Ùrnaigh airson nan làithean saora

Taing dhut, a Dhè, gun tàinig na làithean saora,
nuair a tha fois againn o obair na sgoile,
nuair a bhios sinn a’ cluich anns a’ phàirc,
air a’ chladach, anns a’ choille,
nuair a bhios sinn a’ dol air chuairt gu àiteachan eile,
nuair a bhios sinn a’ faicinn rudan ùra,
agus a’ cur eòlais air càraidean ùra,
nuair a bhios sinn a’ tadhal air ar dàimhean.

Cuidich sinn ach am faigh sinn toileachas ann am maise an t-saoghail,
ann an làithean grianach an t-samhraidh.
Agus gun cuimhnich sinn air an fheadhainn,
sean is òg, a tha a-staigh nan dachaighean
no ann an opsdadal nuair a bhios sinne a-muigh a’ cluich.
Amen.