Aoibhneas

Mo Dhia, tha mi ag ùrnaigh gum bi
a leithid de dh’eòlas agus de ghràdh agam ort is gun tèid agam air gàirdeachas a dhèanamh annad.
Agus mur a tèid agam air seo a dhèanamh gu coileanta anns a bheatha seo.
Leig leam a dhol orm gu h-adhartach
Chun an là an uair a thig mi chun a choileantais sin.
Leig leam sealbhachadh
An nì sin a gheall thu tro d’ fhìrinn,
Airson gum bi m’ aoibhneas làn.
Anslem (1033-1109)

Athair ann an Nèamh, an uair a dhùisgeas an smuain mu do dheidhinn fhèin nar cridheachan,
na leig leis dùsgadh mar eun fo eagal
a tha a’ sgiathalaich mun cuairt air a chlisgeadh,
ach mar phàiste a’ dùsgadh bho a chadal
le gàire nèamhaidh.
Søren Kierkegaard (1813-1855)

A Thighearna cuidich leinn gus a bhith nar maighstirean thairis oirnn fhèin,
airson gum bi sinn nar seirbheisich do dh’fheadhainn eile.
Alexander Paterson

O aoibhneis mhilis agus fhìor, tha mi ag ùrnaigh gun tig thu! Thig aoin as mìlse agus as mò a tha air do mhiannachadh! Tha mi ag ùrnaigh gun tig thu! Thig aoin mhilis agus as mò a tha air do mhiannachadh! Thig mo ghràdh, is tusa m’ uile chofhurtachd! Gluais gu ciùin a-steach do dh’ anam a tha gad mhiannachadh gu mòr ’s as do dhèidh le teine mhilis. Las le do theas mo chridhe gu lèir. Le do sholas soillsich mo phàirtean as fhaide a-staigh. Biadhaich mi le òrain mhilis a ghràidh, cho fada ’s a tha mi an comas an sealbhachadh tro chumhachdan bodhaig is anaim.
Richard Rolle (1290-1349)

A Thighearn Ìosa smaoinich ormsa
Airson, nuair thèid an tuil seachad,
Gum faod mi do shoillse shìorraidh fhaicinn
Agus a bhith a’ roinn d’ aoibhneas mu dheireadh thall.
Synesius Cryrene (375-450)