Corraich Heroid

Diluain

 Tha Herod a’ dol a choimhead airson a’ phàiste, airson cur às dha.
Mata 2:13

 Aig deireadh an latha chan eil ann ach dà roghainn a-thaobh Ìosa Crìosd, agus gheibh sinn sàr eisimpleirean dhiubh anns na diofar dhaoine, Herod Mòr ’s na Draoidhean. Bha freagairt Heroid uile-gu-lèir an co-chòrdadh ri a bheusan mar as aithne dhuinn iad. Bha an t-àm riaghlaidh fada aigesan air a thruailleadh le fuil. B’ iad na Ròmanaich a bh’ air a chur air an rìgh-chathair ’s a thug “Rìgh nan Iùdhach” air. Ach b’ e coigreach a bh’ ann; b’ ann à Edom a bha athair agus b’ e bana-phrionnsa à Aràbia a bha na mhàthair. Cha robh còir no tiotal aige a thaobh na rìgh-chathrach.

 Mar thoradh, bha cathair Heroid caran cugallach, agus bha an t-eagal air bho a cho-strìdhich. An uair a chitheadh e aon dhiubh sin, dheigheadh a bheatha-san, no a beatha-se, a dhubhadh às gu luath. Mhurt e a bhean Mariamne; a mhàthair, Alexandra; agus a thriùir mhic Aristobulus, Alexander, agus Antipater. Mhurt e còrr air leth dhen Àrd-sheanadh agus grunn de bhràithrean athar no mhàthar, de cho-oghaichean agus de chàirdean eile. Chan eil e na iongnadh, mar sin, gun tug an t-eachdraiche Josephus “uile-bhèist gun truas” air, no gun tuirt an t-ìmpire Augustus gun robh e na bu shàbhailte a bhith na mhuic dha no bhith na mhac dha. Ann an cànan eile dh’fhuiling e bho fhìor dhroch pharanaoia. Agus a-nis nochd na Draoidhean a’ faighneachd càit an robh esan a rugadh mar “Rìgh nan Iùdhach.” Ach, b’ esan, Herod, a bha na rìgh thairis air na h-Iùdhaich; cò a bh’ anns an fhear a bha a’ leigeil air?

 Ann am prionnsapal, tha an aon suidheachadh a’ buadhachadh an-diugh. Tha tòrr dhaoine a’ coimhead air Ìosa mar fhear-fharpais, san rathad, na mhasladh; mar a thuirt C. S. Lewis, “fear dol-thairiseach a tha a’ gabhail gnothaich.” Mar sin tha roghainn air a chur mar coinneamh. Chì sinn Ìosa mar neach a tha a’ bagairt oirnn ’s tha sinn dearbhte, coltach ri Herod, gum faigh sinn cuidhteas dheth, no chì sinn e mar rìgh nan rìghrean ’s tha sinn ag iarraidh, coltach ri na Draoidhean, gum bi sinn ag adhradh dha.

Barrachd leughaidh: Mata 2:7-12

Fàg freagairt