Am Faoilleach

1mh den Fhaoilleach [1]

A Dhè uile chumhachdaich, dèan tròcair oirnne a tha – nuair a tha na nithean a dh’fhalbh gar buaireadh – a’ call: creideamh, is beatha, is misneachd, is dòchas. Gum biodh a leithid de thròcair agad oirnn, agus gun robh thu gar togail gu a leithid de dh’ìre, ’s gun robh sinn air ar cumail suas tro fhìor chreideamh gu bheil thusa tròcaireach agus maitheanach, airson gun cùm sinn oirnn anns a bheatha a bhuineas don àm a th’air thoiseach: airson d’ àithntean a chumail, airson gàirdeachas a dhèanamh nad mhòr shaoibhreas, airson a bhith ag earbsa na do thròcair, agus airson gum biodh dòchas againn sa bheatha mhaireannach. Deònaich dhuinn uile, ge b’ e dè a thachras dhuinn, gum biodh sinn an còmhnaidh a’ cuimhneachadh gu bheil e uile a’ beantainn dha do threòrachadh-sa, fo do chùram, tro do rùn; airson, anns na làithean as duirche, ’s a’ coimhead riutsa, gum biodh: misneachd againn airson cumail oirnn, creideamh airson fulang, foighidinn airson a bhith a’ giùlain agus dòchas airson seasamh, fiù’s chun deireadh. Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

O, thusa as e an còmhnaidh an Tì ceudna, deònaich dhuinne gun deidheadh sinn tron bhliadhna a tha a’ tighinn le cridheachan creidmheach, airson gum bi sinn an comas, anns a h-uile nì, do shùilean ghràdhach a thoileachadh – Amen.

Motsarabach (700).

Dleastanas; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

2mh den Fhaoilleach [2]

A Thighearna ar Dia, fo sgàile do sgèith gun robh sinn a’ cur ar dòchas. Bheir thusa taic dhuinn, an dà chuid an uair a tha sinn beag agus fiù’s gu na fuiltein liatha. An uair is ann bhuatsa a tha ar cumhachd, ’s e cumhachd a tha ann; ach, an uair is leinne e; chan eil ann ach laigse.

Tha sinn a’ tionndadh air ais Thugadsa, a Thighearna, airson, bho an cuid sgìths, gun èireadh ar n-anman airson a dhol do thaobh-sa, a’ cuir cuideam air na nithean a tha thusa air a chruthachadh, ’s a cumail oirnn thugad fhèin a tha air an cruthachadh gu mìorbhaileach; oir leatsa, tha ath-bheothachadh agus fìor neart – Amen

Augustin (354-430).

A Dhè gun tigeadh osnaich a phrìosanaich mu d’ choinneamh, agus gun deònaicheadh tu dhuinn, ann an tròcair, gun robh sinn air ar saoradh tro do neart uile-chumhachdaich bho uile cheanglaichean agus shlabhraidhean a pheacaidh – ged a b’ ann nar bodhaigean no nar n-anman, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen

Portas Ròmanach.

Earbsa ann an Dia.

3mh den Fhaoilleach [3]

M’ Athair, cuidich leamsa mar aon a tha a’ leantainn Chrìosd airson gun canainn, “Do thoil-sa gu robh dèante.” Cha bhiodh tu airson gun gabhainn ri do rùn a chionn gum feum mi, ach a chionn gum faod mi. Bhiodh tu airson gun gabhainn ris, chan ann an aghaidh mo thoil, ach le toileachas, chan ann as aonais bhrunndail, ach le òran molaidh.

Ciamar a ruigeas mi an ceann uidhe seo? Cha ruig mi air ach tro a bhith a’ faireachdainn na dh’fhairich an Salmadair – gu bheil do rùn-sa a’ tighinn bho, “Spiorad math,” agus gu bheil e a’ cumail air a’ dol gu, “tìr an ionracais.” Teagasg dhomh gur h-e gràdh do rùn-sa; teagasg dhomh gu bheil do rùn-sa glic. Na treòraich mi le mo shùilean air an còmhdachadh, ach le sùilean a tha fosgailte. Deònaich dhomhsa an cumhachd a bhiodh a’ coimhead air chùl agus air thoiseachd – air chùl gu, “do Spiorad math,” is air thoiseachd gu, “tìr an ionracais.”

Builich orm am beannachadh a bhuineas dhan duine a tha a’ faighinn a uile thlachd na do lagh, agus a tha an comas a bhith ag innse mu do reachdan a tha a’ dèanamh a’ chridhe aoibhneach. Bidh mi umhail ri do rùn ann an saorsa choileanta nuair a bhios mi an comas, “Tha do Spiorad math,” a chantainn. Amen.

Seòras MacMhathain (r. 1842-3).

Co-aontachadh ri rùn Dhè; Co-chomann nan Naomh.

4mh den Fhaoilleach [4]

Tha sinn a’ guidhe ort, a Thighearna, gun sealladh tu oirnn le dèagh-ghean – sluagh a bhuineas do mhòran theaghlaichean is dhùthchannan air an cruinneachadh còmhla ann an sìth fon aon mhullach-taighe, daoine is mnathan a tha lag, a’ tighinn beò fo chòmhdachadh d’ fhad-fhulangais. Bi fad-fhulangach fhathast; bi gar fulang uair bheag eile fòs – sinne le ar rùintean bhriste a thaobh maith, le ar n-oidhirpean dhìomhainn an aghaidh an uilc, fuiling leinn airson ùine fhathast gun giùlaineadh sinn agus (ma tha e an comas) cuidich leinn ann a bhith a dèanamh nas fheàrr.

Beannaich dhuinn ar tròcairean neo-chumanta; ma thigeas an là nuair a dh’fheumas iad sin a bhith air an toirt bhuainn, neartaich sinn airson gun seas sinn dìreach, mar an duine, fo àmhghar. Bi còmhla ri ar caraidean, bi còmhla rinn fhèin. Rach còmhla rinn gu fois; ma dhùisgeas gin sam bith, ciùinich dhaibh na h-uairean dhorcha a’ faire; agus an uair a thilleas an là, till thugainn, ar grian ’s ar cofhurtair, agus gairm oirnn gun èireadh sinn le aghaidhean mhaidne is cridheachan mhaidne – deònach a bhith ri saothair, deònach a bhith toilichte, mas e gur h-e aoibhneas ar roinn, agus ma bhios an là air a chomharrachadh airson bròn – an neart airson a ghiùlain – Amen.

R. L. Stephenson (1850-1894).

Beò-iarraidh.

5mh den Fhaoilleach [5]

A Dhè, Aoin Soillseachaidh dhaoine, a tha, as cionn gach gràs eile a’ buileachadh a bheannachd as pailte air gràdh nèamhaidh; ghuidheamaid ort ar n-ionnlaid bho fhèinealachd, agus gun toireadh tu dhuinn, air sgàth do ghràidh, gum biodh sinne a’ gràdhach ar bràithrean airson gum bi sinn nar cloinn dhutsa air thalamh; agus air sàilleabh sin, a’ coiseachd anns an fhìrinn, a’ ruighinn an aoibhneis do-labhairt agadsa a tha nad Fhear-buileachaidh na beatha dhaibhsan uile a tha ga do ghràdhachadh. Bheir cead dhan ùrnaigh seo, A Thighearna – Amen.

Ròland MacUilleim (1818-1870)

Builich cogaisean bheò is truacanta oirnne, a Thighearna; airson, tro a’ bhith a’ tuigsinn, gun biodhmaid umhail ri gach facal a chanas tusa, agus a’ tuigsinn, gun leanamaid a h-uile nì a chanas do Spiorad, a tha an làthair air an taobh a-staigh. “Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbheiseach a’ cluinntinn” – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

Gràdh do theaghlach, charaidean, na cinne-daonna; Ùmhlachd do Dhia.

6mh den Fhaoilleach [6]

Tha sinn a’ guidhe ort a Thighearna, gun deònaicheadh tu gun robh ar cridheachan air an soillseachadh gu gràsmhor tro do dhealradh naomh, airson gun dèanamaid seirbheis dhut gun eagal – ann an naomhachd agus ann am fìreantachd – fad rè ar beathanan; airson, air sgàth sin, gun tèid againn air teiche air falbh bho dhorchadas an t-saoghail seo, agus tro do threòracadh-sa gun ruigeadh sinn tìr an t-solais shìorraidh; tro do gràs, a Thighearna bheannaichte, a tha beò agus a riaghladh thairis air gach uile nì, saoghal gun chrìch – Amen.

Portas Sharuim (1085)

A Dhè uile chumhachdaich agus shìorraidh, Soillse nan anman a tha dìleas, lìon an saoghal le do ghlòir, ghuidheamaid ort, agus foillsich tu fhèin – tro dheàlradh do sholais – do dh’uile dhùthchannan an t-saoghail, tro Ìosa Crìosd, ar Tighearna – Amen.

Sàcramaideachan Gregòrianach (590)

Treòrachadh is Solas.

7mh den Fhaoilleach [7]

A Dhè uile chumhachdaich agus shìorraidh, deònaich gum biodh ar rùintean an còmhnaidh umhail ri do rùn-sa ann am modh mhacanta, agus gum biodh ar cridheachan an còmhnaidh deiseal airson seirbheis a dhèanamh dhutsa ann an modh onarach – Amen.

Portas Ròmanach.

A Thighearna, deònaich gum biodh mo chridhe dha-rìribh air ionnlaid ’s air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus, gum faodainn èirigh airson seirbheis a dhèanamh, is gun laighinn sìos airson cadal le làn-earbsa annadsa, agus umhail ri do rùn – deiseal airson beatha no bàs.

Leig leam a bith beò airson an là, gun a bhith fo eallach ro mhòr mu uallaichean shaoghalta, ach a’ faireachdainn nach eil mo shaoibhreas an seo, agus a’ miannachadh gun robh mi dha-rìribh air mo phòsadh riutsa anns an rìoghachd nèamhaidh, agus riuthasan a tha mu thràth air a dhol thugad.

A Thighearna, teasairg mi bhon a pheacadh, agus treòraich mi le do Spiorad, is cùm mi ann an ùmhlachd dhìleas riutsa, tro Ìosa Crìosd do Mhac, ar Tighearna – Amen.

Tòmas Arnold (1795-1842).

Dleastanas; Ùmhlachd do Dhia.

8mh den Fhaoilleach [8]

Deònaich dhuinne, a Dhè uile-chumhachdaich, bho do Spiorad mhaith-sa, an cridhe ciùin ud, ’s an t-irioslachd fhoighidneach ud thuige a thigeas do Spiorad a tha a’ buileachadh comhfhurtachd; airson gum biodh sinne – air ar n-irioslachadh riutsa, is gràdhach ri càch-a-chèile – a’ faicinn ar cridheachan air an ullachadh airson an t-sìth ud a tha thar labhairt; a tha, ma tha e againn, an comas dèanamh cinnteach nach leòn stoirmean na beatha sinn ach glè bheag, agus nach bith uallaichean na beatha gar claoidh idir; ann an làthaireachd a leithid gum bi am bàs a call a ghath, agus an uaigh a h-uabhas; agus sinne ann an aoibhneas shìtheil a’ coiseachd fad uile làithean na h-ama a tha air òrdachadh dhuinn, gus an tig an t-atharrachadh mòr againn – Amen.

Seòras Dabhsan (1821-1876).

A Dhè, deònaich, gu tròcaireach, dhuinne gun robh teine do ghràidh a’ losgadh an àird gach uile nì annainn nach eil ga do thoileachadh, agus dèan deiseal sinn airson do rìoghachd nèamhaidh – Amen.

Portas Ròmanach.

Beò-iarraidh; Creideamh is Eud; Sìth is Sòlas ann an Dia.

9mh den Fhaoilleach [9]

A Dhè as tròcairiche agus as gràsmhòire, a fhuarain de gach uile thròcair is bheannachd, tha thu air làimh do thròcair fhosgladh airson mo lìonadh le beannachdan, agus le toraidhean mhilis do choibhneas ghràdhach.

Tha thu gar biadhadh mar bhuachaille, tha gràdh agad oirnn mar charaid, agus tha d’ aire oirnn an còmhnaidh, mar a tha aig màthair fhaiceallach d’ a pàiste truagh, agus tha thu gu sònraichte tròcaireach dhaibhsan uile aig a bheil eagal dhut.

Bhon a tha thu air do làimh a shìneadh a-mach airson mo chòmhdachadh, anns an aon dòigh meudaich mo chridhe le taingealachd; agus gun robh d’ fhàbharan ghràsmhor agus do choibhneas gràdhach a’ mairsinn gu bràth is gu sìorraidh air do sheirbheiseach; agus deònaich gum fàsadh na tha thu air a chuir ann an tròcair, suas ann an dleastanas; agus deònaich gun robh do ghràs a’ neartachadh mo rùintean airson nach peacaich mi tuilleadh, ach gum bithinn a’ siubhal ann an slighean d’ àithntean; airson gum faodainn-sa, a tha beò an seo airson glòir d’ ainm, a dhol a-steach mu dheireadh thall do ghlòir mo Thighearna, airson sìorraidheachd slàn a chuir seachad a’ toirt molaidh dha d’ ainm a tha gu sìorraidh glòrmhor – Amen.

Dearamaidh Tàillear (1613-1667).

Taingealachd is Moladh.

10mh den Fhaoilleach [10]

Na leig leam sireadh, an taobh a-muigh dhiot fhèin, an nì nach urrainn dhomh a lorg ach annadsa, A Thighearna – sìth is fois is aoibhneas is sàsachadh, a tha a’ còmhnaidh, a-mhàin, nad aoibhneas mhaireannach-sa.

Tog suas m’ anam as cionn nan cearcaill shàraichte de smuaintean bhuaireasach gu do làthaireachd shìorraidh. Tog m’ anam suas chun an èadhair fhìor-ghlan, shìtheil, dheàlrach a bhuineas dha do làthaireachd, airson, an sin, gun tarraing mi m’ anail gu saor, an sin, gun gabh mi fois na do ghràdh, an sin, gum bi mi aig fois bhuam fhèin, agus bho na h-uile nithean a tha ga mo shàrachadh; agus bhon àite sin fhèin gun tillinn, air mo chòmhdachadh le do shìth, airson a bhith a’ dèanamh ’s a’ fulang na thoilicheas tusa – Amen.

E. B. Pudhsaidh (1800-1882).

A Dhè, a chionn ’s gur h-ann annadsa a tha ar neart, deònaich dhuinne gu tròcaireach gum biodh do Spiorad Naomh gar treòrachadh anns na h-uile nithean agus gun riaghladh E thairis orra, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Sàcramaideachan Gelàsianach (492).

Misneachd, Aoibhneas, Neart; Sìth is Sòlas ann an Dia.

11mh den Fhaoilleach [11]

Athair uile-chumhachdaich agus as ro-thròcairiche – anns a bheil sinn beò, ’s a’ gluasad agus anns a bheil ar bith againn – bha ar sàbhailteachd anns na làithean a chaidh seachad a’ crochadh air do thròcair, cuide ri gach uile chofhurtachd a tha anns a bheatha seo, agus dòchasan an aoin sin a tha ri teachd.

Tha sinn ga do mholadh, A Dhè, ar Cruithear; ’s ann dhutsa a tha sinn a’ toirt ar taing – ar n-aoibhneas ro-mhòr, a tha gach là a’ dòrtadh do shocharain a-mach oirnn.

Deònaich, ghuidheamaid ort, gun robh Ìosa ar Tighearna, ar dòchas airson glòir, air a dhealbh annainn, ann an uile irioslachd, mhacantas, fhoighidinn, sonas, agus ann an gèilleadh choileanta dhe ar n-anman ’s ar bodhaigean ri do rùn is do thoil-sa.

Na dìobair sinn agus na trèig sinn, O Athair, ach thoir gu sàbhailte sinn tro gach uile atharrachadh nar suidheachadh an seo, le gràdh neo-atharrachail dhutsa, le ciùineas naomh inntinn na do ghràdh-sa dhuinne, gus an tig sinn gus a bhith a’ còmhnaidh leat, agus gus a bhith a’ dèanamh gàirdeachas leatsa gu sìorraidh – Amen.

Sìmon Pàdraig (1625-1707).

Taingealachd is Moladh.

12mh den Fhaoilleach [12]

Bun na beatha agus neirt! tha tòrr dhe do thròcairean ann a chìtheas sinn gu soilleir, agus tha sinn a’ creidsinn ann an stòras gun chrìch air an cùlaibh. Chan urrainn do ghairm nas doimhne a bhith aig reultan mhaidne a tha a’ seinn còmhla, na tha againne air sgath aoibhneas thaingeil.

Tha thusa air beatha a thoirt dhuinn a tha na àrd-ghairm, agus tha do tharraing-anail fhèin nar cridheachan ag eadar-mhìneachadh dhuinne na cothroman naomha aice.

Tha thusa air ar slighe a mhisneachadh le gràdhan phrìseil, ’s boillsgidhean de dh’àilleachd shòlaimte, agus fìrinn shìorraidh. Chan eil aon sgòth dae dhòrainn ann nach eile thusa air beantainn dha le glòir: no aon àile dhustach de chùram, gun do sholas a’ deàlradh troimhe!

Agus gun fhiosta nach tuiteadh ar spioradan mu choinneamh do choileantasan air nach ruigear, tha thu air ar stèidheachadh ann an rotal do naoimh a tha air foghlam mar a thogas iad suas crann na h-ìobairt.

Deònaich gur h-ann san aimsir a dh’fhalbh a chuir sinn ar rùin fhèin an sàs, agus a-nis thoir dhuinn gum bith sinn air ar naomhachadh gu do rùn-sa.

Seumas Martineau (1805-1900).

Taingealachd is Moladh.

13mh den Fhaoilleach [13]

A Dhè uile-chumhachdaich agus thròcairich, fuaran gach maith, aig a bheil eòlas air smuaintean ar cridheachan, tha sinn ag aideachadh riut gu bheil sinn air peacachadh na d’ aghaidh, agus air olc a dhèanamh na d’ shealladh-sa.

Glan sinn, ghuidheamaid ort, bho làraichean ar peacaidhean a rinneadh roimhe, agus builich gràs agus cumhachd airson gach nì leònmhor a chuir air falbh; airson – le bhith air ar treòrachadh bho bhraighdeanas a pheacaidh – gum b’urrainn dhuinn toradh airidh an aithreachais a thoirt am bàrr.

A Sholais shìorraidh, deàrrs a-steach nar cridheachan. A Mhaith shìorraidh, dèan cobhair oirnn bhon a pheacadh. A Chumhaichd shìorraidh, thoir tacsa dhuinn. A Ghliocais shìorraidh, sgap dorchadas ar n-aineolais. A Thruais shìorraidh, dèan tròcair oirnn.

Deònaich dhuinne gun robh sinn le ar n-uile chridheachan, is inntinnean, is neart, a’ sireadh d’aodann gu bràth tuilleadh; agus mu dheireadh treòraich sinn, na do thròcair neo-chrìochnach, gu do làthaireachd naomh. Neartaich ar laigsean gu leithid a dh’ìre is, a’ leantainn ann an cas-cheumanan do Mhic Bheannaichte, gun sealbhaicheamaid do thròcair, agus gun rachadh sinn a-steach do Thìr a Gheallaidh – Amen.

Alcuin (780).

Aidmheil is Aithreachas.

14mh den Fhaoilleach [14]

Deònaich dhomh-sa, a Dhè as ro-thròcairiche, gun gabhainn fois annadsa as cionn gach uile chreutair, as cionn gach slàinte is àilleachd, as chionn gach glòir is urram, as cionn cach cumhachd is àirde, as cionn gach fiosrachadh is fìnealtachd, as cionn gach beairteas is ealdhainn, as cionn gach mothachadh is moladh, as cionn gach mìlseachd is cofhurthachd, as cionn gach dòchas is gealladh, as cionn gach gibht is fàbhar as urrain dhut a thoirt dhuinn ’s a bhuileachadh oirnn, as cionn gach saorsa as urrainn do dh’ìnntinn an duine fhaighinn agus fhaireachdainn; mu dheireadh, as cionn ainglean agus àirc-ainglean, agus as cionn nan slòigh neàmhaidh gu lèir, as cionn gach ni faicsinneach is neo-fhaicsinneach, agus as cionn gach ni nach e thu fhèin.

Tha e ro bheag agus neo-shàsachail – gach nì a bhuilicheas tu orm nach e thu fhèin – no a tha thu a’ taisbeanadh dhomh, no a tha thu a’ gealltainn, fhad ’s nach eil thusa ri d’ fhaicinn, agus nuair nach eil mi gad fhaighinn fhèin.

Oir gu cinnteach chan urrainn dha mo chridhe a bhith aig fois dha-rìribh, agus chan urrainn dha a bhith uile-gu-lèir air a shàsachadh, mur a faigh e fois annad fhèin – Amen.

Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471).

Sìth is Sòlas ann an Dia.

15mh den Fhaoilleach [15]

A Dhè, troimhe a tha na nam muinntir a tha macanta air an treòrachadh ann am breithneachadh, agus troimhe a tha solas ag èirigh suas dhaibhsan a tha diadhaidh; deònaich dhuinne – nar teagmhan agus nar mhi-chìnnteasan – an gràs a dh’fhaighnicheas dè a dh’iarradh tusa a dhèanamaid; airson gun dèanadh Spiorad a Ghliocais cobhair oirnn bho roghainnean nach eile fìor, agus airson, na do sholas-sa, gum faiceamaid an solas, agus na do shlighe dhìreach-sa nach tuiteamaid, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Uilleam Soilleir (1824-1901).

Rìaghail gach uile tro do ghliocas a Thighearna, airson gum bi m’anam an còmhnaidh a’ dèanamh seirbheis dhut mar a rùnaicheas tusa, ’s chan ann mar a roghnaicheas mise.

Na peanasaich mi, guidheam ort, le bhith a’ buileachadh an nì a tha mise a’ miannachadh no a’ faighneachd air a shon, ma tha e a’ toirt oilbheum dha do ghràdh-sa, a bhiodh a’ còmhnaidh annam gu bràth.

Leig leam bàsachadh gu fèin, airson gun dèan mi seirbheis dhutsa, leig leam a bhith beò dhutsa as e, annad fhèin, an Fhìor Bheatha – Amen

An Naomh Terèsa (1515-1583).

Co-aontachadh ri rùn Dhè; Treòrachadh is Solas.

16mh den Fhaoilleach [16]

A Thighearna, mo Dhia, fuaran gach uile ghràdh a tha fìor agus naomh; a tha air mo chruthachadh, agus air mo ghlèidheadh, airson gun gràdhaichinn thu; builich air do sheirbheiseach a leithid de ghràdh agus, ge b’ e dè na do sheirbheis a dh’fhaodadh tachairt an aghaidh na feòla no an aghaidh na fala, nach fhairichinn e; gum biodh irioslachd na theàrmann dhomh, agus do sheirbheis na aoibhneas dha m’ anam, agus am bàs fhèin na dhoras chun a bheatha shìorraidh – nuair a dh’fhaodas mi a bhith a’ fuireach còmhla riutsa, mo neart agus mo theàrmann, mo Dhia agus mo dhòchas shìorraidh – Amen.

Dearamaidh Tàilleir (1613-1667).

A Thighearna a tha a’ gairm do chaoraich fhèin air an ainm, deònaich, ghuidheamaid ort, gun èireadh iadsan uile a tha thu a’ gairm tro ghuth na cogais – anns a bhad – airson a bhith a’ dèanamh do rùn ro-thròcairiche, no gum fanadh iad gu foighidneach airson a fhulang – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Creideamh is Eud; Gràdh do Dhia; Ùmhlachd do Dhia.

17mh den Fhaoilleach [17]

A Dhè, is tusa Beatha, Gliocas, Fìrinn, Saoibhreas, agus Beannachdas – an t-aon Shìorraidh, an t-aon fhìor Mhaith! Mo Dhia agus mo Thighearna, is tusa mo dhòchas agus aoibhneas mo chridhe.

Tha mi ag aideachadh, le taingealachd, gu bheil thu air mo chruthachadh na d’ ìomhaigh fhèin, airson gun stiùir mi m’uile smuaintean thugadsa, agus airson gun gràdhaich mi thu.

A Thighearna, thoir dhomh gum biodh eòlas cheart agam ort, airson gun gràdhaichinn barrachd agus barrachd thu, airson gum bithinn sàsaichte leat, is gun sealbhaichinn barrachd dhìot.

Agus air sgàth, anns a bheatha seo gu h-ìosal, nach urrainn dhomh am beannachdas seo fhaotainn, leig leis, aig a char as ìsle, fàs annam là as dèidh là, gus am bi e air a choileanadh mu dheireadh thall anns a bheatha a tha ri teachd.

An seo, gum biodh eòlas dhìotsa air a mheudachadh, agus an sin, gun robh e air a choileanadh. An seo, gun robh mo ghràdh air do shon-sa a’ fàs, an sin, gun tigeadh e gus a bhith abaich; airson gum biodh m’ aoibhneas – a tha an seo, mòr ann an dòchas – an sin, air a choileanadh ann am foirfeachd – Amen.

Anselm (1033-1109).

Gràdh do Dhia.

18mh den Fhaoilleach [18]

A Thighearna as d’ aonais chan urrainn dhomh nì a dhèanamh; ach còmhla riut is urrainn dhomh a h-uile nì a dhèanamh. Cuidich mi tro do ghràs, airson nach tuit mi; cuidich mi tro do chumhachd, airson seasamh gu làidir an aghaidh a chiad thoiseachd-tòiseachaidh dhen pheacadh – mus gabh e greim orm; cuidich leam ann a bhith gam chath fhèin sa bhad aig do chasan naomha, agus gun laighinn stòlda an sin, gus an tèid an stoirm seachad; agus ma chailleas mi sealladh dhìotsa, thoir air ais thugad fhèin ann an cabhaig mi, agus deònaich dhomh gun gràdhaichinn na b’ fheàrr thu, airson do chaomh thròcair fhèin – Amen.

E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

Deònaich dhuinne, tha sinn a’ guidhe ort, A Dhè uile chumhachdaich, gun deidheadh againne – a tha a’ sireadh fasgaidh do dhìon, agus sinn air ar glèidheadh bhon a h-uile olc – air seirbheis a dhèanamh dhut ann an sìth agus ann an sàmhchair spioraid, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas Ròmanach

Misneachd, Aoibhneas, Neart; Sìth is Sòlas ann an Dia.

19mh den Fhaoilleach [19]

A Dhè, Athair ar Slànaighear Iosa Crìosd, aig a bheil ainm a tha mòr, aig a tha nàdar a tha sòlasach, aig a tha maitheas do-thraoghachail, Dia agus Riaghladair gach uile nì, agus a tha beannaichte gu sìorraidh; mu do choinneamh tha mìltean de mhìltean is deich mìle de dheich mhìltean de shlòigh nan aingeal ’s nan airc-aingeal a’ seasamh; naomhaich, a Thighearna, ar n-anman agus ar bodhaigean agus ar spioradan, rannsaich ar cogaisean, agus cath a-mach asainn gach smuain olc, a h-uile miann ìochdrach, gach uile fharmad agus phròis, a h-uile corraich agus feirg, agus a h-uile nì a tha an aghaidh do rùin naomh.

Agus deònaich dhuinne, a Thighearna, Gràdhadair dhaoine, le cridhe fìor-ghlan agus anam aithreachail, gun gairmeamaid ortsa, ar Dè naomha agus ar n-Athair a tha air nèamh – Amen.

Ùrnaigh choitcheann an naoimh Seumas (2na linn).

Coisrigeadh is Naomhachd.

20mh den Fhaoilleach [20]

A Thighearna, is e seo m’ uile mhiann – coiseachd sìos slighe na beatha a tha thusa air òrdachadh dhomh, fiù’s mar a choisicheadh Ìosa mo Thighearna sìos air: ann an creideamh neo-ghluaiseadach, ann am macantas spioraid, ann an irioslachd cridhe, ann an sèimheachd gràidh.

Agus a chionn gu bheil uidhir de chumhachd aig tachartasan air an taobh a-muigh a-thaobh a bhith a’ sgaradh mo smuaintean ’s a’ crathadh an t-sìth air an taobh a-staigh far nach eil ach guth do Spioraid-sa a-mhàin air a chluinntinn, gun robh thusa, a Thighearna ghràsmhoir, a’ socrachadh ’s a’ sàmhachadh m’anaim tron chumhachd bhuannachdail sin a tha a-mhàin an comas gach smuain is miann a bhuineas dhan chridhe a thoirt gus a bhith fo do greim fhèin.

Is ann leatsa a tha na tha agamsa; dèan thusa leis na h-uile mar a tha a’ coimhead ceart na do rùn dhiadhaidh fhèin; oir chan aithne dhomhsa dè as fheàrr.

Na leig le cùraman is dleastanasan na beatha seo a bhith a’ brùthadh a-steach ro throm orm; ach lùghdaich an t-eallach, airson gum faodainn do shlighe-sa a leantainn ann an sàmhchair, air mo lìonadh le taingealachd air sgàth do thròcair, agus a’ dèanamh seirbheis fhreagarrach dhutsa – Amen.

Maria Geàrr (1798-1870).

Ùmhlachd do Dhia.

21mh den Fhaoilleach [21]

A Dhè as ro thròcairiche, ceadaich do ghràs dhomh, airson gum bi e còmhla rium, ’s a’ saothrachadh còmhla rium, ’s a’ cumail air còmhla rium fiù’s chun deireadh.

Deònaich gum bithinn an còmhnaidh a’ miannachadh agus a’ rùnachadh an nì as mò a chòrdadh riutsa, agus as prìseile. Dèonaich gum b’ i do rùn-sa a bhiodh nam rùn-sa, agus gun leanadh mo rùn-sa do rùn-sa an còmhnaidh, agus gun robh i ag aontachadh leis gu foirfe.

Ceadaich dhomh, as cionn gach nì eile as urrainn a bhith air a mhiannachadh, gum sealbhaichinn suaimhneas annadsa, agus annadsa gun robh mo chridhe ’s mo shìth. Is tusa fìor shìth a’ chridhe, thusa an t-aon shuaimhneas a gheibh e; a-mach asadsa tha a h-uile nì cruaidh agus gun tosd.

Anns an t-sìth seo fhèin, ’s e sin, annadsa, an t-Aon Phrìomh Mhaith, caidlidh mi agus gabhaidh mi fois – Amen.

Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471).

Co-aontachadh ri rùn Dhè; Sìth is Sòlas ann an Dia.

22mh den Fhaoilleach [22]

A Dhè, as leis a tha tobar na beatha, agus anns a bheil solas anns am faic sinne solas; meudaich annainne, ghuidheamaid ort, soilleireachd na h-eòlais dhiadhaidh, a leigeadh leinn gun ruigeamaid d’ fhuaran ro phailt; builich deoch na beatha air ar n-anman thartmor, agus ath-nuadhaich dhar n-inntinnean a tha air an dorchachadh an solas a tha bho nèamh – Amen.

Motsarabach (ro 700).

A Dhè uile-chumhachdaich, ar n-athair a tha air Nèamh, as aonais do chuideachadh-sa tha ar saothrachadh gun fheum, as aonais do sholais-sa tha a bhith a’ sireadh faoin, ath-bheòthaich mo rannsachadh, agus treòraich mo cheistean, airson gun tèid agam tro oidhirpeachadh fhreagarrach is tro bhreithneachadh cheart gun stèidhichinn mi fhèin agus feadhainn eile na do chreideamh naomh-sa.

Na toir, a Thighearna, do Spiorad Naomh air falbh bhuam; na leig le smuaintean olc gum faigheadh iad uachdaranas na m’ inntinn. Na leig leam gum fanainn ann an aineolas, ach soillsich is cùm suas mi, air sgàth Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Samuel MacIain (1709-1784).

Dleastanas; Treòrachadh is Solas.

23mh den Fhaoilleach [23]

A Dhè, a tha fìrinneach is ceart gus ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, deònaich dhuinne gu tròcaireach gum biodhmaid air ar trèorachadh air falbh bho bhraighdeanas ar peacaidhean, agus gun robh sinn aon là a’ dèanamh aoibhneas ann an saorsa fhoirfe Tìr ar n-Athair, a th’ ann an nèamh – Amen.

Portas Ròmanach.

A Thighearna, anns a bheil ar dòchas, thoir air falbh bhuainn, ghuidheamaid ort, dòchasan a tha falamh agus cinnt roimh-bheachdach.

Dèan cho ceart ar cridheachan le do chridhe as ro-naomha-sa ’s as ro-ghràdhach-sa, is gun robh sinn, tro dhòchas annadsa a’ dèanamh maith; chun an Là sin nuair a bhios creideamh agus dòchas air an cur à bith le faicsinneas is sealbhachadh, agus nuair a bhios gràdh na h-uile anns gach uile – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Aidmheil is Aithreachas;Co-aontachadh ri rùn Dhè.

24mh den Fhaoilleach [24]

Deònaich, Athair nèamhaidh, gun biodh sinne cho dìleas nar creideamh annadsa, agus gum biodh gràdh cho teth againn airson càch a chèile – an còmhnaidh beò na d’ eagal, ’s ann an ùmhlachd ri do lagh naomh ’s do rùn bheannaichte – is gum biodh sinn: a’ buileachadh mòr-thoradh, beò a-rèir do thoil mhaith-sa anns an t-saoghal chaochlaideach seo agus, às dèidh a bheatha lag is ghoirid seo, gun sealbhaicheamaid an fhìor bheatha shìorraidh, far a bheil thusa a’ fuireach ’s a riaghladh, saoghal gun chrìch – Amen.

Tòmas Becon (1511-1567).

Thoir dhuinne, A Thighearna, gum fàsadh sinne mar fhìor lilidhean ann an cùirtean do thaighe, agus gum foillsicheamaid dhaibhsan a tha nan creidmhich fàileadh fìor obraichean mhatha, agus eisimpleir-beatha dhiadhaidh, tro do thròcair ’s do ghràs – Amen.

Sàcramaideachan Motsarabach (ro 700).

Dleastanas; Gràdh do theaghlach, charaidean, na cinne-daonna.

25mh den Fhaoilleach [25]

A Dhè uile chumhachdaich agus shìorraidh, a tha a’ lasadh lasair do ghràidh ann an cridheachan nan naoimh, ceadaich dhuinne an t-aon chreideamh ’s an t-aon chumhachd gràdhachaidh; airson, fhad ’s a tha sinne a’ dèanamh gàirdeachas nam buaidhean-san, gun sealbhaicheadh sinne buannachd tro na h-eisimpleirean aca, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Leabhar-aifrionn Gotach.

A Thusa, aig a tha fuaran na beatha, agus as aonais a leithid nach urrainn dhuinn nì a dhèanamh; aig a bheil gràs a tha na leòr dhuinn agus aig a bheil cumhachd a tha air a choileanadh ann an laigse; dèan còmhnaidh annainne, airson gun deidheadh againn – a’ glèidheadh d’ àithntean – air a bhith a’ còmhnaidh na do ghràdh; agus mar sin bidh ar sìth mar abhainn, agus ar fìreantachd mar thonnan na mara; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Iain S. B. Monsell (1811-1875).

Co-chomann nan Naomh; Creideamh is Eud; Sìth is Sòlas ann an Dia.

26mh den Fhaoilleach [26]

A Dhè, coilean ann an gràdh sinn, airson gum faigh sinn buaidh thairis air a h-uile fhèinealachd agus gach fuath do dhaoine eile; lìon ar cridheachan le d’ aoibhneas, agus sgaoil do shìth – a tha os cionn gach uile thuigse – mun cuairt annta; airson gum faighear buaidh thairis air a bhrunndail ’s na co-strìdhean ris a bheil sinn ro bhuailteach.

Dèan fad-fhulangach agus sèimh sinn, ’s mar sin cuir fo smachd ar cus cabhaig ’s ar droch nàdaran, agus deònaich gum builicheadh sinne na toraidhean bheannaichte a bhuinneas dha do Spiorad, airson gum biodh tusa air do mholadh ’s air do ghlòireachadh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Eanraig Alford (1810-1871).

A Dhè ghlòirmhor agus uile-chumhachdaich, anns a bheil uile spioradan nam muinntir bheannaichte a’ cuir earbsa an cuid dòchais; deònaich dhuinne gun robh sinn, tro do chuideachadh-sa, an còmhnaidh an comas air a bhith a’ dèanamh seirbheis dhut le inntinn fhìorghlan, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas Sharuim (1085)

Maitheanas is Caoibhneas; Ùmhlachd do Dhia; Fìorghlaine is Fìrinn.

27mh den Fhaoilleach [27]

A Dhè thròcairich, ar n-Athair nèamhaidh, tha mi a’ toirt a chliù, a mholaidh ’s an taing as àirde, dhut-sa, a chionn gu bheil thu a dà chuid, air mo ghlèidheadh – an nochd agus aig uile ammanan is làithean mo bheatha gu ruige seo – fo do dhìon; agus tha thu air fulang a bhith a’ leigeal leam a bhith beò chun na h-uaire seo fhèin.

Agus tha mi a’ guidhe ort gu chridheil gun dearbhadh tu gu cìnnteach mo ghabhail – an-diugh, agus anns na tha air fhàgail dhe mo bheatha, bhon àm seo air adhairt – a-steach na do ghlèidheadh fhèin; gam riaghladh ’s gam rìoghachadh tro do Spiorad Naomh, airson gun deidheadh ruaig agus brùthadh a-mach a dhèanamh air a h-uile seòrsa dorchadas is olc às mo chridhe, agus airson gun coisichinn ann an solas d’ Fhìrinn, gu do ghlòir ’s do mholadh-sa, agus airson mo nàbaidh a chuideachadh agus adhartachadh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna agus ar Slànaighear – Amen.

Leabhar Beag Prìomh Ùrnaighean Eanraig V111 (1545).

Taingealachd is Moladh.

28mh den Fhaoilleach [28]

A Dhè uile chumhachdaich, ar Solas ann an dorchadas, ar Neart ann an laigse, ar Dòchas ann an peacadh, agus ar dachaigh Shìorraidh, bi tròcaireach, fad-fhulangach, agus foighidneach leinn; airson gum biodh dòchas againne a tha slàodach ann a bhith a’ fàs, gun tigeadh sinn mu dheireadh gus a bhith coltach riut-sa; agus air ar cumail suas leat-sa, gun deidheadh againn, tro do thròcair, air a dhol bho neart gu neart – tron ana-caitheamh ’s tron ghruaim, tro aoibhneas is dleastanas na beatha thalmhaidh seo a bhith air a dhol seachad gu sàbhailte – gus an tigeadh sinne, tro lànachd do thròcair, a-steach do Thìr do shìth shìorraidh – Amen.

Seòras Dabhsan (1821-1876).

A Thighearna, a tha a’ faicinn gu bheil a h-uile cridhe falamh mur a lìon thusa iad, agus a h-uile miann air an trèigsinn mur a h-eil iad dha do mhiannachachadh-sa; thoir solas agus gràs dhuinn airson gun sireadh ’s gum faigheadh sinn thu – airson gum b’ ann leatsa a bhiodh sinn agus gur h-ann leinne a bhiodh tusa gu sìorraidh – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Treòrachadh is Solas; Earbsa ann an Dia.

29mh den fhaoilleach [29]

A Thighearna, chan aithne dhomh dè a bu chòir dhomh a shireadh bhuat; ’s ann dhutsa a-mhàin as aithne na tha a dhìth orm; tha thusa ga mo gràdhachadh nas fheàrr na ’s aithne dhomhsa mi fhèin a ghràdhachadh.

O Athair! builich air do leanabh an nì nach aithne dha fhèin ciamar a dh’iarras e air a shon. Cha leig an t-eagal leam faighneachd eadhon airson croinn, no comhfhurtcachdan; tha mi dìreach gam nochdadh mu do choinneamh, tha mi a’ fosgladh mo chridhe dhut.

Seall air m’ fheumalachdan nach aithne fiù’s dhomh fhèin; faic, agus dèan a-rèir do thròcair chaomh.

Buail, no slànaich; leag sìos mi no tog mi suas; tha mi ag adhradh ri do rùintean uile gun a bhith eòlach orra; tha mi sàmhach; tha mi gam thagradh fhèin mar ìobairt; tha mi gam ghèilleadh fhèin riutsa; cha bhiodh miann sam bith eile agam ach do rùn-sa a choileanadh.

Teagasg dhomh ùrnaigh a dhèanamh. Dèan fhèin ùrnaigh annam – Amen.

Francois de la Mothe Fènelon (1651-1715).

Co-aontachadh ri rùn Dhè.

30mh den Fhaoilleach [30]

A Sholais Uile-lèirsinnich, agus Beatha Shìorraidh nan uile nithean, seall air mo dhòrainn le sùil do thròcair, agus leig le do chumhachd neo-chrìochnach gu ceadaicheadh e cuibhreann de chobhair a bhuileachadh orm, mar a bhios a’ coimhead ro-freagarrach dhut fhèin.

Ach a dh’aindeoin sin, O mo Dhia, tha mi a’ gèilleadh ri do rùn, agus a’ greimeachadh gu h-aoibhneil air ge b’ e dè am bròn a dheònaicheas tusa a dh’fheumainn fhulang.

Dìreach leig leam na h-uibhir seo a mhiannachadh bhuat (deònaich gun gabhadh tu ri mo mhiannachadh, A Thighearna, a chionn gu bheil fiù’s sin fhèin a’ tighinn bhuatsa) – leig leam gum miannaichinn fiù’s fon tiotal as àirde, a bheirinn nam àmhghar a bu mhiosa dhomh fhèin, gur mise do chreutair-sa, agus tro do mhaitheas (as e thu fhèin), gum fuilingeadh tu gun soillsicheadh deàlradh air choireiginn dhe do mhòralachd a-steach na m’ inntinn, airson gun crochadh e fhathast ann an cinnteas annadsa – Amen.

An Ridire Philip Sidnaidh (1554-1586).

Àmhghar is Fulangas.

31mh den Fhaoilleach [31]

O cuir a-mach do sholas agus d’ fhìrinn, airson gum bi mi an còmhnaidh a’ fuireach faisg ortsa, mo Dhia.

O, leig leam gum fairichinn do ghràdh, airson gum bithinn – mar gum b’ e – ann an nèamh mu thràth, airson gum dèanainn m’ uile obair mar a tha na h-ainglean a’ dèanamh an obair-san; agus, O, leig leam a bhith deiseal airson a h-uile obair! a bhith deiseil airson a dhol a-mach no a dhol a-steach, deiseil airson fuireach no falbh, dìreach mar a dh’òrdaicheas tusa.

A Thighearna, deònaich nach biodh rùn sam bith agam dhomh fhèin; no gun seallainn ri m’ fhìor thoileachas-sa mar gum biodh e a’ crochadh anns a phuing as lugha, air nì sam bith a dh’fhaodadh tachairt dhomh air an taobh a-muigh, ach gu bheil e uile gu lèir air a dhèanamh an aird de cho-aontachadh ri do rùn-sa – Amen.

Eanraig Màrtainn (1781-1812).

A Dhè, a tha gar cronachadh na do ghràdh, agus gar n-ath-bheòthachadh am measg do chronachaidh; deònaich gum biodhmaid an còmhnaidh an comas air taing a thoirt dhut airson an dà chuid sin; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Sàcramaideachan Leònach (440).

Àmhghar is Fulangas; Dleastanas.