1d dhen Mhàirt [61]
A Spioraid Naoimh, A Ghràidh Dhè, dòirt do ghràs, agus thig sìos gu pailt dha mo chridhe; soillsich oiseanan dorcha an àite còmhnaidh seo a tha air a bhith air a chuir ann an dìmeas, agus sgaoil an sin do ghathan chridheil; fan anns an anam sin a tha a’ miannachadh gum b’ e do Theampall-sa a bhiodh ann; uisgich an talamh neo-thorrach, a th’air a thachdadh le cogail is droighinn, ’s air a chall air sgàth cin-leasachaidh, agus dèan torrach e le do dhealt bho nèamh.
O thig, thusa a shàsaicheas iadsan a tha a’ fannachadh agus a’ dol ann an laige. Thig a Rionnaig is Aon-treòrachaidh nam muinntir a tha a’ seòladh ann am muir stoirmeil an t-saoghail; thusa an t-aon Chala a th’ann dhaibhsan a tha air an cath ’s air an long-bhriseadh. Thig, a Ghlòir ’s a Crùin nam muinntir a tha beò, agus an t-aon chinnteas a th’ann dhaibhsan a tha a’ bàsachadh.
Thig, A Spioraid Naoimh, ann am mòr-thròcair, agus dèan freagarrach mise airson do shealbhachadh – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
2mh dhen Mhàirt [62]
Èist rinn, a Sholais neo-fhàilignich, A Thighearna ar Dia, Fuaran an t-Solais, Solas d’ ainglean, Solas d’ uachdaranachdan, Solas do chumhachdan, ’s a h-uile bith aig a tha tuigse; thusa a tha air solas do naoimh a chruthachadh.
Gun robh ar n-anman nan lanntairean a bhuineadh dhutsa, air am beothachadh ’s air an soillseachadh leat fhèin. Gun deàlradh ’s gun losgadh iad leis an Fhìrinn, agus nach deidheadh iad a-mach gu sìorraidh ann an dorchadas agus ann an luaithre.
Gun robh duibhre pheacaidhean air an sguabadh air falbh, agus gun robh solas creideamh neo-chrìochnach an còmhnaidh a’ fuireach nar broinn – Amen.
Motsarabach (ro 700)
A Dhè, a Rìgh Mhaith an anaim, a tha ag iarraidh uile chridheachan do chuid cloinne; saor sinn bhon a h-uile leisge nad obair-sa, a h-uile fuachd nad adhbhar; agus deònaich dhuinne, tro a bhith a’ coimhead riutsa, gun ath-nuadhaicheadh sinn ar neart, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Uilleam Soilleir (1824-1901)
3mh dhen Mhàirt [63]
A Dhè, Ghràismhoir is thròcairich, builich oirnne, tha sinn a’ guidhe ort, earbsa umhail na do thròcair-sa, agus na leig le ar cridheachan ar fàilligeadh. Ged a bhiodh ar peacaidhean nan seachd, ged a bhiodh seachdad seachd peacaidhean againn, ged a bhiodh barrachd peacaidhean againn na fuiltean ar cinn, a dh’aindeoin sin thoir gràs dhuinn airson gun cathadh sinne sinn fhèin sìos ann an aithreachas gràdhach a-steach ann an doimhneachd do chaoimh-thròcair – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè, bun a bheannachdais choileanta, a tha a’ teagasg dha d’ fheadhainn dhìleas a bhith a’ coiseachd na do laghan, a bhith a’ rannsachadh do theisteasan, a bhith a’ cumail d’ àithntean; deònaich d’ fhìreantachd dhuinne ghuidheamaid ort, airson gun sir sinn thu fhèin le ar n-uile chridheachan; airson gum bi sinne – a tha, thuige seo, air a dhol air seacharan mar chaoraich chaillte, ’s a chaidh ar n-ath-chruinneachadh le do ghàirdeanan choibhneil – a’ dèanamh aoibhneas ann an glòirean Phàrrais, tro Ìosa Crìosd do Mhac – Amen.
Sàcramaideachan Shàruim (1085)
4mh dhen Mhàirt [64]
Canaidh mi ri mo Dhia, mo Thighearna agus mo Rìgh, “O nach mòr a tha saoibhreas do mhaitheis, A Thighearna, a tha thusa air a’ ghlèidheadh suas dhaibhsan air a bheil d’ eagal.”
Ach dè a thannad-sa dhaibhsan a tha ga do ghràdhachadh? Dè dhaibhsan a tha a’ dèanamh seirbheis dhut le an uile chridheachan? An seo gu sònraichte tha thu air mìlseachd do ghràidh fhoillseachadh dhomh; gun do chruthaich – nuair nach robh mi ann – thusa mi; gun tug thu – nuair a bha mi fada air seacharan air falbh bhuat – air ais mi a-rithist, airson gun dèanainn seirbheis dhutsa, agus a chionn gu bheil thu air àithne a thoirt dhomh do ghràdhachadh.
B’ fheàrr leam gun robh mi an comas, aig a char as ìsle – airson aon là – seirbheis airidh air choireiginn a dhèanamh dhut.
Gu fìrinneach is tusa mo Thighearna, agus is mise do sheirbhiseach-sa, a tha air a cheangal ri bhith a’ dèanamh seirbheis dhut le m’ uile neart; agus ’s e seo tha mi ag iarraidh a dhèanamh, ’s e seo tha mi a’ miannachadh; agus ge b’ e dè a tha a dh’uireasbhaidh orm, gu robh thusa, guidheam ort, deònach a thoirt dhomh – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
5mh dhen Mhàirt [65]
Aon Neo-chrìochnach is Naomha – as aithne dhuinne mar ar n-Athair, agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd – tha sinn a’ toirt taing gu h-umhail dhut airson an tròcair a chruthaich sinn bhon dust, ’s airson an tròcair a tha nas mò a dh’uchd-mhacaich sin mar do chuid cloinne.
Airson na miannan neo-bhàsmhor, a chuir thu annainn, airson nithean neo-fhaicsinneach – airson an t-sàsachaidh a th’annta annad fhèin, tha sinn a’ toirt taing dhut; agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachas a chionn gu bheil thu air a bhith deònach ar spioradan lag is dhaoinneil a mhisneachadh, le bhith a’ taisbeanadh rudeigin de choileantasan do nàdair dhuinne, agus le bhith gar gairm gus a bhith a’ leantainn as do dhèidh.
Deònaich, tha sinn ag ùrnaigh, gun leanadh an t-ùmhlachd againne do chaomh-thròcair. Agus gun robh thusa a’ dearbhadh ar rùintean as fheàrr le bhith ag ath-ùrachadh ar mothachadh dhe do làthaireachd-sa, airson, air an dà làimh, gun co-shamhlaich sinn do nàdar, agus, gun gabh sinn ri do làimhseachadh oirnn ann an spiorad earbsach a tha coltach ri fear leanaibh, agus, tro chuideachadh do Mhic ghràdhaich, Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)
6mh dhen Mhàirt [66]
A Thighearna, ar roinn dhar dìleab, builich gràs oirnn, tha mi a’ guidhe ort, airson nach biodhmaid, aig àm sam bith, ag amas air, no a’ miannachadh, nì sam bith an taobh a-muigh dhìot fhèin. Na tha sinn an comas a mhealtainn annadsa, thoir dhuinn – a-rèir do thoil; an nì nach urrainn, gun robh thu ga àicheadh dhuinn – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
Deònaich dhuinne, A Thighearna Dia, gun robh sinn a’ gràdhachadh a chèile gun cheilg; oir far a bheil gràdh, tha thusa; agus is ann bhuatsa a rugadh esan a tha a’ gràdhachadh, agus tha e a’ fantainn annadsa, agus thusa annsan. Agus far a bheil bràithrean ga do ghlòireachadh le aon inntinn, an sin tha thusa a’ dòrtadh a-mach do bheannachd orrasan.
Gràdhaich sinn, mar sin, A Thighearna, agus dòirt do ghràdh a-steach nar cridheachan, airson gun gràdhaich sinn thusa, agus ar bràithrean – annadsa ’s air do shon-sa – mar chloinn gu lèir as leat fhèin, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leabhar nan Ùrnaighean Chrìosdail (1578)
7mh dhen Mhàirt [67]
A Thighearna, cluinn; A Thighearna, maith; A Thighearna, dèan; cluinn an nì nach can mi, maith na chanas mi a tha ceàrr, dèan na dh’fhàg mi neo-dhèante; airson – chan ann a rèir m’ fhacal-sa no mo ghnìomh, ach a-rèir do thròcair-sa agus d’fhìrinn – gun tèid a h-uile nì a chuir a-mach gu glòir agus maith do rìoghachd – Amen.
Maria Geàrr (1798-1870)
A Dhè Uile-chumhachdaich agus Shìorraidh, a tha air do nàdar a thaisbeanadh mar ghràdh ann an Ìosa Crìosd do Mhac: tha sinn ag ùrnaigh gu h-iriosal gun toireadh tu do Spiorad Naomh dhuinn, airson do ghlòireachadh, agus tron a seo gun robh sinn air ar n-èigneachadh tro do chumhachd dhiadhaidh gus a bhith ga do ghràdhachadh a-rithist le ar n-uile anman, agus ar bràithrean mar sinn fhèin; airson, mar sin, tro do ghràs, gum biodh sinne air ar sàsachadh le gràdh, agus gu sìorraidh tuilleadh a’ fantainn annadsa, agus thusa annainne, le làn aoibhneas, agus saor bho eagal no cion-earbsa, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Taghadh Bhunsein
8mh dhen Mhàirt [68]
Tha sinn a’ beannachadh agus a’ moladh agus a’ meudachadh d’ ainm-sa, a Dhè ar n-athraichean, a tha air ar treòrachadh a-mach a sgàileanan na h-oidhche aon uair eile a-steach do sholas an là.
’S ann chun a chaoibhneas-gràidh agadsa a tha sinn a’ guidhe; bi tròcaireach a-thaobh ar droch-bheartan; gabh ri ar n-ùrnaighean air sgàth lànachd do thruacantasan, oir is tusa ar teàrmann bho aon ghinealach chun an ath thè.
Fuiling gun lasadh fìor Ghrian d’ fhìreantachd-sa nar cridheachan, soillsich ar reusan, agus tur-ghlan ar mothachaidhean; airson, air sgàth sin, gu coisich sinn gu h-onaireach mar anns an là, ann an slighe d’ àithntean, agus gun ruig sinn, mu dheireadh, a bheatha mhaireannach, far an dèan sinn aoibhneas na d’ bheatha do-ruigsinneach-sa.
Oir is tusa Fuaran na Beatha, agus na do sholas-sa chì sinne solas – Amen.
Eaglais Ghreugach
9mh dhen Mhàirt [69]
O, Aon rannsachaidh chridheachan, ’s aithne dhutsa sinne nas fheàrr na ’s aithne dhuinne sinn fhèin, agus chì thu na peacaidhean a tha ar peacadh a’ falach bhuainn.
Ach tha fiù’s ar cogaisean fhèin a’ togail fianais nar n-aghaidh, gum bi sinn tric a’ cadal tro ar faire òrdaichte; nach bi sinn an còmhnaidh a’ coiseachd gu gràdhach còmhla ri chèile, no gu h-iriosal leatsa; agus gum bi sinn a’ cumail air ais an ìobairt choileanta sin – as e sinn fhèin – ri do rùn choileanta-sa, as aonais a leithid nach eile sinn air ar ceusadh còmhla ri Crìosd, no nar luchd co-roinn dhen ath-cheannach aigesan.
O seall air ar n-aithreachas, agus tog suas ar laigse, agus leig le camhanaich an là fhathast èirigh nar cridheachan, agus gun toireadh e thugainn slàinte, neart, is aoibhneas.
Là-thar-là gun robh sinn a’ fàs ann an creideamh, ann am fèin-àicheadh, ann an carthannas, ann an inntinn a tha stèidhichte air nèamh.
Agus an uairsin, measgaich sinne mu dheireadh thall leis an t-sluagh mhòr de do luchd ath-cheannaichte fhèin gu sìorraidh – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)
10mh dhen Mhàirt [70]
A Thighearna, coilean, ghuidheamid ort, an creideamh againne a tha a’ creidsinn, agus cuir sìol mhaith a chreideamh ann an cridheachan nam muinntir aig nach eil e fhathast: airson gun coimheadadh sinn uile gu neo-ghluaiseach thugadsa, agus gun ruitheadh sinn le foighidinn an rèis a tha air a chuir a-mach romhainn.
Builich gràs oirnn airson ar chreideamh fhoillseachadh tro ar n-obraichean; teagasg dhuinn a bhith a’ coiseachd tro chreideamh, a’ toirt urraim dha na geallaidhean: a bhios tusa na do thròcair a’ toirt dhuinn airson an sealbhachadh nad ùine mhath fhèin, O ar Tighearna Dia ro-ghràsmhor agus ar Slànaighear – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Thighearna, deònaich gun robh d’anail naomh an còmhnaidh a’ cumail an teine sin beò annainne a thàinig do Mhac airson a lasadh air an talamh, airson gum biodh sinne cuideachd air ar n-ungadh le spiorad na sìthe, na naomhachd, agus na h-ùmhlachd, ’s a’ fuireach na do cho-chomann-sa gu sìorraidh – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)
11mh dhen Mhàirt [71]
A Dhè, a tha a’ faicinn ar n-uile laigsean, agus na h-àmhgharan a tha gar sàrachadh, èist ri ùrnaighean do sheirbheisich, a tha a’ cuir feum air do chofhurtachd, do threòrachadh, ’s do chuideachadh.
Is tusa a-mhàin as aithne dè as fheàrr dhuinn; nar leigeadh gun dèanainn-sa argamaid an aghaidh do ghliocas no do mhaitheas. A Thighearna, ullaich mo chridhe chun na h-ìre ’s nach biodh an cothrom aig fulangas sam bith tighinn orm gun fhiosta airson a bhith na chus dhomh.
Dèan mise deònach a bhith a’ fulang ge b’ e dè a chuireas do Fhreastal an òrdugh, no na cheadaicheas e. Deònaich nach bithinn a’ brunndail an aghaidh do Fhreastail, no gum bithinn fiadhaich an aghaidh mhinistearan do Fhreastail – Amen.
Tòmas MacUilleim (1663-1755)
Biadhaich do shluagh, A Thighearna, le do ghràs, agus saor ar n-anman bho bhàs a pheacaidh; airson, tro a bhith air ar lìonadh le do thròcair, gun robh sinne air ar n-aonadh le aoibhneasan nam fìrein, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
12mh dhen Mhàirt [72]
M’ Athair, tha mòmaidean de dh’ an-fhois dhomhainn agamsa – mòmaidean nuair nach aithne dhomh de a dh’ ìarras mi, air sgàth gu bheil tuilleadh ’s a’ chòir a dìth orm. Chan eil faclan agam dhut anns na h-uairean seo, chan eil ùrnaigh mhothachail agam.
Tha m’ eigh a’ coimhead saoghalta a-mhàin; cha bhi mi a’ miannachadh ach sgiathan chalmain airson gun teichinn. Ach a dh’ aindeoin sin, fad na h-ùine, tha thusa air gabhail ri m’ an-fhois mar ùrnaigh. Tha thu air eigh-san airson sgiathan chalmain eadar-mhìneachadh mar eigh air do shon fhèin, tha thu air gabhail ri miannan neo-ainmichte mo chridhe mar eadar-ghuidhean do Spioraid. Chan iad fhathast eadar-ghuidhean mo spiorad; chan aithne dhomh dè a tha mi ag iarraidh. Ach ’s aithne dhutsa na tha mi ag iarraidh, O Mo Dhia.
’S aithne dhut ainm na tha a dhìth orm a tha a’ laighe fo mo ghearan gun bhriathran. ’S aithne dhut, a chionn gu bheil mi air mo chruthachadh nad ìomhaigh, nach fhaigh mi suaimhneas ach a-mhàin san nì a bheir suaimhneas dhutsa; mar sin, tha thu air m’ an-fhois-sa a chunntadh dhomh mar fhìreantachd, ’s air mo ghearan ainmeachadh mar ùrnaigh do Spioraid – Amen.
Seòras MacMhathain (1842-1906)
13mh dhen Mhàirt [73]
A Thighearna Dia, Fear-gràdhachaidh naomh m’ anaim, an uair a thig thusa a-steach dham anam, ni a h-uile nì a tha air an taobh a-staigh dhìom aoibhneas. Is tusa mo ghlòir agus adhbhar molaidh mo chridhe; is tusa mo dhòchas agus mo thearmann ann an là mo thrioblaid.
Saor mi bhon a h-uile boil olc, agus slànaich mo chridhe bhon a h-uile càil mhì-riaghailteach; airson, air mo leigheas air an taobh a-staigh is air mo ghlanadh gu h-iomlan, gun robh mi air mo dhèanamh freagarrach airson a bhith a’ gràdhachadh, misnichte airson a bhith a’ fulang, suidhichte airson a bhith a’ cumail orm.
Chan eil nì nas mìlse na gràdh, chan eil nì nas gaisgeile, chan eil nì nas làine no nas fheàrr ann an nèamh no air thalamh; a chionn gur h-ann bho Dhia a tha gràdh air a ghineamhainn, agus nach urrainn dha fois a ghabhail ach ann an Dia – as cionn gach uile nì a chaidh a chruthachadh.
Gun gràdhaichinn thusa barrachd na ghràdhaicheas mi mi fhèin, agus, annadsa, a h-uile h-aon aig a bheil fìor ghràdh dhutsa – mar a tha lagh a ghràidh ag àithne, a’ deàlradh a-mach bhuat fhèin – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
14mh dhen Mhàirt [74]
Teagasg dhomh, O Athair, ciamar a dh’fhaighnicheas mi dhut gach mòmaid, gu socair, airson cuideachadh. Mur a tèid agam air seo a dhèanamh, teagasg dhomh anns a bhad faighneachd dhutsa airson do mhaitheanas.
Ma bhios mi an-fhoiseil, dèan an comas mi, tro do ghràs, air tionndadh thugadsa ann an cabhaig. Deònaich nach tigeadh nì an-diugh eadar mise ’s thusa.
Gun robh mi a’ rùnachadh, agus a’ dèanamh, agus a’ cantainn, dìreach na tha thusa, m’ Athar ghràdhaich is chaomh, a rùnachadh domh a rùnaichinn, a’ dhèanainn ’s a chanainn. Obraich do rùn naomh annam agus tromham an là seo.
Dèan cobhair orm, treòraich mi, beannaich mi air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh, airson gun dèanainn rudeigin an là seo airson do gràdh-sa; rudeigin a thoilicheadh tusa; agus gun robh mi air an fheasgar seo na b’ fhaisge ortsa, ged nach faicinn, ’s nach b’ aithne dhomh e.
Treòraich mi, A Thighearna, ann an slighe dhìreach thugad fhèin, agus cùm mise na do ghràs chun a chrìch – Amen.
E. B. Pùdhsaidh (1800-1882)
15mh dhen Mhàirt [75]
Is aithne dhomh, A Thighearna, agus tha mi ag aideachadh leis a h-uile irioslachd, gur h-e cuspair an th’ annam a tha neo airidh air do ghràdh; ach tha mi cinnteach, gur h-e cuspair a th’ annadsa a tha uile-gu-lèir airidh air mo ghràdh-sa.
Chan eil mi math gu leòr airson seirbheis a dèanamh dhut ach tha còir agadsa air an t-seirbheis as fheàrr as urrainn dhomh a dhèanamh. Gun robh thusa mar sin a’ buileachadh cuid dhen mhòrachd seo, agus nì sin suas na tha a dhìth orm a-thaobh luach. Cuidich leam ann a bhith a’ sguir dhen pheacadh, a-rèir do rùin-sa, airson gum bi mi an comas air seirbheis a dhèanamh dhut a-rèir mo dhleastanais.
Dèan comasach mise air a bhith gam dìon is gam riaghladh fhèin ann an leithid de dhòigh – ann a bhith a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh mo chùrsa – is, an uair a tha an rèis air a ruith, gun caidilinn ann an sìth, agus gum faighinn suaimhneas annad fhèin.
Bi còmhla rium chun a chrìch, airson gum biodh mo chadal na shuaimhneas dha-rìribh, mo shuaimhneas na thèarainteachd choileanta, agus an tèarainteachd sin na shìorraidh bheannaichte – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
16mh dhen Mhàirt [76]
Dèan tàmh oirnn, A Spioraid a Ghràidh, agus ruaig air falbh gach uile fhearg, fharmad, agus gach gamhlas shearbh a-mach à ar n-anman.
Bi nad Chofhurtair dhuinn ann am buaireadh, nuair a thèid na tonnan thairis air ar cinn; bi nad neart dhuinn ann an uair na laigse, agus cuidich leinn ann a bhith a’ cumail smachd air miannan na feòla. Thoir dhuinn gum fàs sinn ann an creideamh agus ann an gràdh, ann an dòchas, foighidinn agus irioslachd.
Faic na tha de bhuairidhean gar cuartachadh, agus glèidh sinn bho a bhith a’ gèilleadh riutha; seall an t-slighe dhuinn far am bu chòir dhuinn coiseachd, oir ma chuireas sinn ar n-earbsa nar miannan fhèin thèid sinn air seachran; ach ma threòraicheas tusa sinn ruithidh sinn ann an slighe d’ àithntean.
Tha ar cridheachan a’ laighe fosgailte mu do choinneamh-sa; thig a-steach a-nis le do thiodhlacan bheairteach; neartaich, suidhich agus socraich iad. Dèan còmhnaidh annta agus dèan do theampall fhèin dhiubh, is mar sin bi gealladh ar macachadh, agus ar slàinte, againn.
I. F. Starc (1680-1756)
17mh dhen Mhàirt [77]
A Dhè thròcairich, làn de dh’iochd, fad-fhulangach agus mòr ann an truas, thoir dhomh gun dèanainn aithreachas dhùrachdach, agus gum bhithinn gu chridheil duilich airson gach nì a rinn mi ceàrr; dèan gach cuimhneachadh dhiubh na eallach cho trom ’s cho goirt is gun teichinn thugadsa le spiorad fo àmhghar agus cridhe iriosal; agus, a Thighearna thròcairich, tadhail orm, cofhurtaich mi agus builich saorsa orm; brosnaich mi gu fìor aithreachas; thoir dhomh, anns an t-saoghal seo, eòlas air d’ Fhìrinn is cìnnteas na do thròcair, agus, anns an t-saoghal a tha ri thighinn, a bheatha shìorraidh.
Neartaich mi an aghaidh a pheacaidh, agus dèan comasach mi air gach dleastanas a dhèanamh, airson gum bithinn, cho fada ’s a tha mi beò, a’ dèanamh seirbheis dhutsa anns an staide sin thuige a tha thu air mo ghairm; agus mu dheireadh thall, tro bhàs thoilichte is naomh, gun deidheadh cobhair a dhèanamh orm bho strìthean agus adhbharan bròin na beatha seo, agus gun sealbhaichinn aoibhneas shìorraidh, air sgàth ar Tighearna agus ar Slànaighear, do Mhac-sa Ìosa Crìosd – Amen.
Samuel MacIain (1709-1784)
18mh dhen Mhàirt [78]
A Dhòchais uile chrìochan na talmhainn; thusa anns an do chuir ar n-athraichean earbsa, agus anns nach robh iad air am fàgail ann an imcheist; thusa, as aithne dè leis a tha sinn air ar dèanamh, agus dè as coireach dha ar teachdan geàrr, dèan tròcair oirnn, A Thighearna.
O Aon cuideachaidh nam muinntir aig nach eil cuideachadh, agus Aoin a tha nas làidire na iadsan a tha làidir, cuimhnich orrasan uile a tha air an claoidh ann an inntinn, ann am bodhaig no ann an staide; sàsaich iad a-rèir am feumalachdan. Tha e iomchaidh agus ceart, anns na h-uile nithean, airson gach uile dhaoine – ann an aoibhneas is ann am bròn, nan aonar is còmhla – a bhith a’ cuimhneachadh ortsa agus ag adhradh riut, a bhith ag earbsa annad, agus a bhith ga do mholadh, a Thighearna agus Athair, a Rìgh agus a Dhè, Fhuarain na beatha agus an neo-bhàsmhorachd, Bun na maith shìorraidh.
Bidh nan nèamhan gu lèir ga do laoidh, agus spioradan nas àirde ga do mholadh, a’ glaodhaich ri càch-a-chèile, no a’ dhèanamh na h-obrach a tha thu a’ toirt dhaibh, agus mar seo a’ coileanadh molaidh. Beannaichte gun robh fear-còmhnaidh na Sìorraidheachd, mo neart is m’fhear Saoraidh, mo Shlàinte ’s mo theàrmann gu bràth – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)
19mh dhen Mhàirt [79]
Athair as ro-thròcairiche agus as gràsmhoire, tha mi a’ beannachadh agus ag àrdachadh d’ainm a chionn gu bheil thu air mise uchd-mhacachadh a-steach do dhìleab nam mic, agus gu bheil thu air co-roinn dhe mo Bhràthair as sinne a thoirt dhomh.
Thusa as e Dia na foighidinn is na comhfhurtachd, neartaich mi airson gun tèid agam air cuing agus eallach an Tighearna a ghiùlain, as aonais brùnndailean an-fhoiseil is mhi-chiallach agus mi-dheònachas gun bhuaidh.
A Thighearna tha mi gun chomas seasamh fon chrann, gun comas annam fhèin, ach gun robh thusa deònach an t-eallach seo a thogail le bhith a’ neartachadh mo spioraid, airson gum bi mi aig a char as làidire an uair as laige mi, agus gum bithinn an comas a bhith a’ dèanamh is a’ fulang a h-uile ni a dheònaicheas tusa, tro Chrìosd a tha ga mo neartachadh.
Leig leam siubhal tro ghleann nan deòir, is gleann sgàile a bhàis ann an tèarainteachd is ann an sìth, le spiorad mhacanta agus le mothachadh mu thròcairean dhiadhaidh, tro Ìosa Crìosd – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)
20mh dhen Mhàirt [80]
Treòraich sinn na do shlighe fhèin, A Thighearna, agus foillsich gu tròcaireach fuaran na beatha dhar n-inntinnean thartmhor; airson gum bi sinn saor bho thruimead bhrònach, agus gun òl sinn a-steach mìlseachd na beatha shìorraidh – Amen.
Motsarabach (ro 700)
Tha feum agam air gum biodh tusa gam theagasg, là thar là, a-rèir cothroman is feumalachdan gach là. Builich orm, O mo Thighearna, an glainead sin anns a chogais, a tha a-mhàin an comas a bhith a’ sealbhachadh, a tha a-mhàin an comas leasachadh a dhèanamh air, do dheachdaidhean.
Tha mo chluasan bodhar, agus chan urrainn dhomh do ghuth a chluinntinn. Tha mo shùilean air an duibhreachadh ’s chan fhaic mi do chomharraidhean. Is tusa a-mhàin a tha an comas mo chlaisneachd a bheothachadh, agus mo fhradharc a thur-ghlanadh, agus mo chridhe ath-ùrachadh agus ath-nuadhachadh. Teagasg dhomh a bhith a’ suidhe aig do chasan, agus d’ Fhacal a chluinntinn – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)
21mh dhen Mhàirt [81]
A Dhè an t-Solais, Athair na Beatha, Fear-buileachaidh a Gliocais, Fear-tabhairt ar n-anman, a tha a’ toirt dhaibhsan a tha lag-chridheach a tha ag earbsa annadsa na nithean sin a tha ainglean ag iarraidh coimhead a-steach ann; A Thighearna Uachdranaich, a tha air ar toirt suas bho dhoimhneachdan an dorchadais gu solas, a tha gu gràsmhor air saorsa a bhuileachadh oirnn bho thràilleachd, agus a tha air dorchadas a pheacaidh nar broinn a sgaradh; gun robh thusa a-nis a soillseachadh sùilean ar tuigse, agus gar naomhachadh gu coileanta ann an anam, bodhaig agus spiorad – Amen.
Ùrnaigh-choitcheann an Naoimh Marcas (175-254?)
A Thighearna, builich oirnne uile, ghuidheamaid ort, gràs agus cumhachd airson a bhith a’ faighinn buaidh thairis air a h-uile peacadh; peacaidhean cuartachaidh, peacaidhean meòrachaidh, peacaidhean a thig gun fhios, peacaidhean dearmaid, peacaidhean dìochuimhne; peacaidhean nad aghaidh-sa, peacaidhean nar n-aghaidh fhèin, peacaidhean an aghaidh ar coimhearsnaich; peacaidhean mhòra agus peacaidhean bheaga, peacaidhean air an cuimhnich sinn agus peacaidhean a dhìochuimhnich sinn – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1892)
22mh dhen Mhàirt [82]
Mo Dhia a tha airidh air adhradh, tha mi a’ guidhe ort gu h-iriosal gun gabhadh tu ris an ìobairt a tha mise an seo, ann an uile irioslachd, ag iarraidh a thoirt dhut, dhen a chòrr dhe mo bheatha; airson a bhith ag obair gu coileanta, le uile neart mo bhodhaig is m’anaim, na do sheirbheis-sa ’s ag adhradh riutsa.
Maith dhomh uile pheacaidhean mo bheatha a dh’fhalbh, agus bi toilichte a bhith a’ buileachadh orm: creideamh stèidhichte, gràdh eudmhor, agus ùmhlachd choileanta is iriosal, agus rùn nach eil an comas gabhail ri aomadh sam bith eile ach na gheibh e an còmhnaidh bho threòrachadh uachdaranaich do rùin-dhiadhaidh-sa; agus, tha mi a’ guidhe ort, gum bi e a’ dèanamh seirbheis choileanta dhà, le gach uile dheònachas is aoibhneas.
A chionn gu bheil a h-uile smuain is gnìomh an còmhnaidh mu do choinneamh-sa, mar sin tha mu a’ guidhe gu h-iriosal ort, nach bi iad uair sam bith neo-airidh air do làthaireachd dhiadhaidh fhèin, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Teàrlach Ciamar (1661-1745)
23mh dhen Mhàirt [83]
A Dhè, gu sìorraidh beannaichte agus naomh! chan urrainn do dhuine ach na h-ainglean ’s do shluagh ath-cheannaichte fhèin seirbheis a dhèanamh dhutsa le aoibhneas choileanta.
Air ar gairm, anns an tomhas againn fhèin, gus a bhith coileanta mar a tha thusa coileanta, tha sinn air a bhith fìor eu-choltach riut, agus chan eil sinn airidh air gum biodh daoine a’ smaoineachadh oirnn mar do chuid cloinne-sa.
Tartmor le miannan mhòmaideach, tha sinn air fuarain bheò a ghliocais nèamhaidh a thrèigisinn – às nach bi duine a dh’òlas tartmor gu sìorraidh tuilleadh. Tha sinn air a bhith slàodach a-thaobh gairmean a ghaoil, neo-chùramach mu na dleastanasan, cruaidh fo na bròin, as iad d’ oideasan ghràsmhor; ach a dh’aindeoin sin tha sinn air ar claoidh le ualaichean nach do chuir thusa oirnn, le tàmh nach eil thusa air a cheadachadh, agus miannan nach beannaich thu gu bràth.
Tadhail oirnn le gleachdan do Spioraid: agus cuir an crann oirnn, mas urrain ’s gum bi e an comas dhuinn fàs a-steach do naomhachd Chrìosd – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)
24mh den Mhàirt [84]
A Dhè uile-chumhachdaich, a-mach à do lànachd-sa deònaich dhuinne – a tha a’ feumachadh na h-uibhir, a tha ann an dìth cho mòr, aig a bheil cho beag – gliocas agus neart.
Treòraich ar na rùin againne a-steach na do rùn-sa. Tog ar tuigsean a-steach na do ghaol nèamhaidh; airson, mar sin – a’ coimhead air na nithean a tha ceart ’s air ar treòrachadh le do ghràdh – gun toir sinne ar rùin agus ar tuigse còmhla gu do sheirbheis-sa, gus, aig an deireadh, gum bi bodhaig agus anam agus spiorad uile leatsa, agus gum biodh thusa nad Athair nèamhaidh dhuinne agus nar caraid shìorraidh – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
A Dhè uile-chumhachdaich, a tha a’ faicinn nach eil cumhachd sam bith againne airson a bhith gar cuideachadh fhèin, cùm sinn, a dà chuid, air an taobh a-muigh nar bodhaigean agus air an taobh a-staigh nar n-anman, airson gum bi sinne air ar dìon bho na h-uile teinn a dh’fhaodas tachairt dhan bhodhaig, agus bho na smuaintean olc air fad a dh’fhaodadh ionnsaigh a ghabhail air, agus a dhèanadh leòn air, an t-anam; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gregòrianach (590)
25mh dhen Mhàirt [85]
A Ghlainead Shìorraidh! tha thusa nas soilleire na a ghrian, nas tur-ghlaine na na h-ainglean, agus chan eile na nèamhan glan na do shealladh-sa; coimhead, le tròcair, air do sheirbheiseach, buailteach a bhith air a bhuaireadh leis a h-uile nì, agus a bhith air a chuir fo bhuaidh gach nàmhaid.
Chan urrainn dhomh, a Dhè, seasamh ann an là na catha ’s na cunnairt, mur a còmhdaich thusa mi le do shleagh, agus gum falaich thu mi fo do sgiathan.
Chruthaich thusa mise as dèidh dh’ìomhaigh fhèin; bi toilichte mo ghlèidheadh cho tur-ghlan is gun lochd, ’s gum bi mo bhodhaig na teampall naomh, agus m’ anam na thèarmann a bheireadh aoidheachd dha do Spiorad as ro dhiadhaidh, Spiorad a ghràidh agus an naomhachd – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)
A Dhè dèan cobhair oirnn bho mhiannan thalmhaidh, airson nach riaghail peacadh sam bith annainne, ach gun dèanadh sinne, le spioradan shaora, seirbheis dhutsa, ar n-aon Tighearna; tro Ìosa Crìosd – Amen.
Sàcramaideachan Gelàsianach (492)
26mh dhen Mhàirt [86]
A Thighearna, builich do bheannachd, ghuidheamaid, air ar n-obair làitheil, airson gun dèan sinn e ann an creideamh agus le ar cridheachan, mar dhan Tighearna ’s chan ann do dhaoine.
Is leatsa uile chomasan ar bodhaig ’s ar n-inntinn, agus choisrigeamaid iad dha do sheirbheis-sa. Naomhaich iad, anns an obair anns a bheil iad an sàs; na leig leinn a bhith leisg, ach eudmhor ann an spiorad, agus gun robh thusa, a Thighearna, a’ beannachadh ar n-oidhearpan chun a leithid de dh’ìre is gun robh iad a’ buileachadh annainne toraidhean an fhìor ghliocais.
Teagasg dhuinn a bhith a’ sireadh fìrinn, agus dèan comasach sinn air a bhith ga shealbhachadh; ach deònaich gun robh sinn an còmhnaidh ag abairt na fìrinn ann an gràdh; airson, fhad ’s as aithne dhuinn nithean talmhaidh, gun robh eòlas againn ortsa, agus gun robh eòlas agadsa oirnne, tro, agus na, do Mhac Ìosa Crìosd.
Thoir dhuinn, air an là seo, do Spiorad Naomh, airson gum b’ann leatsa a bhiodhmaid ann am bodhaig agus ann an spiorad – nar n-obair air fad ’s nar n-amannan ath-nuadhachaidh, tro Ìosa Crìosd do Mhac, ar Tighearna – Amen.
Tòmas Arnold (1795-1842)
27mh dhen Mhàirt [87]
O, thusa a Dhè, ghràismhor, is chaomh is iriosal, thusa, a Dhè na Sìthe, Athair na tròcair, Dia na h-uile chomhfhurtachd; seall, tha mi a’ caoidh mu d’ choinneamh air sgàth olc mo chridhe; tha mi ag aideachadh gu bheil cus aomaidh annam gu fearg, farmad, agus ath-dhioladh, gu ghlòir-mhiannachadh agus pròis, a tha glè thric ag adhbhrachadh àimhreit agus faireachdainnean shearbaha eadar mise ’s feadhainn eile.
Ro thric that mi, mar sin, air an dà chuid, thusa, agus mo cho-dhaoine, a chuir fo dhoilghios. O maith dhomh am peacadh seo, agus leig leam a bheannachd a tha thu air a ghealltainn do luchd dèanamh na sìthe – a bhios air an ainmeachadh mar chloinn Dhè – a shealbhachadh.
Builich orm, A Thighearna, spiorad dhàimheil agus fad-fhulangas nach sàraichear; cridhe bàigheil, gràdhach is foighidneach; sùil chaoibhneil air daoine, comhradh càirdeil agus modh ann an co-chomann làitheil; airson nach toir mi adhbhar oilbheum do dhuine sam bith, ach cho fada ’s a tha e an comas air an taobh a-staigh dhìom gum bithinn beò ann an carthanas leis a h-uile neach – Amen.
Johann Arndt (1555-1621)
28mh dhen Mhàirt [88]
A Dhè, mo Dhia, is uile laigse mise, ach is tusa mo neart; tha mise an còmhnaidh air mo leagail sios as ùr fo thrioblaid sam bith, ach is urrainn dhutsa, ’s tha thu deònach, mo thogail suas.
Na leig leam fàilingeadh a Dhè, mo Neart; na leig leam a bhith fo dhi-mhisneachd, A Dhè mo dhòchas. Treòraich mi gach là, ged nach bitheadh ann ach beagan nas fhaisge ort fhèin; dèan mise, gach là, ged nach bitheadh ann ach am beagan, nas coltaiche riut fhèin; leag leam ruideiginn a dhèanamh no fhulang gach là, air sgàth gràidh dhutsa, airson troimhe gum bithinn mi nas freagarraiche dhutsa. Na leig le là sam bith a dhol seachad as aonais dhòmh rudeiginn a dhèanamh a thoilich thusa. Mar seo a-mhàin bhithinn beò, aiorson gum b’urrainn dhomh a bhith beò barrachd dhut-sa; mar seo bhàsaichinn, a’ miannachadh a bhith gad ghràdhachadsh-sa barrachd – Amen.
E. B. Pusey (1800-1882)
A Dhè, Buachaille do phobaill gu lèir, treòraich iadsan bhon a h-uile peacadh a tha gam buaireadh, airson, mar sin, gum bi iad taitneach na do shealladh-sa, agus sàbhailte na do thèarmann; air sgàth Chrìosd – Amen.
Portas Ròmanach
29mh dhen Mhàirt [89]
O Thusa a bhios a’ smachdachadh nam muinntir as ionmhainn leat, builich gràs oirn, ghuidheamaid ort, airson a bhith ag aithneachadh do ghràidh ann an ge be dè am fulangas a chuireas tu thugainn. Thoir tacsa dhuinn ann a bhith gu foighidneach taingeal nuair a tha sinn fo chràdh, iomagain, no chall, agus gluais sin le truas agus caomhalachd a-thaobh ar nabanan a tha fo àmhghar – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1892)
A Thighearna, na leig leamsa gum bi mi, bhon àm seo air adhart, a’ miannachadh slàinte no beatha, ach, airson a bhith air an caitheamh dhutsa, leatsa, agus annadsa. ’S ann dhutsa a-mhàin as aithne dè a tha math dhomh; dèan, mar sin, na tha a’ coimhead ceart dhut fhèin.
Thoir dhomh no thoir bhuam; gun co-chòrdadh tu mo rùn-sa ris an tè agad fhèin; agus deònaich, le gèilleadh umhail is choileanta, agus ann an cinnteas naomh, gun sealbhaichinn òrdaighean do Fhreastail shìorraidh; agus gun gràdhaichinn, ann an dòigh cho-chothromach, a h-uile nì a thigeas thugam bhuat fhèin; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Blaise Pascal (1623-1662)
30mh dhen Mhàirt [90]
A Dhè, cuidich sinne, ghuidheamaid ort, a tha air ar buaireadh. Nar leigeadh gum bitheadh nì sam bith: a’ toirt dhuinne gun a bhith ag earbsa na do chùram-sa thairis oirne, no a bhith a’ cleachdadh do thiodhlacan airson d’ àicheadh-sa – an t-Aon a bhuilich iad. Nar leigeadh gun biodhmaid a’ suileachadh do dhìon-sa nuair a tha sinn a’ trèigsinn do shlighean ’s ga do bhuaireadh. Nar leigeadh – airson seilbh, no adhartas sam bith a bhiodhmaid a’ shaoilsinn a dh’fhaodadh èirigh – gum mùchamaid teisteas do Spioraid-sa, no gum biodhmaid mi-dhìleas dhad sheirbheis-sa.
Gun robh thusa a’ toirt a leithid de thacsa dhuinn nar n-uile bhuairidhean, is gun sealbhachamaid, as deidh dhuinn a bhith air ar feuchainn, crùn na beatha, a tha thusa air ullachadh dhaibhsan aig a bheil gràdh dhut – Amen.
Eanraig Alford (1810-1871)
A Dhè, Ùghdar na sìthe is fear-gràdhachaidh a cho-chòrdaidh, deònaich dhuinne gun robh sinn stèidhichte gu ìre cho làidir ann an gràdh air do shon fhèin, ’s nach biodh deuchainnean sam bith an comas ar dealachadh bhuatsa – Amen.
Portas Ròmanach
31mh den Mhàirt [91]
Tha sinn a’ guidhe ort, a Thighearna, gun toireadh tu dhuinn a bhith umhail riutsa le rùn dheònach, agus, gun robh thu gu bràth a gluasad ar rùin-ne gus a bhith ag aslachadh riut fhèin – Amen.
Gelàsianach (A.D. 492)
A Dhè uile-chumhachdaich, Cruthaidhear nèamh agus an tallamh, Fhir-buileachaidh an t-solais agus a bheatha, gun robh thusa a’ teagasg dhuinne na nithean a bhuinneas dhan rìoghachd nèamhaidh, agus na dleastanasan a bhuinneas dhan tallamh, chun a leithid de dh’ìre ’s gum biodhmaid air ar brosnachadh le solas agus beatha sìth Dhè, air ar dèanamh an comas air na nithean a chuir an gnìomh a thugadh dhuinn airson gun coileanamaid iad, a’ coimhead an còmhnaidh thugad-sa airson solas agus bheatha, airson, air ar togail as ar cionn fhèin, gum b’ann leinne a bhiodh beatha Dhè ann an anam an duine, agus sìth Dhè, a tha as cionn gach uile thuigse, a’ glèidheadh an uairsin, ar cridheachan agus ar n-inntinnean, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dawson (1821-1876)