1d den Lùnastal [214]
A Dhè Uile-chumhachdaich is Shìorraidh, chan eil àireamh air do làithean no air do thròcairean: tha thu air ar cur a-steach dhan t-saoghal seo airson seirbheis a dhèanamh dhut fhèin, agus airson a bhith beò a rèir d’ àithntean.
A Dhè chaoimh, seall oirnn le tròcair is le truas: leig le do Spiorad Naomh ar treòrachadh tron t-saoghal seo le sàbhailteachd is le sìth, le naomhachd is le cràbhachd, le cofhurtachdan spioradail is le aoibhneas anns an Spiorad Naomh; airson – an uair a tha sinn air seirbheis a dhèanamh dhut fhèin nar ginealach – gun tèid ar cruinneachadh gu ar n-athraichean, le teisteas a chogais ghlain againn, agus a mhisneachd a tha aig creideamh chìnnteach, agus na cofhurtachdan a tha aig dòchas reusanta, chràbhach is naomh, agus carthannas coileanta leat fhèin ar Dia agus leis an t-saoghal gu lèir; airson nach biodh beatha no bàs, no ainglean no uachdaranachdan, no cumhachdan no nithean a tha an làthair no nithean a tha ri thighinn, no àirde no doimhneachd no creutair sam bith eile, an comas sinne a dhealachadh bho ghràdh Dhè, a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)
2mh dhen Lùnastal [215]
A Thighearna tha mi a’ toirt taing dhut a chionn gu bheil do ghràdh gam èigneachadh. Tha mi a’ toirt taing dhut, ann an ioma-chuairt na beatha, a chionn nach eil thu a’ feitheamh airson mo chead airson mo threòrachadh. Tha mi a’ toirt taing dhut a chionn gu bheil thu ga mo threòrachadh tro shlighe nach aithne dhomh, tro shlighe a tha as cionn mo chomas thruagh-sa a bhith a’ tuigsinn. Tha mi a’ toirt taing dhut a chionn nach eil thu air do thilgeadh air ais air sgàth mo shearbhachd, a chionn nach eil thu air do thionndadh gu aon taobh air sgàth teas mo spioraid. Chan eil cumhachd sam bith anns an chruinne-ce cho glòirmhor ri cumhachd do ghràidh; tha e gam èigneachadh airson tighinn a-steach.
O, a dhaorsa dhiadhaidh, O, a thràilleachd a tha gam dhèanamh saor, O, a ghràidh a tha gam chuir ann am prìosan dìreach airson mo chasan an stèidheachadh ann an seòmar nas motha, dùin a-steach, barrachd is barrachd, mi na do chùirtean-sa.
Glèidh mi bho mhiannan bhras mo nàdair – miannan a tha beò airson ùine cho goirid ’s a tha iad bras. Na faighnich idir dhomh càite am bu toigh leam a dhol; innis dhomh càite an tèid mi; treòraich mi na do shlighe fhèin; glèidh mi na do sholas fhèin – Amen.
Seòras MacMhathainn (1842-1906)
3mh dhen Lùnastal [216]
A Dhè, ar n-Athair Nèamhaidh a tha air àithne dhuinn a bhith a’ gràdhachadh a chèile mar do chuid cloinne-sa, agus a tha air an càirdeas as àirde òrdachadh ann am ceangal an Spioraid, tha sinn a’ guidhe ort a bhith gar cumail suas agus gar glèidheadh an còmhnaidh anns an aon cheangal, gu do ghlòir fhèin, agus gu ar cofhurtachd fa leth-ne, cuide ri nam muinntir uile a tha sinn air ar ceangal ris ann an ceangal sònraichte, eadhon ann an nàdar no mar roghainn; airson gum bi sinn air ar coileanadh còmhla anns a ghràdh sin a tha bho as cionn, agus nach fàillig nuair a dh’ fhàilligeas gach nì eile.
Cuir sìos dealt do ghràis nèamhaidh oirnn, airson gum bi aoibhneas againn ann an càch-a-chèile nach tèid à bith; agus as dèidh dhuinn a bhith beò còmhla ann an gràdh an seo, a-rèir d’ àithne, gun robh sinn a còmhnaidh gu bràth còmhla riu, air ar dèanamh nar n-aon annadsa, na do rìoghachd ghlòirmhor san àm ri teachd, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
An t-Umhlachdan Cràbhaidh aig Hioic (1700)
4mh dhen Lùnastal [217]
A Thighearna gu dè an crann a tha thusa a’ rùnachadh a bu chòir dhomh a ghiùlain an-diugh, air sgàth gràdh dhut fhèin? ’S aithne dhutsa, a Thighearna, gur uile laigse mise, neartaich mi airson a ghiùlain: gu foighidneach, gu h-iriosal, agus gu gràdhach.
Ma thèid mi fodha foidhe, seall orm agus tog suas mi. Builich na tha thu ag àithne, agus bi ag àithne na dh’iarras tu fhèin; naomhaich mo chrann dhomh, agus glèidh mi mar d’ aon fhèin gu sìorraidh – Amen.
E. B. Pùdhsaidh (1800-1882)
A Dhè, Fear-dìon nan uile a tha ag earbsa annadsa, as aonais nach eil nì làidir, nach eil nì naomh, meudaich agus cuir ri do thròcair oirnne; airson – thu fhèin gar riaghladh is gar treòrachadh – gun deidheadh sinne tro na nithean a tha talmhaidh ann an leithid de dhòigh is nach cailleamaid mu dheireadh thall na nithean a tha sìorraidh. Ceadaich seo, O Athair Nèamhaidh, air sgàth Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gregòrianach (590)
5mh dhen Lùnastal [218]
A Dhè a chumhaichd, a tha thar gach uile thuigse, a tha – gu tròcaireach – a’ toirt tròcair is breitheanas dha do phoball; deònaich dhuinne, tha sinn a’ guidhe ort, gun gràdhaicheamaid thu gu dìleas, agus gun coisicheamaid ann an slighe na fìreantachd – Amen.
Portas Shàruim (1085)
A Thighearna, sgiath ar cuideachaidh, nach fhuiling gum biodh sinn air ar buaireadh as cionn na tha sinn an comas, cuidich leinn, tha sinn a’ guidhe ort, nar teanntachdan ’s nar strìthean airson ar sùilean a thogail suas thugad fhèin, agus ar cridheachan a’ stèidheachadh ortsa – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè, Athair na tròcairean, ceadaich dhuinne an còmhnaidh a bhith a’ greimeachadh gu daingeann air spiorad an uchd-mhacachaidh, troimhe a tha sinn a’ glaodhaich, “Athair,” riutsa, agus troimhe a tha sinn air ar n-ainmeachadh, ’s a tha sinn, nar cloinn do Dhia; tro ar Tighearna Iosa Crìosd – Amen.
Portas Ròmanach
6mh dhen Lùnastal [219]
O mo Thighearna, na do ghàirdeanan-sa tha mi sàbhailte; cùm thusa mi agus chan eagal dhomh nì sam bith, trèig mi ’s cha bhi adhbhar dòchais agam. Chan aithne dhomh sìon mun aimsir a tha romham, ach tha mi a-mhàin ag earbsa annad fhèin.
Tha mi ag ùrnaigh riutsa gun toireadh tu dhomh an nì a tha math dhomh; tha mi ag ùrnaigh riut gun toireadh tu air falbh bhuam nì sam bith a chuireadh mo shlàinte ann an cunnart. Tha mi ga fhàgail gu lèir agad fhèin, air sgàth gun aithne dhutsa is nach aithne dhòmhsa. Ma bheir thu cràdh no dòrainn leat, thoir dhomh an gràs a ghiùlaineas gu math e, glèidh mi bho fhrionas agus bho fhèinealachd.
Ma bheireas tu slàinte is neart is soirbheachas dhomh san t-saoghal seo, cùm an còmhnaidh faireil mi – gun fhiosta nach giùlain gin de na gibhtean mòra sin air falbh bhuat fhèin mi. Thoir dhomh gum bithinn eòlach ort fhèin, gum bithinn a’ creidsinn annad, gun gràdhaichinn thu, gun dèanainn seirbheis dhut, gum bithinn beò thugad fhèin agus air do shon-sa. Thoir dhomh gum bàsaichinn dìreach aig an àm sin ’s anns an dòigh sin a bhios gu do ghlòir fhèin chun na h-ìre as mò – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)
7mh dhen Lùnastal [220]
Is beannaichte a tha thusa, A Thighearna ar Dia, Dia ar n-athraichean, a tha a’ tionndadh sgàile a bhàis gus a bhith na mhadainn; a tha air mo shùilean a shoillseachadh, airson nach caidil mi anns a bhàs.
A Thighearna, dubh às m’ eucoirean mar cheò na h-oidhche. Sgar mo pheacaidhean mar sgòth na maidne.
Deònaich gun tiginn gus a bhith nam leanabh den t-solas, is den là. Deònaich gun glèidheadh tu an-diugh gun pheacadh mi. Cùm suas mi an uair a tha mi a’ tuiteam agus tog suas mi an uair a tha mi shìos. Glèidh an là seo bho olc sam bith as leamsa, agus mise bho uilc an là.
Ceadaich gum biodh an là seo a’ cur eòlas, no gnìomh mhath air choireiginn, ris an là an dè. O Leig leam do chaoibhneas gràdhach a chluinntinn ’s a mhadainn, oir is ann annadsa a tha m’ earbsa. Teagasg dhomh an nì a tha ga do thoileachadh-sa a dhèanamh, oir is tusa mo Dhia.
Gun robh do Spiorad gràdhach ga mo threòrachadh air adhart gu tìr na fìreantachd – Amen.
Lansalot MacAnndrais (1555-1626)
8mh dhen Lùnastal [221]
Leig le d’ obraichean gu lèir a bhith ga do mholadh, A Thighearna, agus leig le do sheirbheisich a bhith a’ dèanamh aoibhneas tro bhith a’ toirt taing dhut.
Tha d’ Fhacal-sa fìor, a tha gar cunntas-ne airidh air truas, agus tha do chuideachadh-sa dìleas airson gum biodh earbsa ar cridheachan a’ gabhail fois ann. A Dhè, tha do chumhachd air a dhèanamh coileanta anns an fheadhainn nach do ghabh cùram dhaibh fhèin, ach a bha a’ sireadh na bha sìorraidh; an uairsin tha thusa a’ toirt fìrinn air adhart gu buaidh.
Dèan aithnichte do shlighean dhomh a Dhè, agus leig leam coiseachd na d’ fhìrinn. Cum ort, A Dhè gu buadhach is fosgail geata an dòchais dhomh – a-mach as an dorchadas dhan t-solas. A chionn nach eil thu air mo thoirt air falbh ann am meadhan mo là, ach gu bheil thu air m’ anam a chumail suas ann am beatha, na leig le mo chasan tuiteam.
Deònaich obair gràidh dhomh airson a dhèanamh, agus thoir dha gun soirbhicheadh e na mo làmhan. Na leig leam bàsachadh gus an coilean mi do rùn; agus leig leam a dhol a-steach, le aoibhneas, do shuaimhneas – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)
9mh dhen Lùnastal [222]
Is ann ort fhèin, a Dhè as ro-thròcairiche, a tha mi a’ guidhe an-dràsta airson gun tigeadh tu sìos dha m’ anam, a tha thusa air ullachadh airson thu fhèin a shealbhachadh tron mhiann a shèid thu a-steach ann.
Mus do dh’èigh mi riamh ort, thusa, as ro thròcairiche, bha thu air mo ghairm ’s air mo shireadh, airson gun lorgainn thu, agus ga do lorg, airson gun gràdhaichinn thu. Meudaich mo mhiann agus ceadaich na tha mi a’ faighneachd air a shon. Seall, tha gràdh agam ort, ach ro bheag dheth; neartaich mo ghràdh.
Nuair a bhios mo chridhe a’ beò-iarraidh thugad fhèin, ’s a’ meòmhrachadh air do mhaitheas air nach dèanar aithris, bidh eallach na feòla a’ fàs nas aotruime, bidh buaireas smaoineachaidh air a shocrachadh, cha bhi cuideam na beatha thalmhaidh cho sàraichte.
An uairsin, gu toileach, lorgadh m’ anam sgiathan, airson gun èireadh e an còmhnaidh suas gu do rìgh-chathair ghlòirmhor, agus an sin bhiodh e air a lìonadh le sòlas ath-bheòthachail a bhuineas do luchd-còmhnaidh nèimh – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
10mh dhen Lùnastal [223]
A Thighearna Rìoghail agus Uile-chumhachdaich, beannaich do phoball, agus do threud, gu lèir.
Builich do shìth, do chuideachadh, ’s do ghràdh oirnne – do sheirbheisich, caoraich do threuid-sa – airson gum bi sinn air ar n-aonadh ann am bann na sìthe ’s a ghràidh – aon bhodhaig agus aon spiorad, ann an aon dòchas ar gairm, na do ghràdh dhiadhaidh is neo chrìochnach-sa – Amen.
Litirdi an Naoimh Mharcuis (175-254?)
A Dhè Uile-chumhachdaich, Fear-buileachaidh na beatha, ceadaich do bheatha dhuinne, airson gum bi sinn dha-rìribh beò; do ghràdh, airson gun dèan sinn mòr-aoibhneas, airson gum bi sinne, a’ fèin-fhiosrachadh buaireis, is eòlach air bròn – tro shaorsa mhaith a chreideamh ’s an dòchais – an comas air tighinn gu mòr-aoibhneas na sìthe sin a tha thar tuigse.
A-mach à do choibhneas gràdhach cluinn ar n-aslachadh, tha sinn a’ guidhe ort, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
11mh dhen Lùnastal [224]
Foillsich do thròcair dhomh, A Thighearna, airson mo chridhe a dhèanamh aoibhneil anns a h-uile nì. Leig leam thusa a lorg, a tha mi a’ miannachadh gu mòr. Seall, an duine, an seo, a chaidh a’ ghlacadh ann làmhan ghadaichean, a leòn, ’s a chaidh fhàgail leth mharbh, fhad ’s a bha e a dol taobh Iericho. Tha thusa, a Shamaritanaich theò-chridheach, gam thogail.
Is mise a chaora a chaidh air seachran, thig gam shireadh, agus thoir air ais mi dha do chrò a-rithist.
Gabh gnothaich gu fàbharach rium a rèir do dheagh thoil fhèin, airson gun gabh mi còmhnaidh na do thaigh uile làithean mo bheatha, agus airson gum mol mi thu gu bràth sìorraidh leothasan a tha an sin – Amen.
Naomh Jerome (342 no 347 – 420)
A Dhè, Fear-ath-nuadhachaidh is Fear-gràdhachaidh an neo-chiontais, tionndaidh cridheachan d’ uile sheirbheisich thugad fhèin, airson gum bi iad air am faotainn an còmhnaidh air an freumhachadh ann an creideamh is ann an obraichean thorrach, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
12mh dhen Lùnastal [225]
A Thighearna, ar n-Àite-falaich, ceadaich gliocas dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, airson nach sir sinn àite-falaich sam bith eile an taobh a-muigh dhiot fhèin – ann am beatha no ann am bàs. Falaich sinn a-nis, na do làthaireachd fhèin – bho bhrosnachadh nan uile dhaoine, agus cùm sinn bho aimhreit nan teanganan. Dèan macanta, iriosal, foighidneach sinn, agus teagasg dhuinn a bhith a’ sireadh na sìthe, agus, na leanas bhuaipe – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Thighearna naoimh agus gu sìorraidh beannaichte, tha sinn a’ guidhe ort a bhith a’ teagasg dhuinn càch-a-chèile a’ gràdhachadh, a bhith a’ cuir fad-fhulangas is maitheanas an gnìomh a-thaobh ar nàimhdean; airson nach ath-dhìolamaid air ais olc airson uilc do dhuine sam bith, ach gum biodhmaid tròcaireach – fiù’s mar a tha thu fhèin, ar n-Athair ann an nèamh, tròcaireach: airson, mar seo, gun leanamaid thusa an còmhnaidh nar gnìomhan gu lèir, agus gum biodhmaid air ar co-aontachadh nas mò ’s nas mò ri d’ ìomhaigh ’s do choltas fhèin – Amen.
Leabhar Ùr Adhraidh na h-Eaglaise (1876)
13mh dhen Lùnastal [226]
A Thighearna tha sinn ag aideachadh d’ Uachdaranas-sa thairis oirnn; ’s ann leatsa a tha ar beatha, ar bàs, ar n-anam ar bodhaig. O, deònaich gun coisrigeamaid gu toileach iad uile thugad fhèin agus gun cleachdamaid iad na do sheirbheis. Gun robh sinn a’ coiseachd mu do choinneamh-sa ann an sìmplidheachd leanabail, seasmhach ann an ùrnaigh: an còmhnaidh a’ coimhead thugad fhèin, airson, ge b’ e dè a ni sinn no a sheachnas sinn, gun leanamaid anns na h-uile nithean na comharraidhean as lugha aig do rùn-sa.
Thig gus a bhith nad Thighearna thairis air ar rùin agus ar spioradan airson gun tig an duine air an taobh a-staigh gus a bhith air a thoirt gu lèir fo do riaghladh-sa; agus airson gum bi beatha do ghràidh a’ dol tro ar n-uile smuaintean ’s ar n-uile chumhachdan agus tro fìor bhunait ar n-anman; airson gum bi sinn air ar lìonadh gu coileanta leis.
Thig a Thighearna ’s a Rìgh, thig a-steach nar cridheachan, is fuirich agus riaghail an sin gu bràth sìorraidh. O, A Thighearna dhìleis, teagasg dhuinne a bhith ag earbsa annad fhèin airson beatha is bàs, agus, a bhith ga do ghabhail-sa mar ar n-Uile anns na h-uile – Amen.
Gerhard Tersteegen (1697-1769)
14mh dhen Lùnastal [227]
O Thusa, don ainm Gràdh, agus nach tionndaidh gu bràth air falbh bho ràin do chuid cloinne a tha ann an dìth, cluinn m’ ùrnaigh air an là seo.
Deònaich gun robh an là na là beannachaidh dhomh, agus dèan nam bheannachd mise do dhaoine eile. Cùm a h-uile olc air falbh bhuam. Glèidh mi bho eas-ùmhlach air an taobh a-muigh agus bho pheacaidhean dhìomhair. Cuidich leam ann a bhith a’ cumail smachd air mo nàdar. Gun robh mu i a’ cumail stad air na ciad èirighean de dh’ fhearg no de ghruaim.
Ma choinnicheas mi ri mì-choibhneas, no droch-làimhseachadh, thoir dhomh an carthannas sin a tha fad-fhulangach ’s a chuireas suas le na h-uile nithean. Dèan coibhneil is caomhalta mi ris na h-uile, a’ gràdhachadh fiù’s an fheadhainn nach gràdhaich air ais mi.
Leig leam gum bithinn beò air an là seo mar gum b’ e am fear mu dheireadh a bhiodh agam a bhiodh ann. O mo Dhia, seall dhomh slighe na beatha a dh’iarradh tusa a leanainn. Deònaich nach bithinn a’ gabhail aon cheum nach do dh’ òrdaich thu fhèin, agus nach deidhinn a dh’àite sam bith ach far an deidheadh tu fhèin còmhla rium – Amen.
Ashton Drenden
15mh dhen Lùnastal [228]
O thusa, a Dhè as ro-naomha agus gu sìorraidh gràdhach, tha sinn a’ toirt taing dhut aon uair eile airson fois shàmhach na h-oidhche a chaidh seachad, airson a gheallaidh ùir a tha air tighinn leis a mhadainn nuadh seo, agus airson dòchas an là seo.
Fhad ’s a bha sinn a’ cadal, tha an saoghal anns a bheil sinn a’ fuireach air cumail air a’ dol air adhart na àite uamhasach fhèin, tha teinntean mòra air losgadh fodhainn, tha uisgeachan mòra air a bhith gar cuartachadh, agus stoirmean mòra as ar cionn; ach tha thusa air an cumail air ais tro do làimh chumhachdaich, agus tha sinne air fois a ghabhail fo sgàile do ghràidh.
Shuidh an t-isean air a bhàrr-gèige a-muigh anns an dorchadas, ghabh an dìthein fasgadh a-muigh anns an fheur, laigh sinne sìos nar dachaighean agus chaidil na h-uile ann an gàirdeanan Dhè.
Cuiridh an t-isean a h-earbsa annadsa an-diugh airson an greim bidh aice a thoirt dhith; agus cuiridh an dìthein a h-earbsa annadsa airson a h-èideadh ùr a thoirt dhith; agus mar sin faodaidh sinne ar n-earbsa-ne a chuir annadsa airson uile fheumalachdan na bodhaige, an anaim, agus an spioraid. Builich an-diugh ar n-aran làitheil – Amen.
Raibeirt Colaidhear (1823-1912)
16mh dhen Lùnastal [229]
O Athair, dh’fhaodadh gun toir an là seo obair chruaidh air choireiginn gu ar beatha, no deuchainn chruaidh air choireiginn gu ar gràdh. Dh’fhaodadh gum fàs sinn sgìth, no brònach, no eu-dòchasach nar cuibhreann. Ach, Athair, tha ar beatha, thuige seo, air a bhith na dhearbhadh dhe do chùram-sa gu lèir. Tha aran air tighinn airson ar bodhaig, smuaintean gu ar n-inntinn, gràdh gu ar cridhe – ’s iad uile bhuat fhèin.
Mar sin cuidich leinn, tha sinn a’ guidhe ort – fhad ’s a tha sinn a’ seasamh stòlda air an taobh seo dhen a h-uile nì a dh’fhaodadh an là a thoirt thugainn – a chur romhainn gun cuir sinn ar n-earbsa annadsa an là seo airson a bhith a’ deàlradh a-steach do dhuibhre sam bith san inntinn, airson a bhith a’ seasamh ri ar taobh ann an deuchainn sam bith de ar gràdh, agus airson a bhith a’ toirt fois dhuinn na d’ ùine mhath fhèin mar a bhios feum againn air.
Gun robh an là seo làn de chumhachd a bheireadh sinne nas fhaisge ort fhèin, ’s a dhèanadh nas coltaiche riutsa sinn; agus A Dhè, gun robh sinn a’ cuir ar n-earbsa annadsa ann an leithid de dhòigh is gum biodh – nuair a tha an là seachad – ar n-earbsa nas làidire na bha e riamh roimhe. An uairsin an uair a thig ar là mu dheireadh, agus nuair a bhois ar n-obair dèante, gun robh sinne ag earbsa annad fhèin, ann am bàs agus gu bràth, ann an spiorad Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Raibeirt Colaidhear (1823-1912)
17mh dhen Lùnastal [230]
Neartaich mi, A Dhè, tro ghràs do Spioraid Naoimh. Deònaich dhomhsa gum bithinn air mo neartachadh le cumhachd anns an duine air an taobh a-staigh, agus gum bithinn air m’ fhalamhachadh dhen a h-uile iomagain agus uallach gun fheum.
A Thighearna, ceadaich gliocas nèamhaidh dhomh, airson gun ionnsaichinn as cionn gach nì eile a bhith gad d’ shireadh-sa agus ga do lorg, as cionn gach uile nì eil gun gabhainn tlachd annad is gun gràdhaichinn thu, agus gun smaoinichinn mu na h-uile nithean eile mar a tha iad dha-rìribh, deiseil airson seirbheis a’ dhèanamh dha do ghliocas-sa – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
O, a Dhè as ro-thròcairiche, fuaran ar dòchais agus ar tèarmann ann am buaireas, teasairg sinn bho ribean a bhàis; airson – air ar saoradh bho mhòran bhuaireasan a tha gar cuartachadh – gun tèid againn air molaidhean a sheinn gu d’ ainm naomh-sa, ann am fìor-ghlainead is ann an neochiontas; tro ar Tighearna Iosa Crìosd – Amen.
Portas Shàruim (1085)
18mh dhen Lùnastal [231]
A Thighearna, a tha a’ sgaoileadh na nèamhan a-mach mar chùrtair, thoir dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, rùintean a tha dìleas is cridheachan a tha gràdhach, airson, nad uile obraichean-sa, gum biodh sinn an còmhnaidh gad aithneachadh.
A Thighearna, tha sinn gad bheannachadh, gu h-iriosal, airson na tha thu a’ buileachadh, agus airson na tha thu a’ cumail air ais – airson an eòlais a tha thu a’ buileachadh agus airson an eòlais a tha thu a’ cumail air ais – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
Tha mi a’ toirt taing dhut, mo Chruithear is mo Thighearna, gu bheil thu air na h-aoibhneasan seo a thoirt dhomh na do chruthachadh, am mòr ghàirdeachas seo air sgàth obraichean do làimhe. Tha mi air glòir d’ obraichean-sa a dhèanamh aithnichte – cho fada ’s a bha mo spiorad chrìochnach an comas do neo-chrìochnachas-sa a thuigsinn. Ma tha mi air nì sam bith a chantainn a tha uile-gu-lèir neo-airidh ort, no ma tha mi air mo ghlòir fhèin a’ mhiannachadh, thoir maitheanas dhomh, gu gràsmhor – Amen.
Iain Ceaplair (1571-1630)
19mh dhen Lùnastal [232]
A Thighearna, ceadaich dhuinne gun gràdhaicheamaid thu ann an leithid de dhòigh le ar n-uile chridhe, le ar n-uile inntinn, agus le ar n-uile anam, agus ar nàbaidhean air do sgàth-sa, is gun dèanadh gràs a charthannais còmhnaidh annainne, agus gum bàsaicheadh a h-uile farmad, cruas, is mì-rùn annainn; agus lìon ar cridheachan le faireachdainnean de ghràdh, de choibhneas, agus de cho-fhaireachdainn, airson, tro an còmhnaidh a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ri: aoibhneas is buaidh fheadhainn eile, tro a bhith a’ co-fhaireachdainn air an son-san nan cuid bròin, agus tro bhith a’ cur air falbh a h-uile breith chruaidh agus smuain fharmadach, gun robh sinn ga do leantainn-sa, as e thu fhèin an gràdh fhìor is choileanta – Amen.
Ciste-ionmhais na h-Ùmhlachd
Dòirt oirnne, A Thighearna, spiorad a choibhneis bhràthaireil is an t-sìth; airson, le dealt do bheannachaidh air a chrathadh oirnn, gun robh sinne air ar dèanamh ait tro do ghlòir ’s do ghràs; tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
20mh dhen Lùnastal [233]
Ceadaich dhuinn, A Dhè Uile-chumhachdaich, gum biodh a ghlòir a tha a’ lìonadh an t-saoghail agus nèamh cuideachd a’ lìonadh ar cridheachan; airson gum biodh sinne – air ar dèanamh aoibhneach tro do ghràdh – air ar dèanamh dòchasach tro do gheallaidh, gus an tig a leithid de dh’àm nuair a threòraicheas a bhith a’ toirt moladh dha d’ ainm-sa sinne gus a bhith a’ dèanamh do rùn naomh; airson gum bi sinn – a’ fàs gu coileanta umhail ris a dearbh rùn sin – a’ sealbhachadh beatha Dhè ann an làithean thìm, airson, anns na bliadhnaichean shìorraidh, gur h-ann leatsa a bhios sinn.
Gabh ri ar tagraidhean de thaing, maith ar peacaidhean, neartaich ar dòchas, doimhnich ar creideamh; airson, ann an uile làithean ar beatha bhàsmhor gum biodh sinne – a’ glèidheadh d’ àithntean ’s a’ cur ar cuideam air do ghràs an còmhnaidh – a’ dol air ar turas, tro gheata a bhàis, a-steach dhan bheatha mhaireannach.
Cluinn sinn a-mach à do thròcair, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
21mh dhen Lùnastal [234]
Glan mi, A Dhè, tro fhuaran shoilleir do thròcair, agus uisgich mi le dealt do ghràis lìonmhoir, airson – air mo thur-ghlanadh bho mo pheacaidhean – gun tèid agam air fàs suas ann an dèagh obraichean, dha-rìribh a’ dèanamh seirbheis dhutsa ann an naomhachd is ann am fìreantachd fad uile làithean mo bheatha – Amen.
Ùmhlachdan Dhìomhair (1560)
A Dhè, Dia gach uile mhaith ’s gach uile ghràs, a tha airidh air gràdh nas mò na tha sinne an comas a thoirt dhut no a thuigsinn, tha mi a’ guidhe ort – leis a leithid de ghràdh dhutsa ’s a bhiodh an comas gach leisge is eagal a chath a-mach – nach biodh nì sam bith ro chruaidh dhòmhsa fhulang ann an ùmhlachd riut fhèin; agus deònaich, tro a bhith a’ gràdhachadh anns an dòigh seo, gum b’ urrainn dhomh, gach là, fàs nas coltaiche riut agus gun deidheadh agam, mu dheireadh, air crùn na beatha, a tha thusa air a ghealltainn dhaibhsan aig a tha gràdh dhut, a shealbhachadh; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leabhar Pòcaid nan Ùrnaigh (1860)
22mh dhen Lùnastal [235]
A Thighearna, tha mi a’ creidsinn, ach chreidinn ann am modh na bu sheasmhaiche; A Thighearna, bidh mi a’ gràdhachadh, ach ghràdhaichinn le barrachd blàthais. Tha mi a’ tagradh mo smuaintean dhut fhèin, airson gum bi iad air an stiùireadh do thaobh-sa; mo ghnìomhan, airson gum biodh iad ga do rèir fhèin; m’ fhulangasan, airson gur h-ann dhutsa a bhiodh iad – Amen.
Ciste-ionmhais na h-Ùmhlachd (1860)
Na bi sàraichte leam, a Dhè mhaith, agus na leig leam a bhith sàraichte dhìom fhèin, no sàraichte mu bhith a’ feuchainn ri buaidh fhaighinn thairis orm fhèin. Is uile laigse mise, ach tha thusa uile-chumhachdach, agus is urrainn dhut do chumhachd a chuir a-mach gu coileanta na mo laigse-sa. Thoir dhomh gum fuathaichinn dha-rìribh a h-uile ni as fuath leat fhèin, agus gun gràdhaichinn le cridhe teth a h-uile ni as gràdh leatsa thoir dhomh gum bithinn dha-rìribh duilich – air sgàth ’s gu bheil gràdh agam dhut – a chionn gu bheil mi air oilbheum a thoirt dhut cho tric, agus cruth-atharraich mi gu a leithid de dh’ìre, tro do ghràs, is nach toirinn oilbheum dhut gu bràth tuilleadh; tro Iosa Crìosd – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)
23mh dhen Lùnastal [236]
A Dhè, ar Tighearna, tacsa nam muinntir sin gu lèir a tha a’ cur an earbsa annad, ge b’ e càite an treòraich tusa sinn leanadh sinn, oir is iad do shlighean-sa gliocas is gràdh coileanta. Fiù’s an uair a choisicheas sinn anns a ghleann dorcha, ’s urrainn dha do sholas deàlradh a-steach dhar cridheachan is ar treòrachadh gu sàbhailte tro oidhche a bhròin. Biodh tusa na do charaid dhuinn, agus cha leig sinn leas faighneachd airson a chòrr ann an nèamh no air thalamh; oir is tusa an comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ag earbsa annadsa, Cuideachadh agus Dìon nam muinntir sin gu lèir a tha ag earbsa annad.
A Thighearna is ann leatsa a bhiodh sinn; na leig leinn gu bràth tuiteam air falbh bhuat. Ghabhadh sinn ri na h-uile nithean gun ghearan bho do làimh, or ge b’ e dè a tha thusa a’ dèanamh, tha e ceart. Measgaich ar rùintean le d’ fhear fhèin, agus an uairsin cha leig sinn leas eagal a bhith oirnn bho olc sam bith no bhon a bhàs fhèin, oir feumaidh na h-uile nithean co-obrachadh airson ar maith.
A Thighearna cùm sinne na do ghràdh ’s nad fhìrinn; thoir comhfhurtachd dhuinn le do sholas; agus treòraich sinn tro do Spiorad Naomh – Amen.
S. Bheis (1738-1805)
24mh dhen Lùnastal [237]
A Thighearna, Neart ar beatha; gun robh thusa, tha mi a’ guidhe ort, nad Neart dhuinne gus an là shìorraidh: ar Neart an uair a tha buaireadh gar bualadh, oir tha thusa nas làidire na ar nàmhaid as làidire; ar Neart-ne an uair a thèid sinn sìos ann an gleann sgàile a bhàis, oir ’s e an nàmhaid mu dheireadh a thèid a mharbhadh an sin am bàs. Tro do shlat agus do lorg thoir comhfhurtachd dhuinn – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
Tha sinn ag ùrnaigh gu h-iriosal, O Athair ann an nèamh, gun treòraicheadh tu sinn tro dhorchadas an t-saoghail seo, gun gleidheadh tu sinn bho a chunnartan, gun cumadh tu suas sinn, agus gun neartaicheadh tu sin an uair a dh’fhàsas sinn sgìth nar slighe bhàsmhor; agus gun treòraicheadh tu sinn tro do shlighean thaghte fhèin, tro thìm is tro bhàs, gu ar dachaigh shìorraidh; agus tha sinn a’ faighneachd ann an ainm Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Litirdi Chaibeil an Rìgh (1831)
25mh dhen Lùnastal [238]
O thusa, Fhuarain gu sìorraidh beannaichte na beatha, tha mi gad bheannachadh-sa airson gu bheil thu air do bheatha riatanach fhèin a dhòirteadh a-steach annam, airson gun tiginn gus a bhith, mar a tha mi, nam anam beò.
Is e mo mhiann dhùrachdaich chan e a-mhàin gum bithinn beò ach gum fàsainn; gum fàsainn ann an gràs agus ann an eòlas air mo Thighearna ’s mo Shlànaighear Iosa Crìosd. Gun robh mi a’ fàs ann am foighidinn agus ann am misneachd anaim, ann an irioslachd agus ann an eud, ann an spioradaileachd agus ann an nàdar inntinn nèamhaidh.
Ann am facal, is aithne dhut fhèin gu bheil acras agus tart orm as dèidh fìreantachd, dèan dhìom ge b’ e dè a bheireadh mòr-aoibhneas dhut fhèin fhaicinn a bhiodh annam.
Dèan dealbh air m’ anam, tro bhuaidhean chaomh do Spioraid ghràismhor, a h-uile sealladh ’s a h-uile coltas a tha do shùil-sa, O Athair Nèamhaidh, an comas sealltainn air le toileachas, agus a bhiodh tusa an comas aideachadh mar d’ ìomhaigh fhèin. Tha mi ga fhaighneachd agus an dòchas gum faigh mi e troimhesan a-mach às a lànachd a fhuair sinn uile – Amen.
Philip Doderaids (1702-1751)
26mh dhen Lùnastal [239]
A Thighearna, Ùghdar agus Fear-ìmpidh: na sìthe, a ghràidh ’s an deagh-thoil, bogaich ar cridheachan cruaidh is stàilinneach, blàthaich ar cridheachan ri deigheach is reòidhte, airson gum biodh sinn an comas air a bhith a’ miannachadh maith do chàch-a-chèile, agus airson gum biodhmaid nar fìor dheisciobail do dh’ Iosa Crìosd.
Agus builich gràs oirnn fiù’s a-nis airson tòiseachadh air a bhith a’ foillseachadh a bheatha nèamhaidh sin, anns nach eil easaontas no fuath, ach sìth is gràdh air a h-uile taobh, aon gu càch-a-chèile – Amen.
Ludobhaicus Dibhes (1578)
A Thighearna, tro do chaomhalachd mhaitheanach, leis an do dh’fheith thu riamh ormsa; tron ghràdh chaomh sin leis – ge b’ e cuin a chaidh mi air seachran – a chùm thu faire thairis orm; tro do ghràdh neo-chrìochnach, leis a bheil thu a’ rùnachadh gun gràdhaichinn thu fhèin gu sìorraidh; thoir dhomhsa gràdh coltach ri d’ fhear fhèin, airson gum maithinn-sa, gum bithinn co-fhaireachdainneil, gun gràdhachinn coltach riutsa – Amen.
E.B. Pùdhsaidh (1800-1882)
27mh dhen Lùnastal [240]
A Thighearna ar Dia, a tha air a chadal a ruaig bho ar sùilean, agus aon uair eile ar cruinneachadh còmhla airson ar làmhan a thogail suas thugad fhèin, agus gus a bhith a’ moladh do bhreitheanais chearta, gabh ri ar n-ùrnaighean ’s ar n-aslachaidhean, agus builich oirnne: gràs nach fhàg sinn air ar maslachadh, dòchas chinnteach agus fìor ghràdh a tha gun cheilg; beannaich ar tighinn a-steach agus ar dol a-mach, ar smuaintean ar faclan, agus ar n-obraichean, agus leig leinn an là seo a thòiseachadh le moladh de mhìlseachd do thròcair air nach dèanar aithris. Gur naomhaicheadh d’ ainm; gun tigeadh do rìoghachd – Amen.
An Eaglais Ghreugach
A Thighearna, a tha mar sgàile charraig mhòir ann an tìr shàraichte, a tha a’ sealltainn air do chreutairean laga – sgìth de shaothair, sgìth de thoileachas, sgìth de dhòchas air an cuirte dàil, sgìth de dh’fhèin; na do thròcair neo-chrìochnach ’s na do chaomhalachd air nach dèanar aithris, thoir sinne, tha sinn ag ùrnaigh, gu do shòlas – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
28mh dhen Lùnastal [241]
A Thighearna, tha mi gam chath fhèin le m’ uile laigse ’s mo dhòrainn a-steach na do ghàirdeanan-sa a tha an còmhnaidh fosgailte.
Is aithne dhomh gu bheil mi aineolach agus fada ceàrr mu mo dheidhinn fhèin. Gun sealladh tusa – a tha a’ faicinn ann an fìor fhìrinn – gu tròcaireach orm. Dòirt ìocshlaint do ghràidh a tha a’ buileachadh beatha a-steach na mo chridhe.
Dèan dhomhsa an ni nach eil a mhisneachd agam a dhèanamh dhomh fhèin. Saor mi a dh’aindeoin mi fhèin. Gum b’ ann leatsa a bhiodh mi; uile gu lèir leatsa, agus aig a h-uile cosgais, leatsa. Ann am maslachadh ann am bochdainn, ann am fulangas, ann am fèin-àicheadh, leatsa. Leatsa anns an dòigh as aithne dhutsa as freagarraiche, airson gum biodh tusa leamsa an-dràsta agus gu sìorraidh.
Is tusa mo neart agus m’ fhear-saoraidh. ’S e creutair beag bochd a th’ annamsa, eisimeil air do charthannas thròcaireach a-mhàin – Amen.
Père Besson (1816-1861)
29mh dhen Lùnastal [242]
Gun robh mise agus a h-uile eilthirich an seo gu h-ìosal a’ dèanamh do rùn ro-naomha-sa, ann an gnìomhachadh choileanta dhe do reachdan ’s dhe do dheagh thoil, ann an dòigh cho deònach is gun sgur, fad làithean is mhòmaidean ar beatha air thalamh, ’s a tha iadsan a tha air nèamh a’ dèanamh.
A-mach à ciste-ionmhais neo-chrìochnach do thròcair, maith ar peacaidhean gu lèir: a tha sin air a dhèanamh ann am smuain, facal, gnìomh, no tro nì a sheachnadh nad aghaidh-sa is an aghaidh ar nàbaidhean, mar a tha sinne a’ maitheadh an cionta-san.
Glèidh is saor gu tròcaireach sinn bho uile uilc an dà chuid sa bhodhaig agus san anam, an làthair agus fhathast ri thighinn, cho fada ’s a dh’fhaodadh iad ar cumail air ais bhon a bhith a’ sealbhachadh foirfeachd; airson, mar sin, gum faodadh sinne – gun chnap-starra – do ghràdhachadh ’s do ghlòireachadh ann an modh nas coileanta ann an tìm, agus, ann am modh nas beannaichte as dèidh seo san t-sìorraidheachd.
Gun robh na tha mi a’ faighneachd air a shon air a dhèanamh: mar a dh’iarras tusa, an uair a dh’iarras tusa, anns an dòigh a dh’iarras tusa, tro do chaomh-ghràs – Amen.
An t-Athair Maidhear (1876-1946?)
30mh dhen Lùnastal [243]
A Dhè, a tha, ann an tròcair, air teagasg dhuinn cho math ’s a tha e a bhith a’ leantainn na miannan iom-fhìllteach a tha thu a’ cur nar cridheachan, agus cho searbh ’s a tha am bròn a tha co-cheangailte ri bhith a’ tuiteam goirid air ge b’ e dè an t-àilleachd a tha ar n-inntinnean a’ coimhead air, neartaich sinn, tha sinn a’ guidhe ort, airson a bhith a’ coiseachd gu seasmhach tron bheatha anns an t-slighe as fheàrr – a roghnaich ar cridheachan aig aon àm; agus builich gliocas oirnn airson a bhith ga coiseachd gu faiceallach nad eagal fhèin, cuide ri bhith aoibhneach na do ghràdh; airson, as dèidh a bhith dìleas riutsa uile làithean ar beatha an seo, gum biodh sinn an comas sinn fhèin earbsa dha do làmhan-sa le dòchas as a dhèidh – Amen.
Rowlain Uilleimeach (1818-1817)
Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, gun leigeadh tu le cumhachd an Spioraid Naoimh a bhith còmhla rinn, airson, an dà chuid, gun glan an cumhachd aige ar cridheachan, agus gun glèidheadh e sinn bhon a h-uile cunnart; tro ar Tighearna Iosa Crìosd – Amen
Sàcramaideachan Leònach (440)
31mh dhen Lùnastal [244]
A Thighearna, air sgàth ’s gu bheil m’ uile neart annadsa, ceadaich an gràs seo dhomh – gun leiginn leat a bhith a’ dèanamh ge b’ e dè a rùnaicheas tusa; agus gum b’ e mo ghnìomhachadh-sa a bhith a’ laighe gu stòlda na do làmh, airson gum faodadh tusa an ni sin a-mhàin a dhèanamh leam as mò a tha ga do thoileachadh fhèin.
Gun robh thusa gam sgeadachadh le beusan naomha, a’ thoirt irioslachd inntinn dhomh, fìor-ghlainead cridhe, agus na h-uile ghibhtean is ghràsan as aithne dhut a tha a dhìth orm, agus ge b’ e dè a dh’fheumadh tu a bhith annam – ge b’ e ann am bodhaig no ann an anam; airson, mar sin, gum bithinn an comas do thoileachadh gu ìre nas mò, agus airson gun dèanainn seirbheis dhut ann am modh nas airidh agus nas dìlse, agus airson gun gràdhaichinn thu ann an dòigh a tha nas coileanta.
Tha mi ag ùrnaigh, a bharrachd air a sin, gun toireadh tu gràs dhomh airson ruighinn air an tomhas de choileantas a tha thusa ag iarraidh a ruiginn, agus deònaich dhomh na cuideachaidhean agus na nàdaran a tha a dhìth airson seo a ruighinn – Amen.
Ludovicus Palma