1d dhen t-Sultain [245]
A Thighearna mo Dhia! bha uabhasan iongantach gam chuartachadh, ’s chòmhdaich iad uile-gu-lèir mi, agus chan fhaca mi dòigh sam bith airson a dhol air adhart; dh’fhairich mi doimhneachd agus meud dòrainn mo cho-chreutairean a bha air an dealachadh bho cho-aontachadh dhiadhaidh, agus bha e na bu truime na b’ urrainn dhomh a ghiùlain, agus bha mi air mo bhrùthadh sìos foidhe; thog mi mo làmh, shìn mi a-mach mo ghàirdean, ach cha robh aon ann airson mo chuideachadh; choimhead mi mu thimcheall orm, agus bha mi fo iongantas.
Ann an doimhneachdan mo bhròin, A Thighearna, chuimhnich mi gu bheil thusa uile-chumhachdach; gun robh mi air Athair a ghabhail ort; agus dh’fhairich mi gun robh gràdh agam ort, agus bha mi air mo dhèanamh sàmhach na mo rùn, agus dh’fhuirich mi gus air a bhith air mo shaoradh le do làimh-sa.
Ghabh thu tròcair orm, nuair nach b’ urrainn do dhuine sam bith mo chuideachadh; chunnaic mi gun robh macantas fo fhulangasan air fhoillseachadh dhuinn ann an eisimpleir bhuadhach do Mhic, agus theagasg thu dhomh esan a leantainn, agus thuirt mi, “Do rùn-sa, O Athair, gun robh dèante!”
Iain Fear-na-clòimhe (1720-1772)
.
2mh dhen t-Sultain [246]
A Thighearna, thoir gràs dhuinn, tha mi a’ guidhe ort, airson gun sealbhaicheamaid do shàsachadh uile-chumhachdaich a chaidh a ghealltainn dhuinn, do làthaireachd dhìonach gar cuartachadh. Do shùil uile-fhaicsinneach stèidhichte oirnn, do chridhe diadhaidh a’ gabhail fadachd thairis oirnn, airson gun sguireamaid a bhith ri ball-chrith mu choinneamh fearg an duine, no a’ seargadh air falbh air sgàth magadh an duine; ach gun robh sinn le misneachd mhaith a’ coileanadh na h-obrach a tha thusa a’ toirt dhuinn airson a dhèanamh, agus as dèidh dhuinn fulang gun deidheadh sinn a’ steach do shuaimhneas – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
O Athair Nèamhaidh, Ùghdair agus Fuaran na h-uile fhìrinne, Cuan gun bhonn gach uile thuigse, cuir, tha sinn a’ guidhe ort, do Spiorad Naomh a-steach dhar cridheachan, agus soillsich ar tuigse le gathan do ghràis nèamhaidh. Tha sinn a faighneachd airson seo, O Athair thròcairich, air sgàth do Mhic ghràdhaich, ar Slànaighear, Iosa Crìosd – Amen.
Nicolas Riodlaidh (1500-1555)
3mh dhen t-Sultain [247]
Deònaich, tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna Dia, dha do sheirbheisich, gum biodh iad an còmhnaidh a’ mealtainn slàinte an dà chuid ann an inntinn agus ann am bodhaig, gun robh iad air an saoradh bho bhròn an-dràsta, agus gun deidheadh iad a’ steach do thoileachas d’ aoibhneas shìorraidh – Amen.
Portas Ròmanach
Ceadaich dhuinne, a Dhè Uile-chumhachdaich, tro do Spiorad mhaith, gun robh sinne – a’ faireachdainn dha do thaobhsa mar chloinne, ’s air ar lìonadh làn de dh’ earbsa, is dòchas, is creideamh – a’ fantainn cho stèidhichte, ’s gun robh sinn, anns an dorchadas, ag earbsa far a bheil a h-uile nì a’ coimhead teagmhach, an còmhnaidh a’ coimhead thugad fhèin mar ar n-Athair a tha a’ dèanamh a h-uile ni gu maith, ar n-Athair a tha ag òrdachadh na h-uile nithean.
Mar sin gun robh sinne, le fios gu bheil na h-uile nithean na d’ làmhan-sa, a’ feitheamh air d’ àm-sa, gu foighidneach a’ dèanamh na h-obrach a thug thu dhuinn airson a dhèanamh – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
4mh dhen t-Sultain [248]
Deònaich, tha sinn a’ guidhe ort, A Dhè Uile-chumhachdaich – fhad ’s a tha sinne air ar n-ionnlaid ann an solas ùr d’ fhìrinn shìorraidh – gun robh ar sealladh shoilleir dhìot fhèin ann an cridhe ’s ann an inntinn mar sin a’ fàs gus a bhith na ùmhlachd fhìor riutsa ann am facal is ann an gnìomh – Amen.
Ròland Uilleimeach (1818-1817)
A Dhè Uile-chumhachdaich, as e Fear-buileachaidh gach uile ghliocais, soillsich mo thuigse le eòlas mu dè a tha cheart, agus riaghail mo rùn tro do laghan, airson nach treòraich cealg sam bith air seachran mi, agus airson nach dèan buaireadh sam bith mo thruailleadh; airson gum feuch mi an còmhnaidh ri bhith a’ dèanamh na tha ceart, agus airson gun cuirinn bacadh air an olc.
Am measg uile dhòchasan agus eagalan an t-saoghail seo, na toir do Spiorad naomh bhuam; ach deònaich gun robh mo smuaintean stèidhichte ort fhèin, agus gun deidheadh agam mu dheireadh thall air toileachas shìorraidh a shealbhachadh, air sgàth Iosa Crìosd – Amen.
Samuel MacIain (1709-1784)
5mh dhen t-Sultain [249]
A Dhè Shìorraidh, aig nach eil camhanaich no feasgar, ach a tha, a dh’aindeoin sin, a’ cur thugainn tròcairean eadar-dhealaichte an dorchadais agus an là; chan eil solas ann ach do sholas fhèin, a-muigh, a-staigh.
Mar a tha thu a’ togail cùirtear na h-oidhche bho ar n-àiteachan còmhnaidh, thoir an sgàile bho ar cridheachan cuideachd. Èirich le do mhadainn fhèin thairis air ar n-anman; beothaich ar n-uile shaothair is ùrnaigh; agus ged a chrìonadh a h-uile nì eile, leig le meadhan-là do ghràis is do shìthe fuireach. Gun robh sinne a’ coiseachd – fhad ’s a tha an là fhathast ann – ann an ceumannan an Aoin sin, aig an robh an àireamh a bu lugha de dh’uairean, a chrìochnaich d’ obair as diadhaidhe – Amen.
Seumas Martineau (1805-1900)
A Thighearna, thoir dhuinne gum bi coltas againn, fiù’s an seo, ris an rìoghachd nèamhaidh, tro ghràdh cho-aontaichte, far a bheil a h-uile fuath air fhuadach agus far a bheil na h-uile air a lìonadh le gràdh, agus air sgàth sin, làn de ghàirdeachas is de thoileachas – Amen.
Ludobhaicus Daidhns (1578)
6mh dhen t-Sultain [250]
A Dhè shìorraidh agus as ro-ghlòirmhoire, na leig leamsa a bhith a’ cur luach cho suarach orm fhèin chun na h-ìre is gun toirinn thairis m’ anam – d’ anam-sa, d’ anam chaomh is phrìseil-sa – airson neoni; agus is neoni an saoghal gu lèir, ma dh’fheumas m’ anam a bhith air a thoirt thairis air a shon.
Glèidh, mar sin, m’ anam a Thighearna, a chionn gur h-ann leatsa a tha e, agus glèidh mo bhodhaig a chionn gur h-ann dha m’ anam a bhuineas e.
Is tusa a-mhàin a tha a’ stiùireadh mo bhàta tro a slighe-se gu lèir, ach tha cùram nas sònraichte agad dhith, an uair a thig i gu sruth chaol, no gu tuiteam chunnartach de dh’uisgeachan. Tha cùram ort mu bhith a’ glèidheadh mo bhodhaig ann an uile shlighean mo bheatha; ach ann an èiginnean a bhàis, fosgail do shùilean nas fharsainge, agus meudaich do fhreastal dhan thaobh-sa gu ìre cho fada ’s nach crath no nach meilich tinneas no àmhghar an t-anam.
Gun robh thusa a’ càradh mo leapa chun a leithid de dh’ìre nam uile thinneas is – cleachdte ri do làimh-sa – gum bithinn sàsaichte le leabaidh sam bith a chàraicheadh tusa – Amen.
Iain Don (1573-1631)
7mh dhen t-Sultain [251]
Blàthaich mo chridhe fhuar, a Thighearna, tha mi a’ guidhe ort. Thoir air falbh gach nì a tha a’ cur bacadh orm bhon a bhith gam thoirt fhèin dhutsa. Dealbh mise a-rèir d’ ìomhaigh fhèin.
Thoir gràs dhomh airson a bhith umhail riut fhèin anns na h-uile nithean, agus airson a bhith a’ leantainn do threòrachadh ghràsmhor an còmhnaidh.
Thoir dhomh an-diugh a bhith coibhneil ri mo cho-dhaoine, a bhith caomh agus neo-fhèineil, faiceallach nach bi mi a’ goirteachadh duine sam bith tro fhacal no tro ghnìomh, ach cùramach a bhith a’ dèanamh maith dha na h-uile, agus a bhith a dhèanamh feadhainn eile toilichte.
A Thighearna maith peacaidhean mo dhroch nàdair. Maith m’ uile fhaclan luatha agus mo smuaintean ana-Crìosdail. Dèan faireil mi, airson nach toir mi oilbheum le mo theanga. Thoir dhomh spiorad macanta is gràdhach, nì a tha fìor phrìseil na do shealladh-sa.
Cha bhithinn beò air mo shon fhèin, ach air do shon-sa. Glèidh mi bhon a pheacadh an-diugh, agus bhon a h-uile nì a bheireadh oilbheum dhut; air sgàth Iosa Crìosd – Amen.
Ashton Drenden
8mh dhen t-Sultain [252]
A Dhè mhaith, a tha ag òrdachadh na h-uile nithean gu math, tha mi gam chath fhèin uile-gu-lèir air do thròcair neo-chrìochnach-sa; tha mi ag earbsa annad le na th’agam, mi fhèin agus na h-uile dhaoine as gràdh leam, agus a h-uile nì a tha mi a’ miannachadh; m’ àm seo an-dràsta agus mo dhàn, mo dhòchasan is m’ eagalan, mo thìm is mo shìorraidheachd, mo ghàirdeachasan is mo bhròin.
Gabh gnothaich rium mar a rùnaicheas tu fhèin agus mar as fheàrr as aithne dhut, dìreach ceangail mi gu sàbhailte ri do ghràdh sìorraidh – Amen.
Ciste-ionmhais na h-Ùmhlachd (1869)
A Thighearna, thusa, a fhuarain a mhaith, aig a tha do chaomh thròcairean as cionn d’ uile obraichean, agus a tha iochdmhor dhaibhsan aig a tha eagal dhut fhèin, fiù’s mar a tha athair a gabhail truas dha chuid cloinne; am measg nam mòran atharrachaidhean is bròin a tha sa bheatha thalmhaidh seo, ceadaich dhuinne gèilleadh fhoighidneach ri do rùn-sa, agus sonas fo reachdan do Fhreastail – Amen.
Leabhar Adhraidh Ùr na h-Eaglaise (1876)
9mh dhen t-Sultain [253]
A Thighearna, builich gràs oirnn, tha sinn a’ guidhe ort, airson a bhith a’ cluinntinn ’s airson a bhith umhail ri do ghuth a tha ag ràdh ris a h-uile aon againn, “Is i seo an t-slighe coisich innte.”
A dh’aindeoin sin na leig leinn a chluinntinn air ar cùlaibh ag ràdh, “Is i seo an t-slighe”; ach, an àite sin, mu ar coinneamh, a’ cantainn, “Lean mise.”
An uair a chuireas tusa a-mach sinn, rach romhainn; an uair a tha an t-slighe ro mhòr dhuinn; ann an dorchadas a bhàis, cofhurtaich sinn; ann an là na h-aiseirigh, sàsaich sinn – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
Biodh thusa thu fhèin, A Thighearna, nad Fhear Naomhachaidh agus nad Bhuachaille dha do phoball, airson gum biodh sinne a tha air ar neartachadh le do chuideachadh, an comas, nar beatha làitheil, air a bhith a’ coiseachd còmhla riut fhèin agus ann an uile shàmhchair spioraid a’ dèanamh seirbheis dhut, tro Iosa Crìosd ar Maighistir – Amen.
Portas Ròmanach
10mh dhen t-Sultain [254]
A Thighearna, tha mi a’ tagradh mo pheacaidhean is m’ eucoirean gu lèir thugad fhèin – a rinn mi mu do choinneamh-sa, bhon a chiad là a b’ urrainn dhomh peacachadh fiù’s chun na h-uaire seo fhèin; airson gun caith is gun loisg tu iad, gach aon agus gach fear gu lèir, le teine do ghràidh, agus gun cuir thu às do dh’uile làraichean mo pheacaidhean, agus gun glan tu mo chogais bhon a h-uile eucoir, agus gun tog thu air ais mi gu do ghràs, uile-gu-lèir a’ maitheadh na h-uile dhomh, agus gam leigeil a-steach gu tròcaireach gu pòg na sìthe.
Tha mi cuideachd a’ tagradh suas, thugadsa, a h-uile nì a tha math annam, ged a bhiodh e fìor bheag is mì-choileanta, airson gun ceartaicheadh is gun naomhaicheadh tusa e, airson gun dèanadh tusa na adhbhar taingealachd e agus iomchaidh dhut fhèin, agus gun robh thu an còmhnaidh ga dhèanamh nas coileanta gu ìre nas mò ’s nas mò; agus thoir mise cuideachd, leisg, neo-thairbheach agus creutair truagh mar a th’ annam, gu crìoch mhaith is bheannaichte – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
11mh dhen t-Sultain [255]
Tha thusa, O mo Dhia, an còmhnaidh ùr ged is tu an t-aon as sinne a th’ ann o shean. Is tusa a-mhàin biadh na sìorraidheachd. Tha agamsa ri bhith beò gu sìorraidh; chan ann airson ùine – agus chan eil cumhachd agam thairis air mo bhith; feumaidh mi fantainn beò, le eanchainn is mothachas gu sìorraidh, a dh’aindeoin mi fhèin.
As d’ aonais-sa b’ e a bhiodh anns an t-sìorraidheachd ach ainm eile airson dòrainn shìorraidh. ’S ann annadsa a-mhàin a tha an nì agamsa a chumas suas mi gu bràth; is tusa a-mhàin biadh m’ anaim. Is tusa a-mhàin a tha gun chomas a bhith air do chosg, agus a tha an còmhnaidh a’ tagradh nì ùr dhomh airson gum biodh eòlas agam air – nì nuadh airson a bhith ga ghràdhachadh.
Agus mar sin tron t-sìorraidheachd bi mi gu bràth nam leanabh beag a’ tòiseachadh air a bhith air mo theagasg ann an ceud-fhoghlaman do nàdair dhiadhaidh neo-chrìochnach-sa.
Oir is tusa thu fhèin cathair agus meadhan na h-uile nithean a tha math, an aon t-susbaint anns a chruinne-cè seo de sgàilean, agus an nèamh anns a bheil spioradan bheannaichte beò is a dèanamh gàirdeachas – Amen.
Iain Eanraig Newman (1801-1890)
12mh dhen t-Sultain [256]
A Dhè, ar fìor bheatha, anns a bheil agus troimhe a tha a h-uile nì beò, tha thusa ag àithne dhuinn a bhith ga do shireadh, agus tha thu deiseil airson a bhith air do lorg; tha thu ag iarraidh oirnn gnogadh, agus tha thu a’ fosgladh an uair a ni sinn seo.
’S e beatha a th’ann a bhith eòlach ortsa, ’s e saorsa a th’ ann a bhith gad fhrithealadh, ’s e rìoghachd a th’ ann a bhith gad mhealtainn, ’s e gàirdeachas is aoibhneas an anaim a th’ ann a bhith gad mholadh. Tha mi gad moladh ’s gad beannachadh agus ga do ghràdhachadh le m’ uile chridhe, tha mi ag adhradh riut, tha mi gad ghlòireachadh, tha mi a’ toirt taing dhut airson do mhòr ghlòir. Tha mi a’ guidhe ort gu h-iriosal a bhith a’ fuireach còmhla rium, a bhith a’ riaghladh annam, an cridhe seo agamsa a dhèanamh na theampall naomh – àite-fuirich iomchaidh airson do Mhòralachd Dhiadhaidh.
O thusa A Chruithear agus Fear-glèidhidh nan uile nithean, faicsinneach is neo-fhaicsinneach! glèidh, tha mi a’ guidhe ort, obair do làmhan fhèin, a tha ag earbsa na do thròcair a-mhàin airson sàbhailteachd is dìon. Cùm faire thairis orm le cumhachd do ghràis, an seo agus anns a h-uile àite, an-dràsta agus aig a h-uile àm, gu sìorraidh tuilleadh – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
13mh dhen t-Sultain [257]
O thusa a theagasg dhuinn a bhith a’ sireadh do rìoghachd-sa agus a fìreantachd-se an toiseachd, teagasg dhomhsa a bhith a’ cantainn, “Do rùn-sa gun robh dèante,” mus can mi, “thoir dhomh m’ aran làitheil.”
Teagasg dhomh a bhith a’ gabhail ri do rùn mar bhunait mo ghàirdeachais, agus nithean eile dìreach mar an structar a tha as cionn na bunait.
Tha barrachd eagail arm bho acras na bodhaige na tha agam bho acras an spioraid. Dèan dearbhte dhomhsa nach biodh e na bhuaidh do dhuine an saoghal gu lèir a shealbhachadh agus a bhith a’ call a anama. Seall dhomh gur h-e a-mhàin a bhith a’ sealbhachadh an anaim a tha a’ fàgail mar bhuaidh sam bith a bhith a’ sealbhachadh an t-saoghail.
Drùidh orm leis an fhìrinn nach toir nì sam bith aoibhneas dhomh, mur a h-eil mi fhèin mu thràth aoibhneil. Deachdaich mi leis an eòlas nach ann bhon taobh a-muigh a tha gnothaichean na beatha ach bhon taobh a-staigh. Treòraich mi a-steach gus a bhith a’ foghlam gur h-iad mòr-shubhachasan do dheis-làimhe, “mòr-shubhachasan shìorraidh”
Seòras MacMhathain (1842-1906)
14mh dhen t-Sultain [258]
Cuimhnich, O Athair as ro-thruacanta, air na tha obair lag is fhann do làmhan an comas fhulang gun fannachadh; chan fhulaing mi sìon, dha-rìribh, annam fhèin, ach na h-uile nìthean annadsa – ma bhios mi air mo neartachadh tro do ghràs.
Air an adhbhar sin ceadaich neart dhomh, airson gun giùlain mi ’s gum fulaing mi; is e foighidinn a-mhàin a tha mi a’ guidhe air a shon. A Thighearna, thoir seo dhomh, agus seall, tha mo chridhe deiseil. A Dhè tha mo chridhe deiseil airson a bhith a’ sealbhachadh ge b’ e dè a thèid a chur orm.
Deònaich gun robh mi nam fhoighidinn a’ sealbhachadh m’ anaim fhèin; chun na crìche sin, ’s gun robh mi a’ coimhead gu tric air aodann Chrìosd do Mhic, airson, mar a tha esan air uidhir de rudan uamhasach fhulang anns an fheòil, gun robh mise a’ strì airson a bhith air m’ armachadh leis an aon inntinn.
Air an adhbhar sin tha mi a’ tagradh mo neart thugad fhèin, A Thighearna; oir is tusa mo Neart agus mo Thèarman. Glèidh mi, agus thoir gu sàbhailte mi a-mach às an deuchainn seo an uair a thoilicheas e thu fhèin – Amen.
Ciste-ionmhais na h-Ùmhlachd (1869)
15mh dhen t-Sultain [259]
Tha sinn a’ toirt taing dhut, A Dhè uile-chumhachdaich, airson aran na bodhaige a tha a’ bàsachadh, agus tha sinn a’ guidhe ort gum biodh tu a’ toirt arain dhuinn troimhe a tha beatha nas àirde an duine air a bhiathadh, airson gum biodh sinne, a’ greimeachadh air a bheatha nach bàsaich gu sìorraidh, an comas, tro sin, a bhith air ar dèanamh deiseil airson àmhghairean is eallaichean na beatha seo, agus gun coimheadadh sinn air adhart le gàirdeachas chun na beatha as àirde agus as fheàrr.
Mar seo gun robh sinn beò an còmhnaidh le earbsa annad fhèin a tha coltach ri earbsa cloinne, airson a bhith a’ creidsinn, ged nach eile sinn ga fhaicinn, gu bheil crìoch diadhaidh aig na h-uile rudan, agus airson gun cluinneamaid an ceòl thuige a tha do làimh-sa fhèin air an t-saoghal seo a chuir.
Treòraich thusa sinn bhon bheatha iosal chun a bheatha nas fheàrr, airson gun cailleadh nithean beaga an comas a th’ aca airson a bhith gar cuir thuige, agus am measg àmhgharan na beatha seo, gun sealbhaicheamaid sìth Dhè a tha thar tuigse. A-mach à do chaoibhenas-gràdhach agus do thròcair-chaomh cluinn sinn, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
16mh dhen t-Sultain [260]
A Dhè, sann annad fhèin a-mhàin as urrainn ar spioradan shàraichte sàsachadh choileanta agus suaimhneas a’ lorg, agus ’s ann na do ghràdh fhèin a tha an t-aoibhneas as àirde.
A Thighearna, ma tha thusa againn tha gu leòr againn; agus tha sinn sòlasach ma bheireas thu a-mhàin sìth dhar cogaisean, agus ma thoireas thu dhuinn a bhith a’ tuigsinn cho gràsmhor ’s cho tròcaireach ’s a tha thu.
Glèidh an t-sìth sin a tha thar gach uile thuigse nar cridheachan; agus dèan nas naomha ’s nas fheàrr sinn anns an ùine a tha ri thighinn. Neartaich an fheadhainn ud againn a tha fo bhròn sam bith no a tha fo imcheist – tro chofhurtachd an Spioraid Naoimh air an taobh a-staigh, agus thoir dhuinn a bhith a’ tuigsinn gu bheil ar n-àmhghar aotrom, nach mair ach airson mòmaid, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro-anabarraiche agus sìor-mhaireannach.
Oir thig àm nuair a bheir thusa sinne gu àite na sìthe choileanta, far an seall sinn air d’ aghaidh ann am fìreantachd, agus far am bi sinn sàsaichte a-mach à do lànachd shìorraidh – Amen.
Melchior Ritter (1689)
17mh dhen t-Sultain [261]
A Dhè as ro-phrìseile, na bi sàraichte le mo leisge gus a bhith gad fhrithealadh, ach cuidich mi tro chòmhnaidh do Spioraid air an taobh a-staigh, gus a bhith a’ strì air adhart tron a h-uile bacadh chun an là choileanta, a’ faighinn buaidh thairis air a h-uile buaireadh a chumas mise air falbh bhuatsa mar as fheàrr a chì thu fhèin, agus, aig an deireadh, a’ toirt an t-saorsa bheannaichte sin dhomh as e cuibhreann do chuid cloinne, saorsa bho fèin is peacadh, agus a bhith a’ mealtainn a chomainn sin leat fhèin as e buil gach uile naomhachadh.
Dòirt sìos, a Thighearna, lànachd do ghràis orrasan uile as ionmhainn leam, sgaoil do ghràdh mun cuairt – a-steach do chridheachan nam muinntir as prìseile dhomh, agus treòraich dlùth riut fhèin iad, airson gum biodh an t-àilleachd ’s an fhìrinn choileanta a tha annadsa air a thaisbeanadh dhaibhsan nach eil eòlach ort ach ann am pàirt.
Mar sin gum biodh d’ ainm-sa air a ghlòireachadh agus do ghràdh air a choileanadh anntasan, agus molaidh do sheirbhiseach bhochd do thròcair gu sìorraidh – Amen.
Maria Geàrr (1798-1870)
18mh dhen t-Sultain [262]
A Dhè uile-chumhachdaich, a dh’adhbhraich gun do dheàlraich solas na beatha shìorraidh air an t-saoghal, tha sinn a’ guidhe ort gum biodh air cridheachan air an lasadh le miannan nèamhaidh gu a leithid de dh’ìre, agus, gum biodh do ghràdh air a sgaoileadh mun cuairt annainne gu a leithid de dh’ìre tron Spiorad Naomh, is gum biodh sinn an còmhnaidh a’ sireadh na rudan a tha as cionn; agus a’ còmhnaidh ann am fìor-ghlainead cridhe is inntinn, gun sealbhaicheamaid mu dheireadh thall do rìoghachd shìorraidh, an sin a’ còmhnaidh ann an solas ghlòirmhor do làthaireachd, saoghal gun chrìch – Amen.
Leabhar nan Ùrnaighean (1851)
A Dhè, aig a tha Freastal gun fhàilligeadh a tha ag òrdachadh a h-uile nì an dà chuid ann an nèamh agus air thalamh; tha sinn a’ guidhe ort gu h-iriosal gun cuireadh tu air falbh bhuainn na h-uile nithean a tha cronail, agus gun toireadh tu dhuinn na rudan sin a tha tairbheach dhuinn, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gelàsianach (482)
19mh dhen t-Sultain [263]
A Dhè, bhon as tusa Gràdh, agus esan nach gràdhaich thu no a bhràithrean – nach aithne dha thu, agus gu bheil e a’ fantainn ann am bàs, fuasgail sinne bho mhì-cheartas, bho fharmad, bho fhuath, agus bho ghamhlas; builich gràs oirnne airson a’ bhith a’ maitheadh na h-uile a thug oilbheum dhuinn, agus airson a bhith a’ fulang le càch-a-chèile, fiù’s mar a tha thusa, a Thighearna, a’ fulang leinne, na d’ fhoighidinn ’s do mhòr choibhneas gràdhach – Amen.
Eugène Bersaidhear (1831-1889)
A Dhè, as e ùghdair a ghràidh, agus fear-gràdhachaidh na sìthe agus na spèis, leig leothasan uile a tha: fo bhuaidh eagalan, a’ fulang bochdainn, air an claoidh le àmhghar, air an sàrachadh le tinneasan, a bhith air an saoradh le do chaomhalachd bhàigheil, a bhith air an togail suas tro cheartachadh beatha, agus air am meas mar prìseil tro do cho-truacantas làitheil, tro Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Gallach (800)
20mh dhen t-Sultain [264]
Cuimhnich, tha sinn a’ guidhe ort, a Thighearna, air na h-uile airson am maith; dèan tròcair air na h-uile, A Dhè. Cuimhnich air a h-uile anam a tha ann an àmhghar sam bith, air a bhuaireadh no fo chràdh, a’ seasamh ann am feum air do thròcair ’s do chuideachadh, na h-uile a tha ann am feum no ann an èiginn, na h-uile a tha gar gràdhachadh no gar fuathachadh.
Is tusa, a Thighearna, Fear-cuideachaidh nam muinntir a tha gun chuideachadh; Dòchas nam muinntir a tha gun dòchas, Slànaighear nam muinntir a tha air an crathadh le stoirmean; Caladh nam muinntir a tha a’ seòladh; gun robh thusa nad uile do na h-uile. Gun robh mòralachd ghlòirmhor an Tighearna ar Dia oirnne; dèan soirbheachail obair ar làimhe dhuinn; O, thoir soirbheachas dhar n-obair-làimhe.
A Thighearna gum biodh tusa na mo bhroinn, airson mo neartachadh, air an taobh a-muigh dhìom, airson mo chumail; as mo chionn, airson mo dhìon, fodham, airson mo chumail suas; romham, airson mo stiùireadh; air mo chùl, airson mo chumail bhon a bhith a’ dol air seachran; mu thimcheall orm, airson mo dhìon. Beannaichte gun robh thusa, A Thighearna ar n-Athair, gu bràth is gu sìorraidh – Amen.
Lansalot MacAnndrais (1555-1626)
21mh dhen t-Sultain [265]
An uair a tha sinn nar dùisg tha sinn fhathast còmhla riutsa, a Dhè as ro-thròcairiche, agus tha do làmh thairis oirnn airson maith. Gum bu tu fhèin miann ar cridheachan, agus Fear-riaghlaidh ar smuaintean.
O Athair nèamhaidh, tha feum againn air do ghràdh agus air gum biodh d’ anail chiùin-sa air a sgaoileadh mun cuairt nar n-anman airson a bhith na fhuaran de neart; chan aithne dhuinn as d’ aonais-sa dè a dh’fhaodadh tachairt dhuinn an là seo, eadhon de chunnart, no de bhuaireadh, no de bhròn.
Ach ’s urrainn dhutsa faire a chuir thairis air ar slighe, agus ’s urrainn dhut feansa a chuir mu thimcheall air ar mothachaidhean airson an cumail bho bhuairidhean tro bhith gan sòbarrachadh le d’ eagal naomh.
Thoir dhuinn, mar sin, tha sinn a’ guidhe ort, tuigse cheart mu dhleastanas, airson ar sgìathachadh anns a h-uile cath, agus airson faire a chumail thairis oirnn an aghaidh a pheachaidh is a bhàis. Na treòraich sinn a-steach ann am buaireadh, no, an uair a tha sinn air ar buaireadh, saor sinn tro fhaiceallas iriosal bhon a h-uile cumhachd a th’aig an olc.
Ròland Uilleimeach (1818-1870)
22mh dhen t-Sultain [266]
Tha sinn a’ guidhe ort, A Thighearna, gun cumadh tu ar teanganan bhon olc, agus ar bilean bhon a bhith a bruidhinn gu cealgach; airson, mar a tha d’ ainglean naomha an còmhnaidh a’ seinn do mholaidhean, mar sin, le ar teanganan, gun robh sinne aig a h-uile àm ga do ghlòireachadh air thalamh – Amen.
Portas Ròmanach
A-steach do làmhan do dhìon bheannaichte is do thròcair do-labhairt, A Thighearna, tha mi air an là seo ag earbsa m’ anam agus mo bhodhaig le uile: chomasan, chumhachdan, agus ghnìomhan an dà chuid dhiubh; a’ guidhe ort a bhith còmhla rium an còmhnaidh, airson mo stiùireadh, mo naomhachadh, is mo riaghladh ann an slighean do laghan, agus ann an obraichean d’ àithntean; airson, tro do dhìon as ro-chumhachdaiche, an dà chuid an seo agus gu sìorraidh, gum bithinn air mo ghleidheadh ann am bodhaig agus ann an anam, airson seirbheis a dhèanamh dhutsa an aon fhìor Dhia, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Adhraidhean Uaigneach (1560)
23mh dhen t-Sultain [267]
A Thighearna, a-mach à do chaomh ghràdh, ullaich àite dhut fhèin na mo chridhe. Falmhaich mo chridhe dhen a h-uile faireachdainn, smuain, gluasad-inntinn, miann, adhbhar, uallach, dòchas, eagal, a dh’fhaodadh bacadh a chuir air do ghràdh. Fosgail mo chridhe gu lèir airson thu fhèin a shealbhachadh; na leig le nì sam bith do dhùnadh-sa a-mach, na leig le nì a bhith dùinte riut fhèin.
Is tusa a-mhàin a tha an comas air mo chridhe ullachadh air do shon fhèin; glan gu tur, tro do Spiorad, e, airson gun gràdhaich e gu lèir thu fhèin; uile-gu-lèir air a dhol troimhe, air a shoillseachadh ’s air a bhlàthachadh, leat fhèin; airson gun dèan thu còmhnaidh ann gu bràth, agus airson gun gràdhaicheadh e thu fhèin le do ghràdh fhèin na bhroinn gu sìor-mhaireannach – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)
Seall orm, A Thighearna, agus gabh truas orm, thoir dhomh gum bithinn, agus leig leam gur h-ann leat fhèin a bhithinn tro roghainn mo rùin fhèin – Amen.
Tòmas Uilleimeach (1663-1755)
24mh dhen t-Sultain [268]
Cinnteach à do mhaitheas agus à do mhòr thròcair, A Thighearna, tha mi a’ teannadh dlùith riut, mar fhear a tha tinn a’ tighinn chun a Lighiche, mar aon a tha acrach is tartmhor gu fuaran na beatha, mar chreutair chun a Chruithear, mar anam truagh gu mo Chofhurtair chaomh.
Faic, sann annad fhèin a tha a h-uile ni as urrain dhomh, no a bu chòir dhomh, a’ mhiannachadh; is tusa mo Shlàinte is mo Shaorsa, mo dhòchas is mo neart. Thoir gàirdeachas an là seo, ma-thà, do dh’anam do sheirbheisich; oir thugadsa a Thighearna a tha mi air m’ anam a thogail suas – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
A Thighearna a ghlan às ar cionta, gun robh thusa gar cofhurtachadh-ne a tha a’ gairm ort gu dìleas; agus, tha sinn a’ guidhe ort, gun robh thu a’ dubhadh às ar n-easaontasan agus gar n-ath-bheothachadh bho bhàs gu tìr nam beò, tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
25mh dhen t-Sultain [269]
A Dhè, a rinn – a-mach a do mhòr ghràdh – rèite eadar an talamh is nèamh tro d’ aon-ghin Mhic; ceadaich dhuinne gum biodh sinne, a tha, tro dhorchadas ar peacaidhean, air ar tionndadh gu aon taobh bho ghràdh bràithreil, an comas air a’ bhith air ar lìonadh le do mhìlseachd fhèin, tro do sholas a’ bhith air a sgaoileadh a-mach nar n-anman, agus gun glacamaid le gràdh ar nàbaidhean annadsa, agus ar nàbhaidean air do shon-sa, ann an ceangal de ghràdh aontachail – Amen.
Motsarabach (ro 700)
A Thighearna, neartaich agus thoir tacsa, tha mi a’ guidhe ort, don a huile neach a tha fo chasaid neo-fhìreanta agus a tha air an cur ann an dìmeas. Cofhurtaich iad tron smuain a tha an còmhnaidh an làthair gun aithne dhutsa an fìrinn gu lèir, agus gun dèan thu am fìreantachd-san cho follaiseach ris an t-solas nad àm cheart fhèin. Builich gràs orra airson a bhith ag ùrnaigh airson a leithid sin ’s a bhiodh a’ dèanamh ana-ceart nan aghaidh, agus cluinn is beannaich iad an uair a nì iad ùrnaigh – Amen
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
26mh dhen t-Sultain [270]
A Thighearna, suidhich m’ anam ort fhèin; na leig leam mi fhèin – a tha an dòchas a bhith a’ fuireach còmhla riutsa nad ghràdh shìorraidh – a dhèanamh sgìth le cùraman is uallaichean is sàrachaidhean na beatha seo. Na leig leam a bhith fo uallach mi nì sam bith, ach a-mhàin gum biodh gràdh agad fhèin dhomh, agus gun dèanadh tu m’ anam mar as àill leatsa agus mar a rùnaicheas tu – Amen.
E. B. Pùdhsaidh (1800-1882)
Gum biodh tusa, a Dhè, nad thèarman bhon stoirm, agus nad sgàile bhon teas. Fiù’s fhad ’s a tha sinn nar laighe gu sàbhailte nad ghàirdeanan, tha sinn uaireannan gealtach gu ìre a tha gòrach. O cuidich ar n-ana-creideas, agus, na do chaomhalachd, builich dearbhachd oirnn mu do dhìon.
’S urrainn dhutsa toirt dhan a h-uile ni a bhith a’ co-obrachadh a-chum maith dhaibhsan a tha ga do ghràdhachadh. Na leig le calldachd a bhith a’ leòn ar n-anman; na leig le bròin a bhith a’ a’ mheirgeadh ar cridheachan – Amen.
Seirbheisean Adhraidh an t-Sealgair (1892)
27mh dhen t-Sultain [271]
A Dhè Uile-chumhachdaich, as e cumhachd nan uile a chuireas an cuid earbsa annad fhèin, ceadaich dhuinne am measg trioblaidean na beatha bhàismhoir seo, gun robh sinn – tro chìnnteas na do ghliocas agus na do mhaitheas, agus na do ghràdh mhaireannach – an comas air a bhith a’ fulang na h-uile nithean ann an spiorad shàmhach, a’ sireadh an còmhnaidh, am measg rudan an t-saoghail seo, a bhith a’ meòmhrachadh gu tric air an t-sìth dhiadhaidh, agus air an t-suaimhneas nèamhaidh aig naoimh ghlòirichte an t-solais; agus, air ar cumail suas tro do thròcair, nach robh sinn a’ fannachadh no a’ gabhail an eagail, ach gun cumadh sinn oirnn, a’ dèanamh dleastanasan na beatha gu dìleas, agus nar n-uair dheireannach, air ar cumail suas le na gàirdeanan Shìorraidh, tha sinn a’ guidhe ort gun treòraicheadh tu sinn a-steach dhan a bheatha shìorraidh.
Tha sinn a’ faighneachd airson seo ann an ainm Iosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
28mh dhen t-Sultain [272]
Fear-rannsachaidh gach uile chridhe, is aithne dhutsa mo chridhe, agus mar a tha e a’ seasamh leam. Tha thusa air a chruthachadh, is aithne dhut ma tha gràdh agam ort.
Gach nì a th’ annamsa anns a bheil mathas sam bith, tha e a annam, no tha e agam, tromhad fhèin, oir is e seo uile d’ obair-sa nam bhroinn; ach feumaidh gur h-ann leatsa a bhios e cuideachd tro ghèilleadh shaor mo chridhe.
Na do sheirbheis, agus a’ coileanadh do rùn, chuirinn seachad a h-uile mionaid dhe mo bheatha. Is i an smuain dhìot-sa an tè as mìlse a bhios agam dhem uile smuaintean; is e a bhith a’ bruidhinn mu do dheidhinn-sa an nì as prìseile agus as fheàrr dhe na h-uile nithean a chanas no a chluinneas mi; is i gàirdeachas do ghràidh-sa an ghàirdeachas as fhaide a-staigh a bhios aig m’ anam.
Gu toilichte choisriginn mo bhith gu lèir thugadsa; gabh rium, mar sin, mar ìobairt bheò, agus builich an inntinn orm a bha ann an Crìosd Ìosa, gu glòir Dhè an Athair – Amen.
Mìcheal Sailear (1751-1832)
29mh dhen t-Sultain [273]
Athair Naomha, a thagh smachdachadh a leithid deuchainn is cràdh mar do shlighe thaghte-sa airson thu fhèin a thaisbeanadh, tha sinn a’ dèanamh gàirdeacheas gun urrainn dhuinn tionndadh thugad ann am meadhan iomagain mhòr, agus ar n-uile àmhgharan a’ choisrigeadh gu do chuideachadh mhaith-sa.
Mar a tha thusa còmhla rinn ann an solas na grèine, O, bi còmhla rinn anns na sgòthan.
Anns an t-slighe anns a bheil thu gar treòrachadh, ged a b’ ann tron fhàsach agus a mhuir fhiadhaich, na leig le ar creideamh gun fàilligeadh e, ach biadhaich sinn tro do làthaireachd dhlùth, agus leig le na cofhurtachdan a tha ann an Ìosa Crìosd ar cridheachan a lìonadh le sìth.
Agus, A Dhè, deònaich nach biodh an deuchainn theinnteach a tha gar dearbhadh gun adhbhar, ach gun treòraicheadh e gu misneachd aighearach is foighidinn naomh sinn; agus deònaich gun robh a h-obair choileanta fhèin aig foighidinn, airson gum biodh sinne coileanta agus foirfe, gun nì a dhìth, uile-gu-lèir air ar coisrigeadh thugad fhèin, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)
30mh dhen t-Sultain [274]
A Dhè shìorraidh, a tha air mo chruthachadh airson obair Dhè a dhèanamh ann am modh dhaoine, agus airson a bhith a’ dèanamh seirbheis dhut anns a ghinealach seo, agus a-rèir mo chomasan; builich do ghràs orm airson gun cleachd mi m’ ùine gu faiceallach, airson gun cuir mi stad air, no gun seasainn an aghaidh, buaireadh, agus gum bithinn tairbheach dhan cho-fhlaitheas Chrìosdail; agus, tro bhith a’ coileanadh mo dhleastanais gu lèir, gun glòirichinn d’ ainm sa.
Thoir bhuam a h-uile leisge, agus builich spiorad dhìcheallach is ghnìomhach orm, agus gliocas airson a bhith a’ taghadh mo chosnadh; airson gun dèan mi obraichean a tha co-fhreagarrach air mo phearsa fhèin, agus a tha a’ freagairt air urram a Chrìosdaidh, agus gun lìonainn uile bheàrnan mo thìm-sa le gnìomhan cràbhach is carthannach; a’ leasachadh an tàlant a dh’earb thusa, mo Thighearna, dhomh, airson gun tèid agam air a dhol a-steach do dh’aoibhneas an Tighearna, airson pàirt a’ ghabhail na do shòlasan shìorraidh, fiù’s air sgàth do thròcair – Amen.
Dearamaidh Tàillear (1613-1667)