Foighidinn

Aonaich ar cridheachan, A Thighearna,
ann am bannan gràidh
airson gum fan sinn còmhla ri chèile
ann an irioslachd ’s ann an sìth.
Thoir foighidinn dhuinn ann an àm na deuchainn,
agus seasmhachd anns na dleastanasan a tha romhainn.

Ath-ùraich ar cridheachan ann an àm na h-àmhghar
agus cùm suas sinn ann an latha ar dìth.

Bi ruinne, agus ri d’ Eaglais uile, an dà chuid,
nad sholas shìor-mhaireannach dhuinn
agus nar slàinte shìorraidh dhuinn;
tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Amen.
Bernhard Albrecht (1569-1636)

A Dhè, thoir foighidinn dhuinn an uair a tha iadsan a tha olc gar leòn. O cho mi fhoighidneach is feargach ’s a tha sinn an uair a tha sinn a’ smaoineachadh mur deidhinn fhèin gu bheil sinn air ar cùl-chaineadh gu neo-cheart, air ar fhuathachadh agus air ar leòn! Tha Crìosd a’ fulang bhuillean air a ghruaidhean, an t-aon neo-chiontach airson na ciontaich; ach chan fhulaig sinne aon fhacal cruaidh air a shon-san. A Thighearna ceadaich beus agus foighidinn dhuinn, cumhachd agus neart, airson gun coinnich sinn ris a h-uile trioblaid le deagh-ghean, agus le inntinn chiùin gum faigh sinn a bhuaidh thairis air. Agus ma bhios feum agus do ghlòir ag iarraidh gum bruidhinn sinn, deònaich gun dèan sinn e le macantas agus foighidinn, airson gum bi an fhìrinn agus do ghlòir air an dìon, agus ar foighidinn agus leantalas shuidhichte air an aithneachadh.
Miles Coverdale (1488-1568)

A Ìosa, uain ghràismhoir Dhè, tha mi ag àicheadh gu sìorraidh mo mhì-fhoighidinn. Dèan ceusadh, A Thighearna, air m’ fheòil agus a mhiannan làidir; sgiùirs, sgath agus peanasaich mi san t-saoghal seo, ach glèidh mi anns an ath thè.
Tha mi ag earbsa mo dhàn thugadsa, gam ghèilleadh fhèin ri do rùn naomh: gun robh e dhèante anns na h-uile nithean!
Naomh Francis (1181-1226)

A Thighearna teagasg dhòmhsa ealdhainn na foighidinn, fhad ’s a tha mi fallainn, agus dèan comasach mi air a bhith ga chleachdadh an uair a bhios mi tinn. Anns an là sin eadhon dèan m’ eallach nas aotruime no neartaich mo dhruim.
Thoir dhòmhsa – a tha cho tric na mo shlàinte air mo laigse a lorg air sgàth a bhith a ro-chreidsinn mo neart fhèin –
a bhith làidir na mo thinneas an uair a bhios mi ag earbsa a-mhàin na do chuideachadh fhèin.
Thomas Fuller (1608-61)