Creud nan Abstol

Creud nan Abstol

Tha sinn a’ creidsinn ann an Dia,
an t-Athair uile-chumhachdach,
Cruithear nèimh agus talmhainn.

Agus ann an Ìosa Crìosd,
A aon Mhac-san, ar Tighearna;
a ghineadh leis an Spiorad Naomh,
a rugadh leis an òigh Moire,
a dh’fhuiling fo Phontius Pìlat,
a cheusadh, a fhuair bàs, is a dh’adhlaiceadh;
a chaidh sìos a dh’ifrinn;
a dh’èirich an treas latha bho na mairbh;
a chaidh suas air nèamh,
a tha na shuidhe air deas làimh Dhè
an t-Athair uile-chumhachdach;
à sin thig E a rithist a thoirt breitheanais
air bheò is air mhairbh.

Tha sinn a’ creidsinn anns an Spiorad Naomh,
An Eaglais naomh Chaitligeach,
Co-chomann nan Naomh,
Mathanas nam peacaidhean,
Aiseirigh na cuirp,
Is a’ bheatha shìorraidh.

AMEN.

Air eadar-theangachadh le Iain Urchardan

Creud nan Abstol
(ann an rannaigheachd)

Creideam san Dia tha uile threun,
a thug don chruinne-chè a bhith,
a chruthaich nèamh is talamh trom,
an cuan agus am fonn fa-leth.

Creideam an Ìosa Crìosd ar Triath,
Aon Mhac sìorraidh Dhia na glòir,
an Tì le feart an Spioraid Naoimh,
ghabhadh ’s a rugadh le Muir’ Òigh:

An Tì a dh’fhuiling cràdh is pèin,
’s a cheusadh fòs ri crann an àird;
a dh’adhlaiceadh ’s a luidh san uaigh,
’s a dh’èirich suas air an treas là:

An Tì a chaidh gu nèàmh nan nèamh;
’s aig deas-làimh Dhè tha nis na thàmh,
ach gus am pill e nuas fadheòidh,
thoirt breitheanais air beò ’s air mharbh.

Creideam anns an Spiorad Naomh;
gu bheil Eaglais a dh’aon-rùn ann,
is co-chomann aig naomh-shluagh Dhè
maille ri chèile feadh gach àm.

Creideam an aiseirigh a’ chuirp
on duslach fhuair air iarrtas Ìos’;
Creideam sa bheatha shìorraidh bhuan,
A mhealar leinn shuas: Amhluidh biodh.

Air eadar-theangachadh le Iain Smith, Ceann Loch Chille Chiarain (1747 – 1807)