A Sholais shìorraidh, deàrrs a-steach dhar cridheachan.
A Mhaith shìorraidh, saor sinn bhon olc.
A Chumhaichd shìorraidh, bidh gar cumail suas.
A Ghliocais shìorraidh, sgap dorchadas ar n-aineolais.
A Thruais shìorraidh, dèan tròcair oirnn.
Deònaich dhuinne gun robh sinn
le ar n-uile chridheachan, is inntinnean, is neart,
a’ sireadh d’ aghaidh gu bràth tuilleadh;
agus mu dheireadh treòraich sinn,
nad thròcair neo-chrìochnach,
gu do làthaireachd naomh.
Tro Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.
Alcuin (735-804)
A Thighearna, a tha tròcaireach ri na h-uile,
thoir mo pheacaidhean air falbh uam, agus las gu tròcaireach teine do Spioraid Naoimh nam bhroinn.
Thoir air falbh an cridhe cloiche uam,
agus builich cridhe feòla orm,
cridhe a ghràdhaicheadh ’s a dhèanadh adhradh riut fhèin, cridhe a ghabhadh àrd-thlachd annadsa,
airson do leantainn ’s do mhealtainn,
air sgàth Ìosa Crìosd. Amen.
Ambrose (340-397)
Athair,
thoir ghliocas dhuinn airson d’ aithneachadh,
toinisg airson do thuigsinn,
dìcheall airson do shireadh,
foighidinn airson feitheamh ort,
sùilean airson d’ fhaicinn,
cridhe airson meòrachadh ort,
agus beatha a dh’ èigheadh mu do dheidhinn,
tro chumhachd an Spioraid
aig ar Tighearna Ìosa Crìosd.
Benedict 480-543
Thoir dhòmhsa, O mo Dhia, gum bithinn
Iriosal gun a bhith a’ leigeil orm,
Ait gun a bhith aotrom,
Dùrachdach gun a bhith tùrsach,
Suidhichte gun a bhith gruamach,
Beòthail gun a bhith faoin.
Fìrinneach gun dhùbailteachd,
Le eagal bhuatsa gun eu-dòchas,
Ag earbsa annadsa gun a bhith a’ gabhail orm fhèin,
Geamnaidh gun truailleachd,
An comas mo choimhearsnach a cheartachadh gun fhaireachdainn feargach,
Agus tro fhacal agus eisimpleir a neartachadh gun phròis,
Umhail gun a bhith ag àicheadh,
Foighidneach gun bhrundail.
Tòmas Aquinas (1225-1274)
Gun robh Dia, a tha a’ faicinn na h-uile nithean, agus as e fear-riaghlaidh nan uile spioradan agus Tighearna gach uile fheòil – a thagh ar Tighearna Ìosa Crìosd agus sinne troimhesan gus a bhith nan daoine sònraichte – a’ ceadachadh dhan a h-uile anam a ghairmeas air a ainm ghlòirmhor agus naomh, creideamh, eagal, sìth, foighidinn, fad-fhulangas, fèin-smachdachadh, tur-ghlainead, agus sòbarrachd, airson fìor thoileachadh a ainm-san, tro ar n-Àrd-shagard agus ar Fear-dìon, Ìosa Crìosd, troimhe a tha glòir, agus mòralachd, agus cumhachd, agus onair, air a thoirt thuigesan
an dà chuid an-dràsta agus gu sìorraidh. Amen.
Clement na Ròimhe (c.30-c.95)
A Thighearna ’s a Mhaighstir thairis air mo bheatha
Ceadaich dhomhsa nach biodh spiorad an leisge agam,
spiorad a mhì-mhisneachd,
spiorad an ana-miann airson cumhachd,
agus a chòmhraidh fhaoin.
Ach builich ormsa, do sheirbhiseach,
spiorad a gheamnachdais,
spiorad a mhacantais.
spiorad an fhoighidinn.
agus spiorad a ghràidh.
Seadh, a Thighearna ’s a Rìgh,
ceadaich gun tuiginn m’ easantasan fhèin,
agus nach gabhainn breith air mo bhràthair,
oir is beannaichte a tha Thusa,
gu aoisean nan aoisean. Amen.
Ephraem Shiria (c. 306-378)
A Thighearna Dia, ceadaich dhuinn an còmhnaidh, -ge b’ e dè a dh’fhaodadh an saoghal a chantainn – a bhith gar fàgail fhèin riaraichte le tha thusa ag ràdh, agus a bhith fo chùram dìreach mu dheidhinn do mholadh-sa, anns am bi barrachd cuideam na a h-uile saoghal; air sgath Ìosa Crìosd.
Charles Gòrdon (1833-85)
Rìaghail gach uile tro do ghliocas a Thighearna,
airson gum bi m’ anam an còmhnaidh a’ dèanamh seirbheis dhut mar a rùnaicheas tusa, ’s chan ann mar a roghnaicheas mise.
Na peanasaich mi, tha mi a’ guidhe ort, le bhith a’ buileachadh an nì a tha mise a’ miannachadh no a’ faighneachd air a shon,
ma tha e a’ toirt oilbheum dha do ghràdh –
a bhiodh a’ còmhnaidh annam gu bràth.
Leig leam bàsachadh gu fèin, airson gun dèan mi seirbheis dhutsa, leig leam a bhith beò dhutsa as e, annad fhèin,
an Fhìor Bheatha – Amen
Naomh Terèsa (1515-1582)
O A De thròcairich, lìon ar cridheachan, tha sinn ag ùrnaigh, le gràsan do Spioraid Naoimh; le gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, macantas agus stuaim.
A Thighearna, cinnteach à do mhòr thròcair ’s do mhaitheas dhaibhsan uile a nì aithreachas dha-rìribh agus a tha a’ cur romhpa dèanamh nas fheàrr, tha mi a’ guidhe ort gu ro-h-iriosal a ghràis agus a chuideachaidh aig an Spiorad Naomh a thoirt dhomh
airson mo dhèanamh an comas fàs nas fheàrr a h-uile là.
Ceadaich an ghliocas is an tuigse dhomh airson eòlas a bhith agam air mo dhleastanas, agus an cridhe agus an rùn airson a dhèanamh.
Builich ormsa, A Thighearna, an fìor eagal agus gràdh dhut fhèin,
agus eud ciallach airson do ghlòir.
Meudaich annam gràsan a charthannais agus a mhacantais, na fìrinn agus a cheartais, na h-irioslachd agus na foighidinn, agus neart spioraid airson a h-uile suidheachadh fhulang le seasmhachd inntin.
Rìgh William III (1650-1702)