An Giblean

1d dhen Ghiblinn [92]

A Thighearna, aig a bheil slighe a tha coileanta, cuidich leinn, tha mi a’ guidhe ort, gus an còmhnaidh a bhith ag earbsa na do mhathas; airson – a’ coiseachd còmhla riutsa ’s ga do leantainn ann an uile shimplidheachd – gun sealbhaicheamaid inntinnean shocair is shona; agus gun tilgeadh sinn ar n-uile chùraim ort oir tha cùram agadsa dhuinne – Amen.
Cairistiona Rossetti (1830-1895)

 

A Thighearna, a-mhàin ma dh’fhanas mo rùn ceart is daingeann ga do thaobh-sa, dèan leam ge b’ e dè as toigh leat fhèin. Oir chan urrainn do ge b’ e dè a nì thusa leam a bhith na nì sam bith ach math.

Ma ’s e do rùn e gum bithinn ann an dorchadas, gum biodh tusa air do bheannachadh, agus ma ’s e do rùn gum bithinn ann an solas, gun robh thusa air do bheannachadh a-rithist.

Ma cheadaicheas tu mo chomhfhurtachadh, gun robh thu air do bheannachadh; agus, ma bhios tu ag iarraidh gum bithinn air mo chuir fo àmhghar, gum biodh tusa an còmhnaidh air do bheannachadh anns an aon t-suim – Amen.
Tòmas à Ceampais (1379-1471)


2
mh dhen Ghiblinn [93]

A Dhè shìorraidh, a tha a’ toirt earbsa na beatha shiùbhlaich is shòlaimte dhuinn; bho nach aithne dhuinn dè a dh’fhaodadh an là a thoirt gu bith – ach a-mhàin gu bheil an uair airson seirbheis a’ dèanamh dhutsa an còmhnaidh an làthair – gun dùisgeamaid gu iarrtasan dhian do rùin naoimh-sa; chan ann a’ feathamh chun a-màireach, ach a’ gèilleadh an-diugh.

Cuir aig fois – tro chomhairle do Spioraid – cur-an-aghaidh ar boile, ar leisge, no ar n-eagal.

Naomhaich le do làthaireachd fhèin an t-slighe a dh’fhaodadh ar casan a ghabhail; agus deàlraidh an obair as iriosaile, agus thèid na h-àiteachan as eu-còmhnairde an dèanamh dìreach.

Tog as cionn corraich eas-ionraic agus cin earbsa sinn, a-steach do chreideamh is dòchas is carthannas tro eisimealachd shimplidh agus stèidhichte air do Rùn chìnnteach.

Anns na h-uile nithean treòraich sinn gu inntinn Chrìosd, airson gum bi d’ ìomhaigh chaillte-sa air a chomharrachadh a-mach a-rithist, ’s airson gum b’urrainn dhut ar sealbhachadh-ne mar fheadhainn a tha aig aon leis-san agus leat fhèin – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

 

3mh dhen Ghiblinn [94]

O Athar as prìseile agus as caoimhe, ar Fear-dìon agus ar Fear-biadhaidh; builich do ghràs oirnn, airson gun cath sinn bhuainn dalladh mhòr ar n-inntinnean, is cùraman mu nithean saoghalta, agus gun robh sinn a’ cuir ar n-uile aire agus cùraim ann a bhith a’ cumail do lagh naomh-sa; agus gun deidheadh againn air a bhith a’ saothrachadh is a’ strì airson na rudan a dh’fheumas sinn anns a bheatha seo – mar a tha eunlaith an adhair agus lilidhean na machrach – gun chùram.

Oir tha thusa air gealltainn cùram a ghabhail dhuinne; agus tha thu air àithne gur h-ann ortsa, a tha beò agus a’ riaghladh, saoghal gun chrìch, a bu chòir dhuinn ar cùraim a thilgeadh – Amen.
Leabhar Beag Prìomh Ùrnaighean Eanraig VIII Shasainn (1545)

A Thighearna, ghuidheamaid ort, le taingealachd an adhraidh dhutsa airson a h-uile nì a th’annad dhuinn, ruinn agus annainn; lìon sinne le: gràdh, aoibhneas, sìth agus uile thoraidhean an Spioraid – Amen.
Cairistiona G. Rossetti (1830-1895)


4
mh dhen Ghiblinn [95]

Tha an là a’ tilleadh agus a toirt thugainn cearcall shuarach nan cùraman ’s nan dleastanasan a bhios gar brosnachadh.

Cuidich leinn ann a bhith ri modh an inbhich, cuidich leinn ann a bhith gan dèanamh le gàire agus le aghaidhean choibhneil, deònaich gun robh aoibhneas, agus saothair, ro-phailt.

Thoir dhuinn deidheadhmaid gu h-ait mu ar gnothaichean fad an là seo, thoir gu ar leapannan foise sinn sgìth is sona agus gun nàire, agus deònaich dhuinn mu dheireadh tiodhlac a chadail.
Raibeart Luthais Stevenson (1850-1894)

A Dhè, a tha tro ghràs an Spioraid Naoimh, a’ dòrtadh tiodhlac a ghràidh a-steach do chridheachan do phobaill dhìleis, ceadaich slàinte dhuinn, an dà chuid san inntinn agus sa bhodhaig, airson gun gràdhaich sinn thusa le ar n-uile neart, agus le sàsachadh choileanta, gun dèanamaid na nithean sin a tha toileach dhut fhèin, tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)

 

5mh dhen Ghiblinn [96]

Deònaich, Athair ghràismhor, nach dèanainn connsachadh gu bràth mu reusontachd do rùin-sa, ach gum bithinn an còmhnaidh a’ gabhail ris, mar an nì as fheàrr a b’urrainn tachairt.

Ullaich mise an còmhnaidh airson na dh’fhaodadh do freastalan a thoirt gu bith. Nar leigeadh gum bithinn a brunndail, air mo mhì-mhisneachadh, mì-fhoighidneach, fo gin de thàirean na beatha seo, ach an còmhnaidh a’ lorg suaimhneas agus comhfhurtachd anns an nì seo – is e seo rùn m’Athair-sa, agus mo Dhia: ceadaich sin air sgàth Chrìosd- Amen.
Tòmas MacUilleim (1663-1755)

A Dhè, comhfhurtachd nan uile a tha fo bhròn, agus Slàinte nam muinntir sin uile a chuireas an cuid earbsa annadsa, deònaich dhuinne, anns a bheatha seo a tha a’ bàsachadh, an t-sìth sin a tha sinn a’ sireadh gu h-iriosal ann an ùrnaigh, agus as dèidh seo, gun sealbhaicheamaid an aoibhneas shìorraidh sin na do làthaireachd-sa, tro ar Tighearna Iosa Crìosd – Amen.
Portas Ròmanach


6
mh dhen Ghiblinn [97]

A Thighearna, thoir dhuinn gun gràdhaicheamaid thusa, agus càch-a-chèile annadsa, agus gun coinnicheamaid mu do choinneamh-sa airson a bhith a’ còmhnaidh na do ghràdh shìorraidh – Amen.
E. B. Pusaidh (1800-1882)

 

Ceadaich dhuinne, a Dhè Uile-chumhachdaich, eòlas air do shlighe-sa, agus spiorad an ùmhlachd ris, airson, air ar co-aontachadh ann an smuain agus ann am briathran ri do shlighe, gun riaghladh do shìth nar cridheachan.

Cuidich leinn ann a bhith a’ cath a-mach gach uile nì a tha an aghaidh do shìth-sa, no nach eile a-rèir do rùin, airson gur h-e a bhios againn ach beatha shàmhach de dh’earbsa, is creideamh is ùmhlachd, beatha iriosal, a’ miannachadh d’fhìrinn, agus a coiseachd na sholas, airson gum bi do bheannachd oirnn, agus solas do ghnùise an còmhnaidh mar ar sonas shìorraidh-ne.

Cluinn sinn a-mach à do thròcair, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dawson (1821-1876)

 

7mh dhen Ghiblinn [98]

Tha sinn a guidhe gu ro-dhùrachdach ort, o thusa Aon gràdhachaidh na cinne daonna, gum beannaicheadh tu do phoball gu lèir, treudan do chrò-sa.

Cuir sios sìth neimh dha ar cridheachan agus builich sìth na bheatha seo oirn cuideachd. Thoir beatha dha na h-anaman againn air fad, agus na leig le peacadh mharbhteach sam bith gum faigheadh e a bhuaidh thairis oirn, no thairis air gin dhe do phoball. Saor às a pheacadh iadsan uile a tha ann am buaireadh, oir is tusa ar Dia-ne, a tha a’ saoradh an luchd bhraighdeanais; a tha a toirt dòchas dhaibhsan a tha as aonais dòchais, agus cuideachadh dhaibhsan aig nach eil cuideachadh; a tha a’ togail nam muinntir a tha air tuiteam, agus as e an Caladh dhaibhsan uile a chaidh an long-bhriseadh. Builich do thruas, do maitheanas agus d’ath-ùrachadh dhan a h-uile anam Crìosdail, ged a bhiodh iad fo àmhghar no a tha air a dhol air seachran.

Glèidh sinn, nar n-eilthireas tron bheatha seo, bho leòn no bho chunnart, agus deònaich gun cuireamaid crìoch air ar beathanan mar Chrìosdaidhean – fìor-thoileach dhut fhèin agus saor bhon pheacadh, agus gun robh sinn a’ faighinn ar cuid-ne ’s ar cuibhreann le do naoimh gu lèir – Amen.
Ùrnaigh-choitcheann an Naoimh Marcus (175-254?)

 

8mh dhen Ghiblinn [99]

Thoir gràs dhuinn, a Thighearna, airson a bhith ag obair fhad ’s a tha an là ann, a’ coileanadh gu di-chiollach agus gu foighidneach ge be dè an dleastanas a dh’òrdaicheas tusa dhuinn; a’ dèanamh nithean beaga ann an là nan nithean beaga, agus obraichean mòra ma ghairmeas tu sinn gu gin dhiubh sin; ag èirigh agus ag obrachadh, a’ suidhe gu stòlda agus a’ fulang, a-rèir do rùin-sa.

Thig còmla rium agus falbhaidh mi; ach mur a tèid thu còmhla rium na cuir a-mach idir mi; imich air thoiseachd orm, ma chuireas tu air adhart mi; leig leam do ghuth a chluinntinn an uair a leanas mi – Amen.
Cairistiona G. Rosetti (1830-1895)

A Dhè uile-chumhachdaich, dhan a bheil gach uile chridhe fosgailte, a h-uile miann aithnichte, agus bhuiathe nach falaichear diàmhiareachd sam bith; glan smuaintean ar cridheachan tro dheachdadh do Spioraid Naoimh-sa, airson gun gràdhaich sinn gu coileanta thu, agus gum meudaicheadh sinn d’ainm ann am modh a tha airidh, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Gregòrianach (A.D. 500)

 

9mh dhen Ghiblinn [100]

A Thighearna, tha do làmhan air sinne a dhealbh, agus tha thu air ar stèidheachadh anns an t-saoghal seo, airson gun coisich sinn anns an t-slighe a tha a’ treòrachadh gu neamh is thugad fhèin, airson gum faigh sinn fois shìorraidh annadsa as e bun agus meadhon ar n-amnaman.

Seall le truas air eilthirich bhochda anns an t-slighe chumhang mar a tha sinne ann; na leig leinn guin tèid sinn air seachran, ach gun ruig sinn mu dheireadh thall ar fìor dhachaigh far a bheil ar n-Athair a’ còmhnaidh. Treòraich agus riaghail sinn bho là gu là agus builich biadh is neart oirn airson bodhaig is anam, airson gun gluais sinn oirn ann an sìth.

Thoir maitheanas dhuinn a-chionn gu bheil sinn, gu ruige seo, air stad eadar da smuain no air coimhead air ais, agus leig leinn bhon a seo a-mach gun dèanamaidh caismeachd gu còmhnard air adhart ann an slighe do laghan, agus gun robh ar ceum dheireannach na turas shàbhailte is shìtheil a-steach do ghàirdeanan do ghràidh, agus gu co-chomann bheannaichte nan naoimh ann an solas.

Cluinn sinn, A Thighearna, agus glòirich d’ainm anainne airson gun glòirich sinne thusa gu sìorraidh is gu sìorraidh – Amen.
Gerhard Tersteegen (1697-1769)

 

10mh dhen Ghiblinn [101]

O thusa, a Spioraid Dhiadhaidh, a tha ann an uile thachartasan na beatha a’ gnogadh air doras mo chridhe, cuidich leam ann a bhith gad fhreagairt.

Cha bhithinn ag iarraidh gum bithinn air mo stiùireadh gu dall mar na neoil tron cùrsaichean. Cha bhithinn ag iarriadh gum bithinn ag orbrachadh a-mach do rùin an aghaidh mo rùin-sa, a bhith a’ coileanachd do lagha gun tuigse, a bhith a umhail ri d’àithntean gun a bhith a’ gabhail riutha.

Bhithinn ag iarraidh gabhaill ri tachartasan na beatha mar thiodhlachan mhatha is choileanata bhuat fhèin. Bhithinn ag iarraidh gun robh mo chridhe an còmhnaidh fosgailte riutsa aig gach uile àm airson do sheabhachadh – sa mhadainn, aig meadhan là, agus air an oidhche; as t-Earrach, as t-Samhradh agus sa Gheamhradh.

Ged a thigeadh tu thugam ann an dealradh na grèine no san uisge, ghabhainn thu gu mo chridhe gu h-aoibhneil. Tha thusa thu fhèin na d’ bharrachd na deàlradh na grèine, tha thusa thu fhèin na d’ dhìoladh airson uisge a bhiodh ann; is tusa, ’s chan e do thiodhlacan, a tha mi a’ miannachadh; gnog agus fosgaildh mu dhut – Amen.
Seòras MacMhathainn (1842-1906)

 

11mh dhen Ghiblinn [102]

Builich neart, A Thighearna, orra-san a tha ga do shireadh, agus bi an còmhnaidh a’ dòrtadh a mhiann naomh as e a bhith gad shireadh-sa a-steach nan anaman; airson nach biodh iasdan aig a tha miann airson a bhith ga d’fhaicinn-sa a’ miannachadh toileachasan mhìllteach an t-saoghail – Amen.
Motsarabach (700)

A Dhè ro-ghràsmhoir, a tha a’ riaghladh an t-saoghail le gliocas agus maitheas a tha neo-chrìochnach, teagasg dhòmhsa a bhith a’ gèilleadh gu sona ri tachartasan do fhreasdail, ge be dè cho fada an aghaidh na feòla ’s na fala a bhiodh iad.

’S athne dhut-sa na dòighean as cìnntiche a th’ann airson mo dhèanamh toilichte, agus tha thu neo-chrìochnach ann an caoibhneas-gràidh is tròcair; mar sin deònaich gum b’e mo thaghadh-sa do roghainn fhèin agus do rùn bheannaichte anns a h-uile nì.

Deònaich gun robh m’uile chunnartan gam dhùsgadh gu obrachadh a-mach shàmhach dhe mo dhleastanas; airson gun dèanainn seirbheis dhut-sa gu socair agus le inntinn a bhiodh ag adhradh riut, tro Iosa Crìosd – Amen.
Raibeart Nelson (1656 – 1715)

 

12mh dhen Ghiblinn [103]

A Thighearna aom do chluasan ann an tròcair airson ar n-ùrnaighean a chluinntinn, agus, à do ghràdh chaoibhneil, soillsich doimhneachdan ar cridheachan, airson nach riaghail miannann olca annta – Amen.
Ciste-ionmhais an Diadhachd

A Dhè, a tha a’ cur a leithid de mhiann dhomhainn nar cridheacahan, ’s nach urrainn dhuinn a bhith aig fois gus am bu sinn a’ mealtainn faireachdainn do ghràidh; deònaich dhuinne gu tròcaireach nach tèid an osnaich do-labhairt aig ar n-anaman gun a bhith air a shàsachadh air sgath eu-ceartas cridhe sam bith, a dh’fheumas ar dealachadh bhon Aon Uile-naomh; ach neartaiche sinn airson gun dèan sinn an nì cheart a-thaobh ge be cò sam bith air an do rinn sinn cron ann an smuain, facal no gnìomh; airson a bhith ag àicheadh gach uile phlana a bhiodh againn a-thaobh nithean eucorach a dhèanamh san àm a tha romhainn; airson ar smuaintesan a thur-ghlanadh, agus a bhith a’ riaghladh ar miannan, airson nach bi nì a’ seasamh eadar sinne agus thusa, ach gun robh sinn a’ mealtainn do shìth-sa a tha thar gach uile thuigse – Amen.
Rowland Williams (1818-1870)

 

13mh dhen Ghiblinn [104]

A Dhè ar n-Athair, Math thairis air gach uile math eile, Àilleachd thairis air gach nì àlainn eile, anns a bheil ciùine is sìth; gun robh thusa a’ càradh an àimhreit a tha gar sgaradh bho chèile, agus thoir air ais sinn a-steach do aontachd a ghràidh, a dh’fhaodadh a bhith a’ giùlain rudeiginn den nàdar òirdheirc agad fhèin.

Deònaich gun robh sinn gu spioradail mar aon – unnainn fhèin a cheart cho cìnnteach ri còmhla ri feadhainn eile, tron t-sìth sin agadsa a tha a’ dèanamh gach nì sìtheil, agus tro ghràs, tro thròcair, agus tro chaomhalachd d’ Aon Mhic Fhèin – Amen.
(Litirdi Seumasach an Naoimh Dionisius)

Beannaich mi, A Dhè, le gradh dhut fhèin, agus dha mo nàbaidh. Thoir dhomh sìth nam chogais, agus buaidh thairis air mo mhiannan; agus a-thaobh gach eile, Do thoil-sa gun robh dèainte! A Rìgh na sìthe, glèidh sinn ann an gràdh agus ann an carthannas – Amen.
Tòmas MacUilleim (1663-1755)

 

14mh dhen Ghiblinn [105]

A Thighearna, dèan deiseal mo chridhe, tha mi a’ guidhe ort, airson ùmhlachd a thoirt dhut-sa, airson a bhi ag adhradh riut, a bhi ga do ghràdhachadh; gun fuathaichinn – air sgath gràidh dhutsa – mo pheacaidhean air fad, mo neo-choileantasan, mo theachdan-geàrr, ge be dè annamsa a bhiodh mi-thaitneach dhut; agus gun gràdhaichinn gach uile nì as gràdh leat-sa, agus gach uile nach neach as gràdh leat-sa.

Thoir dhomh, a Thighearna eud gràidh, nàire airson mo neo-thaingealachd, bròn airson mo pheacaidhean, miann airson do ghràs, agus, gum bithinn uile-gu-lèir aonaichte leat fhèin.

Deònaich gun robh m’ fhuachd-sa fhèin a’ gairm airson laisir do ghràidh; gun robh m’ fhalmhachd agus mo thiormachd, mar thìr neo-thorrach thartmhòr, pàdhteach air do shon fhèin, a’ gairm ort-sa tighinn a-steach na m’ anam – thusa a tha ag ath-ùrachadh nam muinntir a tha sgìth.

Deònaich gun robh mo chridhe a’ cràdh thugad-sa agus air do shon-sa, a tha a’ socrachadh cràdh a chridhe. Deònaich gun robh mo mhiannan bhalbha, ga do mholadh-sa, ga do mhiannachadh-sa, a tha a’ sasachadh an t-anam fhalamh, a tha a’ feathamh ort fhèin – Amen.
E. B. Pusey (1800-1882)

 

15mh dhen Ghiblinn [106]

Air do mholadh gun robh thusa, A Dhè, Uachdaranain Uile-chumhachdaich, a tha a’ dèanamh an là soillear le deàlraidhean do grèine, agus an oidhche le na gathan à teinntean nèamhaidh!

Èist a-nis ri ar n-ùrnaighean, agus maith dhuinn a dà chuid ar seachranan air a bheil sinn co-eòlach agus an fheadhainn air nach eil.

Bi gar n-èideadh le armachd na fìreantachd; bi gar sgiathadh le d’ fhìrinn; cùm sùil thairis oirn le do chumhachd; saor sinn bhon a h-uile calldachd; agus builich gràs oirn airson a bhith a’ cur seachadh uile laithean ar beatha: gu neo choireach, naomh, sitheil, saor bhon pheacadh, chuis-eagail, agus mhì-thaitneas.

Oir leatsa tha tròcair agus mòr-shaorsa, ar Tighearna is ar Dia, agus thugad-sa tha sinn a’ toirt ar taing agus moladh – Amen.
(Eaglais Ghreùgach)

 

A Thighearna cluinn m’ùrnaigh, coilean mo mhiann a bhith a’ dèanamh math, agus seo gu moladh d’ainm nomha-sa – Amen.
Portas Shàruim (A.D. 1085)

 

16mh dhen Ghiblinn [107]

Èist ri ar n-ùrnaidhean, A Thighearna, is rannsaich ar miannan. Builich fìor iriosalachd oirn, spiorad mhacanta agus shàmhach, beatha a tha gràdhach agus càirdeil, naomh agus feumail; ag iùlainn eallaichean ar nàbanan, gar n-àicheadh fhèin, is a’ dèanamh rannsachaidh airson a bhith nar buaidh do dhaoine eile, agus airson do thoileach-sa anns a h-uile nì.

Ceadaich dhuinne gum biodhmaid fìreanta ann a bhith a’ coileanadh ar geallaidhean, gràdhach dha ar càirdean, cùramach a thaobh na chuir thu air ar cùram, gum biodhmaid càomhalach agus furasta a bhith air ar n-earalachadh, slaodach gus a bhith a tionndadh gu feirg agus deiseal is deònach airson gach obair mhaith – Amen.
Deremaidh Tàillear (1613-1667)

A Thighearna, deònaich dhaibhsan uile a tha a’ cathachadh airson na creidimh, nach dèanadh iad cron oirre tro stàirn agus mi-fhoighidinn; ach, ag aithris d’fhìrinn-sa ann an gràdh, gun taisbeanadh iad i ann an leithid de dhòigh ’s gum biodh gràidh aig doine oirre, agus gum faiceadh daoine do mhaitheas-sa agus d’ àilleachd innte – Amen.
Uilleam Bright (1824-1901)

 

17mh dhen Ghiblinn [108]

Thig, a Thighearna, ann am mòr-thròcair sìos a-steach dham anam, agus sealbhaich e, is fuirich ann. Taigh-tighearna dachaigheil, dh’aidichinn, airson Mòralachd cho glòirmhor, ach an seorsa a tha thusa ag ullachadh airson airson a bhith gad shealbhachadh fhèin, tro mhianan naomha is eudmhor a tha thu fhèin air a dheachdadh.

Thig a-steach mar sin, agus àilnich, agus dèan an seòrsa dheth anns am b’urrainn dhut fhèin fuireach, air sgath ’s gur h-e obair do làimhe-sa a th’ann.

Thoir dhomh thu fhèin, oir as d’aonais-sa, ged a thoireadh tu dhomh a h-uile nì a rinn thu riamh, cha b’urrainn dham mhiannan a bhith air an sàsachadh. Leig le m’ anam an còmhnaidh a bhith gad shireadh-sa agus leig leam cumail orm a sireadh, gus am faigh mi, agus gus am bi mi air do shealbhachadh-sa gu coileanta – Amen.
Naomh Augustin (354-430)

O, A Dhè as ro-ghràdhaiche, builich gràdh leanabail orm-sa air do shon fhèin, a chathadh a-mach a h-uile eagal – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

 

18mh dhen Ghiblinn [109]

A Thighearna tha mi gam thabhainn fhèin dhutsa, tha m’ uile earbsa annad. Tha thusa nas glice na mise – tha barrachd gràidh agad dhomh na tha agam dhomh fhèin. Ceadaich gun coileanadh tusa do rùintean àrda annamsa ge b’ e dè a th’annta – obraich annam, agus tromham.

Rugadh mise airson seirbheis a dhèanamh dhut, airson gum b’ ann leatsa a bhithinn, airson a bhith nam ionnsramaid agadsa. Chan eil mi a’ faighneachd gum faicinn – chan eile mi a’ faighneachd gum biodh fios agam – tha mi a’ faighneachd gu simplidh gum bithinn air mo chleachdadh – Amen.
Iain Eanraig Newman (1801-1890)

Dèan dhìon air d’ athchuingichean, thoir taic dhaibh nan laigsean, agus glan às an smalan talmhaidh; agus fhad ’s a tha iad a’ coiseachd am measg dorchadas na beatha bhàsail seo, gun robh thu an còmhnaidh gam beothachadh tro do sholas; dèan cobhair orra bhon a h-uile aingidheachd na do thròcair, agus deònaich dhaibh gun ruigeadh iad àrd-ìrean a mhaith; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Leonach (440)

 

19mh dhen Ghiblinn [110]

Coilean d’ obair fhoirfe fhèin nar n-anman, O Athair; thoir dhuinn gum bi sinn a’ fàs nas tur-ghlaine ’s nas tur-ghlaine, là thar là, nas saoire, nas nèamhaidhe, nas toilichte, agus glèidh sinn chun a bheatha shìorraidh.

Beannaich, gluais, agus cùm sinn, is tog gu cumhachdach sinn as cionn gach nì a thoireadh ar n-aire air falbh, thugad fhèin ’s am mothachadh mu do cho-chomann a tha a’ toirt aoibhneas dhaibhsan uile a tha a’ fantainn ann.

Mar a tha, tha sinn fhathast air ar ceangal le mòran shlabhraidhean; tha sinn a’ stad am measg nithean a tha faicsinneach is tìmeil, agus tha sinn a’ faireachdainn an t-sàrachaidh aca; tha sinn a’ fèin-fhiosrachadh stoirmean an t-saoghail a tha air an taobh a-muigh, agus a’ strì ri a thinneasan. Ach chan eil sinn fo oillt, oir is barrachd sinne na ùir is dust, tha sin coltach riutsa, A Spioraid an Tighearna, agus ’s urrainn dhuinn do bhuaidh nèamhaidh-sa fhèin-fhiosrachadh.

Bi gar n-aonadh gu sìorraidh dlùth ri buidheann nam muinntir le cridheachan dhìleas a tha thusa a’ naomhachadh ’s ag ullachadh airson nèamh; lìon sinn le an creideamh-san, agus an gràdh-san, agus an dòchas-san – Amen.
V. R. Reinhard (1753-1812)

 

20mh dhen Ghiblinn [111]

A Thighearna, aig a bheil slighean chearta, gèidh sinn na do thròcair bho aidmheil a bhiodh bho bhilean a-mhàin agus bho mhodhan fhalamh; bho ainm a bhith againn gu bheil sinn beò, ach aig an aon àm sinn a bhith marbh.

Cuidich leinn ann a bhith ag adhradh riutsa tro ghnìomhan fhìreanta agus beathanan a tha naomh; airson gum bi ar n-ùrnaighean air an sgaoileadh a-mach na do shealladh mar thùis, agus togail ar làmhan mar ìobairt fheasgair.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

Las annainne teine do ghràidh; cuidich le ar laigse, airson, air ar neartachadh annadsa agus leatsa, gum bi sinn mothachail tro obraichean mhatha ar gairm agus ar taghadh a dhèanamh cinnteach.

Ge b’ e dè a lorgas ar làmhan airson a dhèanamh, gun dèanamaid anns a bhad e, le miann a bhith ga do thoileachadh-sa a-mhàin, agus an uairsin gum b’ e tusa thu fhèin ar dìoladh ro-mhòr-ne – Amen.
(Pàrras Airson an Anaim Chrìosdail)

 

21mh dhen Ghiblinn [112]

Agus a-nis, a Thighearna, dè an dòchas a th’agam? Gu fìrinneach ’s ann annadsa a tha mo dhòchas. Ged a choisichinn tro ghleann dorcha sgàile a bhàis, chan eagal leam olc sam bith.

A Thighearna ’s aithne dhut-sa cò às a tha sinn dèainte; bidh thu a’ cuimhneachadh nach eil annainn ach dust. Is ann leatsa a tha mi. O, teasairc mi! Faic, a Thighearna, gur h-e do sheirbhiseach a th’annam, agus mac do bhanòglaich.

Do sheirbhiseach neo-thairbheach; ach do sheirbhiseach a dh’aindeoin sin. Do leanabh-stròdhail chaillte, ach do leanabh a dh’aindeoin sin. A-steach dha do làmhan-sa tha mu gam earbsa fhèin mar gu Cruithear dìleas.

A Thighearna, chaidh mo chruthachadh nad ìomhaigh fhèin. Nar leigeadh gum biodh d’ìomhaigh-sa air a mhilleadh gu lèir, ach ath-ùraich e a-rithist ann am fìreantachd agus fìor naomhachd.

A-steach dha do làmhan-sa tha mi gam earbsa fhèin, oir tha thusa air mo shaoradh, thusa a Dhè na fìrinn – Amen.
Lancelot Andrews (1555-1626)

 

22mh dhen Ghiblinn [113]

Foillsich thu fhèin, a Thighearna, is dèan trocair air do leanabh, agus thoir na ceumanan aige a-steach do shlighe na sìthe.

Thusa aig a bheil aithne air ar smuaintean, dèan thu fhèin aithnichte dha ar cridheachan; thusa a tha tha bhon t-sìorraidheachd, leig leinn coimhead air d’ fhìrinn.

Nach eil thu air ar n-anaman a dhèanamh nad choslas fhèin? Thoir air falbh an dath bhon ghloinne agus leig leinn coimhead oirre nad ìomhaigh-sa.

An uair a rùnaicheas tusa, tha d’ fhacal a’ dol a-mach, bidh tu ag anaileachadh a-mach do ghràdh-sa, agus tha ar n-anaman air an ceangal riutsa.

Thoir air falbh nàire agus cronachadh bhuam; ùraich annam do neart, agus seall dhomh slighe na sìthe.

Tionndaidh a-rithist mi, agus bidh mi air mo thionndadh; thoir air falbh an dorchadas a tha gad fhalach-sa, agus ann an solas an Dè bheò gum faicinn solas – Amen.
Rowland MacUilleim (1818-1870)


23
mh dhen Ghiblinn [114]

A Dhè uile-chumhachdaich! Saoibhreas shìorraidh nan uile nithean! Tha thusa a’ lìonadh a h-uile nì le pailteas; tha thusa ag èideadh lilidhean nam machrach, agus a’ biadhadh nam fithich òga a tha a’ gairm ortsa.

Deònaich gum biodh do fhreasdal-sa na stòr-thaigh dhomh-sa, na dh’fheumas mi tomhas mo mhiann; ach na leig le mo mhiannan a bhith sanntach, no mo shaothair ana-measarra, no mo chùram sàraichte agus a’ toirt m’ aire air falbh; ach measarra, naomh, fo uachdaranachd do rùin-sa, an tomhas a dh’òrdaich thusa dhomh – Amen.
Jeremaidh Tàilear (1613-1667)

Ceadaich dhuinn, A Thighearna, ghuidheamaid ort, gun sireamaid an còmhnaidh do rioghachd agus d’ fhìreantachd; agus ge be dè a chitheas tu a tha a dhìth oirnn, builich gu tròcaireach cuibhreann phailt dhuinn; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Gelàsianach (A.D. 492)


24
mh dhen Ghiblinn [115]

O thusa as e gràdh agus a tha a’ còmhnaidh ann an gràdh! teagasg dhuinne anns an nì seo a bhith nar luchd-leantainn dhìotsa, mar chloinn ghràdhach. Nach dùininn aig àm sam bith ar cridheachan an aghaidh bròin fiù’s nan neo-thaingeil agus iadsan a tha olc.

Dèan buill de do chaomh-thròcair dhuinne, airson a bhith a’ socrachadh nam muinntir a tha brùite, airson a bhith a’ togail iadsan a nì aithreachas, agus a bhith a’ sireadh agus a’ teàrnadh iadsan a tha caillte; gus am bi eòlas aig na h-uile aig an deireadh orra fhèin mar do chloinn-sa, agus gus am bi iad nan aon le càch a chèile is leatsa – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

A Dhè, a tha a’ toirt daoine a-mach à dorchadas agus sgàile a bhàis, a leithid nam muinntir sin a tha air an ceangal ann an àmhgharan agus ann an iaran, saor sinn, ghuidheamaid ort, bho shlabhraidhean ar peacaidhean, agus na do mhòr thròcair treòraich sinn bhon a h-uile olc, tro Iosa Crìosd – Amen.
(Portas Ròmanach)

 

25mh dhen Ghiblinn [116]

O thusa a tha làn truais, tha mi gam earbsa ’s gam mholadh fhèin thugadsa, anns a bheil mi, anns a bheil mi beò, agus anns a bheil aithne agam. Bi fhèin nad amas dhomh nam eilithireas, agus nam shuaimhneas anns an t-slighe.

Leig le m’ anam gun gabhadh e fasgadh bho bhrùthadh a-steach de thruailleadh smuaintean shaoghalta fo sgàile do sgèith; leig le mo chridhe, a mhuir seo de thonnan neo-fhoismhor, sìth fhaotainn annadsa, a Dhè.

Thusa aon-buileachaidh gach uile mhòr-thiodhlac, builich airsan a tha acrach biadh a dh’ath-bheothaicheas; cruinnich ar smuaintean agus ar cumhachdan a tha air a dhol air seachran air ais gu co-sheirm a-rithist; agus leig ma sgaoil na prìosanaich.

Seall, tha e a’ seasamh aig do dhoras-sa agus a’ gnogadh; gun robh e air fhosgladh dha, airson gun tigeadh e a-steach le ceum shaor, agus gun robh e air a bheothachadh air do sgàth-sa. Oir is tusa fuaran na beatha, solas an t-soilleireachd shìorraidh, anns am bi nam fìrean, aig a bheil gràdh dhutsa, a’ còmhnaidh. Gun robh e dhòmhsa a-rèir d’ fhacail-sa – Amen.
Naomh Augustin (354-430)

 

26mh dhen Ghiblinn [117]

A Dhè uile-chumhachdaich agus as ro-thròcairich, anns a bheil sinn beò, agus a’ gluasad, agus anns a tha ar bith againn; a Thighearna thar gach uile bheatha; Bun gach uile sholas, a’ treòrachadh agus a’ riaghladh na h-uile nithean à do chaomh-ghràdh is do chumhachd!

Cluinn ar buidheachas dhuitsa airson gach uile sòlas a tha thu a’ cur dhan bheatha thalmhaidh; ach gu sònraichte airson an aoibhneis a thig tro pheacadh a bhith air a mhaitheadh, laigse a bhith air a neartachadh, buaidh a bhith air a ghealltainn agus a bheatha shìorraidh a bhith air a sireadh.

Ceadaich dhuinn uile – le làn-mhothachadh mu gun deachaidh sinn ceàrr ’s air seachran bho do shlighean-sa – gum biodh sinn a cheart cho mothachail mu ar feum air a bhith a’ dol air ais a-rithist chun a Bhuachaille Mhaith.

Nar leigeadh gum biodh teagamh ann le gin againn mu gum bi thusa a’ maitheadh – fiù’s gu h-iomlan – iadsan uile a tha a teàrnadh dhlùth ann an aithreachas thugad; airson, mar seo, gun sealbhaicheadh sinne a tha peacach, agus brònach a chionn gu bheil sinn peacach, agus brònach ann a bhith a’ peacachadh, an là seo fhèin aoibhneas an Tighearna – Amen.
Seòras Dawson (1821-1876)

 

27mh dhen Ghiblinn [118]

A Dhè thròcairich, gun robh thusa a-nis na do thùr-dìoin làidir dhomh-sa, tha mu a guidhe, gu h-iriosal, ort.

Builich gràs orm airson feathamh air d’ fhois-sa, agus gun giulaininn gu foighidneach na tha thusa a’ dèanamh rium; gun a bhith teagmhach no mi-earbsach mu do mhaitheas gam thaobh-sa; oir is aithne dhuit-sa dè a tha math dhomh-sa nas fheàrr na ’s aithne dhomh fhèin e.

Mar sin dèan leam anns an h-uile nithean na dh’ìarras tu fhèin; dìreach bi gam arm-sa, ghuidheam ort, le d’armachd; as cionn gach nì eile, a’ gabhail dhomh fhèin sgiath na creidimh; ag ùrnaigh an còmhnaidh gun robh mi gam thionndadh fhèin gu coileanta gu do rùn-sa, a’ fantainn na do thoil-sa, agus gam chomhfhurtachadh fhèin anns na trioblaidean sin a bhios tusa deònach a chuir thugam, a’ faicinn gu bheil a leithid de thrioblaidean tairbheach dhomh; agus tha mi gu cinnteach den ìnntinn nach urrainn dha na nì thusa ach a bhith math; agus dhuit-sa gun robh a h-uile urram agus glòir – Amen.
Jane Grey (1553)

 

28mh dhen Ghiblinn [119]

A Thighearna, aig a bheil gràdh dhan choigreach, cuir do dhìon air agus biadhaich, ghuidheamaid ort, a h-uile neach-cuairt ann an tìrean coimheach agus daoine bochda gun chuideachadh, airson gun glòirich iad thusa a-mach à cridheachan thaingeil; agus gu a leithid de dhaoine ’s a tha ain-tighearnail agus a’ cuir dhaoine fhon casan builich rannsachaidhean spioraid agus atharrachadh ann an dòighean, airson gum b’urrainn dhut tròcair a bhuileachadh orrasan cuideachd – Amen.
Cairistiona G. Rosetti (1830-1895)

A Dhè a ghràdh, a tha air àithne ùr a bhuileachadh, tro d’ aon-ghin-mhic, gum bu chòir dhuinne càch-a-chèile a ghràdhachadh, fiù’s mar a ghràdhaich thusa sinne – nan neo-airidh agus nan seachranach – agus gun tug thu Mac do ghràidh airson ar beatha agus ar slàinte; tha sinn a’ guidhe ort a Thighearna, thoir dhuinne do sheirbhisich, ann am fad ùine ar beathanan air thallamh, inntinn a dhi-chuimhnicheas mu mi-rùin a dh’fhalbh, cogais fhìor-ghlan agus smuaintean onaireach, agus cridhe a bhitheadh a’ gràdhachadh ar bràithrean – Amen.
(Litirdi Coptach an Naoimh Siril)

 

29mh dhen Ghiblinn [120]

Tha gràdh againn dhuit-sa, ar Dè; agus tha miann againn a bhith gad ghràhachadh barrachd is barrachd. Ceadaich dhuinne gum biodh na h-uidhir de ghràdh againn dhuit-sa ’s a tha sinn a’ miannachadh, agus, na h-uidhir ’s a bu chòir dhuinn.

A, a charaid as prìseile, a tha – gu ìre cho mòr – air ar gràdhachadh ’s air ar teàrnadh, tha a bhith a’ smaoineachadh ort cho milis, is an còmhnaidh a’ fàs nas mìlse, thig le Crìosd agus bi a’ fuireach nar cridheachan; an uairsin cumaidh tu faire thar ar bilean, ar ceumanan, ar gnìomhan, agus chan fheum sinn a bhith fo chùram mu ar n-anaman no ar bodhaigean.

Builich gràdh oirnn – an tiodhlac as mìlse dhiubh air fad – aig nach eile aithne air nàmhaid sam bith. Builich gràdh tur-ghlan nar cridheachan, a rugadh à do ghràdh-sa dhuinne, airson gun gràdhaich sinne feadhainn eile mar a tha thusa gar gràdhachadh-ne.

O Athair as ro-ghràdhaiche ar Tigheara Iosa Crìosd, uaithe a tha a h-uile gràdh a’ sruthadh, deònaich gun biodh ar cridheachan – air an reothadh ann am peacadh, fuar riutsa, agus fuar ri daoine eile – air am blàthachadh leis an teine dhiadhaidh seo. Mar seo cuidich agus beannaich sinn na do Mhac – Amen.
Naomh Anslem (1033-1109)

 

30mh dhen Ghiblinn [121]

A Dhè uile-chumhachdaich, cuidich leinn ann a bhith a’ cur air falbh gach searbhachd is corraich is droch-chòmhradh, cuide ri mìorun. Gun robh sinn a’ sealbhachadh ar n-anaman ann am foighidinn, ge be dè an dòigh anns am bi sinn air ar buaireadh no air ar piobrachadh, agus nach toireadh buaidh thairis oirne, ach gun robh sinne a’ toirt buaidh thairis air an olc.

Dèan comasach sinn, a Dhè na foighidinn, a bhith ag iùlainn eallaichean chàch-a-chèile, agus a bhith a’ fulang le càch-a-chèile ann an gràdh. O teagasg dhuinn, agus cuidich leinn uile, a bhith beò ann an sìth agus a bhith a’ gràdhachadh ann am fìrinn, a’ leantainn sìth le na h-uile dhaoine agus a’ coiseachd ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus bhuaithe-san gun robh sinn ag ionnsachadh a leithid de mhacantas agus de dh’iriosalachd spioraid is gun robh sinn a’ faighinn suaimhneas dhar n-anaman ann-san.

Ciùinich a h-uile dìoghaltas shearbh nar n-inntinnean, agus deònaich gun robh lagh a chaoibhneis nar teanganan, agus spiorad mhacanta agus shàmhach nar beathanan uile. Dèan cho caomh is sìtheil sinne ’s gun biodh sinn nar luchd-leantainn leatsa mar chloinn ghràdhach, airson gum b’urrainn dhuit-sa, Dia na sìthe, a bhith a’ fuireach còmhla rinn gu bràth – Amen.
Beniamain Jenks (1646-1724)