An t-Iuchair

1d den Iuchair [183]

A Thighearna, a tha air ar toirt tro dhorchadas na h-oidhche gu solas na maidne, ’s a tha, tro do Spiorad Naomh, a’ soillseachadh dorchadas an aineolais agus a pheacaidh; tha sinn a’ guidhe ort, air sgàth do ghràidh choibhneil, gu dòirteadh tu do sholas naomh a-steach dhar n-anman, airson gum biodh sinn an còmhnaidh ag adhradh gu dìleas riutsa: a chruthaich sinn tro do Ghliocas, a shaor sinn tro do thròcair, agus a tha gar riaghladh tro do Fhreastal – Amen.
Leabhar nan Uairean (1865)

A Dhè, Fhuarain a ghràidh, dòirt do ghràdh a-steach dhar n-anman, airson gun gràdhaich sinn an fheadhainn a tha thusa a’ gràdhachadh leis a ghràdh a tha thu a’ toirt dhuinn, agus airson gun smaoinicheadh sinn agus gum bruidhneadh sinn gu ciùin, gu macanta, is gu gràdhach; agus a’ gràdhachadh ar bràithrean agus ar peathraichean anns an dòigh sin air do sgàth-sa, gum fàsadh sinn na do ghràdh, agus a’ còmhnaidh ann an gràdh gum biodh sinn a’ còmhnaidh annadsa; air sgàth Chrìosd – Amen.
E. B. Pùdhsaidh (1800-1882)

 

2mh dhen Iuchair [184]

O Athair nèamhaidh, cuir fo smachd ge b’ e dè annamsa a tha an aghaidh do rùin naomh fhèin. Deònaich gum bithinn an còmhnaidh a’ rannsachadh airson a bhith eòlach air do rùn, airson gum biodh eòlas agam air mar a thoilicheas mi thu.

Deònaich, A Dhè, nach ruithinn gu bhràth a-steach dha na buairidhean sin, a tha mi a’ miannachadh a sheachnadh nam ùrnaighean. A Thighearna, na leig le mo dheuchainnean gu sìorraidh a bhith as cionn mo neart – Amen.
Tòmas Uilleimeach (1663-1755)

A Thighearna, a tha a’ gabhail tlachd ann an tròcair, glèidh sinn, tha sinn a’ guidhe ort, bhon a pheacadh as e a bhith a’ dìon smuaintean chruaidh mu do dheidhinn-sa nar cridheachan.

Dèan uile gu lèir co-aontaichte sinne ri do rùn thròcaireach fhèin; airson, ma bhios sinn beò, gum biodh sinn beò dhutsa, no ma bhàsaicheas sinn, gum bàsaich sinn annadsa. Fhad ’s is beò sinn, builich gràs oirnn airson tròcair fhoillseachadh: an uair a bhàsaicheas sinn, a-mach à do ghràs, foillsich tròcair dhuinn – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

 

3mh dhen Iuchair [185]

A Dhè, a tha air do Mhac a thoirt dhuinn airson a bhith na eisimpleir ’s na chuideachadh dhar laigse-ne ann a bhith a’ leantainn na slighe a tha a’ treòrachadh gu beatha, deònaich dhuinn gun robh sinn nar deisciobail dhàsan gu a leithid de dh’ ìre ’s gun cuireadh sinn ar casan ann an làraichean a cheumannan – Amen.
Portas Ròmanach

A Dhè, ceadaich dhuinne nach biodh sinn amaideach, ach a’ tuigsinn do rùn; chan ann leisg, ach dìleas na d’ obair-sa: airson nach ruitheadh sinn gu neo-chinnteach, no nach cathaicheadh sinn na do chath-sa mar fheadhainn a tha a’ bualadh an adhair.

Ge b’ e nì a gheibh ar làmhan airson a dhèanamh, gun dèanamaid e le ar n-uile dhìcheal: gus, an uair a ghairmeas tusa air do luchd saothrachaidh airson an duais aca a thoirt dhaibh, gun robh sinne air ruith ann an leithid de dhòigh is gun sealbaicheamaid; gun robh sinn air an deagh chath a shabaid ann an leithid de dhòigh ’s gu robh sin a’ sealbhachadh crùn na beatha shìorraidh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Eanraig Alford (1810-1871)

 

4mh dhen Iuchair [186]

A Dhè, a tha, agus a bha, agus a thigeas a-rithist, mu choinneamh d’ aghaidh-sa bidh na ginealaich ag èirigh ’s a falbh; ginealach às dèidh ginealach, bidh iadsan a tha beò ga do shireadh, is gheibh iad a-mach nach eil crìoch ri do dhìlseachd.

Choisich ar n-athraichean nan eilthireas a-rèir do threòrachadh, agus ghabh iad fois na do thruacantas: gum biodh tusa fhathast, dha an cuid cloinne, na do sgòth tron là is nad theine tron oidhche.

Nar mòran bhuairidhean, ’s ann agadsa a-mhàin a tha eòlas, agus tha thu an còmhnaidh faisg: ann am bròn, tha do thròcair ag ath-bheothachadh an anaim a tha a’ fannachadh: nar beairteas agus nar fois, is e do Spiorad a-mhàin as urrainn ar spann bho ar pròis agus ar cumail iriosal.

O thusa as e an t-Aon bhun a th’ aig sìth is fìreantachd! thoir a-nis an sgàile air falbh bhon a h-uile cridhe: agus ceangail sinn ann an aon cho-chomann le d’ fhàidhean ’s le do naoimh a chuir an earbsa annadsa, agus nach robh air an nàrachadh. Cluinn ar n-ùrnaigh, chan ann air sgàth ar n-airidheachd, ach air sgàth do chaomh-thròcair – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

 

5mh dhen Iuchair [187]

A Dhè ar n-Athair, cuidich leinn ann a bhith a’ tighinn gu earbsa nas doimhne anns a bheatha shìorraidh.

Gun robh sinn a’ faireachdainn gum bidh an gràdh seo a th’ann an-dràsta an còmhnaidh ann; is e a th’anns an èideadh feòla seo ach do thiodhlac-sa dha do leanabh, agus an uair a tha e a’ caitheamh, èididh tusa e a-rithist; is e obair na beatha seo an obair a thug thusa dhuinn airson a dhèanamh, agus an uair a thèid a chrìochnachadh, bheir thu barrachd dhuinn; tha an gràdh seo a tha a’ toirt aoibhneas dha ar beathanan a’ sruthadh bhuatsa, oir is gràdh thusa, agus gràdhaichidh sinne gu bràth.

Cuidich leinn ann a bhith a’ faireachdainn ciamar, là thar là, a tha sinn a’ faicinn sealladh sgàile dhoilleir dhen là shìorraidh a bhriseas oirnn aig an deireadh.

Gun robh soisgeul do Mhic, agus sanas do Spioraid, ag aonadh airson ar creideas anns a bheatha a tha ri thighinn a dhèanamh làidir is soilleir; an uairsin bidh sinn toilichte nuair a ghairmeas tu oirnn agus nuair a thèid sinn a-steach dha do ghlòir ann an Ìosa Crìosd – Amen.
Raibeart Colaidhear (1823-1912)

 

6mh dhen Iuchair [188]

O, a Thighearna thròcairich, soilleirich fhèin mi le deàlradh soilleir air an taobh a-staigh, agus thoir air falbh gach dorchadas bho àite còmhnaidh mo chridhe.

Cùm fo smachd nam mòran smuaintean sheachranach a tha agam, agus brist ann am pìosan na buairidhean a tha a’ tighinn gu làidir airson ionnsaigh a ghabhail orm. Cathaich fhèin air mo shon, agus thoir buaidh thairis air na beathaichean olca; airson, mar sin, gum biodh sìth air a shealbhachadh tro do chumhachd, agus gum biodh pailteas do mholaidh air ath chluinntinn na do chùirt naomha – ’s e sin, ann an cogais fhìor-ghlan.

Cuir a-mach do sholas agus d’ fhìrinn, airson gun deàlraich iad air an talamh; oir, gus an soillsich thusa mi, tha mi mar thalamh gun chumadh agus falamh. Tog fhèin suas m’ inntinn a tha air a bhrùthadh sìos le eallach pheacaidhean, oir chan urrainn nì chruthaichte sam bith comhfhurtachd choileanta agus fois a thoirt dha mo mhiannan.

Ceangail fhèin mise riutsa le bann gràidh nach dealaichear; oir is tusa a-mhàin a shàsaicheas esan a tha ga do ghràdhachadh – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)

 

7mh dhen Iuchair [189]

A Dhè Uile-chumhachdaich, a Thighearna shìorraidh, Fhir-buileachaidh gach tiodhlac mhaith is choileanta, builich oirnne, aig an àm seo, na nithean sin as leat fhèin, fiù’s aoibhneas is toileachas, oir tha thusa beannaichte an còmhnaidh.

Gabh truas oirnn is thoir maitheanas dhuinn air sgàth ’s gu bheil sinn cho eu-comasach air a bhith coltach riut fhèin anns na nithean sin; oir tha spotan a pheacaidh is dust na talmhainn oirnne, comharraidhean a chòmhstri is làraichean a bhoile.

Seall oirnn à do ghràdh, airson gun deidheadh na nithean sin an toirt air falbh, agus airson gum biodh sinne – a tha air a bhith tinn san anam, agus gu tric fann sa chreideamh – an comas air èirigh gu do thoileacheas-sa tro tiodhlac d’ aoibhneis ro-mhòr. Maith ar peacaidhean, agus mar sin thoir air falbh gath a bhàis.

Ceadaich do ghràdh dhuinn an seo mar ghealladh-dìleib an Spioraid, airson – a’ sealbhachadh bho na ’s leatsa sa bheatha thalmhaidh seo – gum biodh dòchas againn gun sealbhaich sinn a-mach às na ’s leatsa anns an t-saoghal a tha ri thighinn – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

8mh dhen Iuchair [190]

O Thusa, A Thighearna, ar Tearmann, as e ar n-ath-shaoradh; stiùir ar n-inntinnean tro do làthaireachd ghràsmhor, agus cùm sùil thairis air ar slighean le gràdh treòrachail; airson, am measg, na ribean a tha a’ laighe air falach air an rathad seo air a bheil sinn a’ coiseachd, gun deidheadh sinn air adhart ann an leithid de dhòigh le cridheachan stèidhichte ortsa, agus, tro fhrith-rathad na creideamh gun tigeadh sinn dhan àite far an ìarradh tusa gum biodh sinn – Amen.
Motsarabach (ro 700)

A Thighearna, thoir dhomh gum bithinn a’ gràdhachadh a h-uile comharra dhe do rùn-sa, air sgàth gràdh dhut fhèin, agus dèan aoibhneil mi fon a h-uile crann; thoir bhuam a h-uile nì nach eil ga do thoileachadh, no a tha a’ cuir bacadh air do ghràdh annamsa, airson gun gràdhaichinn gu domhainn thu.

Leagh mi le do ghràdh, airson gum bithinn nam uile ghràdh, agus gun gràdhaichinn thu le m’ uile bhith – Amen.
E. B. Pùdhsaidh (1800-1882)

9mh dhen Iuchair [191]

Deònaich, A Thighearna, gun robh sinne a’ cumail aire fhaiceallach thairis air ar nàdair ’s a h-uile faireachdainn mhi-naomh; thoir air falbh ge b’ e dè a dh’fhaodadh a bhith na chnap-starra ann an rathad chuideigin eile; airson, tro cho-aontachadh ri do rùn-sa ann an nithean beaga, gum faodadh dòchas a bhith againn, tro do dhìon ’s do chuideachadh, gun tèid sinn gu sàbhailte tro na cunnartan as motha agus na deuchainnean thuige a dh’fhaodadh sinn a bhith air ar fosgladh an àird – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, do shluagh ath-nuadhachadh air an taobh a-staigh ’s air an taobh a-muigh, oir, air sgàth nach ìarradh tu gum biodh iad air am bacadh le toileachasan bodhaigeil, gun robh thu gan dèanamh làidir le adhbhar spioradail; agus ùraich iad anns an leithid seo de dhòigh tro nithean a tha siùbhlach, airson gum faodadh tu ceadachadh dhaibh, an àite sin, a bhith a’ cumail greim gu dlùth air nithean shìorraidh; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leònach (440)

 

10mh dhen Iuchair [192]

Deònaich gun robh do ghràdh a’ blàthachadh ar n-anman chun a leithid de dh’ìre, A Thighearna, is gun robh sinn gar gèilleadh fhèin gu toilichte – le na th’ annainn ’s na th’ againn gu lèir – riut fhèin.

Deònaich gun robh do ghràdh a’ tuiteam mar theine bho nèamh air altair ar cridheachan; teagasg dhuinn a bhith ga dhìon gu faiceallach tro ùmhlachd gun chrìoch is inntinn shocair, agus a’ bhith ag eiridneachadh le cùram eudmhor a h-uile sradag dhen teine naomh aige leis am biodh do Spiorad mhaith gar beothachadh, airson nach biodh àirde no doimhneachd, nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri thighinn gu sìorraidh gar dealachadh bhuaithe sin.

Neartaich ar n-anman; dùisg bhon a chadal bhàsmhor a tha gar cumail glaiste sinn; thoir ar cridheachan fuara gu gluasad bheò le do bhlàths is do chaomhalachd, airson gum b’ urrainn dhuinn a bhith beò, chan ann mar aisling, ach a’ coiseachd mu do choinneamh mar eilthirich a tha gu h-eudmhor a’ miannachadh an dachaigh a’ ruigsinn. Agus deònaich dhuinn uile mu dheireadh gun coinnicheamaid gu lèir ri do naoimh naomha mu choinneamh do chathair, agus an sin gun dèanadh sinn aoibhneas na do ghràdh gu bràth is gu sìorraidh – Amen.
Gerhard Tersteegen (1697-1769)

11mh dhen Iuchair [193]

Tha sinn ag aideachadh riutsa, A Dhè, co lag ’s a tha sinn annainn fhèin, cho mòr ’s a tha cion ar cumhachd airson obair na beatha a’ dhèanamh, cho buailteach ’s a tha sinn a bhith fèineil is peacach. Tha sinn a’ guidhe ort neart a bhuileachadh oirnn – neart do Spioraid, cumhachd do Chrìosd-sa, anns a bheil sinn an comas gach uile nì a dhèanamh.

Dèan an comas sinn mar sin air smachd a chumail air a h-uile aomadh, a h-uile adhbhar rùineil, a h-uile faireachdainn nach eil còir, a h-uile smuain is facal is gnìomh a bhuineas do dh’ fhearg is mì-fhoighidinn, agus dèan an comas sinn air a bhith ag eiridneachadh gràdh coileanta, coibhneas gun sguir, smuaintean fhìor-ghlan, a bhith a’ bruidhinn le briathran chaomh, ’s a bhith a’ dèanamh gnìomhan chuideachail is chòir.

Tog ar n-inntinnean gus a bhith a’ meòrachadh air do Mhac gràdhach, airson, a’ faicinn a àilleachd dhiadhaidh-san, gum biodh sinn air ar treòrachadh faisg air, ’s air ar n-atharrachadh dha ìomhaigh-san, ’s a’ sealbhachadh cumhachd airson a h-uile smuain a thoirt gu ùmhlachd do Chrìosd, a-steach gu co-sheirm le a Spiorad agus a bheatha shìorraidh-san – Amen.
Tòmas T. Clach (1801-1895)

 

12mh dhen Iuchair [194]

A Thighearna, ar n-Athair nèamhaidh, a tha ag òrdachadh na h-uile nithean airson ar maith shìorraidh, soillsich ar n-inntinnean gu tròcaireach, agus thoir earbsa làidir is mhaireannach dhuinn na do ghràdh is do chùram-sa.

Cuir stad ri ar brunndail, socraich ar n-eagalan agus cath a-mach ar teagmhan, airson, ag èirigh as cionn ar fulangasan ’s ar uallaichean gum b’ urrainn dhuinn fois a ghabhail annadsa, Creag na cumhachd shìorraidh.
Leabhar Ùr an Adhraidh (1876)

A Thighearna Dia, Rìgh nèimhe ’s na talmhainn, gun robh e ga do thoileachadh-sa an là seo a bhith ag òrdachadh is a’ naomhachadh, a bhith a’ riaghladh ’s nad uachdaran thairis air ar cridheachan is ar bodhaigean, ar smuaintean, ar faclan, agus ar n-obraichean, a-rèir d’ àithntean, airson gum b’ urrainn dhuinn – air ar cuideachadh leat fhèin – an seo, agus gu bràth sìorraidh, a bhith air ar saoradh is air ar teàrnadh, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Ròmanach

13mh dhen Iuchair [195]

A Dhè, as e àibheis do-rannsaichte na sìthe, cuan do-luaidh a ghràidh, fuaran nam beannachdan is fear-buileachaidh a ghaoil, a tha a’ cur sìth a-mach thucasan a ghabhas e; fosgail thugainne an-diugh cuan do ghràidh, agus uisgich sinn le pailteas de shruthainn bho saoibhreas do ghràis.

Dèan clann na sàmhchair dhuinne, is oighreachdan de shìth. Las teine do ghràidh annainne; neartaich ar laigsean tro do chumhachd, ceangail dlùth sinn riut fhèin is ri càch-a-chèile ann an aon cheangal làidir ’s nach bristear de dh’ aonadh – Amen.
Litirdi Sirianach Chlementin

A Thighearna, cuidich leinn, tha sinn a’ guidhe ort, gus a bhith a’ foillseachadh ar gràdh-ne dhut fhèin tro bhith a’ cumail d’ àithntean. Chan eil iad doilgheasach; thoir fada bhuainn spiorad frionasach, eagal a tha gun ghràdh a thaobh a bhith a’ dol thairis, agus a h-uile eas-ùmhlachd rùineil – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

 

14mh dhen Iuchair [196]

O thusa a tha naomh agus thar bhriathran, thusa as e an Dia a tha iongantach agus cumhachdach, aig a tha cumhachd agus gliocas aig nach eile deireadh, mu choinneamh a leithid a tha na h-uile chumhachdan a’ dèanamh ball-chrith, agus aig a tha comas coimhead a dh’ adhbhraicheas gun teich na nèamhan ’s an talamh, is tusa Gràdh, is tusa m’ Athair, agus bidh gràdh agam dhut agus nì mi adhradh dhut gu sìorraidh is gu sìorraidh!

Tha thu air cromadh sìos gus a bhith a’ foillseachadh tròcair dhomhsa, agus tha gath, bho do sholas-sa air deàlradh dha mo shùil air an taobh a-staigh. Treòraich mise a-steach dhan t-solas choileanta, airson gun soillsich e mi uile gu lèir, agus airson gun teich gach uile dhorchadas às.

Leig le lasrach naomh do ghràidh a bhith a’ losgadh gu a leithid de dh’ìre na mo chridhe is gum bithinn air mo dhèanamh fìor-ghlan, agus gum faicinn Thusa, A Dhè; oir is iadsan a tha fìor-ghlan sa chridhe a chìtheas tu fhèin.

Tha thu air mo shaoradh; tha thu air mo threòrachadh thugad fhèin; mar sin na trèig mi, ach cùm mise an còmhnaidh na do ghràs. Treòraich mi, agus riaghail thairis orm, agus dèan coileanta mi air sgàth do rìoghachd – Amen.
Naomh Augustin (354-430)

 

15mh dhen Iuchair [197]

A Spioraid Naoimh, tha pathadh orm air do shon-sa ann an tìr, tioram, tartmhor; tha mi a’ plosgartaich airson sruthain do ghràis.

Ciamar a b’ urrainn dhomh a bhith a’ plosgartaich air do shon-sa mur bu tu Spiorad m’ Athair? Ciamar a b’ urrainn dhomh a bhith gad mhiannachadh, mur an robh an aon nàdar riut fhèin annamsa mu thràth? Is ann tro mo dhìth dhìot fhèin, a tha eòlas agam air gu bheil mi càirdeach dhut is dha m’ Athair, chan eile argamaid agam ach na tha a dhìth orm, chan eil cànan agam ach mo ghlaodh.

Tha mi a’ faighneachd bhuatsa a chionn gu bheil feum agam ort fhèin, agus tha feum agam ort fhèin a chionn gum bu tusa a chruthaich mi. ’S e a th’ anns an ùrnaigh a tha a’ bualadh dorsan do nèimh-sa, ach gearain mo nàdair neo-chrìochnaichte an aghaidh a mhì-choileantas fhèin; sann annadsa a-mhàin a bhios mi coileanta.

Thig, mar sin, agus crìochnaich do chruthachadh dhiadhaidh. Tha thusa a’ sàsachadh miann gach nì beò dìreach a chionn gu bheil an dìth a th’aige a’ toirt dha còir a bhith beò; nach toir mo phathadh-sa air do shon fhèin, A Spioraid na naomhachd, cuideachd còir dhomh-sa ri abhainn do thoileachasan? – Amen.
Seòras MacMhathainn (1842-1906)

 

16mh dhen Iuchair [198]

Gum b’ e an Tighearna m’ fhear-glèidhidh, an Tighearna mo dhìon air mo làimh dheis. Gun robh an Tighearna gam ghlèidheadh bhon a h-uile olc, seadh, an Tighearna a’ glèidheadh m’ anam. An Tighearna a’ glèidheadh mo dhol a-mach, agus mo thilleadh a-steach, on àm seo a-mach is gu sìorraidh.

A Thighearna! Is aithne dhutsa; tha thusa an comas, tha thusa deònach, a bhith a’ dèanamh maith dham anam; chan aithne dhomhsa air aon làimh ciamar, no air an làimh eile chan eil comas agam, no, chan eil mi deònach a dhèanamh mar a bu chòir dhomh.

Gun robh thusa, A Thighearna, tha m i a’ guidhe ort, na do choibhneas gràdhach do-labhairt, ag òrdachadh ’s a dèanamh leam mar as aithne dhut fhèin as fheàrr a thoilicheas tu fhèin, agus as feumail dhomh-sa.

’S ann leatsa a tha maitheas, gràs, gràdh, coibhneas, O Aon-gràdhachaidh: dhaoine, caomhalachd, faiceallas, foighidinn, fad-fhulangas, mhòran thròcairean, mòr thròcairean, pailteas cho-fhaireachdainnean chaomh. Glòir gu robh dhutsa, a Thighearna – Amen.
Lansalot MacAnndrais (1555-1626)

 

17mh dhen Iuchair [199]

Ged nach aithne duinne dè as fheàrr, thoir dhuinn, A Thighearna, na tha thusa a’ faicinn iomchaidh; dìreach ullaich sinn airson na bhuilicheas tu, agus deònaich gun toireadh e slàinte is sìth dhar n-anman, le buannachd air choireiginn dha ar nàbaidhean ’s dhan t-saoghal air sgàth do mhaitheis-sa, A Thighearna.

Dèan teampall dhìomsa – de nithean a tha naomh dhut fhèin – agus a’ fuireach còmhla rium, A Thighearna, aig an deireadh, bi an còmhnaidh gràsmhor dha do sheirbhiseach.

Leig leam obair air choireiginn a dhèanamh a ghabhadh tu ris na do thròcair, ged a bhiod e neo-airidh na d’ shealladh fhìor-ghlan fhèin. Beannaich m’ obair airson gum bi e math, chun na làn-ìre ’s a tha e an comas, agus leig leam taing a thoirt dhut air a shon le aoibhneas aig an deireadh.

A-steach na do làmhan-sa tha sinn a’ moladh ar spiorad, anam is bodhaig – dha an robh thu fhèin nad Chruithear, Shlànaighear, Ath-bheòthachair – Dia na Fìrinn.

A Thighearna, thugadsa tha mi ag earbsa mo dhol a-mach agus mo thighinn a-steach-sa – Amen.
Ròland MacUilleim (1818-1870)

 

18mh dhen Iuchair [200]

Gur naomhaicheadh d’ Ainm. A’ faighinn tacsa tro chreideamh annad fhèin, seasaidh mi suidhichte is gu tèarainte fon a h-uile crann, buaireadh, àmhghar, tinneas agus fiù’s fon bhàs fhèin; gun a bhith a’ gabhail iomagain mu do chumhachd no do ghràdh athaireil leis a tha thu, an dà chuid, an comas, agus deònach, mo ghlèidheadh.

Gairm às a seo mi ge b’ e cuin a dh’iarras tu, ach deònaich gun leanainn gu h-aoibhneil, a’ creidsinn gu cinnteach gu bheil thusa cumhachdach agus math; an uairsin treòraichidh do Spiorad gràdhach-sa air adhart mi do thìr an Ionraceis.

Do thoil-sa gun robh dèante air an talamh mar a nithear air nèamh. Agus cò e do rùn-sa, O Athair as ro-ghràdhaiche, ach gum bithinn-sa ga do ghràdhachadh?

Seall, tha thusa ag àithne gun gràdhaichinn thu le m’ uile chridhe is anam, le m’ uile chumhachd is neart; agus gun ceadaicheadh tusa dhomh na tha thu ag àithne, agus bi fhèin ag àithne na rùnaicheas tu – Amen.
Pàrras dhan Anam Chrìosdail

19mh dhen Iuchair [201]

Dè a bheir mi air ais don Tighearna airson a uile thiodhlacan dhomh?” Chan urrainn dhomh a thabhainn ach am fhèin agam fhèin – na tha agam, a h-uile nì as mi.

Is miann leam mi fhèin a ghèilleadh uile-gu-lèir dhutsa, O mo Dhia, airson a bhith beò ann am modh nas sìmplidh mar aon air a’ naomhachadh dhut fhèin, chan ann a’ sealbhachadh m’ aoibhneas is mo chofhurtachd anns na beannachdan talmhaidh a tha thu a buileachadh gu saoibhir orm, ach, ged a tha mi taingeil airson na tiodhlacan ghràsmhor, tha mi a’ coimhead a-mhàin chun an Aoin a bhuilich mar bun m’ aoibhneis is prìomh chuspair mo bheatha.

Chan urrainn dhomh modhan smaoineachaidh is faireachdainn a tha tòrr bhliadhnaichean air obrachadh annam a chath bhuam; chan urrainn dhomh ach faighneachd dhutsa gum biodh tròcair agad orm, bochd agus ann an dìth mar a tha mi, agus gum bhiodh tu a’ cumail a h-uile nì a tha claon is seachranach na mo chridhe fo smachd, agus mar sin lìon mi le do ghràdh fhìor-ghlan is nèamhaidh, airson gun deidheadh cur air falbh a dhèanamh air m’ uile chumhangas is fhèinealachd ann am farsaingeas do ghràidh – Amen.
Maria Geàrr (1798-1870)

 

20mh dhen Iuchair [202]

A Dhè as ro-ghràsmhoire! thoir faochadh dha mo spiorad le do ghràsmhorachd; thoir bhuam a h-uile sàrachadh spioraid, is thoir dhomh dòchas nach fàillig, miann airson naomhachd nach bi air a shàsachadh gus an sealbhaich e carthannas a bhios an còmhnaidh a’ fàs; airson gun tionndaidh mi na h-uile nithean gu adhradh, a’ dèanamh a h-uile nì gu do ghlòir-sa; airson, nuair a ghairmeas tusa bhon mhìlseachd saothair seo mi, gun tèid agam air a dhol a-steach do shaothair nan naoimh is nan aingealan; aig a tha an obair sin, le aoibhneas shìorraidh is taingealachd, a’ bhith a seinn molaidhean dha do thròcairean – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)

A Dhè uile-chumhachdaich, deònaich, tha sinn a’ guidhe ort, gum faodadh sinne aig a bheil earbsa a tha fo sgàile do sgèithean fhèin – tro chuideachadh do chumhachd – a’ bhuaidh fhaighinn thairis air a h-uile olc a dh’ èireas suas nar n-aghaidh – Amen.
Portas Ròmanach

 

21mh dhen Iuchair [203]

O Thusa, Fhir-cuideachaidh chumhachdaich ’s a Dhè a tha an còmhnaidh an làthair, tha sinn a’ toirt ar n-uile fheumalachdan thugadsa. O thusa, Ùghdair gach nì a tha math, bhuaithe a tha a h-uile tiodhlaic maith is choileanta a’ tighinn, gun robh do tròcairean nan òran molaidh làitheil dhuinn, agus gun robh solas do ghnùise anns an t-saoghal de chumhachd is àilleachd seo a’ gluasad ar cridheachan gu mòr-thaingealachd is earbsa mhilis.

Là thar là tha thusa ag òrdachadh ar cuibhreann, gu sònraichte a’ taisbeanadh do ghlòir ann am Mac gràdhach do ghràidh, agus gar gairm a-steach dha rìoghachd-san de sheirbheis is de bheannachdas. Gum b’ e seo ar gràdh-ne dhutsa annsan, gun gràdhaicheamaid càch-a-chèile is gun glèidheamaid a àithntean gu lèir – Amen.
Rufus Ellis (1819-1885)

Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, ar cumail ann an sìth gun chrìch, mar a tha thu air cinnt annad fhèin a bhuileachadh; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Gelàsianach (492)

 

22mh dhen Iuchair [204]

O Athair shìorraidh, cuidich leam, tha mi a’ guidhe ort, gus a bhith a’ toirt toraidhean an Spioraid gu bàrr na mo bheatha; toradh a ghràidh, airson gun tèid agam air thusa a ghràdhachadh as cionn gach uile nì – agus a h-uile neach eile annadsa ’s air do sgàth-sa; toradh an aoibhneis, airson gum biodh do sheirbheis na adhbhar aoibhneis dhomh; toradh na sìthe airson – air mo mhaitheadh ’s air gabhail rium tro do thròcair – gun gabhainn fois na do ghràdh; toradh an fhad-fhulangais, airson gun giùlaininn a h-uile crann is àmhghar – le ùmhlachd fhoighidneach ri do rùn; toradh a chaomhalachd, airson gum cùmainn fo smachd a h-uile droch nàdar a dh’èireadh, is gun gabhainn gu socair ’s gu coibhneil ris a h-uile deuchainn is piobrachadh; toradh a mhacantais airson gum maithinn gu saor na h-uile a bhiodh ga mo ghoirteachadh – eadhon tro fhacal no tro ghnìomh, agus gum fulangainn le foighidinn a h-uile ni a bhiodh air a chur orm; toradh na measarrachd, airson gun cùmainn smachd air m’ uile mhiannan, gan toirt a-steach gu ùmhlach anns a h-uile nì gu do rùn naomh-sa – Amen.
Ciste-ionmhais na Diadhachd (1869)

 

23mh dhen Iuchair [205]

A Dhè Uile-chumhachdaich, a tha an comas air an t-solas a bhuileachadh a nì aoibhneach sinn anns an dorchadas, a bheatha a tha an comas air ar dèanamh toilichte anns an duibhre, agus an t-sìth a tha an comas air sàmhchair a thoirt thugainn anns an aimhreit! gun robh sinn beò an là seo anns an t-solas sin, a bheatha sin, agus an t-sìth sin – airson gum faigh sinn a bhuaidh thairis air na nithean ud a tha gar brùthadh sìos, agus thairis air an fheòil a tha cho tric gar bacadh, agus thairis air a bhàs a tha a’ coimhead, airson mòmaid, mar gum biodh e a’ faighinn a bhuaidh.

Mar sin bhiodh sinne – air ar lìonadh le sìth nar broinn, agus solas, agus beatha – an comas air a bhith a’ coiseachd fad làithean na beatha thalmhaidh seo a’ dèanamh ar saothair mar obair ar n-Athair, ga ghlòireachadh, a chionn gur h-e do rùn-sa a th’ ann, le fios gu bu bheil na tha thusa a’ tabhainn air a thabhainn ann an gràdh.

Builich oirnn a bheannachd as mò ’s a bheannachd mu dheireadh – gun robh sinne, a tha na do làthair, coltach riutsa gu sìorraidh tuilleadh. Na nithean seo dh’fhaighnicheamaid, ann an ainm Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)

 

24mh dhen Iuchair [206]

A Thighearna nèimhe is thalmhainn, tha sinn dha-rìribh duilich airson na rinn sinn ceàrr; tha sinn uile-gu-lèir ag àicheadh ge b’ e dè a tha an aghaidh do rùin-sa, agus tha sinn an seo gar n-ùmhlachadh gu coileanta gus a bhith umhail ris a sin.

Gabh, A Athair as ro-thròcairiche, ris an ùmhlachd ath-nuadhaichte seo a tha sinn a’ dèanamh – dhuinn fhèin, ar bodhaigean, ar n-anman, agus ar spioradan – riut fhèin. Agus deònaich gum biodh sinn an comas gach là air a bhith gar tagradh fhèin suas ann am modh nas dùrachdaiche, agus ann am modh nas aighearaiche thugad fhèin; le barrachd gràidh fhìor-ghlan, agus ùmhlachd bhon chridhe, agus aomadh dheònach dha do sheirbheis-sa.

Glèidh nar n-inntinnean tuigse thaingeil mu do ghràdh chumhachdaich, airson gun lean sinne teagasg is eisimpleir do Mhic Iosa Crìosd. Deònaich gum biodh sinne coltach ris-san, fìor-ghlan is gun truailleadh, macanta is caomh, sìtheil is foighidneach, sona is taingeil.

Coilean dhuinne na geallaidhean gràsmhor gu lèir a thug esan dhuinn. Gun robh e dha do sheirbheisich a-rèir a Fhacail-san – Amen.
Sìmon Pàdraig (1626-1707)

 

25mh dhen Iuchair [207]

A Thighearna, foillsich do choibhneas gràdhach, tha mi a’ guidhe ort, dha na h-uile dhaoine san t-saoghal seo a tha gam faireachdainn fhèin air an cur ann an dìmeas, no nach eile a’ faighinn ach beagan gràidh, no a tha air an dìochuimhneachadh.

Gum biodh tusa na do Companach gràdhaich dhaibh, agus deònaich gun robh co-chomann leatsa nas prìseile dhaibhsan na an conaltradh as maoithe air thalamh. Teagasg dhaibh thu fhèin aithneachadh anns na h-uile ris an coinnich iad, ’s a bhith ga do ghràdhachadh agus a’ dèanamh seirbheis dhut anntasan.

Air thalamh deònaich comhfhurtachd dhaibh tro aithreachas dhuine sam bith a rinn nì ceàrr orra, agus ann an nèamh comhfhurtachd ann an co-chomann nan naoimh gu lèir le càch-a-chèile is leat fhèin – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)

A Thighearna ghràismhor, a tha a’ glacadh osnaich a chridhe a tha a’ dèanamh aithreachas mus tèid fhuaimneachadh, dèan teampall an Spioraid Naoimh dhuinne airson gum bi sinn air ar dìon le sgiath do mhaitheis nèamhaidh, tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)

 

26mh dhen Iuchair [208]

A Thighearna, aig a tha làmhan anns a bheil beatha is bàs, tro do chumhachd a tha mi air mo chumail suas, is tro do thròcair a tha mi air mo ghlèidheadh, coimhead sìos orm le truas.

Thoir maitheanas dhomh gu bheil mi, chun na h-àma seo, air mo dhleastanas a shònraich thusa air mo shon a dhearmad gu a leithid de dh’ìre, ’s gun do dh’fhuiling mo na làithean ’s na h-uairean, mu thimcheall a dh’fheumas mi cùnntas a thoirt seachad, a dhol à bith gun oidhirp air do rùn-sa a choileanadh.

Thoir dhomh gun cuimhnichinn, A Dhè, gur h-e tiodhlac a th’ anns a h-uile là, agus gum bu chòir dha a bhith air a chleachdadh a rèir d’ àithne-sa.

Deònaich dhomh, mar sin, gun dèanainn aithreachas air sgath mo dhearmaid chun a leithid de dh’ìre is gun sealbhaichinn tròcair bhuat fhèin, agus gun cuirinn seachad an uair a tha thusa a’ ceadachadh dhomh ann a bhith a’ coileanadh d’ àithntean gu dìcheallach, tro Iosa Crìosd -Amen.
Samuel MacIain (1709-1784)

 

27mh den Iuchair [209]

O thusa Aoin Shìorraidh, anns a bheil dreuchd ar beatha a’ seasamh! Tha thu air ar n-obair-ne earbsa dhuinn, agus dh’ earbamaid ar cùraman ort fhèin.

Deònaich gun robh sinne a’ faireachdainn nach ann leinn fhèin a tha sinn, agus gun gabh thusa aire dhar feumalachdan, fhad ’s a tha sinne a’ cumail ar n-aire air do rùn fhèin.

Deònaich nach biodh sinn beò gu neo-chùramach no a’ cantainn nar cridheachan, “Tha mise an seo agus chan eil aon as mo chionn,” no gum biodh sinn fo eagail mar gum biodh ar slighe air fhalach; ach le inntinn suidhichte gu simplidh air ar n-earbsa, is gun a bhith a’ taghadh nì ach suidheachaidhean do Fhreastail-sa.

Lìon barrachd is barrachd sinn leis an truas sin do thrioblaidean dh’fheadhainn eile – nì a tha a’ tighinn bhon a bhith a’ dìochuimhneachadh ar feadhainn fhèin; agus lìon sinn le dòchas thoilichte cloinn na sìorraidheachd.

Agus thugadsa an Toiseachd agus an Deireadh, Tighearna nam beò, Tèarmann nam muinntir a tha a’ bàsachadh, gun robh taing is moladh gu sìorraidh – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)

 

28mh dhen Iuchair [210]

A Thighearna, dè a mhisneachd a th’ agam anns a bheatha seo? Nach tu fhèin a th’ ann, A Thighearna mo Dhia, aig a tha thròcairean gun àireamh?

Càite riamh an robh gnothaichean math dhomh as d’ aonais fhèin, no càite am b’ urrainn dha a bhith olc leamsa an uair a bha thusa an làthair?

B’ feàrr leam taghadh a bhith nam eilthireach air thalamh no nèamh a shealbhachadh as d’ aonais. Far a bheil thusa sin far a bheil nèamh; agus far nach eil thusa, tha bàs is ifrinn.

Chan eil aon ann a chuidicheas mise nam fheumalachdan, ach thusa a-mhàin, a Dhè, is tusa mo dhòchas, thusa mo mhisneachd.

Ged a tha thu gam fhosgladh an aird ri deifir bhuairidhean is chruadail, a dh’aindeoin seo tha thu ag òrdachadh sin air fad airson mo bhuaidh; agus anns an deuchainn seo dhìom fhèin cha bu choir nas lugha de ghràdh is moladh a bhith air a thoirt dhut gu ìre sam bith na b’ ìsle, no nan robh thu gam lìonadh le cofhurtachdan nèamhaidh.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)

 

29mh dhen Iuchair [211]

O mo Dhia, tha mo bheatha gu lèir air a bhith na chùrsa de thròcairean ’s de bheannachdan air am foillseachadh do dh’aon a th’ air a bhith ro-neo-airidh orra.

Bliadhna as dèidh bliadhna tha thu air mo ghiùlain air adhart, air cunnartan a thoirt air falbh bho mo shlighe, air m’ ùrachadh, air m’ fhulang, air mo stiùireadh, air mo chumail suas. O na trèig mi, an uair a leigeas mo neart sìos mi.

Thèid agam air fois a ghabhail annad fhèin gu sàbhailte.

Fhad ’s a tha mi fìor riut-sa, bidh thusa fhathast, is chun an deireadh, ro-phailt na do mhaitheas dhomhsa. ’S urrainn dhomh mo chuideam a leagail sìos air do ghàirdean; faodaidh mi a dhol a chadal air do bhroilleach.

Dìreach thoir dhomh, agus cuir am meud annam, an fhìor dhìlseachd sin riut fhèin, as e ceangal a choicheangail eadar thusa ’s mise, agus gealladh na mo chridhe fhèin ’s na mo chogais nach trèig thusa, an Dia is Àirde, mise – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)

 

30mh dhen Iuchair [212]

O thusa, Athair ghràdhaich is mhaoth ann an Nèamh, tha mi ag aideachadh mu do choinneamh, ann am bròn dhomhainn, cho cruaidh ’s cho mì-cho-fhulangach ’s a tha mo chridhe; cho tric ’s a tha mi air peacachadh an aghaidh mo nàbaidh tro dìth co-fhaireachdainn is dìth mhaothais; cho tric ’s nach eil mi air fìor thruas fhaireachdainn airson a dheuchainnean agus a bhròinean-san, is cho tric ’s a tha mi air dearmad a dhèanamh a thaobh a chofhurtachadh, a chuideachadh, agus, tadhal air.

O Athair, maith dhomh am peacadh trom seo, agus na cuir na m’ aghaidh e. Builich ghràs orm airson cuideachadh a bhuileachadh a thaobh croinn is trioblaidean nam muinntir a tha timcheall orm, agus airson nach cuirinn gu bràth riutha sin; teagasg dhomh a bhith a’ furtachadh ann am bròn, a bhith a’ gabhail smuain airson a choigreach, a bhanntrach, ’s an dìlleachdan; deònaich gun robh mo charthannas ga fhoillseachadh fhèin, chan ann idir ann am briathran a-mhàin ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.

Teagasg dhomh breith a thoirt, mar a tha thusa a’ dèanamh, le foighidinn, le mòr-thròcair, ’s le cead; agus cuidich leam gus a bhith a’ seachnadh a h-uile breith nach eil gràdhach a-thaobh feadhainn eile – Amen.
Iodhann Arndt (1555-1621)

 

31mh dhen Iuchair [213]

Builich do sholas oirnn, A Thighearna, airson – cuidhteas de dhorchadas ar cridheachan – gun sealbhaich sinn an fhìor sholas. Amen.
Portas Shàruim (1085)

A Dhè Uile-chumhachdaich, a tha a’ maitheadh na h-uile nithean dhaibhsan a tha a’ glaodhaich riut, deònaich dhuinne – ge b’ e dè dhen bheatha a tha fhathast a’ feitheamh oirnn – gun robh sinn a’ toirt aire dhùrachdach aig an uair seo fhèin dha do ghairm; airson, a’ tighinn mar seo thugad, gum faigheamaid obair na d’ fhìon-lios is gun dèanamaid gu dìleas e chun an deireadh; a’ guidhe ort a bhith a’ maitheadh na h-uairean a chosg sinn san àm a chaidh seachad, agus a-mach à do ghràsmhorachd gun dèante cinnteach nach bi an còrr dhiubh ann.

Airson na h-ùine a tha a tha ri thighinn gu lèir deònaich dhuinn gun dèanadh sinn seirbheis gu dìleas is gu dùrachdach, airson, aig an deireadh, gun cluinneamaid do ghuth ag ràdh ruinn: “Is math a rinn thu, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich.” Mar seo gum biodh e dhuinn uile, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)