1d dhen Dùbhlachd [336]
O Thusa, A Thighearna, a tha air àithne dhomh a bhith a’ faighneachd, ceadaich gum faighinn; O Thusa a thug dhomh a bhith a’ sireadh, ceadaich gum bithinn toilichte ann a bhith a’ faighinn; O Thusa a tha air iarraidh orm a bhith a’ gnogadh, tha mu i ag ùrnaigh gum fosgail thu dhomh.
Bi gu gràsmhor toilichte a bhith a’ stiùireadh agus a’ riaghladh mo smuaintean ’s mo ghnìomhan gu lèir, airson, anns an àm a tha ri teachd, gum b’ urrainn dhomh seirbheis a dhèanamh dhutsa, agus gun coisriginn mi fhèin gus a bhith umhail riutsa.
Gabh rium, tha mi a’ guidhe ort, agus treòraich thugad fhèin mi, airson gum b’ ann leatsa a bhithinn-sa – bhon àm seo a-mach, tro ùmhlachd ’s tro ghràdh – as e mu thràth, do shealbh-sa uile gu lèir, mar do chreutair. Fiù’s d’ aon-sa, a Thighearna, a tha beò agus a’ riaghladh gu sìorraidh is gu sìorraidh – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
A Thighearna, gabh mo bhilean, agus bruidhinn tromhpa; gabh m’ inntinn, agus smaoinich troimhe; gabh mo chridhe agus cuir na theine e – Amen.
Uilleim H. H. Aitken (1841-1927)
2mh dhen Dùbhlachd [337]
A Thighearna bi còmhla ri mo spiorad, agus gabh còmhnaidh na mo chridhe tro chreideamh. O dèan an seòrsa neach dhìomsa a bu chòir a bhith annam dha do thaobh fhèin, agus an seòrsa a dh’fhàgadh gun gabhadh tu tlachd annam.
Bi còmhla rium anns a h-uile àite agus aig a h-uile àm, anns a h-uile tachartas is suidheachadh nam bheatha; airson a bhith a’ naomhachadh ’s a’ mìlseachadh dhomhsa ge b’ e dè a thachras dhomh; agus na fàg agus na trèig mi anns an eilthireas seo agam, gus am bi thu air mo thoirt gu sàbhailte tron a h-uile deuchainn is cunnart airson a bhith còmhla riut fhèin an còmhnaidh, agus an sin gus a bhith a’ fuireach na do shealladh-sa agus na do ghràdh, saoghal gun chrìch – Amen.
Beniamin Deancs (1646-1724)
O thusa tha a’ beothachadh a h-uile neach a tha a’ tighinn a-steach dhan t-saoghal, soillsich ar cridheachan le soilleireachd do ghràis, agus gun robh sinn a meòrachadh air, ’s a gràdhachadh, na nithean sin a tha taitneach dhut fhèin – Amen.
Leabhar Ùrnaigh nan Sagart
3mh dhen Dùbhlachd [338]
Bi fàbharach rium, tròcaireach, milis, is gràsmhor, agus ceadaich dhomhsa, do chreutair bochd ’s a tha ann an dìth, gum bhithinn a’ faireachdainn, co-dhiù uaireannan – ged nach biodh ann ach cuibhreann beag dheth – do ghràdh ghaolach chridheil; airson gum b’ urrainn dha mo chreideamh fàs na bu làidir, gum biodh mo dhòchas na do mhaitheas air a mheudachadh, agus airson nach fàilligeadh gràdh, a chaidh a’ lasadh aon uair na mo bhroinn, gu sìorraidh mi.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
Thoir dhomh, a Thighearna, tha mi ag ùrnaigh, gràs agus beus an t-seasmhachais, is a mhaireannais nach fàs sgìth, airson gun sealbhaich mi le taingealachd ge b’ e dè a dh’fhaodadh do làimh a chur thugam de dhosgainn ’s de dh’ èiginn anns a bheatha seo, gun giùlainninn gu foighidneach e ’s gum faighinn buaidh thairis air mar dhuine, agus ann an uile atharrachaidhean is thachartasan na beatha, gun robh mi le earbsa shìmplidh is gèilleadh, gam cath fhèin agus a h-uile ni a th’ agam a-steach do ghàirdeanan do Fhreastail mhaith – Amen.
Pàrras airson an Anaim Chrìosdail
4mh dhen Dùbhlachd [339]
Ceadaich dhuinne, A Thighearna, spiorad a ghràidh ’s an dleastanais cho-aontaichte, agus as cionn gach nì eile, de dh’ùmhlachd thaingeil dhut fhèin; thoir cofhurtachd is cumail suas dhuinn fo uile shuidheachaidhean ar beatha, agus do threòrachadh thròcaireach chun an deireadh; airson, beò ann an uile chòmhradh naomh is dhiadhaidh, nach biodh sinn air ar cur fo àmhghar chruadail sam bith, agus gun tèid againn air a bhith a’ sealbhachadh mealtainn gun sgur dhe do thròcair gràdhach-sa; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seumas Rùisgeir (1818-1882)
O Tusa, ar Tighearna agus ar Dia, ar n-Athair thròcaireach a tha air Nèamh, tha sinn a’ guidhe ort le cridheachan leanabail, gun toireadh tu dhuinn, san t-saoghal seo, ge b’ e dè a tha dha-rìribh math agus aoibhneal dhuinn nar n-anman agus nar bodhaigean, a-rèir do rùin agus do thoil naomh.
Gun robh sinn beò mar Chrìosdaidhean, a’ fulang le foighidinn, agus aig an deireadh a’ bàsachadh ann an sìth ’s ann an dòchas, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Johann Duirsfeld (1641-1686)
5mh dhen Dùbhlachd [340]
Bruidhinn, A Thighearna, oir tha do sheirbheiseach a’ cluinntinn. Ceadaich cluasan dhuinn airson a bhith a’ cluinntinn, sùilean airson a bhith a’ faicinn, rùin airson a bhith umhail, cridheachan airson a bhith a’ gràdhachadh; an uairsin can ge b’ e dè a dh’iarras tu, taisbean na dh’iarras tu, àithn na dh’iarras tu, iarr na dh’iarras tu – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè Shìorraidh, thoir dham bhodhaig is m’ anam gum biodh iad nan teampall naomh, air a’ tur-ghlanadh airson gum biodh do Spiorad Naomh a’ fuireach innte.
Cath a-mach aiste, a Thighearna, a h-uile gràdh saoghalta, a h-uile miann shanntach; leig leatha gum b’ e àite ùrnaigh ’s meòmhrachadh naomh a bhiodh innte; àite far am biodh rùin fhìor-ghlan, agus miannan eudmhor airson a bhith gad thoileachadh-sa; airson – ga do ghràdhachadh-sa as cionn an t-saoghail gu lèir, ’s ag adhradh riut gun stad leis a ghràdh as iriosaile – gum biodh mise air m’ ullachadh airson a bhith ga do ghlòireachadh gu sìorraidh ann an nèamh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)
6mh dhen Dùbhlachd [341]
A Dhè Uile-chumhachdaich, ceadaich do shìth a tha thar tuigse dhuinne; airson gum biodh sinne, am measg stoirmean is bhuairidhean na beatha seo againne, a’ gabhail fois annad fhèin, le tuigse gur h-ann annadsa a tha na h-uile nithean, fo do chùram, air an riaghladh le do rùn, air an cumail fo fhaire do ghràidh; airson gum faiceadh sinn stoirmean na beatha – an sgòth ’s an dorchadas tiugh – le cridhe sàmhach; an còmhnaidh a’ dèanamh gàirdeachas ann a bhith a’ tuigsinn gu bheil an dà chuid an dorchadas agus an solas coltach ri chèile leatsa.
Treòraich, dèan dhìon oirnn, agus riaghail sinn – fiù’s chun deireadh, airson nach fàillig duine againn ann a bhith a’ greimeachadh air a bheatha shìorraidh – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
Soillsich ar dorchadas, tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, agus tro do mhòr thròcair cuir do dhìon oirnn bho uile ghàbhaidhean is chunnartan na h-oidhche seo; air sgàth gràdh d’ Aon ghin Mhic, ar Slànaighear, Ìosa Crìosd – Amen.
Gelàsianach (492)
7mh dhen Dùbhlachd [342]
Seall, Athair na Tròcairean, tha mi gam ghèilleadh fhèin agus a h-uile nì a th’ agam riutsa. Tha mi eisimeil air do shaoibhreas airson na tha thusa a’ faicinn a tha airidh ’s an dìth orm.
’S e d’ Fhìrinn agus do dhìlseachd mo shàbhailteachd as fheàrr; do ghliocas mo shàsachadh anns na h-uile thachartasan is thubaistean; ’s e do chumhachd mo chumail suas, mo dhìon is mo thèarainteachd.
Treòraich mi ge b’ e dè a t-àite a thoilicheas tu fhèin; agus leanaidh mise thu le cridhe aighear. Chan eil mi a’ diùltadh nì a tha a’ tighinn bho do làmhan, O Athair as ro-ghràdhaiche. Tha mi a’ gèilleadh ri d’ òrduighean, agus an dòchas gun co-obraich na h-uile nithean gu mo mhaith.
Agus tha mi ag earbsa na do ghràs, gun dèan mi an còmhnaidh mar a tha mi a’ dèanamh an-dràsta, a’ leantainn gu seasmhach mar seo riut fhèin, agus nach fhulaing mi gun treòraicheadh nì sam bith a thachras dhomh air falbh mi bhon chreideamh iriosal seo na do mhaitheas ghlic is uile-chumhachdaich – Amen.
Sìmon Pàdraig (1626-1707)
8mh dhen Dùbhlachd [343]
O mo Dhia, is tusa, agus is tusa a-mhàin, a tha uile ghlic agus uile eòlach! Tha mi a’ creidsinn gun aithne dhutsa dìreach dè as fheàrr dhomhsa. Tha mi a’ creidsinn gu bheil barrachd gràidh agad orm na tha agam orm fhèin – gu bheil thu uile ghlic na do Fhreastal agus uile chumhachdach na do dhìon.
Tha mi a’ toirt taing dhut, le m’ uile chridhe, a chionn gun bheil thu air mo thoirt a-mach à mo ghlèidheadh fhèin, agus air iarraidh orm mi fhèin a chuir ma do làmhan-sa. Chan urrainn dhomh nì nas fhèarr na seo iarraidh – a bhith fo do chùram-sa, ’s nach ann fo mo chùram fhèin.
O mo Thighearna, tro do ghràs, leanaidh mi thu ge b’ e càite a thèid thu, agus cha bhi mise a’ treòrachadh san t-slighe. Feithidh mi ort airson do threòrachadh-sa, agus, as dèidh sin fhaotainn, gnìomhaichidh mi ann an sìmplidheachd agus gun eagal.
Agus tha mi a’ gealltainn nach bi mi mì-fhoighidneach, ma chumas tu ann an dorchadas ’s ann an imcheist mi aig àm sam bith; cha mhò a ni mi gearan is cha bhi mo fo uallach ma thig mi a-steach do mhì-shealbh no do dhragh sam bith – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)
9mh dhen Dùbhlachd [344]
A Dhè, athair na solais, bhuaithe a tha a h-uile tiodhlac mhath is coileanta a’ tighinn sìos; coimhead gu tròcaireach air ar laigse agus air ar n-anfhannachd agus deònaich dhuinn a leithid de shlàinte bhodhaigeil ’s as aithne dhut a tha a dhìth oirnn; airson, an dà chuid, nar bodhaigean ’s nar n-anman, gun robh sinn an còmhnaidh, bhon a seo a-mach, a’ dèanamh seirbheis dhut le ar n-uile neart is chumhachd; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Ùmhlachdan Phrìbheiteach (1560)
A Dhè ar n-Athair, a tha gar n-earalachadh gus a bhith ag ùrnaigh, agus a tha a-mhàin a’ ceadachadh na tha sinn ag iarraidh dhuinn ma bhios beatha nas fheàrr againn an uair a dh’fhaighnicheas sinn; cluinn mise, a tha a’ critheanaich anns an dorchadas, agus sìn do làmh a-mach thugam; cùm do sholas a-mach mu mo choinneamh; gairm air ais bho mo sheachrain mi; agus, thu fhèin nad Fear-treòrachaidh dhomh, gun robh mi air m’ athaiseag thugam fhèin agus thugadsa, tro Ìosa Crìosd – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
10mh dhen Dùbhlachd [345]
Athair naoimh agus ghràdhaich, aig a tha tròcairean a tha bho shìorraidheachd gu sìorraidheachd, tha sinn a’ toirt taing dhut a chionn gun urrainn dha do chuid cloinne teiche thugadsa airson tearmann nam fulangasan – chun a chìnnteas bheannaichte as e do ghràdh. Bhon a h-uile bròn a tha a’ cur eallach air ar spioradan, bhon tuigse a th’ againn mu uaigneas is call, bho theagamhan agus fannachaidhean ann an àm na h-àmhghar, tha sinn a’ tionndadh thugadsa.
Is aithne dhut ar dealbh, tha thu a’ cuimhneachadh gur duslach sinn. Gum biodh tusa na do neart dhuinn agus gum bu tusa ar Fear-saoraidh; nar mòr fheum gum bu tusa ar Fear-cuideachaidh; dòirt do chofhurtachdan a-mach nar cridheachan, agus leig le Soisgeul do Mhic ghràdhaich a bhith a’ ministearalachadh cofhurtachd is sìth dhar n-anman – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)
A Dhè Uile-chumhachdaich, a tha a’ meudachadh cumhachd dhaibhsan a tha gun neart, neartaich sinne airson a bhith a’ dèanamh ’s a’ fulang do rùn mhaith is do thoil; tro Ìosa Crìosd – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
11mh dhen Dùbhlachd [346]
A Dhè, Cruithear an dà chuid: an t-samhraidh ’s an gheamhraidh, a tha ag adhbharachadh gu bheil solas a’ deàlradh a-mach as an duibhre thiugh, agus a tha a’ toirt math a-mach às an olc; thoir gràs dhuinn airson gun teich sinn bho na tha thusa a’ toirmeasg, airson gun cath sinn gu aon taobh obraichean an dorchadais, agus mar sin gun tagh sinn na tha thusa ag àithne, airson gum bi sinn nar cloinn dhen t-solas; ach a chionn gu bheil solas is dorchadas umhail riutsa, thoir do dh’uile theachdairean do fhreastail gun robh smachd aca thairis oirnn, airson – a’ dèanamh seirbheis dhutsa ann an sìth agus le taingealachd – gun deidheadh ar toirt tro irioslachd gus a bhith a’ dèanamh seirbheis dhut ann an glòir – Amen.
Ròland Uilleamach (1818-1870)
A Dhè as ro ghràismhore, ’s e fìreantachd a th’ann a bhith eòlach air, agus a’ gràdhachadh, do rùn-sa; soillsich ar n-anman le soilleireachd do làthaireachd, airson an dà chuid gum bi eòlas againn air do rùn agus gum biodh an comas againn a choileanadh – Amen.
Portas Ròmanach
12mh dhen Dùbhlachd [347]
A Thighearna as ro-ghràdhaiche, tha i mi a’ tabhainn mo bhith fhèin gu coileanta dhut.
Gabh, tha mu i ag ùrnaigh riut, a-steach ann an làmhan do thruais-sa a tha do-labhairt, an dà chuid m’ anam agus mo bhodhaig, mo thoinisg, m’ fhaclan, agus mo ghnìomhan; deònaich, anns na h-uile nithean gun robh thu ga mo threòrachadh agus ga mo riaghladh ann an leithid de dhòigh, is gun robh mi an-còmhnaidh a’ teiche thugad ann an àm a pheacaidh, agus gun robh sinn a’ greimeachadh ort fhèin agus ri d’ àithntean gu daingeann fad na h-ùine airson nach biodh beatha no bàs, no nì sam bith a dh’fhaodadh tachairt dhomh an comas mo sgaradh bhuat fhèin – Amen.
Ciste Ionmhais na h-Ùmhlachd (1869)
A Dhè Uile-chumhachdaich, a tha air Rionnag an Là a chuir anns na nèamhan, agus, a’ sgaradh an oidhche, ag ath-nuadhachadh a’ mhadainn dhan t-saoghal; lìon sinne, tha sin a’ guidhe ort, le do thròcair, airson – thu fhèin a’ dèanamh ar Soillseachadh dhuinn – gun deidheadh uile dhorchadas ar peacaidhean a ruaig air falbh, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd – Amen.
Portas Shàruim (1085)
13mh dhen Dùbhlachd [348]
A Dhè Uile-chumhachdaich, Athair agus Tighearna nan uile chreutairean, a tha air a h-uile nì ’s a h-uile cothrom a chuir an òrdugh airson a bhith a’ meudachadh do thròcair san dòigh as fheàrr, a’ toirt math a-mach à olc; tha mi a’ guidhe ort gu ro-iriosal gun toireadh tu gliocas bho gu h-àrd dhomh, airson gun dèanainn adhradh riut agus airson gum faicinn cho coileanta ’s a tha do shlighean agus do chas-cheumannan, a tha anns an doimhneachd mhòr ’s nach urrainnear an rannsachadh gu lèir.
Teagasg dhomh a’ bhith a’ gèilleadh ro do Fhreastal anns na h-uile nithean, a’ bhith sona ann an uile atharrachaidhean pearsa is staide, a’ bhith measarra ann an soirbheachadh, agus a’ bhith a’ leughadh mo dhleastanas ann an loimhnichean do thròcair; agus ann an cruaidh-chàs a bhith macanta, foighidneach, agus air mo gèilleadh; ’s a bhith a’ coimhead tron sgòth, airson gum fan mi air cofhurtachd an Tighearna; anns an eadar-àm a’ dèanamh mo dhleastanas le dìcheall a tha gun shàrachadh, ’s le rùn-sheasmhach a tha gun bhriseadh, air mo neartachadh le spiorad an duine air an taobh a-staigh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)
14mh dhen Dùbhlachd [349]
O thusa a Spioraid Dhiadhaidh, leig leam gum faighinn mo neart annadsa. Tha feum agam ort, airson gum bi mi làidir anns a h-uile àite. Tha mi a miannachadh gu làidir a bhith neo-eisimeil a thaobh shuidheachaidhean – anns an aon dòigh a-thaobh an sgòth agus a-thaobh ghrian.
Tha mi ag iarraidh cumhachd airson mo shàbhaladh bhon a bhith a’ dol fodha ann an eu-dòchas, agus airson cobhair a dhèanamh orm bhon a bhith a’ dol suas air sgèith ann am pròis. Tha mi ag iarraidh an dà chuid colbh de theine agus colbh de sgòth; tearmann bho oidhche an doilgheis, agus sgiath bho là an t-saoibhreis. ’S urrainn dhomh iad sin a lorg annad fhèin.
Tha thu air do chumhachd-sa thairis air an oidhche ’s thairis air an là fhoillseachadh. Thig a-steach na mo chridhe, agus bidh do chumhachd-sa na chumhachd dhòmhsa. Gheibh mi buaidh thairis air na h-uile shuidheachaidhean, bi mi aig an dachaigh anns a h-uile suidheachadh, a’ gabhail fois anns a h-uile àgh. Bidh cumhachd agam airson seasamh air bèist-nimhe, agus cha dèan iad leòn sam bith orm; sann leamsa a bhios an saoghal an uair a bhios an Spiorad agadsa annam – Amen.
Seòras MacMhathainn (1842-1906)
15mh dhen Dùbhlachd [350]
A Thighearna mo Dhia, na bi thusa fada bhuam; mo Dhia, gabh cùram airson mo chuideachadh; oir tha diofar smuaintean air èirigh suas nam aghaidh, agus eagail mhòra, a tha a’ dèanamh tàire dham anam. Ciamar a thèid mi tron a seo gun a bhith air mo leòn? Ciamar a bhriseas mi nam bleideagan iad?
Is e seo mo dhòchas, m’ aon chofhurtachd – a bhith a’ teiche thugadsa anns a h-uile trioblaid, a bhith ag earbsa annad fhèin, a bhith a’ gairm ort bho mo chridhe air an taobh a-staigh, agus a bhith a’ feitheamh gu foighidneach airson do chofhurtachd – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
A Dhè uile-chumhachdaich agus as ro thròcairiche, a-mach à do mhaitheas lìonmhor glèidh sinn, tha sinn a’ guidhe ort, bho na h-uile nithean a dh’fhaodadh ar leòn; airson, deiseal an dà chuid ann am bodhaig agus ann an anam, gum biodh sinne a’ coileanadh na nithean sin a tha thusa ag àithne; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gelàsianach (492)
16mh dhen Dùbhlachd [351]
A Thighearna Uile chumhachdaich, ar Dia, stiùir ar ceumannan a-steach do shlighe na sìthe, agus neartaich ar cridheachan airson a bhith umhail ri d’ àithntean; gun robh a’ Chamhanaich a’ tadhal oirnn bho na h-àrdaibh, ’s a’ toirt solas dhaibhsan a tha a’ suidhe anns an dorchadas agus ann an sgàile a bhàis; airson gun dèan iad: adhradh riut airson do thròcair, do leantainn airson d’ Fìrinn, do mhiannachadh airson do mhìlseachd – as e an Tighearna Dia beannaichte aig Israel – Amen.
Ùrnaigh Ghoirid o Shean
A Dhè na foighidinn ’s na cofhurtachd, thoir dhuinn a leithid de rùn-mhaith, tha sinn a’ guidhe ort, is gun robh sinn – le cridheachan saora – a’ dèanamh seirbheis dhutsa ’s dhar bràithrean; agus, a’ sealbhachadh inntinn Chrìosd mar sin, gun tòisicheamaid nèamh air thalamh, agus gun gluaiseamaid sinn fhèinn an sin gus an tig an là sin far nach bi nèamh – far a bheil gràdh a’ gabhail còmhnaidh – na àite fuirich neònach dhuinn idir. Air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
17mh dhen Dùbhlachd [352]
A Dhè uile-chumhachdaich agus thròcairich – as e Neart nam muinntir a tha lag, Ath-bheòthachadh nam muinntir a tha sàraichte, Cofhurtachd nam muinntir a tha brònach, Cuideachadh nam muinntir a tha air am buaireadh, Beatha nam muinntir a tha a’ bàsachadh, Dia na foighidinn agus nan uile chofhurtachd; is aithne dhut gu fìor mhath laigsean ar nàdair air an taobh a-staigh, mar a tha crith agus critheanaich annainn mu choinneamh cràidh, agus nach urrainn dhuinn an crann a ghiùlain as aonais do chuideachaidh dhiadhaidh-sa agus do chumail suas.
Cuidich leamsa, matha, a Dhè shìorraidh is thruacanta, cuidich leam gus a bhith a’ sealbhachadh m’ anaim ann am foighidinn, gus a bhith a’ cumail suas dòchas nach crathar annadsa, gus a bhith a glèidheadh earbsa leanabail a tha a’ faireachdainn cridhe an athair air falach fon chrann; mar sin bidh mi air mo neartachadh le cumhachd a-rèir do chumhachd ghlòirmhor-sa, ann an uile fhoighidinn agus fad-fhulangas; bi mi an comas air cràdh is buaireadh fhulang, agus, ann am fìor dhoimhne m’ fhulangais, a bhith ga do mholadh le cridhe aoibhneil – Amen.
Johnann Habermann (1516-1590)
18mh dhen Dùbhlachd [353]
A Sholais shìorraidh, mu choinneamh a leithid a tha a h-uile dorchadas mar sholas, agus, ann a bhith air a choimeas riut gur h-e dorchadas a th’ anns a h-uile solas eile! Gun robh e ga do thoileachadh a bhith a’ cur a-mach do sholais agus d’ fhìrinn, airson gun treòraich iad sinn.
Tur-ghlan ar n-anman tha sinn a guidhe ort – bhon a huile smaoineachadh neo-ghlan, airson gum bi d’ ìomhaigh as ro-bhrèagh is naomh air ath-nuadhachadh annainne as ùr, agus tro a’ bhith a’ beachd-smuaineachadh air do choileantasan ghlòirmhor, gum fairicheamaid mar gun robh t-samhla dhiadhaidh air a dhèanamh nas fheàrr nar broinn gach là – an coileanadh aige a tha sinn an dòchas a nì toilichte sinn anns an taisbeanadh fhoirfe agus bhrèagh a tha sinn a’ sireadh.
Gus am bris an là ro-ghlòirmhor sin, ’s a theicheas na sgàilean air falbh, leig le do Spiorad gun robh e an-còmhnaidh còmhla ruinn, agus gun robh sinne an-còmhnaidh a’ faireachdainn buaidhean chumhachdaich do ghràis dhiadhaidh a stiùireadh ’s a cumail suas ar ceumannan gun sgur; airson gun dèanadh ar n-oidhearpan uile – tron a chòrr dhen bheath againn a tha a’ feitheamh oirnn – seirbheis airson a bhith a’ moladh onair d’ ainm bheannaichte, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Raibeirt Leighton (1611-1684)
19mh dhen Dùbhlachd [354]
A Thighearna bheannaichte, a tha air àithne dhuinn a bhith a’ gràdhachadh càch a chèile, ceadaich an gràs dhuinn – a chionn gun do shealbhaich sinn an toirbheartas agadsa air nach robh sinn airidh – gun gràdhaicheamaid a h-uile neach annadsa agus air do shon-sa.
Tha sinn a’ guidhe ort gu làidir airson d’ iochd-sa dha na h-uile; ach gu sònraichte airson na caraidean a tha do ghràdh air a thoirt dhuinne. Gràdhaich iad, O a Fhuarain a ghràidh, agus thoir dhaibh gun gràdhaich iad thusa len uile chridhe, airson gun rùnaich, gum bruidhinn, agus gun dèan iad na nithean sin a-mhàin a tha ga do thoileachadh fhèin – Amen.
Anselm (1033-1109)
Ceadaich dhuinn, A Thighearna, gun cuireamaid seachad an là seo ann an toileachas agus ann an sìth, gun tuisleadh ’s gun spot; airson – a’ ruighinn an fheasgair le buaidh thairis air a h-uile buaireadh – gum moladh sinn thusa, an Dia shìorraidh, a tha beannaichte, ’s a tha a’ riaghladh na h-uile nithean, saoghal gun chrìch – Amen.
Motsarabach (ro 700)
20mh dhen Dùbhlachd [355]
O mo Dhia, builich a leithid de mhisneachd oirnn, a leithid de shìth, a leithid de thoileachas annad fhèin, agus gum bi e an-còmhnaidh nas prìseile dhuinn na ar rùin fhèin, agus do thoileachas-sa na ar toileachas fhèin. ’S e saor thiodhlac a th’anns a h-uile ni a bheir thu dhuinn, ’s e do ghràs a th’anns a h-uile ni a bheir thu air falbh bhuainn.
Gun robh taing air a thoirt dhut airson na h-uile, moladh airson na h-uile, ghràdh airson na h-uile; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè Uile-chumhachdaich, a tha a-mhàin an comas a’ bhith ag òrdachadh rùintean agus càil aimhreiteach dhaoine peacach, deònaich dha do shluagh, gun gràdhaicheadh iad an nì a dh’ àithneas thusa, agus gum miannaicheadh iadsan an nì a tha thusa a’ gealltainn; airson, mar sin – am measg iomadh atharrachaidhean iom-fhillteach an t-saoghail – gum biodh ar cridheachan suidhichte gu cinnteach an sin, far a bheil fìor aoibhneasan rin lorg; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sacramaideachan Gelàsianach (492, air atharrachadh ann an 1662)
21mh dhen Dùbhlachd [356]
Sgrìobh d’ ainm beannaichte, A Thighearna, air mo chridhe, airson gum fuirich e an sin – air a ghearradh ann an dòigh nach millear gu ìre cho mòr is nach gluais pailteas, no àmhghar gu sìorraidh mi bho do ghràdh.
Gun robh thusa dhomhsa na do thùr làidir tearmainn, cofhurtair ann an cruaidh-chàs, fear-saoraidh ann an àmhghar, fìor chuideachadh – a tha an làthair ann an trioblaid, agus Fear treòrachaidh gu nèamh tro uile bhuairidhean is chunnardan na beatha seo – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
Meudaich ar n-anman le carthannas diadhaidh, airson gum bi sinn an dòchas gach ni, a’ fulang gach ni; agus gum fàs sinn gus a bhith nar luchd fianais dhe do thròcair leighiseach do dh’ adhbhair tùrsa agus laigsean dhaoine.
Anns na h-uile nithean gleus ar cridheachan ri naomhachd agus co-sheirm do rìoghachd. Agus thoir an t-àm air adhart gu luath an uair a thig do rìoghachd, agus an uair a bhios do rùn air a dhèanamh air an talamh mar a tha air nèamh – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)
22mh dhen Dùbhlachd [357]
Mar a tha thusa a’ toirt do cheumannan-a-mach na maidne ’s an fheasgair a bhith a’ dèanamh gàirdeachas, mar sin tog suas solas d’ aghaidh-sa oirnne agus dèan toilichte sinne le comharraidhean do ghràidh.
Bi còmhla ruinn, A Thighearna, agus leig le do ghràs a bhith gar leantainn an là seo, agus fad uile làithean ar beatha. Gum biodh tusa nad fhear-treòrachaidh dhuinn gu bàs, ann am bàs – nad cofhurtachd dhuinn, agus, as dèidh a’ bhàis, nad Chuibhreann agus nad Thoileachas sìorraidh dhuinn – Amen.
Beniamin Deancs (1646-1714)
A Dhè, as e Ùghdair na sìthe agus Fear-gràdhachaidh a cho-sheirm, agus anns a bheil ar beatha shìorraidh a’ seasamh, aig a tha seirbheis a tha na shaorsa choileanta; cur do dhìon oirnne – do sheirbheisich iriosal – ann an uile ionnsaighean ar nàimhdean, airson nach biodh sinne a tha ag earbsa gu seasmhach na do dhìon, fo eagal bho chumhachd nàimhdean sam bith, tro chumhachd Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sacramaideachan Gelàsianach (494)
23mh dhen Dùbhlachd [358]
A Dhè Uile-chumhachdaich, Fear-buileachaidh gach nì a tha math, a tha, as cionn gach uile thiodhlac eile, air an tròcair sin as e an crùn a bhuileachadh – gu bheil sinn air ar gairm ann an Ìosa Crìosd gus a bhith a’ sealbhachadh, a’ gràdhachadh, ’s a’ dèanamh seirbheis dhut fhèin. Thugamaid taing is molaidhean thugadsa airson do sholas diadhaidh a tha a’ taisbeanadh cridhe a ghràis na do threòrachadh de dh’anman ’s de dhaoine.
Cuidich leinn ann a bhith ag èirigh suas gu taingealachd iomchaidh airson na tha a’ dòrtadh thairis de bheannachdan a tha thusa an còmhnaidh a toirt fiù’s chun an t-suidheachaidh ’s don bheatha as duirche – na sòlasan talmhaidh, na cofhurtachdan Dhiadhaidh, na dòchasan shìorraidh. Tha sinn a’ toirt taing dhut a chionn gu bheil na h-uile nithean a’ tighinn bho do thròcair, tro do thròcair, agus na do thròcair. Thoir dhuinn gun seinn sinn d’ òran anns an t-solas agus anns an oidhche, agus gum bean sinn ri do làimh ’s gum bi sinn aig sìth.
Ceadaich, tha sinn ag ùrnaigh, cuide ri ar n-uile bheannachdan, do thiodhlacan as fheàrr – cridheachan a tha taingeil is earbsach, airson gum bi thusa nad Thighearna ’s nad rìgh dhuinn gu bràth sìorraidh – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)
24mh dhen Dùbhlachd [359]
Ar n-Athair nèamhaidh, tha sinn a’ dèanamh gàirdeachas ann an co-chomann bheannaichte do naoimh gu lèir – anns a bheil thusa a’ toirt pàirt duinne cuideachd.
Tha sinn a’ cuimhneachadh, mu do choinneamh, orrasan uile a tha air a bheatha seo fhàgail ann an creideamh ’s ann an gràdh, agus gu sònraichte iadsan as prìseile leinn. Tha sinn a’ toirt taing dhut airson ar co-chomann leotha an-dràsta, airson ar dòchas chumanta ’s airson gealladh an aoibhneis a tha ri teachd.
O gun robh an neul mòr de fhianaisean – an comann gun àireamh dhiubhsan a tha air a dhol romhainn, ’s a tha air a dhol a-steach dhan t-sòlas ach – dhuinne mar eisimpleir dhen bheatha dhiadhaidh, agus fiù’s an-dràsta gun robh sinn air ar n-ath-ùrachadh le an cuid aoibhneas; airson mar seo, le foighidinn, gun ruitheamaid an rèis sin a tha fhathast air thoiseach oirnn, a’ coimhead gu Ìosa ùghdar is fear-crìochnachaidh ar creideamh; agus gun sealbhaicheamaid ceum a-steach dhan rìoghachd shìorraidh – seanadh glòirmhor nan naoimh – agus còmhla riuthasan gun robh sinn gu sìorraidh a’ dèanamh adhradh ri, agus a’ gràdhachadh, d’ Ainm glòirmhor, saoghal gun chrìch – Amen
Leabhar nan Ùrnaighean (1851)
25mh dhen Dùbhlachd [260]
A Dhè Uile-chumhachdaich, tha sinn a’ toirt taing dhut airson miann chumhachdach cridhe an duine airson teachd an t-Slànaighear, agus gealladh seasmhach d’ Fhacail gun robh e a’ dol a thighinn.
Na ar n-anman fhèin tha sinne ag ath-aithris na h-osnaidhean iriosal is plosgartaichean mhiannach nam muinntir ’s na h-amannan a dh’fhalbh, ’s tha sinn ag aideachadh gu bheil ar n-anman ann an dorchadas agus ann an laigse as aonais creideamh Annsan a tha a’ tighinn gus a bhith a’ toirt Dia gun duine agus an duine gu Dia.
Tha sinn ga do bheannachadh airson an ùmhlachd as urrainn dhuinn a thoirt thuigesan bho ar tuigse fhèin mu ar feum ’s ar n-eismeileachd air, agus, a chionn gun urrainn dhar cridheachan fhèin freagairt mar sin a thoirt às an fhàsach dhan èigh, “Ullaichibh slighe an Tighearna.” Annainne feumaidh na slighean garbha a bhith air an dèanamh rèidh, na nithean cama a bhith air an dèanamh dìreach, gach beinn agus cnoc de phròis a bhith air an ìsleachadh, agus glinn an trom-inntinn a bhith air an lìonadh. A Dhè ullaich thusa an t-slighe annainne an-dràsta, agus gun robh sinn a cur fàilte air an Leanabh naomh as ùr. Hosanna! Beannaichte gun robh esan a thig ann an ainm an Tighearna – Amen
Samuel Osgood (1812-1880)
26mh dhen Dùbhlachd [261]
A Thighearna a tha air anail na beatha a shèideadh annam agus air mo lìonadh le spiorad sìorraidh, a tha a’ coimhead suas thugad fhèin, ’s a cuimhneachadh gun deachaidh a dhèanamh na d’ ìomhaigh fhèin, seall le gràs is fàbhar air miannan teas-ghràdhach mo chridhe, a bhith a’ faighinn ìomhaigh choileanta dhìot fhèin air ais.
Builich barrachd sàsachaidh orm le na tha an làthair, agus nas lugha de dh’iomagain mu na tha san àm a tha air thoiseach; le inntinn fhoighidneach a dh’ùmhlaicheas e fhèin ri call sam bith de na tha agam, no de bhriseadh dùil sam bith a thaobh nì a bha mi a’ sùileachadh.
Lìon mi, A Thighearna, le eòlas mu do rùn, anns a h-uile ghliocas is tuigse spioradail. Lìon mi le maitheas, is toradh na fìreantachd. Agus lìon mi leis a h-uile aoibhneas agus sìth ann a bhith a’ creidsinn nach dìobair agus nach trèig thusa gu bràth mi, ach gun dèan thu coileanta mi, gun suidhich thu mi, gun neartaich is gun socraich thu mi, agus gum bi thu nad Dhia dhomh gu bràth sìorraidh; m’ Fhear-treòrachaidh fiù’s gu bàs – Amen.
Sìmon Pàdraig (1626-1707)
27mh dhen Dùbhlachd [362]
A Thighearna ghràismhoir, anns a bheil uile ionmhasan an eòlais agus a ghliocais air an stòradh suas, treòraich mise ann an slighean na beatha; thoir dòighean a bhàis air falbh bhuam.
Thoir spiorad dhomh a tha bog is macanta, airson gun cuidichinn an fheadhainn a tha as aonais sàsachaidh, agus airson gun toirinn cofhurtachd dhaibhsan a tha gun chofhurtachd.
O mo Thighearna chaoimh, thoir maitheanas dhomh airson gun do thrèig mi an dleastanas seo, agus thoir dhomh gun dèanainn ath-cheannach air an tìm le seasmhachas aoibhneil – Amen.
An t-Eilthireach Aithreachail (1641)
Tha sinn a’ guidhe air do thròcair le ar n-uile chridhe, airson, mar a tha thusa gar dìon an aghaidh nithean a tha nàimhdeil dhan bodhaig, mar sin gun robh thu gar saoradh bho nàimhdean an anaim; agus, mar a cheadaicheas tu dhuinn a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ris an t-sìth a tha air an taobh a-muigh, mar sin ceadaich cuideachd dhuinn do shìth a tha air an taobh a-staigh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Leònach (440)
28mh dhen Dùbhlachd [363]
A Dhè, a tha air teò-ghràdh creideamh cho mòr a’ lasadh ann am broillich naomha d’ uile naoimh is gun do chuir iad cràdhan bodhaigeil ann an suarachas, fhad ’s a bha iad a’ dèanamh cabhaig leis an uile dhùrachdas thugad fhèin, Ùghdair na beatha; cluinn ar n-ùrnaighean, agus deònaich gum biodh mìlseachd ghràineil a pheacaidh a’ fàs fann annainn, agus gum biodh sinn a’ deàlradh le dòirteadh a-steach de ghràdh dhutsa nar broinn; tro do thròcair, O ar Dia, a tha beannaichte, agus a tha beò, agus a’ riaghladh na h-uile nithean, saoghal gun chrìch – Amen.
Mostsarabach (ro 700)
A Thighearna mo Dhia, coilean annainne a leithid de dh’ fhoighidinn is nach bi sinn ann an cabhaig sam bith airson teiche bho shaothair, no aonaranachd no fulangas; ach an-còmhnaidh ann an cabhaig airson seirbheis a dhèanamh dhutsa, airson do thoileachadh, agus an uair a thogras tu fhèin, airson a dhol dhachaigh gu do làthaireachd bheannaichte – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
29mh dhen Dùbhlachd [364]
A Dhè! faic mo bhròn ’s mo chùram. Gu toileach dhèanainn-sa seirbheis dhut le aghaidh thoilichte is aoibhneil, ach chan urrainn dhomh. Ge b’ e dè cho cruaidh ’s a ni mi sabaid an aghaidh mo dhòrainn, tha mi ro lag airson an t-strì ghoirt seo.
Cuidich leam na mo laigse, o thusa a Dhè Chumhachdaich! agus thoir dhomh do Spiorad Naomh airson ath-ùrachadh a dhèanamh orm agus cofhurtachd a thoirt dhomh nam bhròn.
Am measg m’ uile theagamhan is bhròin, is aithne dhomh fhathast gur ann leatsa a tha mi ann am beath ’s ann am bàs, agus nach urrainn do ni sam bith mo dhealachadh dha-rìribh bhuatsa; nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri thighinn, no deuchainn, no eagal no cràdh. Agus mar sin, a Thighearna, bidh mi ag earbsa fhathast na do ghràs.
Cha chuir thusa air falbh mi gun a bhith air mo chluinntinn. An ceart uair no nas anmoiche togaidh tusa an t-eallach seo bho mo chridhe is cuiridh tu òran nuadh air mo bhilean; agus molaidh mi do mhaitheas, ’s bheir mi taing dhut agus ni mi seirbheis dhut an seo agus gu sìorraidh – Amen.
S. Scherets (1584-1639)
30mh dhen Dùbhlachd [365]
Athair nèamhaidh agus shìorraidh. Bunait gach bith, bhuaithe a tha mi a’ tighinn, agus thuige a thilleas mi – ’s ann leatsa a bhios mi gu sìorraidh. Gairmidh tusa thugad fhèin mi an uair a thig m’ àm. ’S ann beannaichte a bhios mise an uairsin ma ’s urrainn dhomh a ràdh, “Chòmhraig mi an deagh chòmhrag.”
Chan eagal dhomh am bàs, O Athair na beatha; or chan e cadal sìorraidh a th’ anns a bhàs; ’s e atharrachadh a th’ ann gu beatha ùr, mòmaid de dh’atharrachadh glòirmhor, èirigh thugad fhèin. Ciamar a b’urrainn dhan a seo a bhith na olc a’ tighinn bho do làimh-sa, an uair is thusa an Uile-mhaith!
Tighearna na beatha ’s a bhàis, tha mise na do làimh; dèan riumsa mar a tha thu fhèin a’ faicinn freagarrach; oir tha na tha thusa a’ dèanamh air a dhèanamh gu math.
An uair a ghairm thu à neoni gu beatha mi, rùnaich thu mo shonas; an uair a ghairmeas tu air falbh bhon a bheatha mi, am bi mo shonas air do chùram gu ìre nas lugha? Cha bhi, cha bhi.
Is tusa gràdh, agus ge b’ e cò a ni còmhnaidh ann an gràdh, tha e a’ còmhnaidh annad fhèin, A Thighearna, agus tusa annsan – Amen.
Heinrich Tschokke (1771-1848)
31mh dhen Dùbhlachd [366]
A Dhè as ro ghràismhor, a tha air a bhith tròcaireach ruinn gu ìre neo-chrìochnach, chan ann a-mhàin anns a bhliadhna a chaidh seachad, ach tro uile bhliadhnaichean ar beatha, bi toilichte a bhith a’ gabhail ri taingealachd a tha gun cheilg airson do bheannachdan gun àireamh dhuinne; a’ maitheadh gu gràsmhor nam mòran pheacadhean ’s na laigsean a bha anns a bheatha againn a chaidh seachad, agus gu soibhreach a’ buileachadh na gràsan ’s na beusan sin a tha an comas ar fàgail iomchaidh mu do choinneamh fhèin.
Agus, a h-uile bliadhna a bhios tu toilichte a chuir ri ar beathanan, cuir riu cuideachd – tha sinn a’ guidhe gu h-iriosal ort – barrachd neart dha ar creideamh, barrachd teas dha ar gràdh, agus coileantas nas mò dha ar n-ùmhlachd; agus ceadaich gun dèanadh sinne – ann an ionracas iriosal agus ann am buan-leanaltas sheasmhach – seirbheis dhutsa gu ro-dhìleas fad na beatha a dh’ fheitheas oirnn, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Teàrlach Ciamar (1661-1745)