An t-Òg Mhìos

1mh den Òg Mhìos [153]

Tha mi ag adhradh gu h-iriosal ri do Mhòralachd ghlòirmhor, a chionn gun tug thu an comas dhomh a bhith ga do ghràdhachadh, a bhith umhail riut, ’s a bhith a’ smaoineachadh mu do dheidhinn fhèin; agus mar thoradh air a sin roimh-bhlasad fhaighinn den aiteas shìorraidh san adhradh riut fhèin.

Bulich orm, guidheam ort, cumhachd airson a bhith a’ cuir an t-sochair seo an gnìomh anns an dòigh as coileanta a bheireadh do shaoibhreas mhi-chrìochnach an comas dhomh a dhèanamh; agus deònaich gun robh an còrr dem bheatha air a chaitheamh a’ coileanadh, anns a mhodh as mionaidiche, a h-uile pàirt de mo dhleastanas dhut-sa; air sgàth Chrìosd – Amen.

Teàrlach How (1661-1745).

Bi nad Bhuachaille dhuinn, ghuidheamaid ort, agus gun robh sinne a’ sealbhachadh a h-uile nì math bho do mhìlseachd-sa; airson – a’ sealbhachadh dachaigh nèamhaidh nad phàilleanan – gum biodh sinne air ar lìonadh le lànachd do chupain shìorraidh, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas shàruim (A.D. 1085).

Gràdh do Dhia.

2mh den Òg Mhìos [154]

A Dhè agus Athair as ro-tròcairiche, tha sinn gar nearbsa fhèin, agus gach nì a th’againn, dha do làmhan uile-chumhachdaich-sa, agus ag ùrnaigh gun glèidheadh tu sinn, tro do Spiorad mhaith bhon a h-uile peacadh, dhroch thachartas is bròn cridhe.

Builich Spiorad a ghràis is na h-ùrnaigh oirn, airson gum biodh earbsa, a bheireadh chomfhurtachd, againn na do ghràdh, agus gum biodh ar n-osnaichean agus ar tagraidhean freagarrach na do shealladh fhèin.

Builich Spiorad na creidimh a lasadh teine a chreideamh fhìor agus bheannaichte nar cridheachan, airson gum biodh eòlas bheò na slàinte againn, agus gum biodh ar beathanan air fad nan tagradh taingealachd airson na tròcairean a tha sinn air a shealbhachadh.

Builich Spiorad a ghràidh oirnn, airson gum fèin-fhiosraich sinn mìlseachd do ghràidh-sa dhuinne, agus cuideachd airson gun gràdhaicheadh sinne thusa air ais; is gun toireadh seo dhar n-ùmhlachd nach robh e a’ tighinn bho theannachadh mar thràillean, ach le cridheachan dheònach agus aoibhneil cloinne – Amen

Gottfried Arnold (1665-1714) [ùrnaigh bho 1697].

Beò-iarraidh.

3mh den Òg-Mhìos [155]

Deònaich, A Thighearna, nach leiginn, airson aon mhòmaid, aon smuain a-steach na m’anam, le cead mo rùin, a bhiodh an aghaidh do ghràidh-sa – Amen.

E. B. Pusaidh (1800-1882).

A Dhè uile-chumhaichdaich, deònaich, tro bhith a’ dèanamh na nithean gu dìleas as aithne dhuinn a tha fìor, gun robh ar cridheachan air an tur-glanadh den a h-uile smuain olc is droch mhiann, agus sinne air ar toirt air ais a-rithist gu rudeiginn den fhìor-ghlainead spioraid a tha a-mhàin an comas seirbheis a dhèanamh dhut-sa.

Maith dhuinn a h-uile seachran a ghabh sinn bhon t-Solas. Deònaich gun teicheamaid air falbh bhon a bhreitheanas mhòr seo – gun tàinig solas a-steach dhan t-saoghal, ach gun do thagh sinne dorchadas an àite an t-solais.

Foillsich an solas dhuinn, agus thoir dhuinn gum biodhmaidh beò ann, agus troimhe gun dheidheadh sinn tro sgàile a bhàis gu sàbhailte, is gum fuiricheamaid ann gu bràth tuilleadh. Cluinn sinn na do thròcair, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Seoras Dawson (1821-1876).

Fìor-ghlaine is Fìrinn.

4mh den Òg-Mhìos [156]

A Thighearna mo Dhia, airson beatha agus reusan, togail, glèidheadh, treòrachadh, foghlam; airson do ghibhtean gràis agus nàdair, airson do ghairm, d’ ath-chairm, iom-fhìllteas d’ ath-ghairm dhomh a-rithist agus a-rithist.

Airson d’fhoighidinn, d’ fhad-fhulangas agus d’ fhad fhad-fhulangas gam thaobh-sa, fiù’s chun na h-ama seo; airson nan uile bhuaithe a fhuair mi maith sam bith no cuideachadh; airson comas cleachdaidh nan nithean matha a th’agam an-dràsta; airson do gheallaidh, agus mo dhòchas, a thaobh nithean matha a tha ri thighinn.

Airson na nithean sin gu lèir, agus airson gach uile eile, as aithne dhomh, nach aithne dhomh, follaiseach no dìomhair, air an do chuimhnich mi, no a dhi-chuimhnich mi, tha mi ga do mholadh, tha mi ga do bheannachadh, tha mi a’ toirt taing dhut; agus molaidh mi, agus bheir mi taing, fad làithean mo bheatha.

Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh? Is airidh thusa, a Thighearna air glòir, agus urram, agus cumhachd – Amen.

Lancelot MacAnndrais (1555-1626).

Taingealachd is Moladh.

5mh den Òg Mhìos [157]

A Thighearna, aig a tha eòlas air a h-uile nì, agus a tha a’ gràdhachadh na h-uile dhaoine nas fhèarr na tha agad de dh’eòlas, ’s ann leatsa a tha an cumhachd agus an gliocas airson ar teasaircinn.

Mar a ghlaodh ar n-athraichean thugad ’s a fhuair iad cuideachadh, agus mar a bha air an treòrachadh air an t-slighe a tha thusa a’ faicinn math; mar sin, anns a h-uile àm-dìth, bhon a h-uile olc – olc ar là agus olc ar cridheachan – treòraich sinn, a Thighearna mhaith.

Bhon a h-uile iomchomhairle inntinn, bho aonranachas smaoineachaidh, is meòmhrachadh mhi-thoilichte; bhon a bhith a’ gabhail iongantas mu dè a dh’iarradh tu a dhèanamaid, treòraich sinn a Thighearna. Gu sònraichte bho ge be dè am peacadh a tha gar cuartachadh, dèan cobhair oirnn agus saor sinn le d’ uile chumhachd, A Thighearna.

Bhon a h-uile creachadh, mulad agus trèigsinn; bho na h-uile nithean a dhealaicheas sinn bho chèile agus bho ar Dia; bho na h-uile uilc a bha sinn ag ùrnaigh an aghaidh, agus bhon fheadhainn gu lèir air nach do smaoinich sinn, saor sinn, A Thighearna, do sheirbhisich, aig a tha dòchas shìorraidh na do mhaitheas – Amen.

Rowland Uilleamach (1818-1870).

Aidmheal is Aithreachas.

6mh den Òg-Mhìos [158]

Annadsa a Thighearna Dia, tha mu a’ cur m’uile dhòchas agus thèarmann; ortsa tha mu a’ cur sìos m’ uile àmhgharan is troimhe-chèile; oir tha mi a’ faicinn gu bheil a h-uile nì, ge b’ e dè sam bith a choimheadas mi air – a tha a-mach asad fhèin – lag is gun cho-chòrdadh.

Oir chan eil tairbhe ann am mòran charaidean, no cuideachadh ann an luchd-cuideachaidh làidir, no cofhurtachad ann an leabhraichean nan sgoilearan-mòra; no comas aig àite sam bith, ge b’ e dè cho iomallach is àlainn, air tèarmann a bhuileachadh, mur a h-eil thusa thu fhèin gar cuideachadh, gar neartachadh, gar cofhurtachadh, gar teagasg, agus gar dìon.

Oir tha na h-uile nithean a choimheadas mar gum buinneadh iad ri bhith a’ sealbhachadh sìth agus sòlais – as d’aonais-sa – nan neo-ni, agus tha iad ann am fìrinn gun chomas sòlas sam bith a thoirt leòtha. Is tusa, mar sin, fuaran na h-uile nìthean a tha math; agus se a bhith ag earbsa annadsa – as cionn gach uile nì eile – an cofhurtachd as làidire dha do sheirbhisich.

Thugadsa mar sin, tha mi a’ togail mo shùilean; annadsda, mo Dhia – Athair nan tròcairean – tha mi a’ cur m’earbsa – Amen.

Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471).

Àmhghar is Fulangas.

7mh den Òg-Mhìos [159]

A Thighearna, builich barrachd carthannais oirnn, barrachd fèin-àicheadh, barrachd coltas riut fhèin. Teagasg dhuinn a bhith ag ìobradh ar comhfhurtachdan do dh’ fheadhainn eile, ’s na nithean as toigh leinn airson a bhith a’ dèanamh maith.

Dèan caoibhneal sinn ann an smuain, caomh ann am facal, còir ann an gnìomh. Teagasg dhuinn gu bheil e nas fheàrr a bhith a’ tabhainn na tha e a bhith a’ faighinn; nas fheàrr a bhith gar di-chuimhneachadh fhèin na tha e a bhith gar cuir air adhart; nas fheàrr a bhith a’ ministearalachadh na tha e a bhith a’ sealbhachadh ministearalachd. Agus thugad-sa, a Dhè a ghràidh, gun robh glòir is moladh gu sìorraidh – Amen.

Eanraig Alford (1810-1871).

A Thighearna, gluais sinne tro d’ eisiplmplear fhèin airson caoibhneas a shealltainn agus maith a’ dhèanamh. Deònaich a leithid de dh’ fhoighidinn ’s de dh’ fhad-fhulangas dhuinne leòsan a tha a’ fulang – grasmhor no neo-ghràsmhor, taingeal no neo-thaingeal; airson, nar caitheamh-beatha thuiteamach is ar roinn thruagh gun aithnicheadh iad fhathast cuibhreann beag dhìot fhèin, agus gun toireadh iad a ghlòir dhuit – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Maitheanas is Caoibhneas.

8mh den Òg-Mhìos [160]

A Dhè, Solas nan uile a tha gad fhaicinn, beatha gach uile anam a tha ga do ghràdhachadh, Cumhachd gach uile inntinn a tha gad shireadh, ceadaich dhomh gum bithinn a’ cumail orm an còmhnaidh na do ghràdh naomh.

Gum bu tusa fhèin aoibhneas mo chridhe; gabh air fad e thugad fhèin, agus an sin dèan còmhnaidh. Tha dachaigh mo chridhe, tha mi ag aideachadh, robh chumhang air do shon; gun robh thusa ga mheudachadh airson gum b’urrainn dhut fhèin tighhinn a-steach ann; tha e na thobhta, ach gun robh thusa ga chàradh. Tha an nì sin na bhroinn a dh’fheumas a bhith a’ gràineil dha do shùilean; tha mi ga aideachadh agus ’s aithne dhomh e; ach cò an cuideachadh air an dèan mi guidhe airdson a ghlanadh, ach d’fhear-sa a-mhàin?

Thugad-sa, mar sin, tha mi a’ glaodhaich gu h-earailteach, ag iarraidh gun glanadh tu mi bho mo theachdan gearr dhiomhair, is glèidh do sheirbhiseach bho pheacaidhean àrdanach, airson nach fhaigheadh iad gu bràth làmh an uachdarain orm – Amen.

Augustin (354-430).

A Thighearna, maith na tha air a bhith annam, naomhaich na th’annam, agus òrdaich na bhios anam – Amen.

Aidmheal is Aithreachas.

9mh den Og-Mhìos [161]

Crom, A Thighearna, do chluasan thròcaireach, agus soillsich dorchadas ar cridheachan tro sholas do thadhail-sa – Amen.

Sàcramaideachan Gelàsianach (A.D. 492).

A Dhè uile-chumhachdaich, Tighearna thairis air an stoirm ’s a chiùine, a mhuir fheargach ’s an caladh shàmhach, an là ’s an oidhche, a bheatha ’s am bàs, – deònaich dhuinne gun robh ar cridheachan stèidhichte gu a leithid de dh’ìre air do dhìlseachd, do neo-atharrachdas agus do ghràdh-sa, is, ge be dè a thachradh dhuinn, ge be dè cho dubh an sgòth no dorcha an oidhche – gun robh sinne, le creideamh shàmhach, ag earbsa annadsa, a’ coimhead ort le sùilean a bhiodh gun ualach, agus a’ coiseachd gu h-iriosal thugad fhèin, ’s ann an gràdh gu càch-a-chèile a’ fulang gach stoirm agus trioblaidean na bheatha thalmhaidh seo, a’ guidhe ort gum biodh iad air an atharrachadh gu fìor mhaith an anaim.

Tha sinn ga fhoighneachd air sgàth do thròcair, air fhoillseachadh ann an Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

Earbsa ann an Dia.

10mh den Òg-Mhìos [162]

O, A Dhè na Sìthe, aonaich ar cridheachan tro bhann do ghràidh, airson gum bi sinn beò le càch-a-chèile ann an caomhalachd ’s ann an irioslachd ’s ann an sìth ’s ann an aonta neo-chrìochnach.

O, thusa a Dhè na sìthe, builich foighidinn ann an àm na deuchainn, agus seasmhachas airson a bhith a’ fulang chun a chrìch.

O, thusa a Spioraid na h-ùrnaigh, dùisg ar cridheachan, airson gun togamaid làmhan naomha gu Dia, agus gun guidheamaid thuige nar n-àmhgharan uile.

O, A Ghaoith chaoimh, fuaraich agus beothaich ar cridheachan anns a h-uile teas is àmhghar. Bi nad dhìdein dhuinn agus nad fhasgadh ann an àm na dìth, ar cuideachadh ann an deuchainn, ar cofhurtachd nuair a tha gach uile nì nar n-aghaidh.

Thig o thusa a Sholais, a Shlàinte ’s a Chomhfhurtachd shìorraidh, bi nad Sholas dhuinn anns an dorchadas, ar Slàinte anns a bheatha, ar Comhfhurtachd anns a bhàs; agus treòraich sinn anns an t-slighe dhìreach chun a bheath a mhaireannach, airson gum molamaid gu sìorraidh thu – Amen.

Bernhard Albrecht (1569-1636).

Beò-iarraidh; Maitheanas is Caoibhneas.

11mh den Og-Mhìos [163]

Tha mi ga do bheanachadh m’ Athair is mo Charaid, airson na tha thu air a thoir dhomh, agus airson an thug thu bhuam – airson mo dheuchainnean agus m’ amanan bròin, cho cìnnteach ’s a tha mi airson m’ aoibhneasan gu lèir.

Tha thu air mo threòrachach gu tròcaireach tron fhàsach seo agus air mo mhòran theachdan-geàrr is mo ghnìomhan olca fhulang. Tha thu dha-reìreabh gràsmhor agus glòirmhor – Athair nan tròcairean, agus Dia a’ ghràidh.

Dùisg an cridhe leisg seo agama-sa agus lìon le taingealachd e. Ach bi còmhla rium, a Thighearna, airson na h-àma a tha ri thighinn. Chan aithne dhomh-sa na tha romham, ach ’s aithne dhut-sa. Tagh mo roinn dhomh. Treòraich mi le do Làimh fhèin; agus cùm faisg ort-sa mi, là thar là, agus oidhche thar oidhche.

M’ Athair tha mi ag iarrraidh do ghràdhachadh-sa agus a bhith umhail riut. Gabh mo chridhe, oir chan urrainn dhomh a thoirt dhut; agus cuir air falbh a gach nì a tha a’ dol eadar thu fhèin a bhith gam shealbhachadh-sa uile gu lèir – Amen.

Ashton Drenden ().

Taingealachd is Moladh.

12mh den Òg-Mhìos [164]

A Chruitheir Dhìleis, builich gràs oirnn, tha sinn a’ ghuidhe ort, airson a bhith a’ dèanamh math agus le làn dearbhachd creidimh, airson a bhith ag earbsa glèidheadh ar n-anaman thugad fhèin, ’s airson fois a’ gabhail na do gheallaidhean. Agus cuidich leinn airson gun abramaid an còmhnaidh an fhìrinn; agus fiù’s ged a bhitheadh e gu ar call fhèin gun glèidheamaid creideamh le càch a chèile. Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

A Dhè, deònaich gun robh mise a’ foillseachadh ùmhlachd aoibhneil anns na h-uile thachartasan a thagad dhomh airson na h-ama a tha ri thighinn. Cuimhnich orm an an làithean na h-àmhghar; glèidh mi bho chus eagail, cùraim is bròn.

Ceadaich cridhe iriosal is gèillteach dhomh, airson, le smachd choileanta, gun robh mi an còmhnaidh a’ co-aontachadh ri uile dhòighean do ghràidh; airson nach cuirinn bacadh, uair sam bith, air rùintean do thròcair tro m’ ulaichean neo-fhoirfe, tro leisge, no fèin-ghràdh – Amen.

Tòmas Uilleamach (1663-1755).

Fìor-ghlaine is Fìrinn; Ùmhlachd is Gèilleadh.

13mh den Òg-Mhìos [165]

Tha mi ag adhradh riut, O mo Dhia, le mo ghràdh is m’ eagal as fheàrr, le mo mheas eudmhor, le mo rùn as umhaile agus as suidhichte.

O thoir dha mo chridhe gum biodh e a’ breabadh cuide ri do chridhe-sa. Tur-ghlan e bhon a h-uile nì a tha saoghalta, a h-uile ni fèin-uailleach is feòilmhor, a h-uile nì a tha cruaidh agus an-iochdmhor, bhon a h-uile raige, bhon a h-uile mì-riaghailt, bhon a h-uile marbhachas.

Lìon e le na h-uidhir dhìot fhèin, ’s nach biodh cumhachd aig tachartasan an là no suicheachaidhean na h-ama airson a chrathadh; ach, na do ghràdh is d’eagal-sa gum biodh sìth aige – Amen.

Iain Heanraig Newman (1801-1890).

A Dhè, a tha na do chaomh-ghràdh a’ tòiseachadh agus a crìochnachadh na h-uile nìthean mhatha; deònaich fhad ’s a tha sinne a’ glòireachadh ann an tòiseachaidhean do ghràis, mar sin gun faodamaid a bhith aoibhneal na choileanadh cuideachd; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Sàcramaideachan Leonach (A.D. 400).

Naomhachd.

14mh den Og-Mhìos [166]

O thusa a Thighearna as ro-mhilis agus as gràdhaiche, is aithne dhut mo laigsean, agus na nithean a dh’fheumas mi fhulang; mar a tha mi an sàs an an uilc is peacaidhean mhòra; cho tric ’s a tha mi air mo leagail sìos, air mo bhuaireadh ’s air mo chur fo àmhghar leotha.

Tha mi a’ guidhe ort airson cofhurtachd agus taic. Tha mi a’ bruidhinn riutsa as aithne na h-uile nithean, thuige a tha mo smuaintean air an taobh a-staigh fosgailte, agus a tha a-mhàin an comas mo chofhurtachadh ’s mo chuideachadh gu coileanta. ’S aithne dhut na nithean as mò a tha a dhìth orm.

Seall, that mi a’ seasamh mu do choinnemah-sa bochd agus gun èideadh, a’ gairm airson gràs, agus a’ guidhe airson tròcair.

Ath-ùraich d’ aon-aslachaidh acrach, las mo chin teas le teine do ghràidh, soillsich mo chin-fradharc le soilleireachd do làthaireachd-sa.

Na fulaing gum falbhainn bhuat acrach is tioram, ach gabh gu tròcaireach rium, mar a tha thu gu tric roimhe air gnothaich a ghabhail ri do naoimh – Amen.

Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471).

Buaireadh is Deuchainn.

15mh den Òg-Mhìos [167]

Deònaich dhuinne, A Dhè Uile-chumhachdaich, anns a h-uile àm amhghar ghoirt, an comhfhurtachd aig maitheanas ar peacaidhean.

Ann an àm an dorchais builich dòchas bheannaichte oirnn, ann an àm na h-eu-slàinte builich gaisgeachd shàmhach; agus an uair a tha an cridhe air a chromadh sìos, agus an t-anam uamhasach trom, agus a tha beatha na h-eallach, agus nuair a tha toileachas na sgìths, agus a ghrian ro shoilleir, agus a bheatha ro aotrom, an uairsin gun robh an Spiorad ud – Spiorad a Chomhfhurtair – a’ tighinn oirnn, ’s as dèidh ar dorchadas, gun robh an fhìor dheàlradh an t-solais nèamhaidh ann; airson, mar sin, air ar togail a-rithist le do ghràs-sa, gun deidheamid oirnn tron bheatha thalmhaidh seo againn le gaisgeachd shàmhach, dòchas fhoighidneach, agus earbsa nach gluaisear; an dòchas – tro do chaomh-ghràdh agus do thròcair chaomh – gum bi sinn air ar saoradh bho bhàs a-steach do bheatha mhòr nam bliadhnaichean shìorraidh.

Cluin sinn na do thròcair, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Seòras Dawson (1821-1876).

Àmhghar is Fulangas.

16mh den Og-Mhìos [168]

A Thighearna, Dia ar n-athraichean, the sinn a’ beanachadh d’ ainm naomh-sa, do ghràs agus do thròcair, airson na h-uile mhuintir a chaidh romhainn chun t-suaimhenas aca annad-sa; iad uile, anns na h-uile chiùirdean, a tha air do thoileachadh-sa.

Agus tha sinn a’ guidhe ort, builich gràs oirnn cuideachd airson a bhith a’ coiseachd mu d’ choinneamh mar a choisich iadsan – ann am fìreantachd is fèin-àicheadh, airson, as dèidh dhuinn a bhith ri saothair mar a bha iadsan ri saothair, gun deidheadh againne air fois a ghabhail mar a ghabh iadsan fois – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

A Spioraid Uile-chumhachdaich is naomha, an Comhfhurtair, Fìor-ghlan, Beò, Fìor, – soillsich, riaghail, naomhaich mi, agus dèan cìnnteach mo chridhe agus m’ ìnntinn anns a chreideamh, agus anns a h-uile fhìor chomhfhurtachd; glèidh mi is riaghail thairis orm airson, a còmhnaidh ann an Tiagh Dhè uile làithean mo bheatha, airson a bhith ag amharc air àilleachd an Tighearna, gun robh mi, agus gum fuirichinn, nam theambal don Tighearna, agus gum molainn e le spiorad aoibhneal, agus an an aonta leis an Eaglais neamhaidh gu lèir -Amen.

Philip Melancthon (1497-1560) [Bon ùrnaigh mu dheireadh aige].

Beò-iarraidh; Co-chomann nan Naomh.

17mh den Òg-Mhìos [169]

Builich gràs, tha mi a’ guidhe ort, air a chlann gu lèir airson am pàrantan a’ gràdhachadh gu h-urramach, ’s a bhith umhail riutha ann an gràdh.

Teagasg dhuinn uile nach eil dleasdanasan cloinne a’ tighinn gu crìoch neo a’ lughdachadh: agus beannaich na h-uile phàrantan nan cuid cloinne, agus na h-uile chloinne nam pàrantan. O Thusa anns a bheil an fheadhain gun athair a’ sealbhachadh tròcair, dèan na h-uile dìleachdainn, tha mi a’ guidhe ort, gràdhach agus dìleas riut fhèin, an fhìor athair aca.

Gum b’e do rùn-sa an lagh-san, do thaigh-sa an taigh-san, do ghràdh-sa an dìleab-san. Agus, tha mu a’ guide ort gu dùrachdach, comhfhurtaich nam muintir a chaill an cuid cloinne, a buileachadh gràs air mhàthairean a bhith air an comhfhurtacahdh ged neach eile iad air an comhfhurtachadh; agus ceadaich creideamh dhuinn uile airson a bhith a’ gèilleadh ar n-ionmhasan as prìseile thugad-sa le aoibhneas is taingealachd, airson, far a bheil ar n-ionmhas còmhla riut-sa, gum bi ar cridheachan cuideachd.

Mar sin gun robh sinn a’ coimhead airson, agus a dèanamh cabhaig gu, là ar n-aonaidh leat-sa, is ar n-ath-aonadh – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Gràdh do Theaghlach, Charaidean, na Cinne-daonna.

18mh den Òg-Mhìos [170]

A Thighearna, na leig le mo dheuchainnean a bhith nas àirde na mo neart; agus gun robh thusa a’ gealltainn a bhith nad neart dhomh agus nad chomhfhurtachd ann an àm na deuchainn.

Builich gràs orm airson gun gabhainn gu math ri ge be dè a thachras rium; agus deònaich gun robh mo chridhe ag aideachadh gur h-e gnìomh Dhè a th’ ann, agus gun tàinig e bho do fhreasdal-sa, ’s nach an tro mhearachd sam bith.

Gun sealbhaichinn a h-uile ni bho do làimh-sa le foighidinn is le aoibhneas – Amen.

Tòmas Uilleamach (1663-1755).

A Thighearna, a tha ag òrdachadh a h-uile nì dhuinn ann an gliocas agus ann an gràdh neo-chrìochnach, a tha eòlach air mo laigsean, agus a h-uile breab is cràdh a tha na mo chridhe, gu dall, tha mise, a tha dall, gam thoirt fhèin dha do chridhe chaomh ghràdhach-sa. Dìreach builich gràs orm airson smaoineachadh, bruidhinnn, dèanamh, is faireachdainn mar a thoilicheadh do ghràdh-sa – Amen.

E. B. Pudhsaidh (1800-1882).

Àmhghar is Fulangas; Ùmhlachd is Gèilleadh.

19mh den Òg-Mhìos [171]

A Thighearna, fad-fhulangach is pailt ann am maitheas is ann am Fìrinn, lìon sinn, tha mi a’ guidhe ort, le gràsan.

Dèan fhad-fhulangach is foighidneach sinne, càirdeal is faireachdail, caoibhneal is math; teagasg dhuinne an fhìrinn a chumail ’s a bruidhinn ann an gràdh, agus a bhith a’ sealltainn tròcair airson gun sealbhaich sinn cuideachd tròcair – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

A Thighearna Dia Uile-chumhachdaich, as e ar fìor shìth, is Gràdh shìorraidh; soillsich ar n-anaman le soilleireachd do shìth-sa, agus tur-ghlan ar cogaisean le mìlseachd do ghràidh, airson gum faodadh sinne le cridheachan shìtheil a bhith a’ feathamh air Ùghdar na sìthe, agus ann am doilgheasan an t-saoghail seo, gun robh thusa an còmhnaidh again mar ar fear-glèidhidh agus ar fear-dìon; agus, mar sin air ar cuartachadh mu thimcheall le do chùram-sa, gun toireamaid sinn fhèin gu cridheil gu gràdh do shìthe-sa – Amen.

Motsarabach (ro A.D. 700).

Fois is Sìth ann an Dia; Maitheanas is Caoibhneas.

20mh den Òg-Mhìos [172]

Mo Theàrmann agus mo Thighearna, tha mi a’ creidsinn is a’ cur mo dhòchas annad-sa, agus le m’uile chridhe tha mi ga do ghràdhachadh.

Seall, tha thu air beatha agus bàs a chuir mu m’ coinneamh; bròin is aoibhneasan, dòchasan is teagmhan; cò thuige a shìneas mi a-mach mo làmh? A Thigheanra chan aithne dhomh, ach ’s aithne dhut-sa; dèan leam mar a thoilicheas tu fhèin. Is leatsa mise le m’uile chridhe. Tha m’ aimisrean na do làmhan-sa.

O thusa, m’ aon dòchas, gun dèanar do thoil air an talamh mar a nithear air nèamh. Gun robh sin air a dhèanamh, gun robh sin air a dhèanamh, ’s chan e na dh’iarrainn-sa, ach na dh’irradh tusa.

Bhon àm seo a-mach fiù’s gu bràth, tha mi a’ cath mo chùraman ortsa, oir is aithne dhomh gun bheil cùram agad-sa dhomh-sa, seadh, fiù’s dhomh-sa; falaich mi fo sgàile do sgèith.

Deònaich gun robh do thoil-sa air a dhèanamh! Feithidh mi ann an sàmhchair airson do shlàinte, O mo Dhia, agus gràdhaichidh mi thu le m’ uile chridhe – Amen.

Slighe na Beatha Shìorraidh.

Co-aontachadh le Rùn Dhè.

21mh den Òg-Mhìos [173]

A Thighearna Dia Uile-chumhachdaich saor m’ anam bho a bhraighdeanas, airson gun tèid agam air a bhith saor bhon àm seo a-mach airson a bhith beò, cha ann dhomh-sa, ach dhut-sa.

Cuidich leam ann a bhith a’ cur fèin air falbh, agus airson a bhith a’ cuimhneachadh nach eile a bheath seo air a bhuileachadh airson m’ fhois-sa, no mo mhealtainn-sa. ’S e àm oideachaidh a th’ann airson an dachaigh shìorraidh a tha thusa air ullachadh dhaibhsan aig a tha gràdh dhut.

Cùm mo shùil stèidhichte gu suichichte air a chaladh sin de shith ’s de shòlas, airson nach fannaich mi, no nach bi mi sgìth air sgàth faide na slighe, ach gun dèanainn strì airson a bhith a’ coiseachd gu h-airidh a-thaobh m’ àrd-ghairm ann an uile mhacantas is iriosalachd spioraid.

Agus as dèidh dhomh fulang airson ùine, an uair a tha mi air mo neartachadh, stèidhichte, agus air mo shuidheachadh na do ghràdh, an uair a tha mi air na th’agad de dh’obair dhomh a choileanadh, bi còmhla rium airson mo threòrachadh tro ghleann sgàile a bhàis, agus nad ùine mhaith fhèin, thoir leat mi airson a bhith a’ còmhnaidh còmhla riut fhèin – Amen.

Maria Hare (1798-1870).

Dleastanas.

22mh den Òg-Mhìos [174]

Athair, le cridheachan thaingeil is iriosal tha sinn a’ nochdadh mu do choinneamh. Thugamaid taing dhut airson na socharan uile a tha sinn air a shealbhachadh bho do mhaitheas.

’S ann air sgàth do bheannachd-sa a fhuair sinn an t-soirbheachadh a fhuair sinn. A h-uile cothrom airson maith a dhèanamh; a h-uile miann anns an t-slighe cheart; a h-uile buaidh a fhuair sinn thairis oirnn fhèin; a h-uile smuain mu do làthaireachd-sa, O Athair; a h-uile sùil shàmhach ach ghràdhach air eisimplear ar n-Eisimpleir, do Mhac ar Tighearna – tha iad uile nan gibhtean thugainne.

Builich neart agus gliocas oirnn airson a bhith a’ coiseachd gu dìleas agus gu h-aoibhneal ann an slighe na h-ùnmhlachd dheònach a-thaobh do laghan, agus gun robh sinn ag earbsa gu h-aoibhneil na do ghràdh.

’S e an taingealachd as fheàrr as urrainn dhuinn a thabhainn dhuit-sa a bhith beò a-rèir do rùin naomha; ceadaich dhuinne a h-uile là gun robh sinn ga thabhainn ann am modh nas coileanta, agus gum fàsamaid ann an eòlais do rùin agus ann an gràdh air a shon, gu sìorraidh tuilleadh – Amen.

Micheal Sailear (1751-1832).

Taingealachd is Moladh.

23mh den Òg-Mhìos [175]

Tha mi a’ faighneachd, a Dhè ro-Phrìseil, gun dèanadh tu mise uile gu lèir leat-sa, airson gum bu thusa nad uile anns na h-uile dhòmhsa; bi nad Anam dha m’ anam-sa.

A Thighearna, tha mi sgìth dhìom fhèin, sgìth de a bhith cho mi-choltach riut fhèin, de a bhith cho fada ri falbh bhuat. Dèan còmhnaidh còmhla rium, agus, an uairsin, dèan còmhnaidh annam.

Nar leigeadh gun robh bròn sam bith gam chumail air falbh bhuat; nar leigeadh gun robh aonranachas no fàsaileachd anaim an comas an t-eagal a chuir orm.

Nar leigeadh gun robh mi a’ samoineachadh ortsa mar aon a tha fad’ air falbh; nar leigeadh gun robh mi a’ smaoineachadh ortsa mar Bhritheamh chruaidh, bhon a tha tu fhèin a’ tighinn thugam, agus a’ tuiteam air amhaich do leanaibh stròdhail bochd, agus a’ toirt pòg na sìthe dhomh. Cha leig thusa leotha-san falbh gu fallamh a thig thugad bho fad’ às.

A Thighearna tha mi air tighinn thugad bho fad’ às – tìr fad’ às mo bhròin is mo pheacaidhean. Ach tha thusa air mo thoirt faisg ort fhèin – Amen.

E. B. Pùdhsaidh (1800-1882).

Aidmheal is Aithreachas.

24mh den Òg-Mhìos [176]

Las mo chridhe na theine-gràidh dhut fhèin, Athair as ro-ghràdhaiche, agus an uairsin cha bhi a bhith a’ dèanadh do rùn, ’s a bhith umhail ri d’ àithntean, na adhbhar bròin dhomh. Oir dhà-san a tha a’ gràdhachadh chan eil dad doirbh, chan eile nì neo-chomasach; a chionn gu bheil gràdh nas làidire na bàs.

O, gun robh gràdh a’ lìonadh ’s a’ riaghladh mo chridhe. Oir an uairsin èirigh, is bi àraich air a dhèanamh air, samhla nàdair eadar thusa agus mise, agus aonadh de rùin, airson gun deidheadh agam-sa air a bhith a’ taghadh ’s a’ diùltadh mar a tha thu fhèin. Gun robh do rùn-sa air a dhèanamh annam-sa agus leam-sa gu sìoraidh – Amen.

Pàrras don Anam Chrìosdail.

A Dhè as ro-thròcairiche, Aon-cuideachaidh na h-uile dhaoine, neartaich sinn uile chun a leithid de dh’ìre tro do Chumhachd, is gum biodh ar bròin air an atharrachadh gu aoibhneas, agus gum biodh sinn an comas d’Ainm naomha-sa a’ ghlòireachadh gun sgur; tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.

Portas Shàruim (A.D. 1085).

Gràdh do Dhia; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

25mh den Òg-Mhìos [177]

A Thighearna ar Neach-treòrachaidh fiù’s chun a bhàis, ceadaich gràs dhuinne, tha mi a’ guidhe ort, airson do leantainn-sa ge b’e càite a thèid thu.

Anns na dleastanasan làitheil thuige a tha thu gar gairm, crom ar rùin sìos gu: ùmhlachd shìmplidh, foighidinn fo chràdh no fo phiobrachadh, fìrinneachas choilenata ann am facal is ann am modh, ùmhlachd, caoibhneas: ann an gnìomhan mòra de dhleastanas no de choileantas – nam b’ann is gun gairmeadh tu thuca-san sinn – tog suas sinn gu fèin-thabhairt, misneachd ghaisgeil, gu beatha a leagal sìos air sgàth d’ fhìrinn-sa no airson bràthair – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

A Dhè, Cumhachd nan uile a tha a’ cur an earbsa annad fhèin, deònaich gum biodh sinne nar barrachd na luchd buaidh thairis air na h-uile a nì cogadh an aghaidh ar n-anaman, agus, aig an deireadh, gun deidheadh sin a-steach ann an sìth choileanta do làthaireachd-sa – Amen.

Portas Ròmanach.

Misneachd, Aoibhneas, Neart; Dleastanas.

26mh den Og-Mhìos [178]

A Thighearna gun robh thusa ga mo thionndadh uile gu lèir gus a bhith na mo gràdh, agus mo ghràdh gu lèir gus a bhith na ùmhlachd, agus deònaich gun robh m’ ùmhlachd gun bhriseadh; agus an uairsin tha mi an dòchas gun gabhadh thu ris a leithid de thoradh ’s a tha mi an comas a bhuileachadh.

Thoir dhomh gun dèanainn rudeiginn a bheireadh aiteas thugad fhèin, agus bidh a h-uile ni as mi, no a th’ agam, bhuat fhèin, fiù’s ge be dè a ni thusa airidh ort fhèin – Amen.

Deremy Tàillear (1613-1667).

A Dhè Uile-chumhachdaich agus Shìorraidh, buaithe a tha gach uile nì maith ’s a h-uile tiodhlac choileanta a’ tighinn, deònaich gu tròcaireach gun robh an iomadh mheòmhrachadh air do mhaitheas neo-chrìochnach-sa a’ toirt dhuinne gun gràdhaicheamaid thusa as cionn na h-uile nithean; airson gum faodamaid, an seo, a bhith a’ creidsinn gu seasmhach an nì nach fhaic sinn, agus, as dèidh seo, ann an sealladh bheannaichte do ghlòire, gum faiceamaid an nì an-dràsta nach urrainn dhuinn a thuigsinn; tro Iosa Crìosd ar Tigheantrna – Amen.

Leabhar nan Uairean (1865).

Creideamh is Eud; Gràdh do Dhia; Ùmhlachd ri Dia.

27mh den Òg-Mhìos [179]

A Dhè, Ath-cheannachair ar n-anaman, agus Comhfhurtair nam muinntir a tha ri bròn, aig a tha rùn as e ar sìth-ne, agus thuige a tha ùmhlachd na fhìor shaorsa; deònaich dhomh-sa gum bithinn air mo threòrachadh gu leithid de dh’ìre le do Spiorad naomh-sa, is gum bithinn saor bho dhòchasan fhaoin agus de fhrionasan, agus bho mhiannan cheàrr; ach gum faodainn tro fhoighidinn a bhith a’ sealbhachadh fèin-fhiosrachadh agus tro fhèin-fhiosrachadh dòchas, agus nach bithinn air mo nàrachadh a chionn air sgath dòchas a bhith agam annad-sa, ar n-Athair agus ar Caraid – agus gun robh do rùn naomha-sa air a dhèanam a-nis agus gu sìorraidh – Amen.

Rowland Uilleamach (1818-1870).

A Thighearna ùraich ar spioradan agus treòraich ar cridheachan thugad fhèin airson nach bi ar n-obair mar eallach dhuinn, ach na adhbhar aoibhneis; agus builich oirnn uidhir de ghràdh chumhachdach dhut fhèin ’s a dhèanadh ar n-uile ùmhlachd nas mìlse. O na leig leinn seirbheis a dhèanamh dhut le spiorad a bhraighdeanais, mar thràillean, ach le aoibhneas is toileachas chloinne, gun robh sinn gar toileachadh fhèin annad-sa agus a’ dèanamh gàirdeachas na d’ obair – Amen.

Beniàmin Jenks (1646-1724).

Beò-iarraidh; Misneachd, Aoibhneas, Neart.

28mh den Og-Mhìos [180]

O thusa, as e fìor Ghrìan an t-saoghail, an còmhnaidh tuilleadh ag èirigh ’s gun a bhith a’ dol sìos; a tha tro d’ fhoillseachadh ro-fhallain-sa agus tro a bhith gad fhaicinn, a’ biadhadh gach uile nì agus gan dèanamh aoibhneal, iadsan cuideachd a tha air nèamh mar iadsan a tha air thallamh; tha sinn a’ guidhe ort deàlradh gu tròcaireach agus gu fàbharach a-steach nar cridheachan, airson gum bi sinn – le aoidhche agus dorchadas a pheachaidh, agus sgòthan nithean cheàrra air gach taobh, air an sguabadh air falbh, agus thusa a’ deàlradh gu soillear nar cridheachan – an comas fad làithean ar beathana a dhol fada gun tuiteam no gun oilbheum, agus gun coisicheamaid mar anns an là, agus sinn fìor-ghlan agus glan bho obraichean an dorchadais, agus ro-thorach ann an uile dhèagh obraichean a tha thusa air ullachadh dhuinn airson an dèanamh airson gun coisicheamaid annta – Amen

Erasmus (1467-1536).

Treòrachadh is Solas.

29mh den Òg-Mhìos [181]

A Dhè, thusa as e an t-aon Theàrmann a th’aig do chuid cloinne! a tha a’ fantainn fìor ged a dh’fhàiligeadh a h-uile nì eile, agus a tha beò ged a tha gach uile nì eile a’ bàsachadh, còmhdaich sinn a-nis an uair a theicheas sinn thugad-sa.

Cronaich annainn a h-uile miann ana-measarra, a h-uile nàdar neo-shàmhach, a h-uile dùil roimh-bheachdach, a h-uile faoin-ghràdh an-uasal; agus, a’ faireachdainn teannachadh do làimh Athaireil oirnn, gun robh sinn gu macanta ’s le misneachd a’ dol a-steach dha na slighean as duiriche de ar n-eilthireas; le cùram, chan ann airson a bhith ag atharrachadh do rùn choilenta-sa, ach a-mhàin airson a bhith ga dèanamh agus ga giùlainn ann an dòigh iomchaidh.

Gun robh sinne a’ cuir seachd ar làithean mar na do làthaireachd-sa, agus gun coinnicheamaid ar bàs ann an cumhachd do gheallaidh, agus gun deidheadh-maid bhon a seo a-steach don t-solas a tha nas fhaisge dhe d’ eòlas-sa agus do ghràdh – Amen.

Seumas Martineu (1805-1900).

Beò-iarraidh.

30mh den Òg-Mhìos [182]

Deònaich dhòmhsa, fiù’s dhòmhsa, mo Thighearna as prìseile, gum bithinn eòlach ort, agus ga do ghràdhachadh, agus a’ dèanamh gàirdeachas annad-sa.

Agus, mur a h-urrainn dhomh na nithean sin a dhèanamh gu coileanta anns a bheatha seo, deònaich co-dhiùbh gun èirinn gu ìrean nas àirde a h-uile là, gus an urrainn dhomh tighinn thuca ann an coileantas.

Deònaich gun robh eòlas dhìotsa a’ fàs annam an seo, airson gum biodh e làn as dèidh seo. Deònaich gun robh gràdh dhut fhèin a’ fàs a h-uile là barrachd agus barrachd an seo, airson gum bi e coileanta as deidh seo; airson gum bi m’ aoibhneas mòr ann fhèin, agus làn annad-sa. ’S aithe dhomh, a Dhè, gur h-e Dia na Fìrinn a th’ annad-sa, O coilean do gheallaidhean ghràsmhor dhòmh-sa, airson gum bi m’aoibhneas làn – Amen.

Augustin (354-430).

A Thighearna, builich gràs oirnn uile, airson gum bi sinn an comas, tro ùmhlachd gun sguir, a bhith a’ tagradh suas ar rùin agus ar cridheachan mar ìobairt iomchaidh dhut fhèin – Amen.

Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895).

Gràdh do Dhia; Ùmhlachd ri Dia.