An Dàmhair

1d dhen Dàmhair [275]

A Dhè a tha gar treòrachadh tro ràithean na beatha airson gum bidh sinn nar luchd compàirt dhe do shìorraidheachd; tha sgàilean ar feasgar-ne a’ gluasad air adhart gu luath. Beothaich a dh’ aighear sinn, agus glèidh sinn bhon fhacal dhuilich sin a tha ag ràdh, “Chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh crìochnaichte, ach chan eil sinne air ar saoradh.”

As ùr tha sinn gar coisrigeadh-ne thugad fhèin. Chan iarramaid nì, cha chùmamaid nì air ais air ar son fhèin, ach a-mhàin cead airson a dhol far an treòraich thusa, airson nach biodh sinn a’ fuireach fada bhuat, agus airson a bhith a’ bàsachadh na do sholas as dlùithe. Riaraichte a bhith a’ gabhail ri ceannsachadh na Fìrinn, thogamaid oirnn cuing Chrìosd – a chunnaic riatanach e a bhith a’ fulang mus deachaidh e a-steach do ghlòir – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

Beannaich sinn, A Thighearna, le do bheannachd nèamhaidh; airson gun tèid againn – a’ dèanamh gàirdeachas na do neart, ’s ag earbsa na do choibhneas-ghràdhach – air neo-bhàsmhorachd bheannaichte a shealbhachadh – Amen.
Portas Shàruim (1085)

2mh dhen Dàmhair [276]

Is tusa cofhurtachd nan uile a tha ag earbsa annad fhèin, cuideachadh agus sgiath nan uile a tha a cur an dòchas annadsa. A Thighearna mo Dhia, tha mi a’ gabhail ris a h-uile nì bho do làimh gun bhrunndail, oir tha ge b’ e dè a ni thusa ceart.

An e do thoil-sa e gun coisichinn ann an dorchadas? Seall, tha do shlighe math, agus molaidh mi thu. An àill leat gur h-e solas is sìth a ni slighe dhomh? A rithist tha mi ga do mholadh; tha do ghràs ag òrdachadh na h-uile nithean, agus aig gach àm.

Aon ni a mhàin a bhiodh fada bhuam: na leig leam, tha mi a’ guidhe ort, coiseachd anns a pheacadh no ann an neo-fhìreantachd, no a bhith air m’ àireamh am measg nam muinntir aig nach eil for dhut.

Leig le mo rùn gur h-ann leatsa a-mhàin a bhiodh e, an uairsin cha bhi eagal nì sam bith orm – chan e fulangas sam bith, chan e bàs – agus feumaidh na h-uile nithean co-obrachadh gu mo mhaith.

A Thighearna, glèidh mi na do ghràdh ’s nad fhìrinn, cofhurtaich mi le do sholas, agus treòraich mi tro do Spiorad – Amen.
S. Bheiss (1738-1805)


3
mh dhen Dàmhair [277]

Ar n-Athair, ceadaich mothachadh dhuinn, an latha seo, dhe do làthaireachd fhèin a tha an comas ar dèanamh aoibhneach, is dhe do sholas airson ar treòrachadh, agus builich neart airson do sheirbheis fhèin a dhèanamh. Agus barrachd tuilleadh, Athair, thoir dhuinn do chuideachadh ’s do bheannachd nar dòrainnean, ar fannachadh, ar fàilligeadh agus ar peacadh.

’S aithne dhutsa nach giùlain sinn ar n-eallaichean nar n-aonar. Chan eil annainn ach clann bheaga, agus tha coltas caran dorcha air an obair dhuinn, agus tha ar slighe caran cruaidh, ma tha sinn nar n-aonar. Ach is sinne do chlann bheaga fhèin; agus mar sin is aithne dhuinn gun urrainn dhuinn tighinn gu ar n-Athair, airson faighneachd dhut gun cuideachadh tu sinn, ’s ar beòthachadh, ’s ar neartachadh, agus dòchas a bhuileachadh oirnn.

Chan eil nàire oirnn mu ar deòir, oir tha ar Tighearna air deòir a shileadh còmhla ruinn. Chan eil sinn a’ faighneachd dhut ar dòrainnean a thoirt air falbh, oir chaidh esan a’ choileanadh tro fhulangasan; ach tha sinn a’ faighneachd dhut gum biodh tu còmhla ruinn mar a bha thu còmhla ris-san, ar n-Athair – faisg air d’ fheadhainn bheaga, fiù’s mar a gheall esan dhuinn – Amen.
An t-altair aig an Dachaigh (1862)

 

4mh dhen Dàmhair [278]

Tha d’ uile naoimh beannaichte, mo Dia is mo Rìgh, a tha air siubhal thairis air muir stoirmeil a bhàsmhorachd, agus a tha mu dheireadh thall air caladh na sìthe ’s an t-sòlais a’ mhiannaich iad a ruighinn.

O thoir sùil ghràsmhor thairis oirnne a tha fhathast air an t-slighe chunnartach. Cuimhnich, agus dèan cobhair oirnn nar n-èiginn, agus smaoinich orrasan a tha a’ laighe fosgailte ri stoirmean chruaidh dhraghan is bhuairidhean.

Neartaich ar laigse, airson gun dèanadh sinn gnothaichean gu gaisgeil anns a chath spioradail seo; cuidich leinn an aghaidh ar mì-chùram fhèin agus ar gealtachd, agus cuir do dhìon oirnn bho cheilg ar cridheachan neo-chreidmheach.

Tha sinn uile fìor anfhann, agus an-aomte ris a h-uile gnìomhachadh bheusach is ghaisgeil. Deònaich, A Thighearna, gun toireamaid ar sgoth-ne gu sàbhailte chun na h-oirthir, dhan chaladh a mhiannaich sinn – Amen.
Naomh Augustin (354-430)

 

5mh dhen Dàmhair [279]

A Thighearna, chan aithne dhomh dè a tha romham an latha seo, ach ’s aithne dhutsa. Tha miann agam a bhith a’ fàgail na h-uile na do làmhan, ’s mi fhèin a thoirt dhutsa airson gun cleachdadh tu mi. Dèan dhomhsa mar a tha thu fhèin a’ faicinn as fheàrr. Thoir dhomh soirbheachadh anns a h-uile nì a dh’fheuchas mi a’ dhèanamh. Thoir soirbheachadh mhath dhomh, mas e do thoil e.

Ach ma chìtheas tu gur h-e croinn agus di-mhisneachaidhean as fheàrr dhomh, thoir gràs dhomh airson gabhail riutha mar bhuat fhèin. Thoir dhomh gun giùlain mi iad gu macanta agus le aoibhneas, agus gun canainn, ‘Athair, chan e mo rùn-sa ach d’ fhear-sa gun robh dèante.’

O mo Dhia, dèan toilichte mi an-diugh na do sheirbheis fhèin. Cùm mo chogais falamh de dh’ oilbheum. Na leig leam nì a dhèanamh, ni a chantainn, no a bhith a’ miannachadh nì sam bith, a tha an aghaidh do rùn fhèin.

O, airson cridhe a mholadh thu fhèin airson a h-uile nì a tha thu air a thoirt dhomh, agus airson gach nì a chùm thu bhuam – Amen.
Ashton Drenden


6
mh dhen Dàmhair [280]

Thusa a Shoillse na glòir shìorraidh, thusa a Cofhurtachd do dh’ anam an eilthirich, leatsa tha mo theanga gun ghuth, agus tha mo shàmhchair fhèin a bruidhinn riut.

Thig, O, thig; oir as d’ aonais-sa cha bhi latha no uair aoibhneil againn; oir is tusa m’ aoibhneas, agus as d’ aonais tha mo theampall falamh.

Moladh is glòir gun robh thugadsa; gun robh mo bheul, m’ anam, agus gach uile chreutair, ga do mholadh ’s ga do bheannachadh – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)

O Thusa, as e an dìon shìorraidh is slàinte ar n-anman, bi gar n-armachadh, tha sinn a’ guidhe ort, le clogaid an dòchais, agus sgiath do dhìon-sa air nach fhaighear buaidh; airson, mar seo, air ar cuideachadh leat fhèin ann an caolasan ar feumalachdan, gum biodh sinn air ar lìonadh le aoibhneas is toileachas leothasan a tha ga do ghràdhachadh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)

 

7mh dhen Dàmhair [281]

Tha mi a’ toirt taing dhut, O Mo Dhia, a chionn gu bheil thu air mo chruthachadh, air mo shaoradh, agus air mo chumail na do ghràs chun na h-ama seo. Is e do thròcair-sa e, O mo Dhia, ma tha mi air ni math sam bith a dhèanamh, no ma tha mi air a bhith air mo chumail bho olc sam bith.

Beannaichte gun robh thusa airson a h-uile smuain mhaith a tha thu air a chuir na mo chridhe, agus airson a’ ghràis a thug dhomh a bhith umhail ris; airson a h-uile beannachd air an taobh a-muigh ’s air an taobh a-staigh. Le m’ uile anam, is le a uile chomasan, agus as cionn a chomasan, mholainn thu.

A Thighearna, cuidich-sa fhèin mise airson do mholadh, le moladh shàmhach a’ ghràidh thaingeil – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

 

Fosgail a-mach gu mòr uinneag ar spioradan, agus lìon làn de sholas sinn; fosgail a-mach gu mòr doras ar cridheachan, airson gun sealbhaich sinn thusa is gun toir sinn aoigheachd dhut le uile chumhachdan ar n-adhraidh is ar gràidh – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

 

8mh dhen Dàmhair [282]

A Thighearna, tog solas d’ aghaidh suas oirnn: deònaich gun robh do shìth a’ riaghladh nar cridheachan; agus gum b’ e sin fhèin ar neart ’s ar n-òran, ann an taigh ar n-eilthireas. Tha sinn gar n-earbsa fhèin gu d’ aire ’s do ghlèidheadh air an latha seo; deònaich gun robh do ghràs cumhachdach annainne, agus na leòr dhuinn, agus deònaich gun robh e ag obrachadh annainn an dà chuid: a bhith a’ rùnachadh is a’ dèanamh do thoil mhaith fhèin, agus ceadaich cumhachd dhuinn airson uile dhleastanasan an latha.

Glèidh sinn bhon a’ pheacadh; thoir smachd dhuinn thairis air ar spioradan fhèin; agus glèidh sinn bhon a bhith a’ bruidhinn gu mì-chomhairleach le ar bilean.

Gun robh sinne a’ gabhail còmhnaidh le chèile ann an sìth ’s ann an gràdh naomh, agus gun robh thusa ag àithne do bheannachd fhèin oirnn, fiù ’s a bheatha mhaireannach. Ullaich sinn airson uile thachartasan an latha; oir chan aithne dhuinn dè a dh’fhaodadh an latha thoirt gu bith. Thoir gràs dhuinn airson sinn fhèin àicheadh; airson a bhith a’ gabhail ar crann suas gu làitheil, agus airson a bhith a’ leantainn ann an cas-cheumanan ar Tighearna agus ar Maighistir – Amen.
Mata Eanraig (1662-1741)

 

9mh dhen Dàmhair [283]

A Dhè uile-chumhachdaich, tha sinn ga do bheannachadh ’s ga do mholadh a chionn gu bheil sinn air dùsgadh gu solas aon latha talmhaidh eile; agus a-nis smaoinichidh sinn mu dè a bu chòir a bhith ann an latha. Is ann leatsa a tha ar làithean, deònaich gun robh iad air an cosg air do shon fhèin. ’S ann gann a tha ar làithean, deònaich gun robh iad air an cosg le cùram. Tha làithean dorcha gu ar cùl, maith a cuid peacaidhean; dh’fhaodadh gum biodh làithean dorch air thoiseach oirnn, neartaich sinn airson na deuchainnean aca. Tha sinn ag ùrnaigh gun deàlraicheadh tu air an latha seo – an latha ris am faod sinn an latha againn fhèin a ràdh.

A Thighearna, tha sinn a’ dol gu ar n-obair làitheil; cuidich leinn ann a bhith a’ gabhail tlachd ann. Seall dhuinn gu follaiseach gu dè as e ar dleastanas; cuidich leinn gus a bhith dìleas ann a bhith ga choileanadh. Deònaich gun robh gach nì a nì sinn air a dhèanamh gu math, freagarrach airson gum faiceadh an t-sùil agadsa e. Builich neart oirnn airson a bhith a’ dèanamh, foighidinn airson a bhith a’ fulang; na leig le misneachd gun fàilligeadh e gu bràth. An uair nach urrainn dhuinn ar n-obair a ghràdhachadh, thoir dhinn smaoineachadh air mar do dheuchainn-sa; agus tro ar fìor ghràdh dhut fhèin, dèan nithean nach eil àlainn deàlrach ann an solas do mhòr ghràidh – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

10mh dhen Dàmhair [284]

A Dhè thròcairich, ceadaich gum biodh maitheanas is sìth – tha sinn a’ guidhe ort – air a bhuileachadh air do shluagh dhìleas, airson gum biodh iad air an ionnlaid bho am peacaidhean uile, agus gun dèanadh iad seirbheis air do shon fhèin le inntinn shàmhach; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen
Gelàsianach (492)

A Dhè, aig a tha am freastal shìorraidh sin a chuir ar n-anman air bòrd long ar bodhaigean, chan ann airson a bhith a’ sùileachadh caladh acarsaid sam bith air muir an t-saoghail seo, ach airson gum biodh sinn a’ stiùireadh troimhpe gu do rìoghachd ghlòirmhor; glèidh sinn, A Thighearna, bho na cunnartan, air gach taobh a tha a’ dèanamh ionnsaigh oirnn, agus cùm ar gràdhan fhathast deònach ann am modh iomchaidh airson a bhith a’ sealbhachadh do dheachdaidhean naomha; gus, air ar giùlain gu milis is gu làidir air adhart le do Spiorad Naomh, gun tèid againn air an caladh far an iarramaid a bhith a’ ruighinn gu h-aoibhneil mu dheireadh thall; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Umhlachdan Hioic (1700)

 

11mh dhen Dàmhair [285]

A Dhè bhuaithe a tha sinn air beatha agus a h-uile beannachd talmhaidh a shealbhachadh, dèan cinnteach dhuinn gum builich thu oirnne gach latha na tha a dhìth oirnn; thoir neart dhuinn uile airson a bhith a dèanamh, gu dìleas, ar n-obraichean a thug thu dhuinn, beannaich obair ar làmhan ’s ar n-inntinnean.

Deònaich gun robh sinn an còmhnaidh a’ dèanamh seirbheis dhut, ann an tinneas is ann an slàinte, ann an àm na feum is ann am phailteis, naomhaich ar n-aoibhneasan is ar deuchainnean; agus builich gràs oirnn airson a bhith a’ sireadh do rìoghachd-sa agus a fhìreantachd an toiseachd, anns a chreideamh chinnteach is dheimhinnte gum bith a h-uile nì eile air a chuir rinn – Amen.
Eugène Bersier (1831-1889)

A Dhè, as e gràdh, ceadaich dha do chuid cloinne gun giùlainneadh iad eallaichean chàich-a-chèile ann an dèagh-rùn choileanta, airson gun cumadh do shìth, a tha thar tuigse, ar cridheachan agus ar n-inntinnean ann an Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leabhar nan Uairean (1865)

 

12mh dhen Dàmhair [286]

Dèan bog ar cridheachan, A Thighearna, airson nach bi sinn air ar gluasad gu ìre nas lugha nuair a chì sinn feumalachdan is àmhghairean ar nàbaidhean, na bhiodh sinn nan robh iad a’ bualadh oirnn fhèin, no na suidheachaidhean a b’ fhaisge a bhuaileadh oirnn fhèin, agus leig leinn smaoineachadh orra mar gum biodh iad a’ tuiteam air na caraidean as fhaisge a th’ againn.

Gun robh sinn a’ gabhail truas orra mar gum b’ ann oirnn fhèin, agus, nan cruaidh-chàsan, gun robh truas againn orra, gus, mar a bhiodh sinn air truas a ghabhail oirnn fhèin airson an aon seòrsa adhbhar, mar sin gun robh sinn air ar gluasad le truas a-thaobh na muinntir a tha sinn a’ faicinn a’ fulang fo na h-aon àmhgharan – Amen.
Ludobhicus Bhibhes (1492-1540)

Daingnich, A Thighearna, tha sinn ag ùrnaigh, cridheachan do chuid chloinne, agus neartaich iad le cumhachd do ghràis; airson gum bi iad an dà chuid umhail riutsa ann an ùrnaigh, agus fior ann an gràdh airson càch-a-chèile; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leònach (440)

13mh dhen Dàmhair [287]

A Thighearna, ar n-Athair Nèamhaidh, A Dhè Uile-chumhachdaich is Shìorraidh, a tha air ar toirt gu sàbhailte gu toiseachd an latha seo, cuir do dhìon thairis oirnn san aon latha sin fhèin le do chumhachd chumhachdaich; agus deònaich an latha seo nach tuit sin a-steach do pheacadh sam bith, no nach ruith sinn a-steach do chunnart de sheòrsa sam bith; ach gum biodh ar gnìomhan uile, air an òrdachadh le do riaghladh fhèin, fireanta na do shealladh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Gelàsianach (494)

 

A Thighearna, a tha tròcaireach ri na h-uile, thoir mo pheacaidhean air falbh bhuam, agus las gu tròcaireach teine do Spioraid Naoimh nam bhroinn. Thoir air falbh an cridhe cloiche bhuam, agus builich cridhe feòla orm, cridhe a ghràdhaicheadh ’s a dhèanadh adhradh riut fhèin, cridhe a ghabhadh àrd-thlachd annad, airson do leantainn is do mhealtainn, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Naomh Ambrose (340-397)

 

14mh dhen Dàmhair [288]

O teagasg dhuinn eòlas a chuir ortsa a Dhè, ar Dia, agus thoir an comas dhuinn do rùn a dhèanamh mar a bu chòir dhuinn. Thoir cridheachan dhuinn a ghràdhaicheas tu fhèin, a chuireas an cuid earbsa annad ’s a ni aoibhneas annad, agus a chumas is a ghreimicheas ann an dìlseachd riut. Airson nach tarraing buaireadh sam bith sinne air falbh, no nach ruaigeadh àmhgharan air falbh bhuatsa sinn; ach gum biodh d’ uile fhreastalan, agus d’ uile dhèiligidhean ruinn mar theachdairean mu do ghràdh dhuinn, air ar toirt nas fhaisge fhathast air do phearsa bheannaichte fhèin, agus, airson ar dèanamh nas iomchaidh buileach airson do rìoghachd nèamhaidh – Amen.
Beniamin Deancs (1646-1724)

 

A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort a bhith a’ cluinntinn ar n-ùrnaighean gu tròcaireach, agus a’ bhith a’ sìneadh a-mach deas-làimh do chumhachd an aghaidh na h-uile nithean a tha a’ sabaid nar n-aghaidh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Ròmanach

 

15mh dhen Dàmhair [289]

A Thighearna, anns a bheil an Fhìrinn, cuidich leinn, tha sinn a’ guidhe ort, gus a bhith ag aithris na Fìrinn ann an gràdh, gus a bhith a’ fuathachadh breug sam bith, gus a bhith a’ seachnadh meudachadh, mi-phongalachd, agus mòr-chuiseachd.

Seadh, fiù’s ged a dh’èireadh àmhghar no geur-leanmhainn air sgàth na fìrinn, na leig leinn oilbheum a ghabhail – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

 

A Thighearna uile-chumhachdaich, agus a Dhè shìorraidh, deònaich dhuinne, tha sinn a’ guidhe ort, gum biodh tu a’ stiùireadh, a’ naomhachadh, agus a’ riaghladh, an dà chuid ar cridheachan agus ar bodhaigean, ann an slighean do laghan, agus ann an obraichean d’ àithntean; airson, tro do dhìon ro-chumhachdaich – an dà chuid an seo agus gu sìorraidh – gum biodh sinne air ar glèidheadh ann am bodhaig ’s ann an anam; tro ar Tighearna agus ar Slànaighear Ìosa Crìosd – Amen.
Gregòrianach (590)

 

16mh dhen Dàmhair [290]

Glòir gun robh thugadsa, A Thighearna; glòir gun robh thugadsa. Deònaich, tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, gum biodh an latha seo, agus a h-uile latha, a’ tighinn air adhart, foirfe, naomh, sìtheil, làn slàinte, agus gun pheacadh. Ceadaich, a Thighearna, tha sinn a’ guidh ort, ge b’ e dè na nithean a tha math agus anns a bheil tairbhe dhar n-anman, cuide ri sìth anns an t-saoghal seo. Ceadaich, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, gun deidheadh againn air a bhith a’ coileanadh an còrr de ar beathanan ann an aithreachas agus ann an eagal diadhaidh, ann an slàinte agus ann an sìth.

Ceadaich, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, ge b’ e dè nithean a tha fìor, ge b’ e dè nithean a tha urramach, ge b’ e dè na nithean a tha ceart, ge b’ e dè nithean a tha fìorghlan, ge b’ e dè nithean a tha ionmholta – gun robh sinn a’ smaoineachadh air na nithean sin airson an dèanamh.

Ceadaich, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, crìoch Chrìosdail dhar beatha, gun pheacadh, gun nàire, agus, an uair as àill leatsa, is mar as àill leatsa – Amen.
Lansalot MacAnndrais (1555-1626)

 

17mh dhen Dàmhair [291]

O thusa as e dòchas nan uile dhaoine a tha naomh is iriosal nan cridhe, agus Slànaighear nam muinntir a tha ag earbsa annad ann an àm na h-àmhghar, na toir thairis sinn gus a bhith ann am braighdeanas, ann an slabhraidhean spioradail; ach gabh air ais sinn, airson gun dùisg sinn gus a bhith a’ dèanamh do rùn.

A Thighearna, is aithne dhutsa ar n-uile mhiannan, agus chan eil ar osnaich dhìomhair falaichte bhuatsa. A-steach dha do làmhan-sa tha mi ag earbsa m’ anam is m’ ùrnaigh; builich na tha freagarrach na do shùilean fhèin, agus ullaich sinn airson na bhuilicheas tu oirnn.

Thoir gliocas dhuinn airson a bhi lìonmhor, no foighidinn airson a bhi a’ fulang dìth; agus far an suidhich am Maighstir sin, an sin a’ bhi sàsaichte.

Deònaich gun robh ar n-obair air fad air a choileanadh gu math mas tig sinn a’ bhàsachadh; agus deònaich gun robh sinn air ar cruinneachadh dha do ghàirdeanan, mar a tha an luchd fogharaidh a’ cruinneachadh stòras ann an ràith choileanta. Leig le ar bàs a bhith aoibhneil; agus ar n-aoibhneas thar cumhachd a bhàis – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)


18
mh dhen Dàmhair [292]

A Thighearna Dia, Athair Naoimh, gun robh thusa air do bheannachadh an dà chuid an-dràsta agus gu sìorraidh tuilleadh, a chionn mar as àill leatsa, mar sin tha e dèante, agus tha na thusa a’ dèanamh math.

Tha m’ anam brònach, uaireannan, fiù’s gu deòir; uaireannan tha mo spiorad neo-shàmhach cuideachd, air sgàth fulangasan a tha a’ feitheamh air. Tha mi a’ miannachadh aoibhneas do shìth, tha mi gu dùrachdach a’ miannachadh sìth do chuid cloinne. Ma bhuilicheas tu sìth, ma dhòirteas tu aoibhneas naomh a-steach annam, bidh anam do sheirbhiseach làn de cheòl, agus fàsaidh e cùramach ga do mholadh-sa.

Dèan deisciobal dleastanach is iriosal dhìom (bhon a tha e na fhasan dhut a bith coibhneil), airson gum bithinn an còmhnaidh deònach falbh, ma nì tu ach smèideadh rium airson tighinn thugad.

Is aithne dhutsa dè a tha feumail airson m’ adhartas spioradail, agus cho mòr de sheirbheis a nì àmhghar airson a bhith a’ sgùradh às meirg a pheacaidh; dèan leam a-rèir do mhiann mhaith fhèin – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)


19
mh dhen Dàmhair [293]

Ceadaich dhuinn, A Dhè Uile-chumhachdaich, an nuair a dh’ fhàiligeas ar fradharc, agus an uair a bhios ar tuigse air a dhorchachadh; an uair a bhios slighean na bheatha a’ coimhead mar gum biodh iad cruaidh, agus an uair a bhios soilleireachd na beatha air falbh – gun ceadaicheadh tusa dhuinn an gliocas a dhoimhnicheas creideamh an uair a tha am fradharc fann, is a tha a’ meudachadh earbsa an uair nach eile an tuigse soilleir.

Agus ge b’ e dè an uair a tha do shlighean-sa duilich an tuigsinn, ann an nàdar no anns an anam, an uairsin gun robh ar cinnt shàmhach, ar n-earbsa fhoighidneach, ar creideamh gràdhach annadsa mòr, agus mar chloinne – a’ tuigsinn gu bheil iad air an gràdhachadh, gu bheil iad a’ faighinn cùraim, air an dìon, air an glèidheadh – gun robh sinn le inntinn shàmhach aig gach uile àm a’ cur ar n-earbsa anns an Dia neo-fhaicsinneach.

Mar sin gun robh sinn a’ seasamh ris a bheatha gun eagal, agus am bàs gun fannachadh; agus ge b’ e dè a bhiodh anns a bheatha ri thighinn, thoir dhuinn dòchas chinnteach gur h-e do rùn fhèin an nì as fheàrr dhuinn an dà chuid an seo ’s as dèidh làimh agus gur h-e do Lagh-sa a bhios ann – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

20mh dhen Dàmhair [294]

A Thighearna Dia, Athair na tròcairean, is fuaran: na cofhurtachd ’s a bheannachaidh, na beatha ’s na sìthe, na pailteis ’s na maitheanais, a tha a’ lìonadh nèamh le do ghlòir, is an talamh le do mhathas; tha mi a’ toirt an taing as dùrachdaiche agus as iriosaile a bhuineas dham chridhe dhutsa oir tha thu air m’ ath-ùrachadh le do chofhurtachdan, agus air mo mheudachadh le do bheannachdan; oir, a bharrachd air beannachdan na cinne-daonna gu lèir, beannachdan nàdair is beannachdan gràis, tacsa gach uile mhionaid, is cofhurtachdan gach uile latha, tha thu air foillseachadh dhe do chaoibhneas-gràidh sgoinneil a’ dhòrtadh a-mach orm.

Tha thusa, a Thighearna, air mo dhèanamh toilichte tro d’ obraichean; ni mi gàirdeachas ann a bhith a’ moladh air sgàth obraichean do làmhan.

Beannaichte gun robh an Tighearna a tha a’ dèanamh nithean mhìorbhaileach is ghràsmhor a-mhàin. Agus beannaichte gun robh ainm a mhòralachd-san gu sìorraidh; agus bidh an talamh gu lèir air a lìonadh le a mhòralachd-san – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)

 

21mh dhen Dàmhair [295]

A Dhè Uile-chumhachdaich! ar n-Athair nèamhaidh – a tha, na do Mhac Ìosa Crìosd, air fuaran na beatha a thoirt dhuinn, a tha a’ leum suas annainn ’s an comas na h-uile nithean a dhèanamh nuadh – tha sinn a’ toirt taing dhut airson a bhrìgh nas doimhne a thoirt dhuinn a tha esan a’ toirt dhan bheatha, airson an tuigse mu dhleastanas a bheòthachadh, airson an creideamh ann am mulad, agus airson na dòchasan neo-bhàsmhor, a tha sinn ann am fiachan a thoirt dha.

Agus tha sin ag ùrnaigh gum bidh na h-àithntean dhiadhaidh aigesan air an sealbhachadh air ar taobh-ne le cridheachan thaingeil, airson nach cumadh bacadh sam bith annainne esan air ais bhon a bhith ag obrachadh mìorbhail annainn mar an uair a dh’atharraich e an t-uisge gus a bhith na fhìon.

Ann an cumhachd a Spioraid-san, gun robh: ar n-àmhgharan air an atharrachadh gu cofhurtachd, ar n-euslaintean gu neart airson a bhith a’ dèanamh math, ar peacaidhean gu aithreachas, ar spioradan fhann, stadach, gus a bhith nan inntinn nèamhaidh; agus mu dheireadh, na teagmhan, na dì-mhisneachaidhean, na deuchainnean, anns a bheatha thalmhaidh seo, gus an làn-dearbhachd ’s an t-sòlas gun sgòth sin as e a beatha shìorraidh còmhla riut fhèin, tron aon Ìosa Crìosd sin ar Tighearna – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)

 

22mh dhen Dàmhair [296]

A Dhè, Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd – ar n-aon t-Slànaighear, Prionnsa na Sìthe – thoir gràs dhuinn airson a bhith, dha-rìribh, a’ gabhail gu cridhe na cunnartan mhòra anns a bheil sinn air sgath ar roinnean dhuilich.

Thoir air falbh bhuainn a h-uile fuath is ro-bhreith, agus ge b’ e dè eile a dh’fhaodadh bacadh a chuir oirnn bho aonadh dhiadhaidh ’s bho cho-chòrdadh; airson, anns an aon dòigh is nach eil ann ach aon bhodhaig, agus aon Spiorad, agus aon dòchas ar gairm; aon Tighearna, aon chreideamh, aon bhaisteadh, aon Dia agus Athair dhuinn uile, mar sinn gum biodh e an comas dhuinn bhon àm seo a-mach, gum biodh sinn de dh’aon chridhe, agus de dh’aon anam, air ar n-aonadh ann an aon cheangal naomh carthannais, agus gum biodh sinn le aon inntinn ’s le aon bheul ga do ghlòireachadh; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leabhar nan Ùrnaighean Chumanta (1626)

Is aithne dhutsa, A Thighearna, dè as motha a tha a dhìth orm; cuidich leam, agus a-mach à ciste ionmhais do mhaitheis, sàsaich thusa m’ anam-sa a tha ann an dìth – Amen.

E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

 

23mh dhen Dàmhair [297]

A Dhè, a tha ag adhbharachadh gu bheil na h-uile nithean ag obrachadh a-chum maith don dream aig a bheil gràdh dhut, dòirt a-steach dhar cridheachan a leithid de ghràdh sheasmhach dhut fhèin, ’s nach biodh buaireadh sam bith a’ tionndadh gu aon taobh na miannan sin a tha ag èirigh bhuat fhèin – Amen.
Portas Ròmanach

Dòirt a-steach spiorad an neo-fhèineis dha ar cridheachan, airson – an uair a tha ar cupa a’ dòirteadh thairis – gun sireadh sinn an cothrom a bhith a’ co-roinn ar n-aoibhneas le ar bràithrean.

O thusa a Dhè a ghràidh, a tha a’ toirt dha do ghrian a bhith ag èirigh air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine, agus a tha a’ cur uisge air na fìreanan agus air na neo-fhìreanan, deònaich gun robh sinne a’ tionndadh, barrachd is barrachd, gus a bhith nar fìor chlann dhutsa, tro bhith a’ sealbhachadh barrachd de spiorad do choibhneis – nach eil neo-thoileach no a’ fàs sgìth – dha ar n-anman; nì a tha sinn a faighneachd ann an ainm Ìosa Crìosd – Amen.
Seirbhisean Adhraidh an t-Sealgair (1892)


24
mh dhen Dàmhair [298]

O mo Dhia, thoir dha m’ anam gum biodh e a’ sealbhachadh gràdh cho eudmhor dhut fhèin, cho aotrom as cionn gach càil eile is nach bhiodh neach sam bith an comas a bhith a’ farpais ris; a leithid de ghràdh ’s nach fhaigh a-mhàin buaidh thairis air gach càil eile, ach a thur-ghlanas agus a ni ionraic iad; a leithid de ghràdh is a chruthaicheas toileachas neo-chrìochnach nam anam tro bhith a’ meòrachadh ortsa, agus tart gun sguir as do dhèidh fhèin; gràdh a ghiùlainneas m’ anam le do choileantasan diadhaidh, agus a pheantas an sin a leithid de smuaintean shoilleir mu do mhòralachd ghlòirmhor, ’s nach bi gin de na toileachasan truagha ’s na buairidhean aig an t-saoghal seo an comas an làrach as lugha a dhèanamh air.

Agus a chionn, mo Thighearna ghràismhor, gu bheil thusa air tòrr a thoirt dhomhsa, agus air mòran a mhaitheadh dhomh, tog mar sin mo ghràdh gu inbhe a tha co-ionnan ri do shaoibhreas is do thròcair fhèin – Amen.
Teàrlach Ciamar (1661-1745)

 

25mh dhen Dàmhair [299]

A Thighearna Dia, ar Riaghladair, tha sinn a’ guidhe ort, a-mach à do thròcair, gum biodh am fradharc nèamhaidh againne, agus gum faiceadh sinn nithean mar a tha iad a’ coimhead dhutsa, airson gum faic sinn gu bheil buaireas an t-saoghail seo a’ toirt sìth mhilis nam bliadhnaichean shìorraidh gu buil, agus gum biodh sinn an comas, ann an uile àmhgharan is muladan ar cridheachan fhèin, air maith fhaicinn, ’s mar sinn le inntinn shàmhach, is sìth air an taobh a-staigh – gun chùram mun stoirm air an taoibh a-muigh – gun dèanadh sinn dleastanas na beatha a tha gar toirt gu cridhe shàmhach, an còmhnaidh ag earbsa annadsa.

Tha sinn a’ toirt taing dhut airson do thròcair gu lèir. Tha sinn a’ guidhe ort airson maitheanas nar n-uile pheacaidhean. Tha sinn ag ùrnaigh airson do threòrachadh anns na h-uile nithean, do làthaireachd ann an uair a bhàis, do ghlòir anns a bheatha a tha ri thighinn.

A-mach a do thròcair cluinn sinn, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

26mh dhen Dàmhair [300]

A Dhè Uile-chumhachdaich is shìorraidh, glèidh obraichean do thròcair, agus dòirt a-steach dhar cridheachan mìlseachd do ghràidh as ro-naomha, agus, mìlseachd na h-ùmhlachd choileanta ri ro rùn naomh – Amen.
Ròland Uilleimeach (1818-1870)

A Thighearna, a tha a’ cluinntinn ùrnaigh; èist ri ar tagraidhean; airson gum bi sinne – a chaidh ar cur ann am braighdeanas tro ar peacaidhean, agus a tha, mar gum b’ ann, air seargadh mar an fheur – air ar saoradh tro do thròcair dhiadhaidh – Amen.
Portas Shàruim (1085)

A Thighearna, bhuaithe a tha na h-uile nithean a tha math a’ tighinn, ceadaich dhuinne, do sheirbheisich iriosal, gun robh sinne, tro do dheachdadh naomh, a’ smaoineachadh mu na nithean sin a tha math, agus tro do threòrachadh thròcaireach gun robh sinn a’ dèanamh na dearbh nithean sin, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd – Amen.
Gelàsianach (492)

 

27mh dhen Dàmhair [301]

Gum biodh mo bhith gu lèir, A Dhè, na aon bhuileachadh de thaingealachd dhut fhèin, gun robh a h-uile nì nam bhroinn ga do mholadh agus ga do ghràdhachadh; airson na h-uile a tha thu air a mhaitheadh, agus airson na h-uile a bhuilich thu; airson do bheannachdan dhìomhair nach do dh’aithnichear, agus airson an fheadhainn sin, na mo dhearmad no na mo neo-smuainteachas, a sheall mi thairis air; airson tiodhlac nàdair no gràis sam bith, no sònraichte; airson mo chumhachd gus a bhith a’ gràdhachadh; airson na h-uile beannachdan air an taobh a-staigh is a-muigh; agus airson na h-uile a th’ agad fhathast air a ghlèidheadh dhomh; airson gach uile ni troimhe a tha thu air mo threòrachadh thugad fhèin, ge b’ e aoibhneas no bròn; airson a h-uile ni tron a tha thu a’ rùnachadh mise a dhèanamh na do sheilbh fhèin gu sìorraidh – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

 

Tha mise a’ rùnachadh ge b’ e dè a tha thusa a’ rùnachadh; tha mise a’ rùnachadh a chionn gu bheil thusa a’ rùnachadh; tha mise a’ rùnachadh anns a mhodh a tha thusa a’ rùnachadh; tha mise a’ rùnachadh cho fada ’s a tha thusa a’ rùnachadh – Amen.
Ciste-ionmhais na h-Ùmhlachd (1869)

 

28mh dhen Dàmhair [302]

A Thighearna Dia – aig a tha rùintean agus càilean dhaoine na do làmhan – las miannan naomha na m’ eanchainn-sa is cùm sìos beachdan peacach agus choirbte; dèan comasach mi air a bhith a’ gràdhachadh d’ àithntean, ’s air a bhith a’ miannachadh do gheallaidhean; leig leam, tro do dhìon ’s do bhuaidh, a dhol tro nithean talmhaidh ann an leithid de dhòigh, is nach caillinn, na nithean sìorraidh aig deireadh an latha; agus am measg na dòchasan ’s na teagamhan, na toileachasan ’s na bròin, na cunnartan ’s an h-amannan saoraidh, agus uile atharrachaidhean na bheatha seo, leig le mo chridhe a bhith stèidhichte gu cinnteach, tro chuideachadh do Spioraid Naoimh, air toradh shìorraidh do làthaireachd-sa, far a bheil fìor aoibhneasan ri bhith air an lorg.

Ceadaich na tagraidhean seo, A Thighearna. Maith, a Thighearna Thròcairich, ge b’ e dè a rinn mi an aghaidh do laghan, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Samuel MacIain (1709-1784)

 

29mh dhen Dàmhair [303]

A Dhè, ar dòchas sìorraidh! mar dheisciobail don Aon aig nach robh àite far an laigheadh e a cheann, faodaidh sinne a bhith a cur fàilte shaor air saothair is fulangasan ar daonnachd, ’s a bhi a’ sireadh, a-mhàin, an neart airson a bhith a’ glòireachadh an crann a chuireas tusa oirnn.

Gun robh a h-uile obair làimhe a ni sinne air a dhèanamh dhut fhèin; anns a h-uile trioblaid a’ faicinn solais air choireiginn as leatsa ; agus nach leigeamaid le beannachd sam bith tuiteam air cridhe tioram is mi-thaingeil.

Ag ath-cheannach na h-ùine, gun robh sinn a lìonadh gach uair nuair a tha sinn nar dùisg le dleastanais dhìleas is càilean air an deagh-òrdachadh, mar an ìobairt a bhuilich thusa.

Lìon sinne le caomhalachd a tha foighidneach le feadhainn eile, a’ faicinn gu bheil sinne cuideachd anns an aon t-suidheachadh mu do choinneamh-sa; agus dèan nar daoine sinn a tha deònach chuideachadh, agus luath gus a bhith a’ maitheadh.

Agus an uairsin, càraich gach gràs, dèan sìtheil gach eagal, tro earbsa sheasmhach na d’ fhìrinnean shìorraidh – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

 

30mh dhen Dàmhair [304]

A Thighearna deònaich gum biodh an ni a tha a’ coimhead dhomhsa mar ni a tha neo-chomasach tachairt tro nàdar, tro do ghràs-sa, an comas tachairt dhomh. ’S aithne dhutsa nach urrainn dhomhsa ach am beagan fhulang gu nàdarra agus gu bheil mi air mo chath sìos gu luath nuair a nochdas doilgheas àmhghar beag sam bith.

Air sgàth d’ ainm fhìn, deònaich gun robh gach deuchainn de thrioblaid tlachdmhor ’s air a mhiannachadh leamsa; oir tha a bhith a’ fulang is a bhith an-shocair air do sgàth-sa fallain dha m’ anam – Amen.
Tòmas a Ceampaidhs (1379-1471)

A Dhè uile-chumhachdaich is shìorraidh a tha ann an saoibhreas do mhaitheis a’ buileachadh air na daoine a tha umhail riut na tha as cionn na tha iad airidh air, no a’ miannachadh, dòirt do thròcair a-mach oirnn; airson gum b’ urrainn dhut maitheanas a thoirt dhuinn airson na nithean sin a tha a’ cur an eagail air ar cogaisean, agus cuir ruinn na nithean sin nach leig an t-eagal leinn faighneachd air an son; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gelàsianach (492)

31mh dhen Dàmhair [305]

A Dhè, Athair na Cofhurtachd, na leig leamsa air aon làimh a bhith a’ miannachadh ni sam bith a tha an aghaidh do rùn, no air an làimh eile ann an di-mhisneachadh a bhith a’ sireadh cofhurtachd a-mach asad fhèin; ach le eòlas agam mu gur h-e do rùn-sa gum bithinn a’ tuigsinn dè as fheàrr, an dà chuid na mo bheatha-sa ’s ann am fear mo nàbaidh, agus ann am fear nan uile chreutairean, deònaich gun robh mi an còmhnaidh gam ghèilleadh fhèin airson gun cleachdadh thusa mi – thusa a tha, a-mach à olc a’ treòrachadh math, agus thuige a bu chòir ar n-ùrnaigh a bhith air a stiùireadh ann an sìth choileanta.

Builich oirnne na tha thusa a’ faicinn iomchaidh, ach dìreach dèan airidh sinne air na bhuilicheas tu fhèin – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)

 

A Thighearna, a tha a’ gealltainn crùn na beatha dhaibhsan aig a tha gràdh dhut, thoir gràs dhuinn airson a bhith ga do ghràdhachadh airson na th’ annad fhèin barrachd na airson na tha thu a’ buileachadh; agus ga do ghràdhachadh mar sin, gum fuilingeadh sinn buaireadh is gun crìochnamaid ar cùrsa-ne le aoibhneas – Amen.
Cairistiona G Ròseadaidh (1830-1895)