An Gearran

1d dhen Ghearran [32]

Maith dhomh, A Thighearna, mo pheacaidhean; maith dhomh peacaidhean m’ òige agus peacaidhean m’ aois, peacaidhean m’ anama, agus peacaidhean mo bhodhaige, mo pheacaidhean dhìomhair ’s mo pheacaidhean a tha a’ cagarsaich, peacaidhean mo dhànadais agus peacaidhean m’ eìgheach, mo pheacaidhean a rinn mi airson mi fhèin a thoileachadh, agus na peacaidhean a rinn mi airson feadhainn eile a thoileachadh.

Maith dhomh na peacaidhean sin nach aithne dhomh, dubh iadsan às; A Thighearna, gun robh thu gam maitheadh air sgàth do mhaitheis mhòr-sa – Amen.
Adhradh Phrìobhaideach (1560)

Deònaich dhuinne, ghuidheamaid ortsa, a Dhè uile-chumhachdaich, a tha a’ tuigsinn gu bheil sinn lag, agus a tha ag earbsa annadsa a chionn gun aithne dhuinn gu bheil thusa làidir, cuideachadh aoibhneil do chaomh-ghràidh, an dà chuid an seo ann an tìm agus as dèidh seo anns an t-sìorraidheachd – Amen.
Portas Ròmanach

 

2mh dhen Ghearran [33]

A Dhè ar n-Athair nèamhaidh, ùraich annainne mothachadh mu do Làthaireachd ghràsmhor, agus deònaich gun robh e an còmhnaidh a’ cur ìmpidh oirnn gu sìth, earbsa, agus dànadas nar eilthireas.

Greimicheamaid gu teann riut le cridhe a tha a’ gràdhachadh ’s ag adhradh, agus deònaich gun robh ar faireachdainnean stèidhichte ort fhèin, airson gum biodh an co-chomann neo-bhriste a tha aig ar cridheachan leatsa a’ tighinn cuide rinn ge b’ e dè a nì sinn, tro bheatha agus tro bhàs.

Teagasg dhuinn a bhith ag ùrnaigh gu cridheil; a bhith ag èisteachd airson do ghutha air an taobh a-staigh, agus gun a bhith a’ mùchadh gu bràth na rabhaidhean aige.

Seall, tha sinn a’ toirt ar cridheachan truagha mar ìobairtean thugad; thig agus lìon d’ àite naomh, agus na leig le nì sam bith neo-ghlan tighinn a-steach an sin.

O thusa as e Gràdh, deònaich gun ruitheadh do Spiorad Dhiadhaidh mar abhainn tro ar n-anman slàna, agus treòraich sinn anns an t-slighe cheart gus an gluais sinn tro bhàs shìtheil a-steach do Thìr a Gheallaidh – Amen.
Gerhard Terstìgen (1697-1769)

 

3mh dhen Ghearran [34]

A Thighearna, tòisich, ghuidheamaid ort, soirbhich le, agus crìochnaich gach uile dheagh obair thuige a tha thu air ar gairm. Builich gràs oirnn, an seo, airson a bhith a’ dèanamh ’s a’ fulang le taingealachd do rùn ro-thròcairich-sa, agus, as dèidh seo, gun dèanamaid aoibhneas na do shuaimhneas – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

A Thighearna, ’s ann dhutsa as aithne dè as fheàrr dhuinn, deònaich gun robh siud no seo air a dhèanamh, mar as toigh leat fhèin. Builich na thogras tusa, agus na h-uibhir ’s a thogras tusa, agus an uair a thogras tusa.

Làimhsich mise mar a shaoileas tusa a tha math, agus mar as fheàrr ’s a thoilicheas thu fhèin. Suidhich mise far an toigh leat, agus gabh gnothaich rium anns na h-uile nithean dìreach mar as àill leat.

Seall, is mise do sheirbheiseach, deiseil airson na h-uile nithean; oir chan e mo mhiann a bhith beò air mo shon fhèin, ach air do shon-sa; agus O, gum b’ urrainn dhomh a dhèanamh ann am modh a tha airidh agus coileanta! – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)

 

4mh dhen Ghearran [35]

Teagasg mi, a Thighearna, agus dèan an comas mi air a bhith beò mar a tha na naoimh ’s na h-ainglean. Thoir a-mach às an laigse mi, an dranndanachd, a mhothachaileas, a mhì-riaghailt anns a bheil m’anam a’ laighe, is lìon mi le do lànachd-sa. Dòirt d’anail a-mach orm leis an anail ud a tha a’ buileachadh cumhachd agus a dh’ath-bheòthaicheas eud.

Tha mi a’ faighneachd airson eud, tha mi a’ faighneachd airson na tha a dhìth orm agus na ’s urrainn dhutsa a bhuileachadh. Ann a bhith a’ faighneachd airson eud, tha mi a’ faighneachd airson creideamh, dòchas agus carthannas, air an cuir an sàs anns an dòigh as nèamhaidhe; tha mi a’ faighneachd airson a mhothachadh dhìleas sin de dhleastanas a tha a’ leantainn bho ghràdh a tha a’ miannachadh; tha mi a’ faighneachd airson naomhachd, sìth agus aoibhneas – uile aig an aon àm.

Cha bhiodh nì na bhuaireadh dhomh, nì na dhuilgheadas, nan robh agam ach eud anaim. A Thighearna, ann a bhith a’ faighneachd airson eud, tha mi a’ faighneachd air do shon fhèin, chan ann airson nì a thig goirid ortsa, O mo Dhia.

Thig a-steach dha mo chridhe, agus lìon le eud e le a’ bhith ga lìonadh leat fhèin – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)

 

5mh dhen Ghearran [36]

A Thighearna, a tha ann an gliocas gun chrìch agus ann an gràdh, a’ cur gach nì an òrdugh airson do chuid cloinne, òrdaich gach nì an là seo dhomhsa na do chaomh-thròcair.

Is aithne dhutsa a chruthaich mi, mo laigse; is aithne dhut mar a tha m’anam a’ clisgeadh bhon a h-uile cràdh anaim.

A Thighearna, is aithne dhòmhsa nach cuir thu eallach nas mò orm na ’s urrainn dhut mo chuideachadh airson a ghiùlain. Teagasg dhomh a bhith a’ gabhail ri gach uile nì a tha bhuat fhèin an-sdiugh.

Thoir an comas dhomh mi fhèin a mholadh gu ceart dhut anns a h-uile nì; deònaich gun toilichinn thu anns a h-uile nì; treòraich mi, tro na h-uile nithean, nas fhaisge ort; thoir mise, là as dèidh là, nas fhaisge ort fhèin, gu beatha shìorraidh – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)

A Thighearna, thoir dhuinne, ghuidheamaid ort, gun gràdhaicheamaid thu ann an leithid de dhòigh is gum biodh tu, dhuinne, nad theine gràidh, gar tur-ghlanadh ’s chan ann gar sgrios – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

 

6mh dhen Ghearran [37]

A Thighearna, builich cridheachan oirnne nach dèan dìochuimhne ort gu bràth; ach gun robh thu a’ còmhnaidh nam bhroinn ge b’ e dè a nì sinn, ge b’ e a bhiodh sinn nar cadal no nar dùisg, beò no marbh, no ag èirigh a-rithist chun a bheatha a tha ri thighinn.

Oir ’s e do ghràdhsa a bheatha shìorraidh ’s a bheatha mhaireannach; oir is e seo a bheatha mhaireannach – a bhith eòlach ortsa agus do mhathas shìorraidh.

O deònaich nach robh an lasrach seo air a chur às gu bràth nar cridheachan; leig leis fàs agus fàs nas soilleire, gus am bi ar n-uile anman a’ dian-losgadh agus a’ deàrrsadh le a sholas-sa agus le a bhlàths.

Deònaich gum bu tusa ar n-aoibhneas agus ar dòchas, ar neart agus ar beatha, ar sgiath agus ar Buachaille, ar cuibhreann gu bràth. Oir is aoibhneil sinne ma chumas sinn oirnn anns a ghràdh leis an do ghràdhaich thusa sinne; is naomh sinn an uair a ghràdhaicheas sinn gu seasmhach thusa.

Mar sin, O Thusa aig a bheil ainm agus gnè as e gràdh, las ar cridheachan, soillsich ar tuigse, naomhaich ar rùintean, agus lìon smuaintean ar cridheachan, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Iohann Arndt (1555-1621)

 

7mh dhen Ghearran [38]

A Dhè uile-chumhachdaich, builich spiorad mhacanta agus uasal air do sheirbheiseach, airson gum bi mi slaodach gus a bhith a’ tighinn gu feirg agus luath gu tròcair agus maitheanas.

Builich cridhe glic agus seasmhach orm, airson nach tèid mo ghluasad gu bràth gu fearg ana-measarra air sgàth leòn a tha air a dhèanamh orm no a tha air a thairgse.

A Thighearna, deònaich gum bithinn an còmhnaidh modhail agus furasta a bhith air mo ghuidhe; na leig leam tuiteam ann an spiorad bhusach no chonnspaideach, ach gun leanainn sìth leis a h-uile duine; a’ tabhainn maitheanais agus gam fiathachadh thugam tro shuairce, deiseal airson mo mhearachdan fhèin aideachadh, luath gus a bhith a’ cur ceart, ’s a’ miannachadh rèite a dhèanamh.

Deònaich nach biodh tinneas no mearachd chrosta, obair no sgìths, gam dhèanamh feargach – no neo-uasal agus mì-thoilichte, no mì-thaingeil, no an-fhoiseil – riuthasan a bhios a’ ministearalachadh rium; ach anns na h-uile nithean gun robh thusa gam dhèanamh colach ris an Ìosa a tha naomh – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)

 

8mh dhen Ghearran [39]

Glèidh sinn gu neo-choireach, a Thighearna, nar ceumannan a-mach agus nar teachdan a-steach. Lìon sinn le sìmplidheachd an adhbhair dhiadhaidh, airson gum bi sinn nar n-aon le do rùn naomh-sa, agus air ar togail as cionn ar miannan fhaoin fhèin.

Saor, bhon a h-uile miann a chumadh air ais agus a bhiodh mì-dheònach, sinn, gun gèilleamaid gu cridheil ar n-uile chumhachdan don obair a thug thusa dhuinn airson a choileanadh; a’ dèanamh gàirdeachas anns a h-uile saothair, agus gun a bhith a’ dol ann an laige fo nì cruaidh sam bith a dh’fhaodadh tachairt dhuinn mar shaighdearan mhatha Ìosa Crìosd; agus ga mheas mar chrùn ar beannachdan mas urrainn dhuinn a dhol còmhla ri sluagh nam muinntir dhìleas a tha air d’ainm a ghlèidheadh agus air fianais a thogail a thaobh do rìoghachd anns a h-uile aois.

Ullaich sinne airson a bhith a’ sireadh ar sòlais, cha ann ann am fois air an taobh a-muigh, ach ann an dìlseachd air an taobh a-staigh; dìreach coilean dhuinne facal Ceannard nan Naoimh; fàg a shìth-san againne, fhad ’s a tha sinn a’ fantainn an seo; agus an uairsin gabh thugad fhèin sinn, airson a bhith a’ measgachadh le sluagh chumhachdaich nam muinntir a chaidh romhainn – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)


9
mh den Ghearran [40]

A Thighearna, leis a bheil fuaran na beatha, builich oirnn uile, ghuidheamaid ort, gràs is dèagh-ghean airson treòrachaidhean do Spioraid as ro-Naomha a’ leantainn. Deònaich gun robh dealt-maidne do ghràis a’ tuiteam ’s a’ fantainn oirnn, ag ath-ùrachadh an nì sin a tha a’ seargadh, ag ath-bheothachadh an nì sin a tha deiseal airson bàsachadh; gus an là an uair a dh’òlas d’uile shluagh à abhainn do thoileachasan – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

A Dhè shìorraidh, a tha tro anail naomh do chumhachd a’ dèanamh cruthachadh ùr dhut fhèin, ghuidheamaid ort gun glèidheadh tu na chruthaich thu, agus gun naomhaicheadh tu na tha thu air a’ ghlanadh; airson, tro do ghràs-sa, gum biodh sinne air ar faotainn anns a chruth sin, an smuain aig a leithid a tha an còmhnaidh a’ fantainn còmhla riutsa, agus a tha thu a’ rùnachadh a bhios air a choileanadh anns an duine – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)

 

10mh dhen Ghearran [41]

Bi còmhla rium, A Thighearna, aig a h-uile àm agus anns a h-uile àite. Deònaich gun b’ e seo mo chofhurtachd-sa, a bith gu h-aoibhneal deònach a dhol as aonais a h-uile comhfhurtachd dhaoinneil. Agus, ma bhios do chofhurtachd-sa a dhìth, deònaich gum bi do rùn agus do dheuchainn cheart dhìom-sa mar a chofhurtachd as mò dhomh – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)

 

A Dhè uile-chumhachdaich, teàrmann nan uile a tha fo àmhghar, deònaich dhuinne, anns a h-uile buaireadh ’s a bheatha seo air thalamh, gum faodamaid teiche gu eòlas do choibhneas-gràidh agus do chaomh-thròcair; airson, mar sin – a’ gabhail fasgaidh dhuinn fhèin a-staigh – gun deidheadh stoirmean na beatha seo thairis oirnn, agus nach crathadh iad sìth Dhè a tha nar broinn.

Ge b’ e dè a dh’fhaodadh a bheatha seo a thoirt thugainn, deònaich nach toireadh e bhuainn an làn chreideamh gur tusa ar n-Athair. Ceadaich do sholas dhuinn ach am bi beatha againn, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

11mh dhen Ghearran [42]

Ceadaich dhomhsa, tha mi a’ ghuidhe ort, a Dhè ro-chumhachdaich agus as ro-thròcairiche, gun sirinn gu h-eudmhor, agus gun coilenainn gu foirfe, a h-uile nì a tha fìor thoileach dhutsa.

Gun òrdaicheadh tusa mo staide anns an t-saoghal gu glòir d’ainm-sa; agus anns a h-uile nì a tha thu ag iarraidh a dhèanainn, deònaich dhòmhsa an tuigse, am miann, agus an comas, airson gun coileanainn e mar a bu chòir dhomh, agus, gun robh mo shlighe thugadsa – tha mi ag ùrnaigh – sàbhailte, soilleir, agus coileanta chun a chrìch.

Builich orm, a Thighearna, cridhe seasmhach, nach draghadh gràdh neo-airidh sam bith sìos; builich cridhe orm thairis air nach fhaighear buaidh, nach biodh air a chaitheamh le trioblaid sam bith; builich cridhe dìreach orm, nach biodh air a thoirt, tro bhuaireadh, gu aon taobh le adhbhar neo-airidh sam bith.

Builich cuideachd orm, a Thighearna mo Dhia, tuigse airson gum bithinn eòlach ort, dìcheall airson do shireadh, gliocas airson do lorg, agus dìlseachd airson do ghlacadh mu dheireadh thall – Amen.
Tòmas Acuaidhneas (1225-1274)

 

12mh dhen Ghearran [43]

O Athair, ciùinich troimh-chèile ar miannan; socraich plosgartaich ar dòchasan; ceannsaich corraich ar rùintean; stiùir gluasad ar gràdhan; agus naomhaich dhuinn na diofar nithean a thachras dhuinn.

Gum bu tusa gach nì anns gach nì dhuinn; agus gun robh a h-uile nì talmhaidh – fhad ’s a tha sinn gan lùbadh gu ar fàs fhèin ann an gràs, agus gu obair a bheannachaidh – a’ còmhnaidh gu h-aotrom nar cridheachan, airson gum biodh sinn gu ro dheònach ’s gu h-aoibhneil, a’ leigeil suas ge b’ e dè a dh’iarras tusa.

Gun sireamaid an toiseachd do rìoghachd agus d’ fhìreantachd; a’ gabhail fois an uairsin anns a chinnt gum bi a h-uile nì air a bheil dìth air a chuir rinn.

Athair, thoir maitheanas dhuinn airson cho neo-thaingeil agus eas-umhail ’s a bha sinn san àm a dh’fhalbh; agus tur-ghlan sinn, ge b’ e tro do làimhseachaidhean shocair no chruaidh, gus am bi sinne air do rùn a dhèanamh air an talamh, agus thusa air ar toirt-ne air falbh gu do làthaireachd fhèin leothasan a chaidh an saoradh ann an neimh – Amen.
Màiri Nic an t-Saoir (1807-1877)

 

13mh dhen Ghearran [44]

A Ghliocais Shìorraidh, ceadaich solas do Spioraid Naoimh dhomh, airson gum bi eòlas agam air dè a dh’iarradh tusa a dhèanainn; tha mi gam thagradh fhèin gu coileanta dhut, dèan leam na tha a’ coimhead math na do shealladh; chan e mo thoil-sa ach do thoil-sa gun robh air a dhèanamh.

Ceartaich ge b’ e dè annamsa a tha thusa a’ faicinn a tha ceàrr, neartaich mo rùintean-shuidhichte laga, cùm smachd air mo mhiannan sheachranach; thoir air falbh gach nì a bhacadh do rùn bhon a bhith air a choileanadh, agus thoir gràs dhomh airson treòrachaidhean do Fhreastail a leantainn, airson gum biodh mo bheatha air a chaitheamh gu d’ urram-sa agus gu do ghlòir, ann an ge b’ e dè an dòigh a thoilicheas tusa – Amen.
Ciste-ionmhais an Diadhachd

A Dhè uile-chumhachdaich, tha sinn ag achanaich ortsa, Fuaran an t-Solais Shìorraidh, agus a’ guidhe ort d’ Fhìrinn a chuir a-mach nar cridheachan, agus glòir do shoilleireachd a dhòrtadh oirnn, tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)

 

14mh dhen Ghearran [45]

A Dhè, a tha air àithne nach biodh duine sam bith dìomhain, builich gràs oirnn airson ar tàlantan agus ar comasan gu lèir a chleachdadh anns an t-seirbheis a tha thu air òrdachadh dhuinn; airson, ge b’ e dè a gheibh ar làmhan airson a dhèanamh, gun dèanamaid e le ar n-uile neart.

Gun deidheadh sinn ar adhart gu h-aoibhneil air an rathad a tha thusa air a chomharrachadh dhuinn, gun a bhith a’ miannachadh cus gum biodh e na bu chòmhnairde no nas leatha; ach, gach là, a’ sireadh ar slighe le cuideachadh an t-solais, gun robh sinn gar n-earbsa fhèin agus cuspair ar slighe dhutsa, fuaran an Aoibhneis, agus gun robh sinn a’ seinn òrain molaidh fhad ’s a tha sinn a’ dol air adhart.

An uairsin, A Thighearna, gabh ruinn aig geata na beatha a tha thu air fhosgladh dhuinn ann an Ìosa Crìosd – Amen.
Ùrnaigh Chumanta Mhartineau airson Adhradh Chrìosdail

 

15mh dhen Ghearran [46]

A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort gum biodh do shluagh an còmhnaidh a’ fàs ann an gràdh dhutsa, an t-Athair a tha air nèamh acasan, agus gun robh iad air an teagasg ann an leithid de dhòigh, tro obraichean dhiadhaidh, is gun robh iad an còmhnaidh – fhad ’s a tha thusa a’ dòrtadh do thiodhlacan orra – a’ coiseachd mu do choinneamh anns na h-uile nithean a tha toileachail ann an sealladh do Mhòralachd Dhiadhaidh – Amen.
Portas Ròmanach

O Athair as ro-ghràdhaiche, a tha a’ rùnachadh dhuinne: gum biodh sinn a’ toirt taing dhut anns na h-uile nithean, gun a bhith a’ gabhail oillt mu nì sam bith ach thusa a chall, agus a’ cath ar cùraman air fad ortsa tha a’ gabhail cùram dhuinne; glèidh sinn bho eagalan mhi-chreidmheach agus uallaichean shaoghalta, agus deònaich nach falaicheadh sgòthan sam bith anns a bheatha bhàsmhor seo solas a ghràidh ud a tha neo-bhàsmhor, agus a tha thusa air fhoillseachadh dhuinne na do Mhac, Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Uilleam Soilleir (1824-1901)

 

16mh dhen Ghearran [47]

A Dhè uile-chumhachdaich, thusa a-mhàin a thug anail na beatha dhuinn, agus a-mhàin a tha an comas ar cumail beò ann an tarraing-anail mhiannan naomha, ghuidheamaid ort air sgath do chaomh thròcair gum biodh tu a’ naomhachadh ar n-uile smaintean agus oidhearpan, airson nach tòisich sinn, air aon làimh, air gnìomh as aonais amas thur-ghlan, no air an làimh eile, airson nach cumamaid oirnn leis as aonais do bheannachd-sa; agus deònaich, as deidh dhuinn sùilean ar tuigse fhaighinn air an ionnlaid airson a bhith a’ faicinn nithean a tha do-fhaicsinneach agus às an t-sealladh, gum biodhmaid air ar misneachadh nar cridheachan le do ghliocas-sa, agus ann an obair gun robh sinn air ar cumail suas le do neart, agus aig an deireadh gun gabhadh tu ruinn, mar do sheirbhisich dhìleas, a rinn a h-uile nì gu do ghlòir, agus tron a sin, gu ar sìth shìorraidh fhèin.

Ceadaich an ùrnaigh seo, A Thighearna – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)

 

17mh dhen Ghearran [48]

A Thighearna – a tha do chreutairean matha gu lèir a’ beannachadh ’s a’ moladh a-rèir do thiodhlacan dhan a h-uile aon dhiubh – deònaich, ghuidheamaid ort, gun robh sinne air an do bhuilich thu reusan is còmhradh an còmhnaidh ga do bheannachadh le cridhe is bilean, agus gun robh sinn a’ sealbhachadh beannachd mar dhìleab à do thròcair neo-chrìochnach, fiù’s beannachd shìorraidh nèamh – Amen.
Cairstiona Ròseadaidh (1830-1895)

A Dhè uile-chumhachdaich agus shìorraidh, thusa a tha a’ gràdhachadh sìth is co-chòrdadh, a tha air ar gairm ann an Crìosd gu gràdh is aonachd: tha sinn a’ guidhe ort gun robh thu a’ riaghladh thairis air ar cridheachan gu ìre cho mòr tro do Spiorad Naomh, is gun robh sinne – air ar treòrachadh, tro fìor eagal Dhè, air falbh bhon a h-uile eagal bhon duine – an còmhnaidh a’ dèanamh seirbheis dhut-sa ann am fìreantachd, tròcair, iriosalachd, agus sèimheachas a thaobh càch-a-chèile tro do Mhac gràdhach Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Taghadh Bhunsein

 

18mh dhen Ghearran [49]

Is miann leam, A Dhè, an là seo a bhith ga do thoileachadh gu h-eudmhor; do rùn a dhèanamh anns a h-uile nì a bheir thusa dhomh airson an dèanamh; a bhith a’ giùlain gach nì – an aghaidh mo rùn – a leigeas tu fhèin tachairt dhomh, gu macanta, gu h-iriosal, agus gu foighidneach, mar thiodhlac bhuatsa airson an fhèin-rùn agam a chumail fo smachd annam; agus do rùn-sa a thoirt uile-gu-lèir gus a bhith nam rùn-sa.

Thoir dhomh gun dèanainn na nì mi gu simplidh, mar do leanabh-sa; leig leam gum bithinn tron là, mar leanabh ann an làthaireachd a Athair ghràdhaich, an còmhnaidh a’ coimhead suas thugadsa.

Gun gràdhaichinn thu airson coileantas do ghràidh. Gun toirinn taing dhut, mur a b’ ann ann am briathran, fhathast nam chridhe, airson gach tiodhlac a bhuineas dha do ghràdh, airson gach comhfhurtachd a tha thu a leigeil leam a shealbhachadh bho là gu là – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)


19
mh dhen Ghearran [50]

O Athair nèamhaidh, a tha a’ cumail sùil thairis air do shluagh dìleas, agus gan dìon gu ro-chumhachdach, airson gum bi iad air an glèidheadh gun chron, tha mi a’ toirt buidheachas mo chridhe dhut, a chionn gu bheil e air d’ athaireachd gràdhach a thoileachadh an aire a ghabhail thairis ormsa tron oidhche seo a dh’fhalbh.

Tha mi uile-gu-lèir a’ guidhe ort, O Athair as ro thròcairiche, gum foillsicheadh tu an aon seòrsa coibhneas dhomh an là seo ann a bhith a’ glèidheadh mo bhodhaig agus m’ anam; airson air aon làimh nach smaoinichinn, nach tarrainginn anail, nach bruidhinninn, no, nach dèanainn nì sam bith nach toilicheadh do mhaitheas athaireil, a bhiodh cunnartach dhomh fhèin no leònmhor dha mo nàbaidh; ach, gum biodh m’ uile ghnìomhan a’ còrdadh ri do rùn ro-bheannaichte, a tha an còmhnaidh math; airson gun adhartaicheadh iad do ghlòir, gum freagradh iad an gairm a thugadh dhomh, agus gum biodh iad nam buannachd dha mo nàbaidh, a bu chòir dhomh a bhith a’ gràdhachadh mar a ghràdhaichinn mi fhèin; airson ge b’ e cuin a ghairmeas tu mi às a seo, gum bithinn air m’ fhaotainn mar leanabh a bhuineas, chan ann dhan dorchadas, ach dhan t-solas; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Tòmas Beacan (1511-1570)

 

20mh dhen Ghearran [51]

Ceadaich dhuinn, A Dhè uile-chumhachdaich, gum biodh sinne, tro cho-chomann le càch-a-chèile agus leatsa, a’ faireachdainn ar cridheachan a’ losgadh air an taobh a-staigh againn, gus am biodh na uile nithean a tha tur-ghlan, agus ceart agus naomh agus uasal – a bhuineas do Dhia agus dhan duine – àlainn dhuinne, agus nach lorgamaid nì sam bith a chuireadh eagal oirnn ach an nì sin a tha gràineil na do shùilean-sa, agus nach b’fhiach nì a shireadh ach an nì sin a tha àlainn agus snog air an taobh a-staigh aig a sin.

Deònaich gun robh do shoilleireachd dhiadhaidh agus do shìth a’ sealbhachadh ar n-anman, airson – gun eagal bho bheatha no bàs – gun coimheadamaid ri do choibhneas-gràidh agus do chaomh-thròcair airson ar togail suas gu h-àrd, agus mu dheireadh gun toireadh seo a bhuaidh dhan spiorad air an taobh a-staigh againn, agus gun treòraicheadh e sinne gu sàbhailte tro bhàs dhan bheatha shìorraidh.

Cluinn sinn na do thròcair, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

21mh dhen Ghearran [52]

O Thusa, a Mhaith Uile-chumhachdaich, a tha a’ gabhail cùram cho mòr dhan a h-uile h-aon againn, mar nach robh cùram agad ach dhan aon sin a-mhàin; agus anns an aon dòigh dha na h-uile dhaoine, mar nach robh annta uile ach an t-aon!

Is beannaichte an duine a tha a’ toirt gràdh dhutsa, agus dha charaid-san annadsa, agus dha nàmhaid air do shon-sa. Oir is e am fear sin a-mhàin nach caill gin a tha dlùth ris, an t-aon dhan a bheil na h-uile prìseil Annsan nach urrainn a bhith air a chall.

Agus cò as e sin ach ar Dia-ne, an Dia a chruthaich nèamh agus an talamh, ’s a lìon iad, agus tro a’ bhith gan lìonadh a chruthaich iad. Agus is fìrinn do lagh, agus is e fìrinn tu fhèin. Chì mi mar a tha cuid de nithean a’ dol seachad agus gum faod feadhainn eile an t-àite aca a ghabhail, ach cha bhi thusa a’ falbh, A Dhè, m’ Athair a tha gu Sònraichte math.

A, àilleachd na h-uile nithean àlainn. Earbaidh mi riutsa ge b’ e dè a th’agam a fhuair mi bhuat, agus mar sin cha chaill mi nì. Chruthaich thu mi air do shon fhèin, agus tha dìth fois na mo chridhe gus an gabh e tàmh annadsa – Amen.
Naomh Augustin (354-430)


22
mh dhen Ghearran [53]

Le m’ uile chridhe agus anam, A Dhè, tha mi a’ toirt taing dhut, gun urrainn dhomh – ann an h-uile atharrachaidhean agus thachartasan na beatha neo-mhaireannach seo – coimhead suas thugadsa, agus le aoibhneas mo rùn earbadh dha do rùn fhèin.

Tha mi air m’ earbsa a chuir annad, O Athair; tha m’anam na do làimh, agus tha mi gu cinnteach a’ creidsinn gun glèidh thu e bhon a h-uile olc; tha mo bhodhaig, ’s a h-uile nì a bhuineas dha, tòrr nas lugha ann an luach. Tha mi air sgàth sin, leis a cheart uibhir de sheasmhachas is a th’agam de shàsachadh, ag earbsa na th’agam dhutsa.

Tha dearbh-bheachd agam nach fhaigh trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh, no bàs a dh’fhaodadh an t-eagal a chuir orm, no beatha a dh’fhaodainn a’ miannachadh, no nithean a tha an làthair a tha mi a’ faireachdainn, no nithean a tha ri thighinn a dh’fhaodadh tachairt rium, a bhuaidh gu ìre cho mòr thairis orm agus nach gèillinn mo rùn uile-gu-lèir riutsa – Amen.
Tòmas MacUilleim (1663-1755)


23
mh dhen Ghearran [54]

A Dhè, tha sinn air a’ gràdh a th’ agad dhuinne a shealbhachadh agus a chreidsinn. Gun robh sinne – tro bhith a’ còmhnaidh ann an gràdh – a’ còmhnaidh annadsa, agus Tusa annainne. Gun ionnsaicheadh sinne a bhith ga do ghràdhachadh-sa nach fhaca sinn, tro bhith a’ gràdhachadh ar bràithrean a tha sinn air fhaicinn.

Teagasg dhuinn, O Athair nèamhaidh, an gràdh leis an do ghràdhaich thusa sinne; dealbh sinn, a Thighearna bheannaichte, as dèidh eisimpleir do ghràidh fhèin; leig ma sgaoil, O Thusa, a Spioraid Naoimh a Ghràidh, gràdh airson Dia is daoine nar cridheachan.
Eanraig Alford (1810-1871)

A Thighearna dearbh gu cinnteach gun coimheadadh tu gu tròcaireach oirnn, agus deònaich gun roghnaicheadh sinne slighe na sìthe; airson, air ar teàrnadh à braighdeanas nam peacaidhean a tha air ar claoidh, gun sealbhaicheamaid dachaighean na h-Ierusaleim nèamhaidh; tro Ìosa Crìosd – Amen.
Portas Shàruim (1085)

 

24mh dhen Ghearran [55]

A Thighearna ar Dia, teagasg dhuinne, tha sinn a’ guidhe ort, a bhith a’ faighneachd gu ceart airson na beannachdan chearta. Treòraich thusa sgoth ar beatha thugad fhèin, thusa as e an caladh shìtheil airson gach uile anam a chaidh a chrathadh le stoirmean. Seall dhuinn an t-slighe anns am bu chòir dhuinn siubhal. Ùraich spiorad dheònach annainn.

Deònaich gun robh do Spiorad a’ cumail smachd air mothachaidhean sheachranach, is treòraich sinn, agus dèan comasach sinn air faighinn, chun an nì as e ar fìor mhaith, airson do laghan a chumail, agus, nar n-obraichean gu sìorraidh tuilleadh, gun biodhmaid aoibhneil na do Làthaireachd ghlòirmhor agus thoileachail. Oir is leatsa a ghlòir agus am moladh bho na naoimh gu lèir gu sìorraidh tuilleadh – Amen.
Naomh Basail (c. 329-379)

A Thighearna, ar teàrmann bhon stoirm, dèan falach oirnn, ghuidheamaid ort, na do Làthaireachd fhèin bho phiobrachadh na h-uile dhaoine. Tro do ghràdh naomh agus d’eagal, glèidh sinn bho pheacaidhean dhroch nàdair agus theangaidh – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)


25
mh dhen Ghearran [56]

Ceadaich gun togamaid ar cridheachan thugadsa an là seo ann an taingealachd mhòr, ag aideachadh, gu h-iriosal: do thròcair is d’ fhìrinn, do fhreastal mhòr is chaomh, cho faisg ’s a tha thu oirnn aig a h-uile àm, Spiorad do Ghliocais is do Chumhachd is do Shìth, na h-obraichean is na h-adhbharan aoibhneis agus an ceannsachadh anns an t-saoghal a tha thusa ag òrdachadh, na geallaidhean a tha a’ greimeachadh air nithean a tha ri teachd.

O Spioraid nan uile ghràs agus beannachaidh, Athair ar Tighearna chaomh is ar Slànaighear, a’ tighinn thugainn annsan agus na chuid-san, Cruithear nam bodhaigean seo a tha a’ bàsachadh, Beatha is Solas dha na h-anman neo-bhàsmhor seo, tha do thiodhlacan ùr dhuinn gach madainn.

Gun robh do ghràdh mòr gar teàrnadh; agus bho sholas fhìor bheatha gu h-ìosal, gun robh sinn mu dheireadh thall a’ dol a-steach don Làthaireachd sin far a bheil iomlanachd aoibhneas agus pailteas de shìth gu sìorraidh – Amen.
Rufus Ealaidhs (1819-1885)

26mh dhen Ghearran [57]

A Thighearna, mo Dhia, solas nam muinntir a tha dall agus neart nam muinntir a tha lag; seadh, cuideachd, solas nam muinntir a tha a’ faicinn, agus neart nam muinntir aig a tha neart; èist ri m’ anam, agus cluinn e a’ glaodhaich às na doimhneachdan.

A Thighearna, cuidich leinn ann a bhith a’ tionndadh ’s ga do shireadh; oir chan eil thusa air do chreutairean a thrèigsinn mar a sinne air thusa, ar Cruithear-ne, a thrèigsinn.

Tionndaidheadh sinn airson do shireadh, oir is aithne dhuinn gu bheil thu an seo nar cridheachan, ’s tha sinn ag aideachadh riut, nuair a tha sinn gar cath fhèin ortsa, agus a rànaich nad uchd, as dèidh ar n-uile shlighean gharbha; agus tha thusa a’ glanadh air falbh ar deòir gu caomh, ’s tha sinn a’ rànaich barrachd air sgath aoibhneis; air sgath ’s gu bheil thusa a chruthaich sinn gar n-ath-chruthachadh agus gar comhfhurtachadh.

Cluinn, A Thighearna, m’ùrnaigh, agus deònaich gun gràdhaichinn gu coileanta thu, agus gun robh thusa ga mo theàrnadh, A Thighearna, bhon a h-uile buaireadh, fiù’s chun an deireadh – Amen.
Naomh Augustin (354-430)

27mh dhen Ghearran [58]

A Thighearna, dèan do lagh-sa na adhbhar tlachd dhuinn. Cuir gràdh nar cridheachan nì as e a tha na choileanadh dhen lagh. Teagasg dhuinn thu fhèin a ghràdhachadh le ar n-uile rùn agus bhith, agus ar nàbaidh mar sinn fhèin. Glèidh sinn bhon a bhith a’ roinn d’ àithntean nam feadhainn mhòra is bheaga, a-rèir ar meas dhall-ne; ach thoir gràs dhuinn airson gun aidich sinn gu h-iriosal gu bheil an neach a thuiteas ann an aon phuing dhen lagh ciontach dhen lagh gu h-iomlan – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

Treòraich mi, A Thighearna, ann an uile atharrachaidhean agus dhiofraichean an t-saoghail; airson, anns na h-uile nithean a thachras, gum biodh cothromachas is ciùineas spioraid agam; airson gum biodh m’anam uile gu lèir umhail ri do rùn ro-dhiadhaidh agus ri do thoil, gun a bhith a’ gearan uair sam bith an aghaidh do smachdaidhean chiùin agus do cheartachaidhean athaireil – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)


28
mh dhen Ghearran [59]

Ceadaich gràs dhuinn airson fois a ghabhail bhon a h-uile gnìomh is smuain peacach, airson ar gèilleadh fhèin uile-gu-lèir riutsa, agus airson ar n-anman a chumail stòlda mu do choinneamh mar loch stòlda; airson mar sin gum bi gathan do ghràis air an sgàthanachadh a-staigh an sin, agus gun ath-bheothaicheadh e nar cridheachan deàlradh a chreidimh agus a ghràidh agus an ùrnaigh. Gun robh sinne, tro a leithid de stòldachd is dòchas a’ lorg neart agus aoibhneas annadsa, A Dhè, a-nis agus gu sìorraidh – Amen.
Joachim Embden (1595-1650)

Gun robh thusa gar lìonadh le do spiorad gu leithid de dh’ìre, A Thighearna, ’s gun robh sinne, a’ siubhal bho aon nì gu nì eile, a’ dol bho neart gu neart; anns a h-uile àite làn dhe do mholadh-sa, anns a h-uile àite làn dhe d’obair-sa, agus sinn a’ faighinn a-mach gur h-e aoibhneas an Tighearna ar neart, gus an àm an uair a stadas obair an t-saoghail seo, agus a thigeas na h-uairean sgìtha gu crìch, agus gus an tig an dorchadas, is gun gabh ar sùilean fois airson ùine; an uairsin thoir dhuinn teachd a-steach shaoibhir dhan bheatha shìorraidh, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

29mh dhen Ghearran [60]

Builich ormsa, a Thighearna, tur-ghlainead bhilean, cridhe glan agus neo-chiontach, irioslachd, misneachd, foighidinn.

Builich Spiorad a ghliocais agus an tuigse orm, Spiorad a chomhairle agus an neart, Spiorad an eòlais agus an diadhachd, agus, cridhe air a bheil d’ eagal-sa.

Thoir dhomh gun sir mi d’ aghaidh an còmhnaidh le m’ uile chridhe, m’ uile anam, agus m’ uile inntinn; deònaich dhomh gum biodh cridhe iriosal agam na do làthaireachd-sa.

A Ghliocais as ro-àirde, shìorraidh, do luaidh nach gabh innse, ruaig dorchadas an dallaidh agus an aineolais bhuam; A, Neart as ro àirde agus shìorraidh, dèan cobhair orm, A Sholais as ro-àirde agus shìorraidh, soillsich mise; A Thròcair as ro-àirde agus neo-chrìochnach, dèan tròcair orm – Amen.
Sàcramaideachan Gallach (800)

A Thighearna, builich gràs do Spioraid oirnn, airson gun sir sinn gu tràth, agus gum bi sinn an còmhnaidh tuilleadh a’ leantainn gu dùrachdach, an obair a tha thusa air òrdachadh dhuinn airson gun dèanamaid e – Amen.
Eanraig Alford (1810-1871)