dhè! Abair glòir anns an raon choillteil!
Air na h-àirdean tha sìth –
sìth airson seirbhis a dhèanamh dhàsan.
Ludwig von Beethoven (1770-1827).

Athair, tha sinn a’ toirt taing dhut, gu sònraichte airson leigeil leam an turas-sgèith seo a shiubhal… airson an t-sochair as e a bhi an comas a bhith anns an t-suidheachadh seo, airson a bhith anns an àite iongantach seo, a’ faicinn na tha seo de nithean clisgeach, iongantach
a tha thusa air a chruthachadh.
L. Gordon Cooper, Jr., (1927-2004)
(Nuair bha  e a’ dol timcheall na talmhainn ann an capsail-fhànais)

A Thighearna gun robh sinn a’ gràdhachadh do chruthachaidh gu lèir, an talamh gu lèir
agus gach gràine gainneamh a th’air.
Gun robh sinn a’ gràdhachaidh gach duilleag,
gach gath dhe do ghrian.
Oir tha sinn ag aideachadh riutsa
gu bheil na h-uile mar chuan,
tha na h-uile a gluasad ’s a’ measgachadh,
agus tha a’ bhith a’ cumail gràidh air ais
bho nì sam bith anns an domhan agad
mar a’ bhith a’ cumail air ais
an aon tomhas de ghràdh bhuat fhèin.
Faidhodor Dostoidheabhscaidh (1821-81)

A Thighearna Dia, tro sholas nàdair tha thu air miann a dhùsgadh annainne airson solas gràis, airson gum bi sinn air ar togail ann an solas do mhòralachd.
Dhutsa tha mi a’ toirt taing, a Chruithear is a Thighearna,
a chionn gu bheil thu air ceadachadh dhomh
aoibhneas a bhith agam na do ghnìomhan.
Molaibh an Tighearna a cho-sheirmean nèamhaidh,
agus thusa aig a bheil eòlas air na co-sheirmean
a chaidh an taisbeanadh.
Oir bhuaithesan, troimhesan agus annsan, tha a h-uile nì,
a tha an comas a bhith air aithneachadh cuide ri spioradail;
an nì sin as aithne dhuinn agus an nì sin nach aithne dhuinn,
oir tha tòrr ann fhathast a th’ann ri ionnsachadh.
Johann Kepler (1571-1630)