Ùrnaighean Ghoirid

Dèan dìon orm, a Thighearna ghràdhaich;
Tha mo sgoth cho beag,
Agus tha do chuan-sa cho mòr.
Ùrnaigh Iasgair Breatnaich

A Dhè, tha mi a’ toirt taing dhut
airson an aoibhneis gu lèir
a tha air a bhith agam na mo bheatha.
Byrhtnoth (d. 991)

Leig dhuinn gum b’ i am prìomh amas a bhiodh againn, A Dhè,
a bhith gad ghlòrachadh,
agus a bhith gad mhealtainn gu sìorraidh.
Iain Calbhainn (1509-1564)

A Thighearna, is ann leatsa a tha mi, dèan na tha a’ coimhead math na do shealladh fhèin,
agus thoir dhomh gèilleadh choileanta ri do rùn.
David Livingstone (1813-73)

A Thighearna,
ceadaich gum b’ e do ghlòir m’ amas-sa,
D’ fhacal mo riaghailt,
Agus an uairsin bi do rùn air a dhèanamh.
Rìgh Tearlach I (1600-49)

Glòir do Dhia airson na h-uile nithean.
Iain Criosostam (c. 347 – 407)

A Dhè, dèan clann de shàmhchair dhuinn
agus oighreachdan de shìth.
Clement à Alexandria (c. 150-c. 215)

A Thighearna, na leig leinn gu sìorraidh a bhith a’ smaoineachadh gun urrainn dhuinn seasamh leinn fhèin agus nach bi feum againn ortsa,
ar feum as motha.
John Donne (1572-1631)

Thoir dhomh ach do ghràdh agus do ghràs,
Agus tha mi beairteach gu leòr.
Ignatius à Loidhòla (1491/5-1556)

A Thighearna dèan mise a-rèir do chridhe fhèin.
Bràthair Lawrence (1611-91)

 

Nar leigeadh gum biodh eòlas agamsa gu bràth orm fhèin dealaichte bhon Dè bheò!
D. H. Lawrence (1885-1930)

 

A Thighearna, thoir dhuinn an creideamh
gu bheil ceartas a’ ciallachadh cumhachd.
Abraham Lincoln (1809-65)

 

A Thighearna,
Thoir dhomh gum faic mi do ghlòir,
Anns a h-uile àite.
Amen.
Michelangelo (1475-1564)

 

A Thighearna Ìosa, smaoinich ormsa
Le mòran chùraman air mo chlaoidh;
Leig leam a bhith na do sheirbhiseach gràdhach
Agus a bhith a’ blasad do sholas a ghealladh.
Synesius Chryrene (375-450)

 

A Dhè, cuidich leinn airson nach bi sinn
a’ cuir ann an suarachas no a’ seasamh an aghaidh
na nithean nach eil sinn a’ tuigsinn.
William Penn (1644-1718)

A Thighearna Dia, ceadaich dhuinn an còmhnaidh, -ge b’ e dè a dh’fhaodadh an saoghal a chantainn – a bhith gar fàgail fhèin riaraichte le tha thusa ag ràdh, agus a bhith fo chùram dìreach mu dheidhinn do mholadh-sa, anns am bi barrachd cuideam na a h-uile saoghal; air sgath Ìosa Crìosd.
Charles Gòrdon (1833-85)


Fàg freagairt