Fàilte gun làrach-lìn aig An Sgeul Mor!
‘Se pròiseact sònraichte a th’ anns An Sgeul Mor stèidhichte ann an Slèite, An t-Eilean Sgitheanach.
‘S e prìomh amas a’ phroiseict cairdeas, creideas is comhradh a bhrosnachadh, am measg oigridh, ann an ainm Dhè tro mheadhan na Gaidhlig.
Tha an t-Urr Iain D Urchardan os cionn a’ phroiseict seo le taic bho chomataidh stiùiridh de choignear eile a’ riochdachadh Eaglais na h-Alba, Eaglais an t-Sràth is Shlèite, a’ choitheanail ionadail agus Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba.
Tha sinn an dòchas gum bi an làrach-lìn seo mar ghoireas fìor fheumail agus cuideachail dhuibh san am ri teachd. Bidh sinn ag obair air an t-susbaint agus na goireasan anns na miosan a tha romhainn. Ma tha beachdan sam bith agaibh cuiribh fios thugainn!