Gràdh do Dhia
A Thighearna,
Ciamar a bhios mi ga do gràdhachadh?
Leig leam na dòighean a chunntais.
Tha gràdh agam ort chun an doimhneachd ’s a’ meud ’s an àirde as urrainn dha m’ anam a ruighinn, an uair a tha e a’ feuchainn ri faireachdainn, gun fhradharc, airson crìochan na bith agus a ghràis shàr-bheachdach.
Tha gràdh agam ort gu ìre gach dìth shàmhach a th’agam gach là,
fo sholas na gràine agus na coinneil.
Tha gaol agam ort gu tur-ghlan,
mar iadsan a thionndaidheas bho mholadh.
Tha gràdh agam ort le boil a chaidh a chuir an sàs anns na seann mhuladan agam, agus ann an creideamh mo leanabachd.
Tha gràdh agam ort le gaol a bha e a’ coimhead coltach
Gun do chaill mi le na naoimh a chaill mi –
tha gràdh agam ort le anail, gàirean, deòir, mo bheatha gu lèir!
Agus, A Dhè, ma thaghas tusa
Bi gràdh nas fheàrr agam òrd as dèidh a bhàis.
Ealasaid Browning (1806-1861)
Tha gràdh againn ort, O ar Dia; agus tha sinn a’ mhiannachadh bhith ga do ghràdhachadh barrachd is barrachd.
Ceadaich dhuinne gum faod sinn a bhith ga do ghràdhachadh na h-uibhir ’s a tha sin a’ mhiannachadh, agus na h-uibhir ’s a bu choir dhuinn.
O a charaid as gràdhaiche, a tha air ar gràdhachaidh na h-uibhir ’s air slàinte a thoirt dhuinn, an smuain mu thimcheall a leithid a tha an còmhnaidh a’ fàs nas mìlse, thig le Crìosd agus fuirich nar cridheachan; airson gum cum thu faire thairis air ar bilean, ar ceumannan, ar gnìomhan, agus cha leig sinn leas a bhith fo chùram
mu dheidhinn ar n-anman no ar bodhaigean.
Thoir gràdh dhuinn, an gibht as mìlse dhiubh uile, dha nach aithne nàmhaid sam bith. Thoir gràdh tur-ghlan dhuinn nar cridheachan, a rugadh bho do ghràdh-sa dhuinne.
O Athair as ro-ghràdhaiche Ìosa Crìosd, bhuaithe a tha gach gràdh a’ dòrtadh, leig le ar cridheachan, air an reothadh anns a pheacadh, fuar riutsa agus fuar ri feadhainn eile, a bhith air am blàthachadh leis an teine dhaidhaidh seo. Mar sin cuidich agus beannaich sinn na do Mhac.
Anselm 1033-1109)
A Thighearna tha mo chridhe mu do choinneamh. Bidh mi a’ feuchainn ach leam fhèin chan urrainn dhomh nì a dhèanamh; dèan an nì nach urrainn dhomhsa. Leig leam tighinn a’ steach do sheòmar as fhaide as staigh do ghràidh. Tha mi a’ faighneachd, a’ sireadh, a’ gnogadh.
Thug thu orm sireadh, thoir dhomh gun sealbhaich mi; tha thu air mo dhèanamh comasach air sireadh, dèan comasach mi air a bhith a’ lorg.
Tha thu air teagasg dhomh gnogadh, fosgail dhan a ghnogadh agam…
Tha mi a’ fannachadh le acras airson do ghràdh; ath-ùraich leis mi. Leig leam a bhith air mo lìonadh le do ghràdh, beairteach na do chàil, uile gu lèir le greim air a chumail orm na do chùram.
Gabh mi agus sealbhaich gu lèir mi, a tha leis an Athair agus an Spiorad Naomh a-mhàin beannaichte bho aois gu aois.
Anselm (1033-1109)
A Thighearna ar Dia, ceadaich an gràs dhuinn airson a’ bhith gad mhiannachadh le cridhe slàn, airson, ga do mhannaciadh mar sin, gun sir is gun lorg sinn thu: agus mar sin ga do lorg, gun tèid againn air do ghràdhachadh; agus ga do ghràdhachadh, gum fuathaich sinn na peacaidhean sin às an do shaor thu sinn, air sgàth Ìosa Crìosd .
Anslem (1033-1109)
Seall oirnn, A Thighearna,
agus leig le uile dhorchadas ar n-anman a dhol a-mach à sealladh mu choinneamh gathan do Shoillse.
Lìon le gràdh naomh sinn,
agus fosgail dhuinn saoibhreasan do ghliocais.
Is aithne dhutsa ar n-uile mhiannan;
air sgàth sin coilean na thòisich thu,
agus na tha do Spiorad air ar dùsgadh
gus a bhith a’ faighneachd air a shon ann an ùrnaigh.
Tha sinn a’ sireadh d’ aghaidh-sa,
tionndaidh d’ aghaidh thugainn
agus foillsich do ghlòir dhuinn.
An uairsin bidh ar miannachadh air a shàsachadh,
agus bidh ar sìth foirfe – Amen.
Augustin (354-430)
Mo Dhia, tha gaol agam ort as cionn gach eile agus is tusa a tha mi a’ mhiannachadh mar m’ amas mu dheireadh. An còmhnaidh agus anns na h-uile nithean, le m’ uile chridhe, agus neart tha mi gad shireadh. Mur a builich thusa thu fhèin orm, cha bhuilich thu nì: mur a lorg mise thu, cha lorg mi ni. Ceadaich dhomh, mar sin, a Dhè as ro-ghràdhaiche, gum bithinn an còmhnaidh ga do ghràdhachadh air do shon fhèin as cionn na h-uile nithean, agus gun sirinn thu anns na h-uile nithean anns a bheatha seo a th’agam, airson aig an deireadh gun lorgainn thu agus gun glèidhinn thu anns an t-saoghal a tha ri thighinn gu sìorraidh.
Thomas Bradwardine (c. 1290-1349)
Gum biodh cumhachd do ghràidh, A Thighearna Crìosd, teinnteach agus cho milis ri mil,
A’ slugadh suas ar cridheachan gu ìre cho mòir is gun deòghail e asta a h-uile nì a tha fo nèamh. Ceadaich gum biodh sinne deiseal airson bàsachadh airson gràdh dha do ghràdh-sa, mar a bhàsaich thusa air sgath gràdh dha ar gràdh-ne.
Naomh Francis (1181-1226)
O a Ghràidh shìorraidh, las m’ anam airson Dia a ghràdhachadh, airson nach loisg nì sam bith annamsa ach na crùban aigesan. O Ìosa mhaith, cò a cheadaicheas dhomh d’ fhaireachdainn-sa
nach eil an comas a bhith air d’ fhaireachdainn no air d’ fhaicinn?
Dòirt thu fhèin a-steach do mheadhan m’ anaim. Thig a-steach dha mo chridhe agus lìon e le do mhìlse as soilleire. Dèan bog m’ inntinn le fìon theth do ghràidh mhilis, agus a’ dìochuimhneachadh gach euslainte agus ìomhaighean bhuaireasach, agus gad shealbhachadh fhèin a-mhàin, gum b’ urrainn dhomh a bhith aoibhneach agus a’ dèanamh gàirdeachas ann an Ìosa mo Dhia. Bhon àm seo air adhart, a Thighearna as mìlse, na falbh bhuam, an còmhnaidh ga m’ fhiathachadh le do mhìlse; oir ’s e do làthaireachd-sa a-mhàin as sòlas dhomh, agus chan eil cion do làthaireachd ach gam fhàgail trom.
Richard Rolle (1290-1349)
Ceadaich dhuinne, A Thighearna,
am beus as òirdheirce dhiubh uile –
tiodhlac do ghràidh dhiadhaidh.
Gum biodh gràdh nar smaoineachadh agus nar cainnt,
nar n-obair làitheil agus ann an àiteachan falaichte ar n-anman. Gun robh gràdh nar càirdeasan
agus nar beatha leothasan a tha doirbh am fulang.
Gun robh gràdh nar n-aoibhneasan agus nar bròin,
nar beatha agus nar bàs.
Amen.
William Temple (1881-1944)
Thèid creideamh à sealladh gus a bhith na fhradharc;
Bidh dòchas air a dhòrtadh a-mach ann an gàirdeachas;
Deàlraidh gràdh ann an nèamh nas soilleire;
Mar sin, thoir dhuinn gràdh.
Tha gràdh coibhneil agus fad-fhulangach,
Tha gràdh macanta agus cha shaoil e gu ceàrr
Tha gràdh nas làidire na am bàs e fhèin;
Mar sin, thoir dhuinn gràdh.
Christopher Wordsworth (1807-85)
Gràdh do dh’fheadhainn eile
Sàbhail sinn, A Thighearna,
bhon a bhith fèin-spèiseil nar n-ùrnaighean,
agus teagasg dhuinn cuimhneachadh
gum bi sinn ag ùrnaigh airson feadhainn eile.
Gun robh sinn cho glacte-suas ann an gràdh dhaibhsan
dhan a bheil sinn ag ùrnaigh,
is gum fairicheamaid na feumalachdan acasan
a cheart cho làidir ’s a dh’fhairicheas sinn
an fheadhainn againn fhèin,
agus gun dèanamaid ùrnaigh air an son
le mac-meanmainn, mothachadh, agus eòlas.
Tha sinn a’ faighneachd airson seo ann an ainm Chrìosd.
Iain Calbhainn (1509-1564)
Ceadaich dhomhsa, tha mi a’ guidhe ortsa,
mo Dhia,
ann an ainm Ìosa Crìosd do Mhic,
an carthannas nach fàillig,
airson gun deàlraich mo sholas,
a’ blàthachadh mo chridhe fhèin
agus a’ soillseachadh fheadhainn eile.
Columbanus (c. 550-615)
Thugadsa, A Dhè, tha sinn a’ tionndadh airson sìth.
Ceadaich an dearbhachd bheannaichte dhuinn
nach toir nì sam bith an t-sìth sin air falbh bhuainn,
chan e air aon làimh sinn fhèin,
no ar miannan talmhaidh ghòrach,
no mo mhiannan fhiadhaich,
no iarrtasan iomagaineach mo chridhe.
Søren Kierkegaard (1813-1855)
Cuir mo chridhe na theine le gràdh dhut fhèin, Athair as ro-ghràdhaiche, agus an uairsin gus a bhith a’ dèanamh do rùin, agus cha bhi a dhòrainneach dhomh tuilleadh a bhith a’ dèanamh d’ àithntean. Oir dhàsan a tha a’ gràdhachadh, chan eil nì doirbh, nì neo-chomasach a dhèanamh; oir tha gràdh nas làidire na bàs. O gun robh gràdh a’ lìonadh agus a’ riaghladh mo chridhe. Oir an uairsin leumaidh an àird, agus bi air a mheas mar prìseil, coltas eadar thusa agus mise de charactar, agus aonadh rùin, airson gun tèid agam air taghadh ’s a bhith a’ diùltadh mar a tha thusa. Gun robh do rùn-sa air a dhèanamh annamsa agus tromhamsa gu sìorraidh.
Jacobus Horstius Merlo (1597-1664)
A Thighearna, Ùghdar agus Fear-ìmpidh:
na sìthe, a ghràidh ’s an deagh-thoil,
bogaich ar cridheachan cruaidh is stàilinneach, blàthaich ar cridheachan ri deigheach is reòidhte, airson gum biodh sinn an comas air a bhith a’ miannachadh maith do chàch-a-chèile, agus airson gum biodhmaid nar fìor dheisciobail
do dh’ Ìosa Crìosd.
Agus builich gràs oirnn fiù’s a-nis airson tòiseachadh air a bhith a’ foillseachadh a bheatha nèamhaidh sin, anns nach eil easaontas no fuath, ach sìth is gràdh air a h-uile taobh, aon gu càch-a-chèile.
Amen.
Ludobhaicus Bhibhes (1492-1540)
Ar n-Athair, seo mise, do leanabh, airson gun cleachd thu mi,
Airson gun cleachdadh tu mi gus an
cumainn orm a’ gràdhachadh do shaoghail,
tro a’ bhith a’ toirt Ìosa dhomhsa agus tromham,
do chàch-a-chèile agus dhan t-saoghal.
Dèanamaid ùrnaigh airson càch-a-chèile
airson gun leig sinn le Ìosa gràdhachadh annainne
Agus tromhainne leis a ghaol leis a bheil
a Athair-san gar gràdhachadh-ne.
Màthair Terèsa (1910-1998)