A Dhè agus Tighearna nan Cumhachdan agus Cruithear a chruthachaidh gu lèir,
a chuir a-mach – air sgàth d’ iochd ’s do thròcair a tha gun choimeas –
d’ aon-ghin Mhic-sa agus ar Tighearna Ìosa Crìosd airson slàinte na cinne-daonna,
agus le a chrann urramach-san a reub as a chèile leabhar-cuimhne ar peacaidhean
agus tro sin a bhuadhaich thairis air riaghladairean agus cumhachdan an dorchadais;
gabh bhuainne – daoine peacach – A Mhaighstir thròcairich,
na h-ùrnaighean taingealachd is ùmhlachd seo agus saor sinn bhon a h-uile easantas mhìllteach is dhoilleir,
agus bhon a h-uile nàmhaid fhaicsinneach is neo-fhaicsinneach a tha a’ sireadh a bhith gar leòn.
Ceangail sìos ar feòil le d’ eagal Fhèin,
agus na leig le ar cridheachan a bhith air an aomadh gu briathran no smuaintean an uilc,
ach sàth ar n-anman le do ghràdh, airson:
an còmhnaidh a’ meòrachadh ortsa, air ar soillseachadh leatsa, agus gad thoirt fhèin fa-near
– an solas shìorraidh is neo-ruigheachdach –
gun robh sinn a’ tabhainn aidmheil is taingealachd gun sguir dhutsa,
an t-Athair sìorraidh, còmhla ri d’ aon-ghin Mhic,
agus còmhla ri do Spiorad uile naomh, ghràsmhor is beath’-bhuileachadh,
an-dràsta ’s gu sìorraidh, agus gu aoisean nan aoisean. Amen.
Basail Mòr (c. 330-379)
Agus fhathast, A Thighearna, builich ormsa
Cridhe neo-chiontach agus taingeil.
S. T. Coleridge (1772-1834)
Thusa a tha air na h-uibhir a thoirt dhomh,
Thoir dhomh aon nì eile,
cridhe taingeil.
Chan ann taingeil nuair a thoilicheas e mise,
Mar gun robh làithean a bharrachd aig do bheannachdan;
Ach an seòrsa cridhe aig am biodh breab
A b’ e do mholadh fhèin.
George Herbert (1593-1616)
A Thighearna a tha a’ toirt beatha dhomh air iasad,
Thoir iasad dhomh de chridhe a tha làn de thaingealachd.
William Shakespeare (1564-1616)
A Dhè mhaith, is mòran agus is mòr a tha na beannachdan troimhe a tha mi air mo cheangal riutsa,
agus tha mi a’ toirt taing chridheil dhut air an son;
Ach ciamar as urrain dhomh taing iomchaidh a thoirt dhut airson mo shoillseachadh leis a chreidimh naomh?
Tha mi a’ critheanaich, A thighearna, an uair a ni mi coimeas eadar an tiodhlac mhòr seo agus mo chion taingealachd fhèin.
Francis de Sales (1567-1622)
Taing gun robh dhutsa, mo Thighearna Ìosa Crìosd,
airson na buannachdan gu lèir a bhuannaich thu dhomhsa.
Airson na piantan agus na tàmailtean a giùlain thu air mo shon.
O, a Fhir saoraidh, a Charaid, ’s a Bhràthair as ro thròcairiche,
Gun robh mi a’ cur barrachd eòlais ort,
Ga do ghràdhachadh ann an dòigh nas gaolaiche,
Ga do leantainn nas dlùithe,
Là thar là.
Richard Chichester (c. 1198 – 1253)