An Creud Niceanach

An Creud Niceanach

Tha sinn a’ creidsinn ann an aon Dia,
an t-Athair uile-chumhachdach,
Cruthaidhear nèimh agus talmhainn,
a h-uile nì fhaicsinneach agus neo-fhaicsinneach.

Agus ann an aon Tighearna Ìosa Crìosd,
Aon ghin Mhic Dhè a rugadh bhon Athair ro gach linn.
Dia de Dhia;
Solas de sholas;
Fìor Dhia de fhìor Dhia;
Ginte chan ann dèante;
Dhen aon t-susbaint ris an Athair,
Leis an do rinneadh a h-uile nì.
A thàinig a-nuas à nèamh air Ar son-ne daoine,
gus ar sàbhaladh;
Agus a ghabh feòil leis an Spiorad Naomh den òigh Moire;
Agus a rinneadh na dhuine.
Cheusadh E cuideachd air ar son,
Dh’fhuiling E fo Phontius Pìlat,
Agus dh’adhlaiceadh E.
Agus dh’èirich E a rithist air an treas latha a rèir nan Sgriobtar;
Agus chaidh E suas do nèamh;
Tha E na shuidhe air deas làimh an Athar;
Agus thig E a-rithist le glòir
a thoirt breith air bheòtha is air mhairbh;
Air a rìoghachd cha bhi crìoch.

Agus anns an Spiorad Naomh,
An Tighearna, agus Fear-tabhairt na beatha,
A tha a’ tighinn bhon Athair agus bhon Mhac.
A thathas ag adhradh is a co-ghlòireachadh
cuide ris an Athair agus ris a’ Mhac;
A bhruidhinn leis na Fàidhean.

Agus ann an Eaglais naomh Chaitligeach agus Abstolach.
Tha sinn ag aidmheil aon bhaisteadh
gu mathanas pheacaidhean.
Agus tha ar dùil ri aiseirigh nam mairbh
agus ri beatha an t-saoghail a tha ri thighinn.

AMEN.

Air eadar-theangachadh le Iain Urchardan