1d dhen t-Samhain [306]
A Dhè uile-chumhachdaich, tha sinn a’ tabhainn dhutsa am moladh as ro-àirde, agus taing chridheil airson d’ uile ghràsan iongantach ’s airson na beusan a tha thu air a thaisbeanadh na do naoimh gu lèir… a tha tro am beathanan ’s an cuid saothair air deàlradh a-mach mar sholais anns na mòran ghinealaich dhen t-saoghal; a leithid is a bh’ anns: na fàidhean naomha, na h-abstoil, agus nam martaraich air am bidh sinn a’ cuimhneachadh le urram, is a’ comharrachadh le aoibhneas; agus airson a tha sinn, mar airson do sheirbheisich thoilichte eile gu lèir – ar nathraichean is ar bràithrean a dh’fhalbh a tha air a bheatha seo fhàgail le seula na creideamh – a’ moladh ’s a’ meudachadh d’ ainm naomh; a’ miannachadh gu h-iriosal gun tèid againn fhèin fhathast air cumail oirnn anns a cho-chomann naomh acasan ’s a’ mealtainn cofhurtachd a cho-chomann sin, a’ leantainn, le rùn is inntinn thoilichte, na h-eisimpleirean naomha acasan a-thaobh beathanan diadhaidh is seasmhachd na do chreideamh-sa – Amen.
Ùmhlachdan Phrìbheiteach (1560)
2mh dhen t-Samhain [307]
Tha sinn a’ toirt taing dhut airson na mairbh dhìleas ghràdhach, air an son-san a tha air na nèamhan, a tha fad às, air an dèanamh nan dachaighean dhuinne, agus a bu leotha a bha fìrinn is maise a tha fhathast nar cridheachan.
Aon-as-dèidh-aon tha thu a’ treòrachadh na teaghlaichean, a th’ air an sgaradh, a-mach à solas talmhaidh a-steach gu glòir nèamhaidh, air falbh bho tharraingean aire, is strì, is sàrachaidhean thìm – gu sìth na sìorraidheachd.
Tha sinn a’ toirt taing dhut airson obraichean is adhbharan aoibhneis nam bliadhnaichean talmhaidh seo. Tha sinn a’ toirt taing dhut airson an tuigse dhomhainn againn a-thaobh na dìomhaireachdan a tha a’ laighe thar ar dust-ne, agus, airson sùil na creideamh a tha thusa air fhosgladh dha na h-uile a tha a’ creidsinn na do Mhac airson a bhith a’ coimhead a-mach thairis air an làrach sin.
Gun robh sinn beò le chèile na do chreideamh ’s na do ghràdh, agus anns an dòchas a tha làn de neo-bhàsmhorachd – Amen.
Rufus Ellis (1819-1885)
3mh dhen t-Samhain [308]
A Thighearna mo Dhia, is tusa, dhòmhsa, gach ni as bith a tha math. Cuimhnich orm a chionn gur neoni mi, chan eil ni agam agus chan urrainn dhomh ni a dhèanamh. Is tusa a-mhàin a tha math, ceart is naomh; is urrainn dhutsa a h-uile ni a dhèanamh, is tu a tha a coileanadh gach ni, is tu a tha a’ lìonadh gach ni.
Cuimhnich air do thròcairean, agus lìon mo chridhe le do ghràs, cha leig thusa leis a bhith gum bidh d’ obraichean falamh is gun adhbhar. Na tionndaidh d’ aghaidh bhuam; na toir air falbh do chofhurtachd, mas tig m’ anam gus a bhith na thalamh tioram dhutsa.
Teagasg dhomh, A Thighearna a bhith a’ dèanamh do rùn; teagasg dhomh a bhith beò gu h-iomchaidh is gu h-iriosal na do shealladh-sa – Amen.
Tòmas a Ceampaidhs (1379-1471)
Cluinn sinn, a Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, agus gabh truas oirnn nar n-àmhghar, ceadaich aoibhneas spioradail dhuinn, agus builich sìth sìorraidh oirnn; tro Chrìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
4mh dhen t-Samhain [309]
Tha sinn a’ gèilleadh taing chridheil dhut A Thighearna ar Dia, airson do mhòr mhaitheas dhuinn.
Cuidich leinn gu tròcaireach anns a h-uile dleastanas a th’ aig gach aon againn ri dhèanamh agus deònaich gum bu tusa ar Companach a h-uile là, bho mhadainn gu oidhche ’s bho oidhche gu madainn; airson gum bi gràdh againn air do làthaireachd agus gun coisicheamaid ann gu faireil, agus, air ar treòrachadh bho na h-uile mhearachdan is cruaidh-chàsan, gun robh sinn a’ dèanamh seirbheis anns a h-uile sàmhchair diadhaidh; agus ceadaich do shìth dhuinn fad uile làithean ar beatha – tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seumas Rùisgeir (1818-1882)
A Thighearna ghràismhoir, a tha a’ ceadachadh do sgàthan fhèin a dhèanamh dhen duine, airson gum faic sinn d’ ìomhaigh-sa ann an càch-a-chèile ’s airson gun gràdhaich sinn thu; ceadaich dhan a h-uile h-aon againn, tha sinn a’ guidhe ort, gum biodh sinn a’ gràdhachadh mar seo agus air ar gràdhachadh mar seo. Air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
5mh dhen t-Samhain [310]
A Dhè shìorraidh, naomhaich mo bhodhaig agus m’ anam, mo smuaintean is na chuireas mi romham a dhèanamh, mo bhriathran ’s mo ghnìomhan, airson ge b’ e dè a smaoinichinn, no a chanas mi, no a nì mi, gum biodh iad air an dealbh airson d’ ainm-sa a ghlòireachadh, agus tron bheannachd agadsa, gum biodh e èifeachdach is buadhach ann an obair Dhè, a rèir mar a tha e an comas.
A Thighearna, tionndaidh na dh’fheumas mi gus a bhith na bheus; obraichean nàdair gus a bhith nan obraichean gràis, tro bhith gan dèanamh nan obraichean àrdaichte, riaghailteach, measarra; agus na leig le pròis sam bith, no fèin-shireadh, sanntachd no ath-dhìoladh, cinn uidhe bheaga sam bith no beachdan ìosal a bhith a’ truailleadh mo spioraid, no a’ toirt naomhachd air falbh bho gin dhe mo bhriathran no mo ghnìomhan; ach leig le mo bhodhaig a bhith na sheirbheiseach dha mo spiorad, agus an dà chuid – mo bhodhaig ’s mo spiorad – nan seirbheisich do dh’ Ìosa; airson, a’ dèanamh na h-uile nithean airson do ghlòir fhèin an seo, gum bidh mi nam neach compàirt de do ghlòir as dèidh seo, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)
6mh dhen t-Samhain [311]
A Dhè, ar n-Athair a tha air nèamh, tha sinne, do chuid cloinne, a-nis a’ tighinn gu do chasan le ar tagraidhean. Chan urrainn dhuinn a bhith beò as aonais do bheannachd. Tha beatha ro chruaidh dhuinn, agus tha dleastanas ro mhòr. Bidh sinn air ar mì-mhisneachadh, agus bidh ar làmhan laga a’ crochadh sìos. Tha sinn a’ tighinn thugadsa le ar laigse ’s a’ faighneachd airson neart bhuat fhèin.
Cuidich leinn an còmhnaidh gus a bhith air ar misneachadh. Na leig leinn a bhith air ar mì-mhisneachadh fo dhuilgheadasan. Na leig leinn gu bràth a bhith amharasach mu do ghràdh no mu gin dhe na geallaidhean agad. Thoir gràs dhuinn airson a bhith nar luchd-misneachaidh do dhaoine eile, agus airson nach biodh sinn nar luchd mì-mhisneachaidh. Na leig leinn a dhol mun cuairt fo bhròn no fo eagal am measg dhaoine, ach gun robh sinne nar beannachd dha na h-uile ris an coinnich sinn, an còmhnaidh a’ toirt dhan bheatha a bhith nas fhasa – chan ann nas cruaidhe – dhaibhsan a thig fo ar buaidh.
Cuidich leinn gus a bhith mar Chrìosd do dhaoine eile, airson gum faic iadsan rudeigin dhen ghràdh aigesan anns na beathanan againne agus gun ionnsaicheadh iad a bhith ga ghràdhachadh-san annainne. Tha sinn a’ guidhe ort ar cluinntinn, gabhail ri ar n-ùrnaigh, ’s ar peacaidhean am maitheadh, air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Seumas R. Muillear (1840)
7mh dhen t-Samhain [312]
Seall oirnn, A Thighearna, agus leig le uile dhorchadas ar n-anman a dhol a-mach à sealladh mu choinneamh gathan do Shoillse. Lìon le gràdh naomh sinn, agus fosgail dhuinn saoibhreasan do ghliocais.
Is aithne dhutsa ar n-uile mhiannan; air sgàth sin coilean na thòisich thu, agus na tha do Spiorad air ar dùsgadh gus a bhith a’ faighneachd air a shon ann an ùrnaigh.
Tha sinn a’ sireadh d’ aghaidh-sa, tionndaidh d’ aghaidh thugainn agus foillsich do ghlòir dhuinn. An uairsin bidh ar miannachadh air a shàsachadh, agus bidh ar sìth foirfe – Amen.
Naomh Augustin (354-430)
A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort gabhail, gu tròcaireach, ri ùrnaighean do phobaill a tha a’ gairm ort; agus deònaich gun tèid acasan air an dà chuid: faicinn agus tuigsinn dè na nithean a bu chòir dhaibh a dhèanamh, agus gum biodh an gràs agus an cumhachd aca cuideachd airson na dearbh nithean sin a choileanadh gu dìleas; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna.
Gregòrianach (590)
8mh dhen t-Samhain [313]
Mo Dhia, tha mi a’ toirt taing chridheil dhut airson do mhathas gu lèir dham bhodhaig ’s dham anam. Tha mi a’ miannachadh do threòrachadh agus do stiùireadh anns a h-uile nì a ni mi. Deònaich gun robh do ghliocas gam chomhairleachadh, do làmh ga mo threòrachadh, agus do ghàirdean ga mo chumail suas. Tha mi gam chuir fhèin na do làmhan-sa.
Sèid miannan naomha is nèamhaidh a-steach dha m’ anam. Co-aontaich mi ri d’ ìomhaigh fhèin. Dèan coltach ris an t-Slànaighear mi. Thoir an comas domh, ann an tomhas air choireiginn, a bhith beò an seo air thalamh mar a bha esan, ’s a bhith a’ dèanamh mar a dhèanadh esan anns na h-uile nithean – Amen.
Ashton Drenden
Beò no marbh, A Thighearna, ’s ann leat fhèin a bhithinn; cùm leat fhèin gu bràth mi, agus treòraich mi nas fhaisge ort fhèin là thar là, gus am bidh mi air mo lìonadh gu lèir le do ghràdh, agus air mo dhèanamh freagarrach airson a bhith gad choimhead aghaidh ri aghaidh – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)
9mh dhen t-Samhain [314]
Na cuir d’ àithntean oirnn a-mhàin, a Thighearna, ach bi toilichte ar dèanamh an comas air a h-uile dleastanas a th’ air iarraidh oirnn a choileanadh. Agus ceangail ar cridheachan riut fhèin chun a leithid de dh’ìre is gun dèan sinn ar feòil ’s ar deoch de a bhith a’ dèanamh do rùn, agus le cridheachan a tha air am meudachadh gun ruitheamaid ann an slighe d’ àithntean.
Dèan tròcair oirnn, agus glèidh sinn an là seo nar n-uile shlighean. Leig le do ghràdh gun robh e a’ meudachadh nar cridheachan, agus gu milis is gu cumhachdach gar co-èigneachadh ris a h-uile ùmhlachd dhìleas is aoibhneil – Amen.
Beniamin Deancs (1646-1724)
A Dhè uile-chumhachdaich is shìorraidh, a tha a’ riaghladh na h-uile nithean ann an nèamh ’s air an talamh, cluinn, gu tròcaireach, athchuingean do phobaill, agus ceadaich do shìth dhuinn tro uile làithean ar beathanan; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gregòrianach (590)
10mh dhen t-Samhain [315]
Mo Dhia, a tha tro do làthaireachd ghràdhach, a’ tionndadh bròin, duilgheadasan, deuchainnean, cunnartan gus a bhith nam: meadhanan gràis, leasanan ann am foighidinn, caolais dòchais, ceadaich rùn mhath dhuinn airson a bhith a’ cleachdadh, ’s chan ann a’ dèanamh mì-chleachdadh, de ar sochairean; agus a-mach à do mhòr mhaitheas, cùm beò sinn tron bheatha bhàsmhor seo, airson, a-mach à bàs, gun tèid agad air ar togail suas gu neo-bhàsmhorachd. Air a sgàth-san as e Beatha, Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè, a theagaisg dhuinn a bhith a’ glèidheadh d’ uile àithntean nèamhaidh tro bhith ga do ghràdhachadh fhèin agus ar nàbaidh; ceadaich spiorad na sìthe is a’ ghràis dhuinn, airson gum bi sinn, an dà chuid, dìleas riutsa le ar n-uile chridheachan, agus, air ar n-aonadh ri càch-a-chèile le rùn fìor-ghlan; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Sàcramaideachan Leònach (460)
11mh dhen t-Samhain [316]
A Thighearna, nuair a tha mi fo bhròn bidh mi a’ smaoineachadh ortsa. Èist ri glaodh mo chridhe, agus mo ghearan mhuladach.
Ach, Athair, chan innsinn dhutsa cuin, no ciamar, a bu chòir dham chuideachadh tighinn. Feithidh mi le mo rùn airson an uair sin a tha thusa thu fhèin air òrdachadh airson m’ fhurtachd. Gus an tig an t-àm sin, neartaich mi tro do Spiorad Naomh; neartaich mo chreideamh, mo dhòchas, m’ earbsa; builich foighidinn orm agus misneachd airson m’ àmhghar fhulang; agus leig leam – mu dheireadh – gum faic mi an t-àm nuair a nì thusa sona mi le do ghràs.
O, m’ Athair, cha do thrèig thu riamh do chuid cloinne, na trèig mise. Tha thu an còmhnaidh a’ toirt aoibhneas dhan mhuinntir a tha fo bhròn. O thoir dhomhsa an-dràsta e.
Tha thu an còmhnaidh a’ toirt furtachd dhaibhsan a tha truagh, thoir furtachd dhòmhsa cuideachd – far, agus càite, agus mar, as toigh leat fhèin. Aig do ghliocas, do ghràdh agus do mhaitheas-sa, tha mi ga fhàgail uile-gu-lèir – Amen.
I. F. Starc (1680-1756)
12mh dhen t-Samhain [317]
A Dhè shìorraidh, fuaran gach uile ghràdh, ag earbsa na do ghràd-sa, tha mi a’ tighinn mud choinneamh airson bruidhinn riut, a dh’fhaighneachd airson do ghràdh bhuat fhèin.
Is aithne dhut na dh’iarrainn ort – na bu dùraig dhomh; is aithne dhutsa mar a ghràdhaichinn thu nam b’ urrainn dhomh; is aithne dhutsa na bhithinn dòchasach air a shon bhuat, mur a biodh mo neo-airidheachd fhèin ga mo chumail air ais. Ach a dh’aindeoin sin tha thu a’ toirt miann dhomh, bheir thu dhomh an nì a tha mi a’ miannachadh – fiù’s thu fhèin, a tha mi a’ miannachadh.
Is tusa a tha ag ullachadh a’ chridhe. Ullaich mo chridhe, a Dhè ghràdhaich, airson gum miannaichinn thusa barrachd, airson ’s gun dèanainn barrachd adhraidh riut, agus airson ’s gum faighnichinn – aig a char as ìsle – airson na h-uile a tha thusa deiseil gus a thoirt dhomh, a tha thu air ullachadh dhomh, ma tha gràdh agam dhut.
Thoir dhomh gun gràdhaichinn thu tro d’ uile ghràdh dhòmhsa, tro do ghràdh fhèin annamsa – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)
13mh dhen t-Samhain [318]
O mo Thighearna, fan còmhla rium, tha mi a’ guidhe ort, agus leig le m’ anam fois fhaotainn annad fhèin, agus leig leis subhachas fhaotainn annadsa, oir dè a th’ ann as urrainn a bhith air a choimeas ris an t-sìth sin a tha annad fhèin, bhon a tha e thar gach uile thuigse!
Chan urrainn do nì sam bith maith a thoirt thugam ma tha sìth a dhìth orm. Agus dè as urrainn a bhith a dhìth orm ma tha thu fhèin agam – as e a gach uile mhaith?
Nì mi aoibhneas annadsa, agus cuiridh tusa, tha mi ag ùrnaigh gu h-iriosal, an sgòth seo air falbh, agus foillsichidh tu solas do rùin agus adhbhraichidh tu gun lìon do shìth ’s do shoineantas mo chridhe agus gun dèan e aoibhneil e.
Gu cinnteach, tha an cridhe an còmhnaidh gun shuaimhneas, gus an sealbhaich e suaimhneas annadsa a-mhàin. Chan urrainn dha – a tha an comas a bhith a’ gleidheadh a mhaith as fheàrr – a bhith air a lìonadh no air shàsachadh, le nì sam bith a tha nas lugha na thu fhèin – Amen.
Slighe na Beatha Shìorraidh
14mh dhen t-Samhain [319]
A Thighearna na beatha, ’s a Tighearna a ghràidh! gràdhaich gu beatha sinne, agus builich beatha oirnn airson gun gràdhaich sinn thusa. Ceadaich gu leòr beatha dhuinn airson beatha a chuir a-steach do gach uile nì, airson nuair a shiubhaileas sinn thairis air a phàirt seo dhen bheatha, ’s a bhios i a’ coimhead mar dhust is sheasgachd, gum biodh sinne dhen mhuinntir a bhiodh a cur an dòchas annadsa.
Buin don t-seasgachd seo, gus an tig blàth air a h-uile nì. Buin dhan mhuinntir sin againn aig a tha beatha a tha nas seasgaiche na dh’fheumas e a bhith – a dhìth fois is àilleachd, air a lìonadh le ùidhean truagha is cùraman a tha gòrach. A Thighearna thoir maitheanas dhuinn a chionn gu bheil ar beathanan cho truagh, is ceadaich smuaintean Dhè dhuinn, airson gum bi sinn air ar dèanamh an comas, airson na h-àma a tha ri thighinn, a bhith a’ toirt dhan fhàsach a bhith a’ tighinn fo bhlàth mar an ròs.
Ceadaich gun tigeadh an Spiorad Naomh a-steach annainne – gèarr-bheathach, air ar claoidh le cùraman, acrach, tartmhor, a’ bàsachadh – agus gun dèanadh e còmhnaidh ann an leithid de dhòigh is gum biodh àilleachd an Tighearna oirnn, agus gum biodh obraichean ar làmhan air a stèidheachadh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
15mh dhen t-Samhain [320]
Tha mi a’ guidhe ort, a Dhè as ro-ghràsmhoire, gun glèidheadh tu mi bho chùraman na beatha seo, gun fhiosta nach bithinn air mo chuir an sàs gu ìre ro mhòr annta; cuideachd, bho nam mòran fheumalachdan a th’ aig a bhodhaig, gun fhiosta nach bithinn air mo ghlacadh ann an ribe an toileachais; agus bho ge b’ e dè a tha na chnap-starra dhan anam, gun fhiosta – air mo bhriseadh le trioblaidean – nach bithinn air mo chath a-mach.
Builich cumhachd orm airson seasamh nan aghaidh, foighidinn airson fulang, agus seasmhachd airson cumail orm – Amen.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
A Dhè, a tha a’ tur-ghlanadh cridhe an duine bhon pheacadh, agus a tha ga dhèanamh nas gile na an sneachda, dòirt pailteas do thròcair sìos oirnn; ùraich, tha sinn a’ guidhe ort, an Spiorad Naomh nar broinn, airson ’s gum foillsich sinn do mholadh, agus air ar neartachadh tron ghràs sin, gun tèid againn air fois a shealbhachadh anns na taighean Tighearna shìorraidh san Ierusalem naomh; tro ar Tighearna Ìosa Crìosd – Amen.
Portas Shàruim (1085)
16mh dhen t-Samhain [321]
A Thighearna Dhia thròcairich, a Thighearna as ro thròcairiche, àirneisich sinne le gràs gu a leithid de dh’ìre is ge b’ e dè eile a bhios falaichte bhuainn, gun tèid againn – an còmhnaidh, anns a h-uile àite, agus anns na h-uile nithean – a bhith ag aithneachadh do thròcair.
Oir a chionn ’s mas fìrinn thu chan urrainn dhut thu fhèin àicheadh, nas mò chan urrainn dhut – a chionn ’s gur gràdh thu – a bhi nad nì dhiofraichte bhuat fhèin. Anns an neo-atharrachadh sin, ceadaich cridheachan sàmhach dhuinne, dearbhachd a thaobh dòchais is sìth, agus cinnt fhoighidneach a ghràidh. Air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Thighearna a tha air teagasg dhuinn gu bheil ar gnìomhachadh uile, a tha gun ghràs, as aonais luach, cuir a-mach do Spiorad Naomh agus dòirt dhar cridheachan an gibht ro-mhòr sin as e carthannas – fìor cheangal an t-sìth is gach beus – oir as aonais a leithid tha ge b’ e cò a tha beò air àireamh mar aon a tha marbh mud choinneamh. Ceadaich seo air sgàth d’ aon ghin Mhic Ìosa Crìosd – Amen.
Leabhar an Ùrnaigh Chumanta (1549)
17mh dhen t-Samhain [322]
O builich solas orm airson a bhith a’ faicinn, cridhe airson a bhith a’ dlùthachadh riut, agus cumhachd airson a bhith a’ dèanamh do rùn – Amen.
Tòmas Uilleimeach (1663-1775)
A Dhè Uile-chumhachdaich agus athair as ro-thròcairiche, thoir dhuinn, tha sinn a’ guidhe ort, an gràs sin airson gun rannsaich sinn an t-àite as fhaide a-staigh nar chridheachan, ’s ar smuaintean as dìomhaire – mar a tha sinn a’ seasamh mu do choinneamh-sa; agus thoir gràs dhuinn airson nach biodh sinn, bhon àm seo a-mach, air ar treòrachadh gu nì sam bith a’ dhèanamh a bheireadh eas-onair gu d’ ainm: ach gun robh sinn a’ cumail oirnn anns a h-uile togradh mhaith, agus na do sheirbheis naomh fhèin, gu deireadh ar beathanan; agus ceadaich cuideachd gum faodamaid tòiseachadh an-dràsta, an là seo fhèin – a chionn ’s nach eil nì sam bith eile a rinn sinn thuige seo nas fheàrr na e – air coiseachd gu coileanta mu do choinneamh fhèin, mar a tha iomchaidh dhaibhsan a tha air an gairm gu dìleab an t-solais ann an Crìosd – Amen.
Umhlachdan Hioic (1700)
18mh dhen t-Samhain [323]
A Dhè, beothaich gu toileachas sinn. Gun robh tuigse aoibhneil againn mu ar beannachdan, gun ionnsaicheamaid a bhith a’ coimhead air suidheachaidhean soilleir ar crannchur, agus gun robh sinn a’ glèidheadh sonas sìor-mhaireannach fo na bhuilicheas tusa oirnn. Neartaich ar n-inntinnean an aghaidh di-mhisneachd agus doilgheas. Glèidh sinn bho an-dòchas, bhon a bhith a’ gèilleadh ri mulad.
Teagasg dhuinn nach eil olc sam bith ann a tha do-ghiùlanta ach cogais a tha ciontach; agus nach urrainn do ni ar leòn, ma tha sinn, le dìlseachd fhìor an teo-ghràidh, a’ ghlèidheadh d’ àithntean ’s a gabhail tearmann annad fhèin – Amen.
Uilleam Elearaidh Chanaing (1780-1842)
Tha sinn a’ toirt taing dhut, A Thighearna Naoimh, Athair Uile-chumhachdaich, a Dhè shìor-mhaireannaich, a tha air a bhith toilichte ar toirt tron oidhche gu uairean na maidne; tha sinn ag ùrnaigh riut gun ceadaicheadh tu dhuinn a dhol tron là seo gun pheacadh, airson aig àm an tràth-feasgair gun tèid againn air taing a thoirt dhutsa a-rithist; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gelàsianach (492)
19mh dhen t-Samhain [324]
A Thighearna Dia Uile-chumhachdaich, a tha a’ buileachadh cumhachd orrasan a tha fann, agus a tha a’ meudachadh neart dhaibhsan aig nach eil cumhachd sam bith! As d’ aonais-sa chan urrainn dhomh nì a dhèanamh, ach tro do chuideachadh gràsmhor tha mi air mo dhèanamh an comas a bhith a’ coileanadh gach dleastanas a tha air a chuir orm.
A Thighearna a chumhaichd is a ghràidh! Tha mi a’ tighinn ag earbsa na do neart uile-chumhachdaich, agus na do mhaitheas neo-chrìochnach, a’ ghuidhe airson an nì bhuatsa a tha a dhìth annam fhèin; fiù’s an gràs sin a chuidicheas mi gus a bhith nam thì sin is gus a bhith a’ dèanamh an nì sin a dh’iarradh tusa bhuam.
O mo Dhia! deònaich gun robh do ghràs na leòr dhomh, agus an còmhnaidh còmhla rium, airson gun dèanainn na h-uile nithean mar bu chòir dhomh. Earbaidh mi annad fhèin, anns a bheil neart sìorraidh.
Gun robh thusa thu fhèin nad Fhear-cuideachaidh dhomh, airson mo ghiùlain air adhart thairis air mo neart fhèin, agus airson na h-uile a tha mi a’ smaoineachadh, ’s a’ cantainn, ’s a’ dèanamh, taitneach na do shealladh-sa, tro Ìosa Crìosd – Amen.
Beniàmin Deancs (1646-1724)
20mh dhen t-Samhain [325]
A Dhè, as e Fuaran na Fìrinn agus Fear-buileachaidh an eòlais spioradail, a tha gar treòrachadh bho bhliadhna gu bliadhna ann an gràdh neo-atharrachail – tha sinn ga do bheannachadh a chionn, nuair, tro fhradharc, nach robh e an comas dhuinn dùr-amharc air do ghlòir, tro chreideamh ’s urrainn eòlas a bhith againn ort, agus airson gun urrainn dhuinn greimeachadh air an fhìrinn sin a tha a’ toirt solais dhan anam.
Tha sinn gu sònraichte a’ toirt taing dhut airson Esan anns a bheil an t-solas fhìor a deàlradh air a h-uile duine a thig a-steach dhan t-saoghal. Agus tha sinn a’ faighneachd airson saoibhreasan do ghràis airson earbsa a tha nas coltaiche ri aon an leanaibh, spiorad a tha nas dìlse, agus spiorad a tha nas treibhdhiriche.
Gun robh ar n-ùmhlachd gar fosgladh chun a h-uile eòlas spioradail. Gun robh fìrinn ar beathanan fhèin gar treòrachadh a-steach do cho-chomann le Spiorad d’ Fhìrinn-sa. Gun robh sinne air ar cruth-atharrachadh a-steach do dh’ìomhaigh Chrìosd, agus, mar sin, ag ath-ùrachadh d’ ìomhaigh fhèin air an talamh, ’s a toirt nas fhaisge teachd rìoghachd na fìrinne ’s an t-saorsa ’s a ghràidh – Amen.
Eanraig W. Cas (1838-1889)
21mh dhen t-Samhain [326]
A Thighearna, gun robh do ghràs uile-chumhachdaich gam dhèanamh-sa cho coileanta ’s a tha thusa air àithne dhomh a bu chòir dhomh a bhith – Amen.
Tòmas Uilleimeach (1663-1755)
A Dhè as ro thròcairiche, aig a tha tròcairean a tha cho àrd ri na nèamhan, cho mòr ’s cho lìonmhor ri mòmaidean na sìorraidheachd; lìon m’ anam, tha mi a’ guidhe ort, le smuaintean mhòra mu do bheannachdan air nach dèanar aithris, airson gum bi mo thaingealachd cho mòr ’s a tha mo dhìth air tròcair.
Deònaich gum maireadh do chaomh-ghràdh dhomhsa gu bràth is gu sìorraidh; agus, a chionn nach urrainn dhomh do mholadh a-rèir d’ òirdheirceas, gabh m’ anam, aig an àm iomchaidh, a-steach do thìr nam molaidhean shìorraidh airson gun cuir mi seachad an t-sìorraidheachd gu lèir a’ toirt molaidh is onair is uachdaranas dha d’ ainm-sa. Ceadaich seo air sgàth Ìosa Crìosd – Amen.
Dearamaidh Tàilleir (1613-1667)
22mh dhen t-Samhain [327]
Ceadaich sìth dhuinn, agus stèidhich d’ Fhìrinn annainn; mar a tha thusa a’ lìonadh na h-uile nithean a tha beò le pailteas. Cuimhnich air a h-uile anam dìleas a tha fo bhuaireas; agus cofhurtaich, ma tha e an comas, a h-uile duine a tha fo mhulad agus ann an àmhghar.
O Cuideachair nam muinntir a tha gun chuideachadh, thoir an neach a tha air seachran dhachaigh agus builich slàinte orrasan a tha tinn, agus saorsa orrasan a tha fo bhraighdeanas.
Cùm suas na seann daoine, cofhurtaich nam muinntir a tha lag-chridheach, saor nam muinntir a tha air an ceangal ann an slabhraidhean dòrainn agus iarainn, èiginn agus tubaist anns a h-uile àite. Leig leinn còmhnaidh leat fhèin ann an sìth, mar chloinn an t-solais; agus na do sholas-sa, A Thighearna, leig leinn an solas fhaicinn.
Treòraich co-dhùnadh ar beatha, a Thighearna, ann an sìth; ann an earbsa, gun eagal, agus, mas e do rùn e, gun chràdh. Cruinnich sinn an uair a thoilicheas e thu fhèin, a-steach gu àiteachan còmhnaidh nam muinntir a chaidh an taghadh; gun nàire, no lochd, no peacadh – Amen.
Ròland Uilleamach (1818-1870)
23mh dhen t-Samhain [328]
Seall oirnn agus thoir èisteachd dhuinn, A Thighearna ar Dia; agus cuidich na h-oidhearpan airson do thoileachadh a tha thu fhèin air ceadachadh dhuinn; mar a bhuilich thu a’ chiad ghnìomh aig an rùn, mar sin cuideachd builich coileanadh na h-obrach dhuinn; deònaich gum biodh sinn an comas air a bhith a’ crìochnachadh na tha thusa air ceadachadh dhuinn a bhith a’ miannachadh tòiseachadh – Amen.
Mostarabach (ro 700)
A Dhè, a tha air teagasg dhuinn a bhith a’ dèanamh ri feadhainn eile mar a dh’iarramaid a dhèanadh iadsan ruinne, builich an gràs orm airson a bhith a’ glanadh mo chridhe ’s mo làmhan bhon a h-uile mealltaireachd agus ana-ceart, airson nach leònainn neach sam bith tro fhacal no tro ghnìomh, ach gum bithinn fìor agus ceart na mo ghnothaichean uile; airson – a’ glèidheadh ionracas is a gabhail aire don ni a tha ceart – gum biodh sìth agam aig an deireadh; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Leabhran Pòcaid nan Ùrnaighean (1860)
24mh dhen t-Samhain [329]
A Thighearna, Cruithear nan uile nithean, bi gràsmhor, tha mi a’ guidhe ort, ri do chreutairean gu lèir. Builich gràs oirnn uile airson a bhith a’ dèanamh seirbheis dhut nar n-àite òrdaichte, a’ dèanamh gàirdeachas mu do choinneamh – gu do chliù fhèin; gach aon a’ coileanadh na lagha foidhe a tha thusa ga chur, gach aon ga do ghlòireachadh a-rèir an òirdhearcas sònraichte a bhuilicheas tu fhèin – Amen.
Cairistiona G. Ròseadaidh (1830-1895)
A Dhè as ro-ghràishhor agus as ro-ghlòirmhor, a tha air òrdachadh dha na h-aibhnichean a bhith a’ cur cabhag ri gluasad luath nan cuantan, bi gu gràsmhor toilichte, toirt do shruthan mo rùin-sa a bhith a’ sruthadh an còmhnaidh air cùrsa aoibhneil agus àinteasach, a’ cumail sìos toileachas, ùidh, fulangasan, bàs, agus gach uile chnap-starran is bhacaidhean eile, ge b’ e dè an seòrsa, a tha air thoiseach air, gus an cath e e fhèin sìos ann an leum mhòr – a-steach do chuan do-thomhas do rùin dhiadhaidh, air sgàth do Mhic Gràdhaich, mo Shlànaighear, Ìosa Crìosd – Amen.
Teàralach Ciamar (1661-1745)
25mh dhen t-Samhain [330]
Beannaich agus naomhaich m’ anam le beannachdan nèamhaidh ach an tèid agam air fàs gus a bhith nam àite-còmhnaidh naomh dhutsa, agus na leig le nì a bhith air a lorg, ann an Teampall seo do naomhachd-sa, a bheireadh oilbheum do shùilean do Mhòralachd. A-rèir mòralachd do mhaitheis agus lìomhorachd do thròcairean, seal orm, agus cluinn ùrnaighean do sheirbheisich bochd.
Glèidh agus cùm m’ anam am measg na tha de chunnartan anns a bheatha seo, agus tro do ghràs thig còmhla rium, treòraich mo bheatha suas slighe na sìthe, gu a dhachaigh de shoillseachd shìorraidh.
Tòmas à Ceampaidhs (1379-1471)
A Dhè, a tha ag aithris àireamh nan reul, agus a tha gan gairm uile air an ainm; slànaich, tha sinn a’ guidhe ort, iadsan a tha aithreachail ann an cridhe, agus cruinnich còmhla nam muinntir a tha air an cath a-mach, agus dèan beairteach sinne le lànachd do ghliocais; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Portas Shàruim (1085)
26mh dhen t-Sulatainn [331]
O thusa as e Gràdh, agus a tha a’ faicinn gach uile fhulangas, eu-ceartas is truaighe a tha a’ riaghladh san t-saoghal, gabh truas, tha sinn a’ guidhe ort, air obair do làimhe.
Coimhead gu tròcaireach air na bochdainn, iadsan a tha air an cur fo chas, ’s iadsan uile a tha fo eallach trom mhearachdan, na h-obrach agus a’ bhròin.
Lìon ar cridheachan le carthannas dhomhainn dhaibhsan a tha a’ fulang, agus thoir air adhart teachd do rìoghachd-sa de cheartas is de dh’fhìrinn – Amen.
Eugène Bersier (1831-1889)
A Dhè uile-chumachdaich is shìorraidh, Cofhurtachd nam muinntir a tha for bhròn, Cumhachd nan muinntir a tha a’ fulang, leig le ùrnaighean nam muinntir a tha a’ glaodhaich a-mach à àmhghar sam bith tighinn thugad-sa; airson gun dèan na h-uile gàirdeachas ann a bhith a’ faicinn gu bheil do thròcair an làthair còmhla riuthasan nan àmhgharan; tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Gelàsianach (492)
27mh dhen t-Samhain [332]
Fosgail thusa mo chridhe airson do ghràdh fhèin, cùm do ghràdh annam, ullaich mi tro do ghràdh, gus am bi mi air an tomhas as àirde de ghràdh a ruighinn, a tha thusa, na do ghràdh shìorraidh, air a rùnachadh dhomh.
Thoir dhomh, ann an smuain, facal agus gnìomh, a bhith gad ghràdhachadh, agus a bhith a’ toirt taing dhut is ga do mholadh, agus ga do mholadh airson a bhith ga do ghràdhachadh barrachd, agus airson a bhith nas eòlaiche ortsa – air cho airidh ’s a tha thu air a h-uile gràdh is moladh – gus am bi mi air m’ uidheamachadh còmhla ri d’ uile naoimh is ainglean airson a bhith gad ghràdhachadh is ga do mholadh airson d’ uile ghràdh neo-chrìochanch dhomhsa – do pheacach truagh-sa, ach, ged as peacach mi, ’s ann leatsa, A Dhia mo Dhia, a tha mi – Amen.
E. B. Pudhsaidh (1800-1882)
28mh dhen t-Samhain [333]
A Thighearna ar Dia, glèidh sinn bhon a h-uile dorchadas – ach an leithid a tha ar gòraiche fhèin a’ toirt gus a bhith as ar cionn.
Deònaich dhuinn gun cuimhnicheamaid nach eil dorchadas sam bith ann leatsa. Deònaich nach biodh ach aon ni againn a bhiodh sinn fo eagal ma dheidhinn – bàs an spioraid. Deònaich nach biodh ach aon ni ann an sheargamaid air ais bhuaithe – cion gràidh dhut fhèin agus dhar bràthair.
Agus an uair a tha an stoirm àrd, agus an oidhche dorcha, agus an t-anam brònach, agus an cridhe fo bhuaireadh; an uairsin, mar luchd-siubhal shàraichte, gun robh sinn a’ coimhead thugad fhèin; agus ag amharc air solas do ghràidh, gun giùlainneadh e sinn air adhart gus an ionnsaich sinn a bhith a’ seinn d’ òrain-sa anns an oidhche.
Agus an uair a thèidear seachad air sruth fhuar a bhàs, deònaich gur h-ann leinne a bhiodh na beanntan bhlasmhor, co-chomann na h-anman dhìleas, na bliadhnaichean shìorraidh, a bheatha mhaireannach. A-mach à do thròcair cluinn ar n-aslachaidhean, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – Amen.
Seòras Dabhsan (1821-1876)
29mh dhen t-Samhain [334]
Is aithne dhomh, A Thighearna, gun dèan thusa do phàirt fhèin riumsa, mar a bhios mise, tro do ghràs a’ dèanamh mo phàirt-sa dhutsa. Is aithne dhomh glè mhath nach urrainn dhut gu sìorraidh iadsan a thrèigsinn a tha ga do shireadh, no a bhith a’ leigeil sìos nam muinntir a tha ag earbsa annad fhèin.
Ach is aithne dhomh cuideachd, mar as motha a tha mi ag ùrnaigh airson do dhìon, gur h-ann nas cìnntiche agus nas lìonmhoire a bhios e agam. Agus, mar sin, a-nis tha mi a’ glaodhaich a-mach thugadsa, agus tha mi a’ guidhe ort, an toiseachd gun glèidheadh tu bhuam fhèin mi, agus bhon a bhith a’ leantainn rùn sam bith ach d’ fhear fhèin. San ath àite, tha mi a’ guidhe ort gun robh thu nad cho-fhaireachdainn neo-chrìochnach gun ciùinicheadh tu do rùn dom thaobh-sa.
Na tadhail orm le, O mo Thighearna ghràdhaich – mur a h-eil e ceàrr dhomh a bhith ag ùrnaigh mar seo – na tadhail orm le na freastail bhuaireasach sin nach fhulaing ach do naoimh a-mhàin! Gabh truas dha mo laigse, agus treòraich mi taobh nèamh ann an cùrsa shàbhailte is chiùin. Ach a dh’aindeoin sin tha mi ga fhàgail gu lèir na do làmhan fhèin – dìreach, ma bheir thu deuchainnean nas truime thugam, builich barrachd gràis orm, builich tuil de lànachd do chumhachd ’s do chofhurtachdan – Amen.
Iain Eanraig Duin’ùr (1801-1890)
30mh dhen t-Samhain [335]
A Dhè, Athair nam muinntir a chaidh an trèigsinn, Cuideachair nam muinntir a tha lag, Co-leasachair nam muinntir a tha ann an dìth, a tha air do ghibhtean don bhodhaig ’s don anam a sgaoileadh a-mach ’s an co-ionnanachadh, ann an leithid de dhòigh is gun urrainn do na h-uile a bhith ag aideachadh ’s a’ coileanadh an dleastanas aoibhneach as e seirbheis mu seach; a tha a’ teagasg dhuinn gur h-e gaol do na cinne-daonna ceangal a choileantais agus an t-ath-aithris dhiot fhèin; fosgail ar sùilean agus buin ri ar cridheachan, airson gum faic ’s gun dèan sinn – an dà chuid airson an t-saoghal seo agus airson an aoin sin a tha ri thighinn – na nithean a bhuineas dha ar sìth.
Neartaich mi anns an obair a tha mi air a ghabhail as làimh; builich comhairle is gliocas orm, buan-leanaltas, creideamh is eud, agus nad àm mhath fhèin, agus a-rèir do thoil-sa, beannaich an nì sin.
Dòirt spiorad na h-ùmhlachd a-steach annam, nar leigeadh gum biodh ni air a dhèanamh ach ann an ùmhlachd dhiadhaidh ri do rùn fhèin, taingealachd airson do thròcairean do-labhairt, agus gràdh airson do Mhac a tha airidh air adhradh Crìosd Ìosa – Amen.
Antanaidh A. Cùbair, Iarla Shaftsburaidh (1801-1885)