A Dhè, dèan clann de shàmhchair dhuinn
agus oighreachdan de shìth
Clement à Alexandria (c. 150-c. 215)
A Dhè is tusa àibheis do-rannsaichte na sìthe, cuan do-innse a ghràidh,
fuaran nam bheannachd
agus fear-buileachaidh a ghaoil,
a tha a’ cur sìth a-mach thucasan
a shealbhaicheas e.
Fosgail dhuinne an-diugh cuan do ghràidh agus uisgich sinn le sruthan lìonmhor bho shaoibhreas do ghràis agus bho na fuarain as mìlse a th’aig do choibhneas.
Clement à Alexandria (c.150-c.215)
O thusa a Aoin-gràdhachaidh na cinne-daonna, cuir sìos nar cridheachan an t-sìth sin nach urrainn dhan t-saoghal a bhuileachadh, agus thoir sìth dhuinn anns an t-saoghal seo.
O a Righ na sìthe, glèidh sinne ann an gràdh agus ann an carthannas; bi nar Dia dhuinn, oir chan eil aon sam bith eile againn ach thusa; ceadaich beatha an fhìreantachd dha ar n-anman, airson nach fhaigh bàs a pheacaidh làmh an uachdarain thairis oirnn, no an aghaidh gin dhè do shluagh.
Walter Farquahar Hook (1798-1875)
A Thighearna,
dèan ciùin tonnan mo bheatha,
ciùinich an stoirm aice.
Ciùinich thu fhèin, O m’ anam,
airson gun tèid aig an tì dhiadhaidh air gnìomhachadh annad!
Ciùinich thu fhèin, O m’ anam,
airson gum bi Dia an comas tàmh a ghabhail annad,
airson gun còmhdaich an t-sìth aigesan thu!
Seadh, Athair a tha ann an Nèamh, is tric a chunnaic sinn nach urrainn dhan t-saoghal sìth a thoirt dhuinn, ach thoir dhuinn gum fairich sinn gun urrainn dhutsa sìth a thoirt dhuinn; leig leinn eòlas a chuir air an fhìrinn tro do gheallaidh: airson nach bi an saoghal air fad an comas do shìth-sa a thoirt air falbh.
Søren Kierkegaard (1913-1899).
A Thighearna, ceadaich dhomh gun tèid agam air fàilte a chuir air a h-uile ni a bheir an là seo leis. Ceadaich dhomh an gràs agus a bhith a’ gèilleadh fhèil uile-gu-lèir ri do rùn naomh. Anns a h-uile uair a th’anns an là seo teagasg agus threòraich mi anns a h-uile nì. Ge b’ e de an na sgeòil a gheibh mi tron là seo, gun robh thusa gam theagasg a bhith a’ gabhail sìthe anns a chreideamh shuidhichte gun bheil do rùn naomh-sa a’ riaghladh na h-uile. Riaghail thusa mo smuaintean agus m’ fhaireachdainnean anns na h-uile a chanas mi agus a nì mi. An uair a thachras nithean nach robhar a’ sùileachadh, na leig leam dìochuimhneachadh gur h-ann bhuatsa a tha na h-uile nithean air an cur. Teagasg dhomh a bhith gam ghiùlain fhèìn gu h-onorach agus gu reusanta a thaobh a h-uile duine, airson nach toir mi breisleach no bròn gu duine sam bith. Builich ormsa, A Thighearna, neart gus a bhith a’ fulang sgìths an là agus gus a bhith a’ gabhail mo phàirt anns na tachartasan a bhios ann. Treòraich thusa mo rùn agus teagasg ùrnaigh dhomh, gus a bhith a’ creidsinn, gus a bhith ann an dòchas, gus a bhith a’ fulang, gus a bhith a’ maitheadh, agus gus a bhith a’ gràdhachadh.
Eildearan Optina