An Eaglais air feadh an t-Saoghail

A Thighearna Dia nan uile àmannan agus àiteachan, tha sinn ag ùrnaigh airson d’ Eaglais, a tha air a suidheachadh an-diugh am measg imcheistean òrduigh a tha ag atharrachadh, agus aghaidh ri aghaidh le dleastanasan ùra. Baist as ùr i ann an Spiorad beatha-bhuileachail Ìosa. Builich oirre freagairteachd mhòr a thaobh dleastanas, truas nas luaithe a thaobh fulangas, agus dìlseachd choileanta dha do rùn. Cuidich leatha ann a bhith ag aithris do rìoghachd le gaisgeachd. Cuir air a bilean soisgeul àrsaidh a Tighearna. Lìon ise le dìmeas nam fàidhean an aghaidh aintighearnas, agus le caomhalachd a tha coltach ri Crìosd dhaibhsan a tha fo eallach trom ’s air an cuir fo chasan. Iarr oirre sguir bhon a bhith a’ sireadh a beatha fhèin, mus caill i i. Dèan ghaisgeil i airson a beatha a leigeil suas dha na cinne daonna, airson, coltach ri a Tighearna a chaidh a cheusadh, gun tèid aice air a dhol suas, tro shlighe a chroinn-ceusaidh, air glòir nas àirde; trom aon Ìosa Crìosd ar Tighearna. Amen.

Waltyer Rauschenbusch (1861-1918)