An Cèitean

1mh den Chèitean [122]

A Dhè, as e thu fhèin an dìoladh ro-mhòr dha na h-anaman dhìleas, ceadaich dhuinne gun dèanamaid adhartas, gach là, ann an diadhachd, chun na h-ire as motha de ar neart, airson gun biodh sinne – a tha an còmhnaidh a’ sireadh an nì sin a tha nas coileanta buileach – aoibhneal ann a bhith a’ ruighinn do ghlòir shìorraidh-sa – Amen.

Portas Ròmanach.

A Dhè uile-chumhachdaich, as d’ aonais fhèin chan urrainn dhuinn nì a dhèanamh, tha mi a’ cur romham gu làidir mu do choinneamh-sa a bhith a’ leantainn riaghailt do rùin; a bhith a’ ceartachadh mo dhòighean; a bhith a’ gabhail gnothaich nas dìlse ri dleastanasan mo ghairm; a bhith a’ seachnadh a h-uile olc – agus na cothroman a bhitheadh ann air a shon.

Gun robh thusa, a tha a’ buileachadh na rùin seo orm, cuideachd a’ toirt a chumhachd dhomh airson a’ coileanadh. Builich na tha thu ag àithne, agus bi ag àithne na tha thu ag iarraidh; airson gum bi mise bèo ann an ceartas anns an t-saoghal seo, agus anns an t-saoghal a tha ri thighinn gum bithinn gad mholadh gu sìorraidh – Amen.

Ciste-ionmhais an Diadhachd.

Beò-ìarraidh; Coisrigeadh is Naomhachd.

2mh den Chèitean [123]

A Dhè as ro-thròcairiche agus as ro-ghràismhore, ghuidheamaid ort ar n-ùrnaighean a’ chluinntinn agus ar cridheachan a’ shaoradh bho bhuaireadh smuaintean olca, airson – tro do mhathas-sa – gun tigeadh sinne gus a bhith nar n-àite-còmhnaidh iomchaidh airson do Spiorad Naomh – Amen.

Leabhar Ùrnaighean Shagart.

A Dhè uile-chumhachdaich, a tha as cionn gach uile nì, beatha gach uile bheatha, gluais nar n-anaman, airson, air ar gluasad le do Spiorad-sa, gum faiceadh sinne na nithean sin as bòidhche agus as fìrinniche a tha ’s a bheatha, agus a’ crochadh riuthasan, gum biodh an comas air a thoirt dhuinn a bhuaidh fhaighinn thairis air an nì a tha suarach agus salach; airson, mar sin – aig an deireadh – gum faigheamaid buaidh thairis air gach boile olc agus gach miann mhì-naomh, a h-uile fèin-rùn agus nì nach eile coltach riutsa, agus, gun tigeamaidh mu dheireadh chun an staide earachdail ud as e ùmhlachd dheònach, an uair a bhios prìomhachas aig do rùn-sa unnainne. A-mach a do thròcair, cluinn sinn, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

Ùmhlachd ri Dia; Fìorghlaine is Fìrinn.

3mh den Chèitean [124]

A Thighearna ar Dia, a tha air iarraidh air an t-solas deàrrsadh a-mach à dorchadas, a tha air ar dùsgadh a-rithist airson do mhaitheas a mholadh ’s a bhith a’ faighneachd airson do ghràis; gabh a-nis, na do thròcair neo-dheireannach, ri ìobairt ar n-adhraidh agus ar taingealachd, agus ceadaich dhuinn uile a leithid de thagraidhean ’s a bhiodh gu ar maith.

Thoir dhuinne gum biodhmaid nar cloinn den t-solas agus den là, agus nar n-oighreachdan dhe do dhìleab shìorraidh.

Cuimhnich, A Thighearna, a-reir mòralachd do thròcairean, air d’ Eaglais gu coileanta; na h-uile a chruinnicheas còmhla rinn ann an ùrnaigh; ar bràithrean agus ar peathraichean, air tìr no air a mhuir – no ge be càite a dh’fhaodadh iad a bhith na do rìoghachd fharsaing-sa – a tha a’ cur feum air do ghràs agus air do chuideachadh.

Dòirt a-mach orrasan saoibhreasan do thròcair, airson gum biodh sinne, seasmhach ann an creideamh, an còmhnaidh a’ moladh d’ainm ionganach agus naomha – Amen.

An Eaglais Ghreùgach.

Taingealchd is Moladh.

4mh den Chèitean [125]

A Thighearna, a chionn gu bheil sinn air ar cuartachadh le na h-uidhir de dh’anfhainneachdan bi sinn gu tric a’ peacachadh agus a’ sireadh maitheanas, cuidich leinn ann a bhith a’ maitheadh mar a dh’iarramaid a bhith a bhith air ar maitheadh sinn fhèin; gun a bhith a’ dèanamh aithris air aon làimh mu sheann ionnsaidhean a chaidh a ghabhail oirn, no a’ cumail ar n-inntinean orra ann an smuain, no a bhith fo am buaidh nar cridheachan: ach a’ gràdhachadh ar bràthair gu saor mar a tha thusa gar gradhachadh-ne – Amen.

Cairistiona Rosetaidh (1830-1895).

O, a Thighearna bheannaichte, tha mi a’ guidhe ort a bhith a’ dòrtadh a leithid de ghràs sios oim ’s a bhiodh, chann ann a-mhàin a’ glanadh na beatha seo agam, ach ga dhèanamh beagan nas breagha, ma tha seo a-rèir do rùn, mas tèid mi air adhart às a seo agus nach bi mi air m’ fhaicinn tuilleadh.

Ceadaich gun gràdhaichinn thusa le m’uile chridhe is anam is inntinn is neart, agus mo nàbaidh mar mi fhèin – agus gun cumainn orm chun an deireadh; tro Ìosa Crìosd – Amen.

Seumas Skinner (1818-1882).

Beò-iarraidh; Maitheanas is Caoibhneas.

5mh den Chèitean [126]

Chan eil nì, A Thighearna, nas coltaiche ri do nàdar naomh-sa na ìnntinn a tha suidhichte ann an sàmhchair.

Tha thusa air ar gairm a-steach dhan t-sàmhchair ’s dhan t-sìth sin as leat fhèin, a-mach à ùparaid an t-saoghail seo – mar gum b’ann, a-mach à stoirmean, a-steach do chala; a tha na leithid de shìth ’s nach urrainn don t-saoghal a bhuileachadh, agus a tha thar uile chomas an duine.

Ceadaich a-nis, O Athair as ro thròcairiche, gun robh ar n-inntinnean, tro do mhaitheas ro-mhòr-sa, gan gèilleadh fhèin gu h-umhail riutsa, as aonais strì; agus gun èireadh iad gu sàmhach a-steach dhan t-suaimhneas uachdaranaich sin as leat fhèin gu h-àrd.

Deònaich nach fhaodadh nì sam bith a bhith gan cur troimhchèile, no a’ goid an t-sìth aca, shìos an seo; ach gun robh a h-uile nì sàmhach agus ciùin tron t-sìth agad fhèin – Amen.

Leabhar Ùrnaighean Chrìosdail (A.D. 1578).

Fois is Sìth ann an Dia.

6mh den Chèitean [127]

O Athair ghràismhoir, glèidh mi tro do Spiorad Naomh; glèidh mo chridhe bog agus maoth an-dràsta ann an slàinte, agus am measg cabahaig an t-saoghail; cùm an smuain mu do dheidhinn fhèin an làthair dhomh – mar m’ Athair ann an Ìosa Crìosd; agus cùm spiorad a ghràidh agus a mhacantais dha na h-uile dhaoine beò anam, airson gum bi mi aig an aon àm, caomh agus gnìomhach agus seasmhach.

O neartaich mi ach an giùlain mi cràdh, no euslainte, no cunnart, no ge b’ e dè sam bith a bhiodh thusa toilichte a chur orm, mar shaighdear agus seirbhiseach Chrìosd; agus deònaich gun robh mo chreideamh a’ faighinn a bhuaidh thairis air an t-saoghal gach là.

Coilean agus beannaich obair an Spioraid ann an cridheachan d’ uile phobaill, agus gun robh do rìoghachd a’ tighinn, agus do thoil air a dhèanamh air an talamh mar a tha i air a dèanamh air nèamh.

Tha mi ag ùrnaigh airson seo, agus airson gach ni a tha thusa a’ faicinn a tha a dhìth orm, air sgàth Chrìosd – Amen.

Tòmas Arnold (1795-1842).

Beò-iarraidh; Gràdh do Theaghlach, Charaidean, na Cinne-daonna.

7mh den Chèitean [128]

A Thighearna cuidich leinn airson gun cùmamaid greim daingeann ort tro ùrnaigh, agus tro ghràdh gun greimicheamaid gu cìnnteach ort-sa – ar cuideachadh a tha an còmhnaidh an làthair.

Ghuidheamaid ort, an uair a tha do fhresasdail dorcha – nar sùilean-ne, neartaich ar creideamh; agus ge be dè an cuibhreann a tha thusa a’ cur a-mach dhuinne, thoir gràs dhuinn a chanadh, ‘Is leòr e,’ – Amen.

Cairistiona Roseadaidh (1830-1895).

A Dhè, aig a tha tròcair a tha a ruighinn nan nèamhnan, agus d’ fhìreantachd gu na sgòthan, teagasg dhomh a bhith a’ fuathachadh gach nì a tha olc, agus a bhith gam chuir fhèin anns a h-uile slighe mhaith; airson, gum b’urrainn dhomh – le m’earbas ann an sgàile do sgiathan-sa – a bhith a’ dèanamh gàirdeachais na do chaomh-ghràs uile làithean mo bheatha; agus aig an deireadh gun robh mi an comas air a bhith air mo shàsachadh le pailteas do thaighe, agus ann an solas do ghnùise-sa gum faicinn an t-solas shìorraidh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Jeremaidh Tàilear (1613-1667).

Earbsa ann an Dia.

8mh den Chèitean [129]

A Dhè uile chumhachdaich, troimh Fhacal-san a tha na h-uile nithean ag obrachadh, troimh a threòrachadh-san a tha na h-uile nìthean a’ dol, òrdaich ar beathanan air an taobh a-staigh ann an leithid de dhòigh is gum biodhmaid air ar dèanamh an comas a bhith a’ tuigsinn na nithean a tha sinn a’ faicinn; agus tro do threòrachadh-sa anns a bheatha spioradail ’s ann an carthannas, òrduich na th’ann de chin-òrdugh nar beathanan chun na h-ìre, thoir ar n-ìnntinnean chun na fìrinn ann an leithid de dhòigh, ar cogaisean chun na lagha, ar sùilean chun an t-solais, agus ar cridheachan, gu d’ fhìor ghràdh is – am measg, a-rèir choltais, àimhreit na beatha – gun cluinneamaid ceòl an rùin nèamhaidh, agus gun greimeachamaid gu tric air caomhalachdan an òrdhaigh nèamhaidh.

Bheir na h-uidhir de dhòchas dhuinn is gun siubhaileamaid air adhart tro thìm, a-steach dhan oideachadh a tha nas àirde ’s nas fheàrr aig a bheatha a tha ri thighinn, airson, mu dheireadh, gum biodh eòlas againn air na nithean sin a tha falaichte ’s air nach urrainn eòlas a bhith againn an-dràsta, agus gun ionnsaicheamaid an t-àilleachd ghlòirmhor ’s an gràdhachadh ghlòirmhor aig na bliadhnaichean shìorraidh.

Seòras Dawson (1821-1876).

Treòrachadh is Solas

9mh den Chèitean [130]

Tha mi a’ tabhainn m’ ùrnaighean agus m’ eadar-ghuidhean suas thugadsa, gu sònraichte air an son-san a tha, a-thaobh nì sam bith, air mo leòn, mo chràdh, no air coire a thoirt dhomh, no a dh’adhbhraich cron no milleadh sam bith dhomh.

Cuideachd air an son-san uile – aig àm sam bith – a dh’fhaodainn-sa a bhith air a shàrachadh, a bhuaireadh, air a chuir fo eallach ’s a mhaslachadh, le faclan no gnìomhan, le fios no gun fhios; gun deònaicheadh tusa dhuinn uile an aon t-suim de mhaitheanas airson ar peacaidhean ’s ar cionta an aghaidh càch a chèile.

Thoir air falbh bho ar cridheachan, a Thighearna, a h-uile amharas, diomb, corraich agus comhstrì, agus ge be dè a leònadh carthannas, agus a lùghdaicheadh gràdh bràithreil.

Dèan tròcair, A Thighearna, dèan tròcair orrasan a tha a’ miannachahd do thròcair, builich gràs orrasan a tha a’ cur feum air, agus dèan sinne nar leithid de dhaoine is gun robh sinn airidh air a bhith a’ mealtainn do ghràis, agus a’ dol air adhart chun a bheatha shìorraidh – Amen.

Tòmas a Ceampaidhs (1379-1471).

Aidmheal is Aithreachas; Maitheanas is Caoibhneas.

10mh den Chèitean [131]

Tha na cuibhrichean a tha thusa a’ cur oirnn, A Thigheanra, nan sgìathan saoraidh. Chan eil saorsa ann a leithid an t-saorsa as e a bhith fo fhiachaibh falbh. An uair a bheir thusa am mothachadh seo dhomh mu mo dhleastanas, aig a mhòmaid sin tha thu a’ leigeil le mo spiorad a dhol saor. An uair a chanas tusa gum feum mi, canaidh mo chridhe, “’S urrainn dhomh.”

Tha mo neart co-ionnan ri na ròpan a tha gam cheangal. Chan eil cin a cho-èignachaidh fanear dhomh chun na h-ìre ’s a tha e nuair a tha mi air mo cho-èigneachadh le do ghràdh-sa.

Gu bràth tuilleadh, a Spioraid Dhiadhaidh, treòraich mi anns an aomadh nàdarra seo a thaobh na tha ceart. Cuir ròp do ghràdh glacail timcholl air mo chridhe, agus treòraich mi far, na mo sholas fhèin, nach deidhinn.

Ceangail mi riut fhèin mar a tha thu a’ ceangal na planaidean ris a ghrian, airson gun tigeadh e gus a bhith na fhìor lagh mo nàdair a bhith air mo threòrachadh leatsa.

Gum bithinn sona fios a bhith agam gun lean maitheas is tròcair mi, gun a bhith a’ feitheamh air a bhith gam faicinn-san air thoiseachd orm – Amen.

Seòras MacMhathainn (1842-1906).

Co-aontachadh ri rùn Dhè.

11mh den Chèitean [132]

Chan eil sinn a’ faighneachd, A Athair, airson slàinte bodhaig, no beatha. ’S ann a tha sinn a’ tagradh ar n-uile làithean dhutsa. Tha thusa air an cùnntadh. Cha bhiodh eòlas a bharrachd againn.

Chan eile sinn a’ faighneachd ach gun bàsaicheamaid an àite a bhith beò gu mi-dhìleas riutsa; agus ma ’s ann gur h-e do rùn sa gum falbhanmaidh, gum bàsaicheadh sinn ann am foighidinn agus ann an gràdh.

A Dhè uile-chumhachdaich, a tha a’ cumail greim na do làmhan air iuchraichean na h-uaighe airson a bhith ga fhosgladh agus ga dhùnadh a-rèir do thoil, na toir beatha dhuinn ma bhios cus gràidh againn air. Beò na a’ bàsachadh ’s ann leatsa a bhiodhmaid – Amen.

Francois de la Mothe Fènelon (1651-1715).

A Dhè, ùghdair an t-solais shìorraidh, gun robh thusa a sgaoileadh a-mach là gun chrìch oirnne a tha a cumail faire air do shon-sa; airson gum moladh ar bilean thu, gum beannaicheadh ar beathanan thu, gun glòiricheadh ar meòmhrachaidehean thu; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas Shàruim (A.D. 1085).

Ùmhlachd is Gèilleadh.

12mh den Chèitean [133]

A Thighearna, leis a tha neart agus gliocas, cuir a-mach do neart, tha mi a’ guidhe ort, air do sgàth fhèin agus air ar son-ne, agus seas suas airson ar cuideachadh; oir tha sinne nar daoine a tha an comas a bhith air ar mealladh agus tha sinn lag, anfhann agus geàrr, neo-sheasmhach agus fo eagal, mur a cuir thusa cumhachd do Spioraid Noimh-sa nar broinn – Amen, A Thighearna – Amen.

Cairistiona Ròseadaidh (1830-1895).

A Thusa a tha eòlach air ar cridheachan, agus a tha a’ faicinn ar buairidhean agus na strìdhean againn, dèan tròcair oirnn, agus treòraich sinn bho na peacaidhean a tha a’ cathachadh an aghaidh ar n-anaman.

Tha thusa uile-chumhachdach, ’s tha sinne lag is buailteach a dhol air seachran. Tha ar n-earbsa annadsa, o thusa a Dhè dhìleis is mhaith. Treòraich sinn à braighdeanas an uilc, agus deònaich dhuinne gum b’urrainn dhuinn, bhon àm seo a-mach, a bhith nar seirbhisich air ar toirt seachad dhutsa, a’ dèanamh seirbheis dhut ann an saorsa a ghràidh naoimh, air sgàth Chrìosd – Amen.

Eugène Bersier (1831-1889).

Aidmheal is Aithreachas; Buaireadh is Deuchainn;

Misneachd, Aoibhneas, Neart.

13mh den Chèitean [134]

O, A Thighearna, thuige a tha gach uile chridhe fosgailte, ’s urrainn dhutsa soitheach mo chridhe a riaghladh nas fheàrr na ’s urrainn dhomh fhèin.

Èirich, A Thighearna, agus thoir àithne a bhith stòlda dhan ghaoth agus dhan mhuir a tha na bhroilleis na mo chridhe, agus aig fois annadsa, airson gum b’urrainn dhomh coimhead suas thugad gun a bhith air mo bhuaireadh, agus airson gum bithinn beò air m’ aonadh riutsa, mo Thighearna.

Na leig leam a bhith air mo ghiùlainn à seo le smuaintean sheachranach; ach, a di-chuimhneachadh a h-uile nì eile, leig leam thusa fhaicinn ’s a chluinntinn.

Ùraich mo spiorad; las do sholas annam, airson gun deàlradh e nam bhroinn, agus gun losgadh mo chridhe na theine ann an gràdh ’s an an adhradh dha do thaobh-sa.

Leig le do Spiorad Naomh a bhith a’ fuireach annamsa gun sguir, agus dèan do theampall agus d’ ionad-naomh dhìom, le smuaintean diadhaidh agus nèamhaidh, le comhfhurtachd agus neart, le aoibhneas agus sìth – Amen.

Johann Arndt (1555-1621).

Beò-iarraidh.

14mh den Chèitean [135]

A Dhè, a tha air àithne dhuinn a bhith coileanta, mar a tha thusa, ar n-Athair air nèamh, coileanta: cuir nar cridheachan, ghuidheamaid oirt, miann gun sguir airson a bhith umhail ri do rùn dhiadhaidh-sa.

Teagasg dhuinn là thar là dè a dh’iarradh tusa a dhèanamaid, agus builich gràs is cumhachd oirnn airson seo fhèin a choileanadh. Nar leigeadh gun dìultamaid an t-slighe a shònraicheas tu air sgàth gaol na foise, no, air sgàth eagal an nàrachaidh, gun tionndamaid air falbh bhuaithe – Amen.

Eanraig Alford (1810-1871).

Deònaich, A Thighearna, gun sireadh mo thagraidhean-sa an còmhnaidh na nithean sin a dhèanadh na bu freagarraiche mi airson thu fhèin a thoileachadh, ’s nach b’ iad an t-seòrsa a bhiodh na bu fhreagarraiche airson mi fhèin a thoileachadh; agus, airson co-chruinneachadh de bheannachdan, thoir buaidh air m’ anam le do Spiorad Dhiadhaidh-sa chun na h-ìre, is gum b’e do rùn fhèin a bhiodh na thlachd dhomh an còmhnaidh – Amen.

Teàrlach How (1661-1745).

Co-aontachadh ri rùn Dhe; Ùmhlachd ri Dia.

15mh den Chèitean [136]

A Dhè as e, thu fhèin, sìth shìorraidh, a tha air sìth a thaghadh mar dhìoladh, agus a tha air teagasg dhuinn gur h-iad luchd-dèanamh na sìthe do chloinne-sa, dòirt do shìth-sa a-steach dha ar n-anaman, airson gum falbhadh a h-uile nì a ni aimhreit às ar sealladh gu lèir, agus gum biodh a h-uile nì a dh’adhbhraicheas sìth milis dhuinn gu bràth – Amen.

Motsarabach (ro A.D. 700).

A Thighearna, a tha nad Dhia a tha deiseal airson maitheadh a dhèanamh, agus a tha mòr na do chaoibhneas, thoir air falbh fada bhuam-sa a h-uile cothrom agus buaidh airson fearg a tha gun agus adhbhar agus ana-cuimseach.

Builich spiorad shocair, is shìtheil, is mhacanta, is iriosal orm, airson, a’ cuimhneachadh air m’anfhanneachdan fhèin, gum bithinn foighidneach le feadhainn dhaoine eile; gun smaoinichinn gu h-iriosal mu m’ dheidhinn fhèin, agus nach bithinn feargach an uair a smaoinicheas feadhainn eile gu h-iriosal mu m’ dheidhinn; airson gum bithinn foighidneach ris a h-uile duine, caomhanta is furasta a bhith air m’earalachadh; airson gum biodh Dia mar seo rium-sa – Amen.

Tòmas MacUilleim (1663-1755).

Maitheanas is Caoibhneas; Fois is Sìth ann an Dia.

16mh den Chèitean [137]

Tha sinn a’ guidhe ort a bhith truacanta ruinn nar n-anfhanneachd, A Thighearna, airson ar glèidheadh ann an cunnart, airson ar stiùireadh ann am mì-chìnnt, agus airson ar teasaircinn bhon a bhith a’ tuiteam dhan pheacadh.

Bhon olc – a tha mu thimcholl oirn agus nar broinn – treòraich gu gràsmhor sinn. Dèan slighe an dleastanais follaiseach mu ar coinneamh, agus glèidh sinn ann chun an deireadh – Amen.

Litirdi Caibeal an Rìgh (1831).

Tha sinn gu h-iriosal a’ guidhe ort, O Athair nèamhaidh, gun cuireadh tu air falbh mar an oidhche ar easantasan air fad agus gum biodh tu a’ sgaoileadh ar peacaidhean mar sgòth na maidne.

A Thigheanra, maith dhuinn, ge be dè a tha a ceàrr annainn, bi gar glanadh bho ar pheacadh, agus deònaich gun robh do Spiorad Naomh mar sin gar stad, agus a’ tighinn còmhla rinn, agus gar leantainn là thar là, airson gun deidheadh againn air creidsinn annadsa, agus a bhith gad ghràdhachadh, agus a’ gleidheadh d’àithnteaan, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Ùrnaighean Teaghlaich Chòlbuirn.

Aidmheal is Aithreachas; Buaireadh is Deuchainn.

17mh den Chèitean [138]

’S ann gu h-anmoch a thug mi gràdh dhut, o thusa as e Fìrinn Shìorraidh agus Maitheas, ’s ann gu h-anmoch a tha mi air do shireadh, m’ Athair-sa! Ach shir thusa mise, agus an uair a dheàlraich thu a-mach orm, an uairsin b’aithne dhomh thu agus dh’ionnsaich mise a bhith gad ghràdhachadh-sa.

Tha mi a’ toirt taing dhut, O mo Sholas, gun do dhèalraich thu anns an dòigh seo ormsa; gun do dh’ionnsaich thu dham anam dè a bhitheadh annad fhèin dhomh-sa, agus gun do chrom thu d’ aghaidh thugam ann an tròcair; tha thusa, a Thighearna, air tighinn gus a bhith a’ seasamh mar mo Dhòchas, mo chomhfhurtachd, mo neart, m’ uile nì!

Annadsa tha m’anam a’ dèanamh aoibhneas. Theich an dorchadas bho mo shùilean, agus chunnacic mi thusa – grian an Fhìreantachd.

An uair a bha gràdh agaim air an dorchadas cha b’aithne dhomh thu, ach chaidh mi air seacharan bho oidhche gu oidhche. Ach threòraich thusa mi a-mach às an dalladh sin; tha thu gam gabhail air làimh agus gam ghairm thugad fhèin, agus a-nis ’s urrainn dhomh taing a thoirt dhut-sa, agus dha do ghuth mhòr a tha air faighinn a-steach na mo chridhe dhan àite as fhaide a-staigh – Amen.

Augustin (354-430).

Treòrachadh is Solas.

18mh den Chèitean [139]

A Dhè, ar tèarmann Neo-bhàsmhor! Le chridheachan thaingeil tha sinn a’ laighe aig do chasan na h-uairean dhùinte nuair a tha thusa eòlach oirne ach nuair nach eile sinne eòlach ortsa; agus le aoibhneas tha sinn a’ sealbhachadh bho do làmh-sa aon uair eile ar dleastanas fhosgailte as e co-chomann mhothachail le do bheatha ’s do smuaintean-sa.

Là thar là dèan nas coltaiche sinne riuthasan a dh’fhalbh a bha glic is math; agus ullaich sinne nar ginealach-ne airson an obair acasan a chumail a’ dol gu h-ìosal gus am bi sinn deiseal airson aonadh nas coileanta leòtha gu h-àrd.

Agus ma dh’fhannaicheas sinn uair sam bith fon chrann a dh’òrdaicheadh dhuinn agus a chanas sinn, “Tha e ro chruaidh a ghiùlainn,” gun coimheadamaid ri ceumanan Fhir na Doilgheasan a’ strì air adhart gu Calbhari, agus gun deidheamaid gu saor a-steach na do làmh-sa, agus gum biodh sinne nar n-aon leis-san agus leat-sa.

Coisrig sinne gu seirbheis aoibhneil do rùin-sa; agus selabhaich sinn mar do chuid cloinne ann an tìm agus anns an t-sìorraidheachd – Amen.

Seumas Martineau (1805-1900).

Co-chomann nan Naomh; Dleastanas.

19mh den Chèitean [140]

A Dhè uile-chumhachdaich, Athair na tròcairean, gun robh thusa toilichte a bhith ag obrachadh annamsa na dh’àithn thu a bu chòir a bhith annam.

Builich orm, A Thigheanra, gràs an fhìor bhròin – tionndaidh mo pheacadh gus a bhith na aithreachas, agus deònaich gun robh m’aithreachas a’ dol air adhart gu maitheanas; agus teagasg dhomh a bhith a’ cumail faire cho mionaideach air mo ghnìomhan is nach dèanainn easontas an aghaidh do laghan naomha le toil mo rùin, ach gun b’e obair mo bheatha-sa a bhith umhail riutsa, aoibhneas m’ anaim a bhith gad thoileachadh, agus coileantas mo mhiannan a bhith a’ fuireach comhla riutsa ann an rìoghachd do ghràis is do ghlòir – Amen.

Deremaidh Tàillear (1613-1667).

A Dhè, Beatha nan dìleas, Sonas nam fìrein: gabh gu tròcaireach ri ùrnaighean do luchd aslachaidh, airson gum biodh na h-anaman a tha pàiteach airson do gheallaidhean air an lìonadh gu bràth tuilleadh le do phailteas, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Gelàsian (A.D. 492).

Aidmheal is Aithreachas; Ùmhlachd ri Dia.

20mh den Chèitean [141]

A Dhè, mo Dhia, builich cridhe orm a bheireadh taing dhut-sa; tog mo chridhe suas as mo chìonn fhèin, thugadsa agus gu do rìgh-chathair shìorraidh; na leig leis a bhith a’ dèanamh dàil an seo am measg shàrachaidhean is ùparaidean an t-saoghail nas ìosle seo; na leig leis a bhith air a chlaoidh le sgòthan cùraim, no iomagain, no eagail, no amharais a bhiodh ceangailte ris an t-saoghal seo; ach ceangail e uile-gu-lèir riut fhèin agus ri do ghràdh.

Builich sùilean orm a chitheadh do ghràdh-sa anns na h-uile nithean, agus do ghràs anns na h-uile a tha mu thimcholl orm; thoir dhomh gun toirinn taing dhut airson do ghràdh ’s do ghràs dha na h-uile agus anns na h-uile; thoir dhomh sgiathan gràidh, airson gun èirinn gu cumhachdachd thugad fhèin, agus gun greimichinn ort, agus gun dèanainn adhradh riut, agus gum molainn thu barrachd is barrachd, gus am bithinn air mo sgeadachadh gu cothromach airson a dhol a-steach do dh’aoibhneasan do ghràdh shìorraidh, gràdh sìorraidh dhut-sa agus dha do ghràs, troimhe a rinn thu mise nam leithid is gum b’urrainn dhut gràdh a thoirt dhomh, den leithid a b’urrainn ghràdh a thoirt dhut-sa, A Dhè, mo Dhia – Amen.

E. B. Pusaidh (1800-1882).

Gràdh do Dhia; Taingealchd is Moladh.

21mh den Chèitean [142]

A Dhè dhìleis, builich oirnne, ghuidheam ort, cridheachan làn creideamh a tha dìleas riut fhèin, agus ri bhith a’ dèanamh seirbheis dha na h-uile dhaoine air do sgàth-sa.

Lìon sinne le gradh fìor-ghlan, cùm seasmhach sinn anns a ghràdh seo, thoir dhuinn creideamh a tha ag obrachadh tro ghràdh, agus glèidh sinne dìleas chun a bhàis – Amen.

Cairistiona Ròseadaidh (1830-1895).

A Dhè uile-chumhachdaich is thròcairich, a tha a’ buileachadh gràs a tha an comas gach slighe ’s a bheatha thalmhaidh a dhèanamh na shlighe dhìreach is chumhang a tha a treòrachadh chun a bheatha mhaireannach, air do phoball dhìleas, deònaich gun robh sinne – a tha a’ tuisinn nach eil neart sam bith againn annainn fhèin airson sinn fhèin a chuideachadh, agus a tha mar sin a’ cur ar n-uile earbsa na do chumhachd uile- chumhachdaich-sa – a’ faighinn, tro chuideachadh do ghràis nèamhaidh, a bhuaidh anns na h-uile nithean, an aghaidh ge be dè a dh’èireas airson sabaid nar n-aghaidh; tro Ìosa Crìosd – Amen.

Portas Ròmanach.

Dleastanas; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

22mh den Chèitean [143]

O A Bhuachaille nan caorach, a gheall na h-uain a ghiùlainn na do ghàirdeanan, agus ar treòrachadh ri taobh uisgeachan ciùine, cuidhich leinn ann a bhith a’ fèin-fhiosrachadh an t-sìth a tha thar labhairt. Thoir dhuinn gun òlamaid den deoch nèamhaidh as e beatha, an fhoighidinn shocair a tha sona a bhith a’ giùlainn na bhuilicheas Dia.

Dèan tròcair oirn, agus cluinn ar n-ùrnaighean. Treòraich sinn gu sèimh an uair a theid sinn tro ghleann sgàile a bhàis. Treòraich sinn, gus, mu dheireadh, ann an co-chruinneachadh do naoimh, a shealbhaicheas sinn suaimhneas gu sìorraidh tuilleadh – Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

A Dhè, aig a tha mathas òirdheirc, a tha an saoghal cruinn a’ moladh le aon ghuth air sgath do chaomhalachd mhilis; tha sinn ag ùrnaigh gun toireadh tusa air falbh bhuainne a h-uile mearachd, airson, mar sin, gun coileanadh sinn do rùn-sa; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas Shàruim (A.D. 1085).

Fois is Sìth ann an Dia; Ùmhlachd ri Dia.

23mh den Chèitean [144]

O, A Spioraid Naoimh, a tha air martairich agus luchd-aideachaidh a chomhfhurtachadh ’s a neartachadh anns a h-uile ginealach; a tha air a bhith a’ cumail comhfhurtachad agus ath-bheòthachadh mhilis riusan a tha brònach agus a’ fulang; a tha a’ taomadh a-mach gràdh, aoibhneas, agus sìth ann an cridheachan luchd-leantainn dhìleas is umhail Chrìosd; deònaich gun robh sinne air ar lìonadh le lànachd do ghibhtean gràis-sa; airson, tro do dheachdadh naomh, gun smaoinicheadh sinne mu na nithean sin a tha math, agus, tro do threòrachadh thròcaireach gun dèanamaid na dearbh nithean sin fhèin – Amen.

Ciste-iomnmhais an Diadhachd (1869).

O, A Rìgh nèamhaidh, a Chomhfhurtair, agus A Spioraid na Fìrinn, a tha anns a h-uile àite, agus a’ lìonadh an t-saoghail gu lèir le saoibhreasan do mhaitheis-sa; O Aoin Buileachaidh na Beatha, thig a-steach dha ar cridheachan agus dèan còmhnaidh an sin, agus sàbhail gu beò ar n-anaman – agus gur h-ann thugad-sa a bhiodh a ghlòir a-nis agus gu sìorraidh – Amen.

Leabhar nan Uairean (1865).

Beò-iarraidh.

24mh den Chèitean [145]

A Dhè, a tha a’ toirt do dh’ aiteas gum biodh e na chombanach do neart, ged a tha e buailteach sgiathan a ghabhail ann an àm mulaid, tha sinn a’ guidhe ort gu h-iriosal, na do ghliocas uachdaranaich, ma chuireas tu laigse thugainne, airson adhbhar do thròcair na àich dhuinn comhfhurtachd na foighidinn.

Na cuir barrachd oirnn, O Athair Nèamhaidh, na tha thu a dol a thoirt dhuinn gum fuilingeamaidh; agus bhon a tha frionasas ar spioradan nas leònmhor na cudthrom ar n-eallach, deònaich an t-sìochantas nèamhaidh dhuinn a thig bhon a bhith a’ sealbhachadh do làimh-sa anns na h-uile nithean, is foighidinn anns an earbsa gu bheil thusa a’ dèanamh a h-uile nì gu math – Amen.

Rowland Williams (1818-1870).

Deònaich, ghuidheamaid ort, A Dhè Uile-chumhachdaich, gun robh sinne – a tha, air sgath do chaomh thròcair-sa, fhathast ann an deagh mhisneachd ged a tha sinn a tha fo àmhghar – a’ faighinn a-mach gu bheil thusa cumhachdach airson ar saoradh bhon a h-uile cunnart, tro Ìosa Crìosd – Amen.

Portas Ròmanach.

Àmhghar is Fulangas; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

25mh den Chèitean [146]

A Rìgh na Glòire, thoir dhachaigh sinn uile, tro ghràs gu glòir. Deònaich gun robh ar n-àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro-anabarraiche agus sìor-mhaireannach – Amen.

Cairistiona Ròseadaidh (1830-1895).

A Dhè a tha air òrdachadh gum biodh a h-uile nì a tha air a mhiannachadh air a shealbhachadh tro shaothair, agus a tha, tro do bheannachd a’ toirt saothair onaireach gu deagh bhuaidh; coimhead le tròcair air m’obair ionnsachaidh agus mo shaothair-sa.

Deònaich dhòmh-sa, A Thighearna, gun dealbhainn dìreach na tha laghail agus ceart; agus leag dhomh gun robh m’ inntinn ciùin, agus gun robh mo rùn suidhichte, airson gun dèanainn do rùn-sa anns a bheatha ghoirid seo ann an leitid de dhòigh is gun sealbhaichinn toileachas anns an t-saoghal a tha ri thighinn, air sgath Ìosa Crìosd art Tighearna – Amen.

Samuel MacIain (1709-1784).

Àmhghar is Fulangas; Dleastanas.

26mh den Chèitean [147]

A Thighearna, ar Dia, Mòr, sìorraidh, mìorbhaileach ann an glòir, a tha a’ glèidheadh co-cheangal agus geallaidhean dhaibhsan a tha ga do gràdhachadh le an uile chridheachan; as e Beatha nan uile, Cuideachadh dhaibhsan a tha a’ teiche thugad, agus Dòchas nam muinntir a tha a’ glaodhaich riut; glan sinne bho ar peacaidhean, dhìomhair agus fhollaiseach, agus bhon a h-uile smuain nach eile a’ toileachadh do mhathas-sa, glan ar bodhaigean agus ar n-anaman, ar cridheachan agus ar cogaisean, airson, le cridhe fìor-ghlan agus anam shoilleir, le gràdh coileanta agus dòchas chiùin, gun deidheamaid le cìnnteas, agus gun eagal, airson ùrnaigh a dhèanamh riut-sa – Amen.

Litirdi Coptach an Naoimh Basil.

A Thighearna, cùm mise faisg ort fhèin. Na leig le nì sam bith mo sgaradh bhaut-sa, na leig le nì sam bith mo chumail-sa air ais bhuat fhèin. Ma thuiteas mi, thoir air ais gu cabhaigeach mi thugad fhèin, agus thoir dhomh: dòchas annadsa, earbsa annadsa, agus gràdh dhut-sa gu sìorraidh – Amen.

E. B. Pudhsaidh (1800-1882).

Beò-iarraidh; Fìorghlaine is Fìrinn.

27mh den Chèitean [148]

A Dhè Mhòir agus Àrd, Thusa, A, Athair anns na h-Àrdan, a tha air gealltainn còmhnaidh a dhèanamh leothasan aig a tha spiorad iriosal agus a tha fo eagal d’ Fhacail; cruthaich unnainne an-dràsta cridheachan a tha cho iriosal ri sin, agus thoir dhuinn eagal a bhiodh umhail ri d’àithntean.

O thig, a Spioraid Naoimh agus ath-bheothaich ar cridheachan le gràdh naomh; thig, A Spioraid an Neirt, agus dùisg ar n-anaman gu acras agus pathadh air do shon fhèin – an fhìor Neach treòrachaidh aca, airson gum bi iad air an cùmail a’ dol le do bhuaidh uile-chumhachdaich.

Èirich, A Spioraid na beatha, airson, tromhad-sa, gun tòisicheamid air a bhith beò; thig sìos oirnn agus atharraich sinn gus a bhith nar daonnachd dhen t-seòrsa a tha cridhe Dhè a’ miannachadh fhaicinn, air an n-ath-ùrachadh gus a bhith nar n-ìomhaigh de Chrìosd, agus a’ dol air adhart bho ghlòir gu glòir.

A Dhè, A Phrìomh Mhaith, dèan thu fhèin aithnichte dhuinn, agus glòirich thu fhèin nar bith air an taobh as fhaide a-staigh – Amen.

Gerhard Tersteegen (1697-1769); ùrnaigh bho 1731.

Beò-iarraidh.

28mh den Chèitean [149]

Dèan do shlighte aithnichte mu choinneamh m’ aghaidh-sa. Thoir tacsa dhomh an là seo le na choinnicheas rium de dhuigheadasan. Tha mi gam thagradh fhèin dhut-sa, A Dhè, airson gun dèananadh tu annam, agus leam, mar as freagarraiche a chiutheas tu fhèin – Amen.

Tòmas Uilleamach (1663-1755).

A Dhè uile-chumhachdaich, a bha, agus a tha, agus a thigeas a-rithist, Dachaigh shìorraidh an duine, Teàrmann nam muinntir a tha sgìth, Neart nam muinntir a tha lag – a-mach à do chaomh-ghràdh agus do chaomh thròcair, deònaich dhuinne gun robh sinn, air ar treòrachadh le do Spiorad mhaith-sa, agus a’ tighinn le cridheachan iriosal thugad, gun robh eòlas againn air an fhìrinn, gum fairicheamaid do sholas-sa, gun òlamaid dhen uisge bhò, agus gun itheamaid dhen aran nèamhaidh; agus gun robh sinne an comas, a’ siubhal tro gheata a bhàis, air a dhol mu dheireadh thall a-steach dhan bheatha shìorraidh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

Treòrachadh is Solas.

29mh den Chèitean [150]

Ar n-Athair, thugad-sa, ann an solas beatha bheannaichte ar Slànaighear, thogamaid ar n-anaman.

Tha sinn a’ toirt taing dhut airson an fhìor Sholas a tha a’ deàlradh nar saoghal le soilleireachd a tha a’ fàs. Tha sinn a’ toirt taing dhut air an son-san uile a tha air coiseachd anns an t-solas sin, gu h-àraid iadsan a bha faisg oirnn agus prìseil dhuinn, aig an robh beathanan anns am faca sinn a ghlòir agus an t-àilleachd air-leth seo.

Gun tuigeamaid gu bheil iad còmhla riutsa anns a bhodhaig agus a-mach às a bhodhaig, agus cuideachd an uair a thig na laithean talmhaidh seo gu crìch, nach ann gun tig ar seribheis dhut-sa is do càch-a-chèile gu crìch, ach gun tòisich e as ùr. Dèan ait sinne anns na h-uile a bha beò gu dìleas; dèan ait sinne anns na h-uile a bhàsaich gu sìtheil.

Tog sinn a-steach do sholas is gràdh is fìor-ghlainne is beannachdas, agus, aig an deireadh, thoir ar roinn-ne dhuinn leòsdan a chuir an earbsa annadsa agus a shir, anns na nithean beaga mar ann am feadhainn mhòra, ann an nithean talmhaidh agus ann an nithean sìorraidh, do rùn Naomh-sa a’ dhèanamh – Amen.

Rufus Ellis (1819-1885).

Co-chomann nan Naomh; Taingealchd is Moladh.

30mh den Chèitean [151]

A Thighearna, ceadaich gràs dhuinne airson nach gach sinn gnothaich le còmhradh beòil ri buaireadh, nach cluich sinn le cogais; nach glèidheamaid an t-sùil chlì, no an làimh, no a chas a tha na ribe dhuinn; nach cailleamaid ar n-anaman, ged – nan àite – a shealbhaicheamaid an saoghal gu lèir – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

O Athair Nèamhaidh, Athair gach uile ghliocas, thuigse, agus fhìor-neart, ghuidheam ort, coimhead gu tròcaireach orm, agus cuir a-mach do Spiorad Naoimh dha mo bhroilleach; anns an uair a dh’fheumas mi a dhol am measg nam mhuinntir a tha a’ sabaid anns an raon airson glòir d’ ainm naomha-sa, an uairsin thèid agam-sa – air mo neartachadh tro threise do làimh dheise – air seasamh mar dhuine ann a bhith ag aideachadh do Chreideamh-sa, is d’ Fhìrinn, agus cùmaidh mi orm anns an aon dòigh gu deireadh mo bheatha, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd – Amen.

Nicolas Ridley (1500-1555).

Cruadal no Cunnart; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

31mh den Chèitean [152]

Tha sin a’ toirt taing dhut, tha, agus barrachd na taing, A Thighearna ar Dia, airson do mhaitheasan-sa gu lèir anns a h-uile àm agus anns a h-uile àite, a chionn gu bheil thu air ar còmhdachadh, air cobhair a dhèanamh oirn, air ar cuideachadh, agus air ar treòrachadh fad laithean ar beatha, agus air ar toirt chun na h-uaire seo.

Tha sinn ag ùrnaigh agus a’ ghuidh ort , a Dhè thròcairich, gun ceadaicheadh tu na do mhaitheas gun cuireamaid seachad an là seo, agus uile thìm ar beatha, gun pheacadh, ann an lànachd aoibhneis, naomhachd, agus ùmhlachd riutsa.

Ach rauaig air falbh bhuainn, A Thighearna, a h-uile farmad, a h-uile eagal, agus a h-uile buaireadh. Builich oirnn na tha math agus freagarrach. Ge be dè am peacadh a nì sinn ann an smuain, no facal, no gnìomh – gun robh thusa na do mhaitheas is do thròcair toilichte am maitheadh.

Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn bhon olc – tro ghràs, tròcair agus gràdh d’Aon ghin Mhic – Amen.

Litirdi an Naoimh Marcus (175-254?).

Taingealchd is Moladh.