Dihaoine
Chaidh a h‑uile rud a dhèanamh troimhesan; agus às aonais‑san cha deach aon rud a dhèanamh a chaidh a dhèanamh. Annsan bha beatha, agus b’ i a’ bheatha sin solas dhaoine.
Eòin 1:3-4
Tha tòrr dhaoine fo thrioblaid air sgàth gu bheil Dia, a rèir choltais, fad’ air falbh. Bidh e a’ coimhead fad’ às dhaibh, gun dragh is neo-fhìor. Bidh iad a’ glaodhaich còmhla ri Iob, “Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite!” (Iob 23:3).
’S e an ìomhaigh seo de Dhia nach eil an làthair a tha Eòin a’ spadadh na criomagan. Ann an ro-ràdh a shoisgeil tha e a’ sgrìobhadh mu thrì theachdan Dhè dhan t-saoghal ann an Crìosd.
An toiseach, bha e a’ tighinn a-steach dhan t-saoghal. ’S e mearachd mhòr a th’ ann a bhith a’ smaoineachadh gum b’ e a’ chiad uair a thàinig Dia a-steach dhan t-saoghal nuair a rugadh e dhan t-saoghal. Cha b’ ann mar sin a bha; chruthaich e an saoghal ’s cha do dh’fhàg e riamh e. Is esan “an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h‑uile neach,” a bha “a’ tighinn dhan t‑saoghal” (Eòin 1:9). Mar sin, fada mus tàinig e, bhiodh e a’ tighinn, a’ toirt an dà chuid solas is beatha dha na h-uile. Mar sin tha sinne ag ràdh gur ann le Ìosa Crìosd a tha gach nì a tha brèagha, math is fìor. Is dòcha nach bi fios aig daoine air seo, oir mar as trice bidh e a’ glèidheadh a neo-aithneachais, ach ’s esan “solas dhaoine” (e. 4). Chan eil duine sam bith air a bhogadh ann an dorchadas choileanta.
A-rithist, thàinig e a-steach dhan t-saoghal. “Thàinig e gu a chuid fhèin” (e. 11). Thàinig esan a bha a’ tighinn chun a h-uile duine gu na daoine sònraichte aige fhèin. Thàinig esan a bh’ air a bhith a’ tighinn ann an dòigh fhalaichte a-nis gu pearsanta, gu fosgailte ’s gu poblach. Thionndaidh am facal sìorraidh gus a bhith na dhuine. ’S e a’ chùis-mhulaid ge-tà nach do dh’aithnich an saoghal e.
San treas àite, tha e fhathast a’ tighinn. Bidh e a’ tighinn a-nis tro a spiorad, agus tha e a’ toirt dhaibhsan a gheibh seilbh air, a chreideas na ainm, còir a bhith nan cloinn le Dia, air am breith o Dhia (e. 12).
Dh’fhaodadh ceathramh teachd a bhith air a chur riutha-san uile, ged nach eil Eòin a’ toirt iomradh air seo. Ach nas fhaide air adhart tha e a’ clàradh gealladh Ìosa, “thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin” (14:3).
Mar sin seo ceithir teachdan Dhè. Bha e a’ tighinn gun sgur mar sholas is mar bheatha a’ chinne-daonna. Thàinig e air a’ chiad Là Nollaig. Tha e a’ tighinn fhathast, a’ feitheamh oirnn gus an sealbhaich sinn e, agus thig e air an Là mu dheireadh.
Barrachd leughaidh: Eòin 1:1-14