Creideamh pearsanta is dìlseachd

L.M. LAOIDH 18

1 Carson tha mi cho mòr fo bhròn?
Carson tha eagal ’s bàs gam leòn?
Nach eil aon ioc-shlaint idir ann,
No comhfhurtachd dham chridhe fann?

2 Tha; seall, tha ’n Soisgeul ’cur an cèill
Slàint’ agus sìth lehòbha fhèin;
Tha Ìosa sgeadaichte le gràdh,
’S le truacantas tha ’chridhe làn.

3 Do shùilean tog is faic an crann,
Faic Ìosa ’fulang pèin nach gann –
Crochte an àird a’ fulang bàis,
Is ’fhuil a ruith gus d’ fhàgail slàn.

4 Tha mìltean nis mun chathair-rìgh,
A dh’iarr a thròcair is a shìth;
’S cha luaith’ a chunnaic iad an crann,
Na rinn an cridhe aoibhneas ann.

5 ’S, a chaoidh, am faodar leamsa ’ràdh —
“Dh’iarr mi gu dùrachdach a ghràdh,
Ach thionndaidh e air falbh a chluas,
’S ri m’ ghearan cha do chrom e nuas”?

6 Fhathast, a Shlàn’gheir, tha a-ghnàth,
Nad chridhe caomhalachd is gràdh;
O cuimhnich ormsa, lag is truagh,
’S do ghràsan saibhir na till uam.

7 O Ìosa, ionnail mi om lochd,
Is ceangail suas mo chridhe goirt;
Làn sgeadaich mi led thrusgan fhèin,
Is dorchadas sgap uam gu lèir.

C.M. LAOIDH 31

1 CARSON tha mi cho tric fo bhròn,
’S fo amharus mu ’ghràdh?
An tì a shaor mi gus an traths’,
Nach saor e mi gu bràth?

2 Dìonaidh e mi gach uair om nàimh,
’S bheir e dhomh tuilleadh ’s buaidh;
Os cionn gach buairidh siùbhlaidh mi
Gu uchd mo Shlàn’gheir shuas.

C.M. LAOIDH 36

1 Àmhghar on duslach ged nach dùisg,
Bhon ùir ged nach tig bròn,
Gidheadh is lionmhor iad na h-uilc,
Th’ air mac an duine ’n tòir.

2 Amhlaidh mar dh’ èireas sradan suas,
Gu luath air lorg a chèil’,
Mar sin tha ’n duine air a bhreith
Gu bròn is cùradh geur.

3 Ach earbamsa ri Dia mo chùis,
Is dèanam m’ ùmaigh ris;
Riaghladh an domhain tha na ’làimh;
Gu ’làthair teichidh mis’.

4 Tha ’oibre lìonmhor agus mòr,
Cò chuireas iad an cèill?
An t-anam brònach nì e ait,
’S an truaghan nì e treun.

C.M. LAOIDH 37

1 Mo bhròn is m’ aoibhneas tha le chèil’
Nad làmhan naomh’, a Dhè;
Tha m’ uile chomhfhurtachd ‘teachd uait,
‘S a’ falbh aig d’ òrdugh fhèin.

2 Ged bheireadh tu iad uil’ air falbh,
Monmhur cha dèanainn fhèin.
Oir gach aon nì a shealbhaich mi,
Bhuineadh e dhuits’, a Dhè.

3 Seadh ged a bhiodh an saogh’l air falbh,
’S a shòlas faoin air fad,
Cha dèanainn monmhar air do làimh,
Ach mholainn thu gun stad.

4 Ciod e an saogh’l le ’uile mhaoin?
Nach ’eil a shòlas searbh?
Oir gach aon nì a tha fon ghrèin,
Is dìomhanas gu dearbh.

5 Sòlas chan eil ’s cha bhì gu bràth,
An taobh a bhos dhen uaigh;
’Measg caochladh agus bròn an t-saogh’l,
Bi ’d chuibhrionn dhomh gach uair.

10 4.10.4.10.10. LAOIDH 39

1 A shoillse ’n àigh, ’s a’ cheò, le d’ bhaoisge caoin,
Stiùir thusa mi;
Tha ’n oidhche dorch’, ’s mi fad’ om dhachaidh ghaoil,
O treòraich mi;
Stiùir mi gach là, chan iarr mi rathad rèidh
Gu Tìr-an-àigh; is leòir leam ceum air cheum.

2 Cha robh mi ghnàth mar seo, ’s cha b’ e mo mhiann
Thu bhith ’d reul-iùil;
Do m’ thogradh fhèin gun d’ thug mi tric an t-srian,
’S cha b’ fhiù leam thu:
An geall air mùirn, ’s mo chridhe uailleil, faoin,
A dh’aindeoin fìamh’: na cuimhnich làith’n a dh’aom.

3 Gu ruig a seo nad thròcair bha thu leam;
O stiùir mi ghnàth
Feadh chreagan cruaidh, is shloc, gu ruig an t-àm
’S am brist an là,
’S am faic mi gnùis nan càirdean a chaidh uam,
A chaill mi seal, ’s dhan d’ thug mi gaol ’bha buan.

8.6.8.6.6.6.6.6. LAOIDH 42

1 A Phàrrais ghaoil! A Phàrrais ghaoil!
Nach aobhach leinn do ghlòir!
Nach beannaicht’ iad a dh’fhàg an saogh’l,
Gach aon bha ortsa ’n tòir!
Far bheil gach cridhe fìor,
An soillse Dhè fo bhlàth,
Aig fois an sòlas sìor,
Fo ghnùis an Rìgh gu bràth.

2 A Phàrrais ghaoil! a Phàrrais ghaoil!
Tha ’n saoghal sean le cràdh;
O cò nach iarradh saorsa shuas,
Far nach tig fuachd air gràdh!
Far bheil gach cridhe fìor,
An soillse Dhè fo bhlàth,
Aig fois an sòlas sìor,
Fo ghnùis an Rìgh gu bràth.

3 A Phàrrais ghaoil! a Phàrrais ghaoil!
’S e naomhachd glaodh ar crìdh’ –
Bhith glan air thalamh mar air nèamh,
An lànachd sgèimh is sìth.
Far bheil gach cridhe fìor,
An soillse Dhè fo bhlàth,
Aig fois an sòlas sìor,
Fo ghnùis an Rìgh gu bràth.

4 A Phàrrais ghaoil! a Phàrrais ghaoil!
Is caomh leinn a bhith shuas,
’S na h-àrois ud a thog an Rìgh,
Le innleachd ghràidh, ’s le truas.
Far bheil gach cridhe fìor,
An soillse Dhè fo bhlàth,
Aig fois an sòlas sìor,
Fo ghnùis an Rìgh gu bràth.

5 A Phàrrais ghaoil! a Phàrrais ghaoil!
Tha làithean claon’ gar claoidh;
Le ÌOSA fhèin ’s e ’s miannach leinn
Bhith seinn na chòir a chaoidh.
Far bheil gach cridhe fìor,
An soillse Dhè fo bhlàth,
Aig fois an sòlas sìor,
Fo ghnùis an Rìgh gu bràth.

11.11. 11.11. LAOIDH 74

1 Bu choigreach mi aon uair do Dhia is do ghràs,
Gun aithn’ air mo chionta, gun eagal ron bhàs;
Ged mholadh mo chàirdean dhomh Crìosd air a’ chrann,
lehòbha Sidcènu* – bu neo-nì dhomh bh’ ann.

*Iehòbha ar Fireantachd.

2 Mar nìgheanan Shioin, bu deurach mo shùil,
’S na tuiltean dol thairis air ’anam gu dlùth;
Gun smuain gum b’ i m’ aing’eachd-sa cheus air a’ chrann
lehòbha Sidcènu – bu neo-nì dhomh bh’ ann.

3 Bu tric mi a’ lèughadh, le h-aoibhneas is deòin,
Dàn buadhach Isàiah is cainnt shimplidh Eòin;
Ach eadhon nuair sgriobh iad mu Chrìosd air a’ chrann,
lehòbha Sidcènu, bu neo-nì dhomh bh’ ann.

4 Ach nuair dhùisg saor-ghràs mi le solas on àird,
Rinn eagal mo luasgadh is b’ uamhas dhomh ’m bàs;
Aon fhasgadh no furtachd cha robh annam fhèin,
lehòbha Sidoènu b’ Fhear-saoraidh dhomh ’m fheum.

5 Ron ainm ud ’tha milis chaidh m’ uabhas air chùl,
Chaidh m’ eagalan fhuadach is tharraing mi dlùth
Do thobar a’ bheò-uisge ’dh’ l às gu saor –
lehòbha Sidcènu, mo Shlànaighear caomh!

6 Nuair shiubhlas mi gleann agus sgàile a’ bhàis,
An t-ainm seo ’tha buadhach bheir fuasgladh sa chàs;
’S o fhiabhrus an t-saogh’l seo nuair shaorar mi chaoidh,
lehòbha Sidcènu àrd-luaidheam am laoidh.

L.M.D. LAOIDH 88

1 Cia taitneach uair na h-ùrnaigh ghaoil,
A ghairmeas mi o chlaoidh an t-saogh’l;
An uair ’s an innseam na tha ’m dhìth,
Dham Athair air a chathair-rìgh.
’Nuair bha mi ’n deuchainn is ri bròn,
Fhuair m’ anam annsan saors’ o leòn;
’S tric chaidh mi às o rib an t-saogh’l,
Nuair thill thu rium, O uair mo ghaoil.

2 Cia taitneach uair na h-ùmaigh ghaoil!
Do sgiath bheir m’ iarrtas suas gu faoil,
Dha ionnsaigh-san tha dìleas, dlùth,
Don anam dh’fheitheas air le h-ùidh.
Bhon dh’iarr e orm a bhith an sàs
Ga iarraidh fhèin, is earbs’ à ’ghràs,
Nis tilgeam air gach claoidh mu sgaoil,
Is feitheam riuts’, O uair mo ghaoil.

3 Cia taitneach uair na h-ùrnaigh ghaoil!
Le d’ fhurtachd fòir orm rè mo shaogh’l,
Gu ’n gluais mi o Bheinn Phisgah uain’,
A’ faicinn thall mo dhachaigh bhuain.
An sgàile feòl’ seo fàgaidh ’m dhèigh,
Is paisgear mi ’n deis’ glòire Dhè;
’S mi ’g èigheach suas tro speur an t-saogh’l,
Slàn leat, slàn leat, O uair mo ghaoil!

8.8.8.8.8.8. LAOIDH 93

1 ’S e fhèin a bheir dhomh neart is iùl;
Tha solas deàlrach dhomh na shùil;
’S gach àite anns am faigh mi tàmh,
Tha mi an glacadh caomh a làmh.
’S e fhèin bheir gràs, ’s e fhèin bheir treòir,
’S e fhèin a shiabas uam mo dheòir.

2 Air uairean’ ann am dhoimhne thruaigh’,
Is mi ri bròn aig beul na h-uaigh’,
Is m’ anam bochd gun ghràs, gun treòir,
’S e Ìosa shiab air falbh mo dheòir.
’S e fhèin bheir gràs, ’s e fhèin bheir treòir,
’S e fhèin a shiabas uam mo dheòir.

3 A Thighearn, glacar leam do làmh,
’S air uchd do ghaoil nì mise tàmh;
Is chithear leam gu ceart do ghlòir
Nuair shiabas Ìos’ air falbh mo dheòir.
’S e fhèin bheir gràs, ’s e fhèin bheir treòir,
’S e fhèin a shiabas uam mo dheòir.

4 Nuair chrìochnaicheas mo rèis a-bhos,
Nuair thèid mi steach fa-dheòidh do chlos,
Saor o na h-uilc bha orm an tòir,
’S e shiabas uam gu tur mo dheòir.
’S e fhèin bheir gràs, ’s e fhèin bheir treòir,
’S e fhèin a shiabas uam mo dheòir.

6.4.6.4.6.6.4. LAOIDH 98

1 Nas dlùith’, mo Dhia, dhut fhèin!
Nas dlùith’ dhut fhèin!
’S ged b’ ann a thogteadh mi
Tre chrois is phèin,
Gidheadh b’ e seo mo laoidh –
Nas dlùith’ dham Dhia, nas dlùith’,
Dham Dhia nas dlùith’!

Ged bhìom, mar sheachranaica’,
Nuair laigheas grian,
Am shuain le cloich fom cheann,
Is dorch’ gach sìon,
Am aisling b’ e mo ghuidh’ –
Nas dlùith’ dham Dhia, nas dlùith’,
Dham Dhia nas dlùith’!

Faiceam mo shlighe ’n sin
’Dìreadh gu Glòir;
Na chuir thu orm a’ teachd
Bhod thròcair mhòir;
Ainglean gam ghairm air m’ ùidh,
Nas dlùith’ dham Dhia, nas dlùith’,
Dham Dhia nas dlùith’!

An sin, Nuair dhùisginn suas,
Led chliù ga luaidh,
Thogainn mo Bhetel àrd,
Air stèidh mo thruaigh’,
Air ghaol tro bhròn ’s tro chaoidh,
Bhith teachd dham Dhia nas dlùith’,
Dham Dhia nas dlùith’!

’S nam b’ e gun èirinn suas
Gu h-ait tron speur,
Gealach, is reul, is grian,
Air chùl gu lèir,
Gidheadh b’ e seo mo laoidh –
Nas dlùith’ dham Dhia, nas dlùith’,
Dham Dhia nas dlùith’!

L.M. LAOIDH 104

1 Dh’aslaich mi Dia gum fàsainn suas
Mar chreidmheach ann an gaol ’s an gràs,
’S gun sealbhaichinn a ghaol ’s a thruas,
Is saorsainn bhuan o eagal bàis.

2 ’S e fhèin a theagaisg m’ ùrnaigh dhomh,
Is tha mi ’n dùil ’thug freagradh sìth,
Ach freagradh air a leith’d a dhòigh
’S gun d’ fhàg gach dòchas tèarnaidh mì.

3 ’S ann smuainich mi, na dheagh àm fhèin,
Gum freagradh e mo ghlaodh gun stad,
’S gun taisbeanadh e ’chumhachd treun,
A dh’fhuadach’ cionta uam air fad.

4 An àite sinn ’s ann leig e ris
Mo thruaillidheachd is cruadhs mo chrìdh’,
Is shìn e slabhraidh an fhir-sgrios,
A bhuaireadh m’ anma chlaoidhte, sgìth.

5 ’S bha ’n Tighearn mar gum biodh e fhèin
An geall air meudachadh mo bhròin;
Is chuir e biast a chnàmh gach feum
A gnìomh mo chrannchuir is mo lòin.

6 Mo Dhia! le h-eagal ghlaodh mi ris,
Do chnuimh an claoidh thu sìos gu bàs?
Ach fhreagair e, “Mar sud tha mis’
Ag èisdeachd athchuinge nan gràs.

7 “Tha deuchainnean a’ teachd om làimh,
Gus àrdan ’s fèinealachd a sgrios,
’S a thoirt gach leannain shaoghlt air falbh,
Gus nach bi agad aon ach mis’.”

8.8.6.D. LAOIDH 113

1 Mur biodh an Tigheama gam dhìon
Nuair leag am buaireadair a lìon,
Bhiodh m’ anam aig an nàmh;
Ach gu mo shaoradh thàinig Ìos’,
Is chì mo nàmh le geilt is grìs,
Gun spìonar mi à ’làimh.

2 O bu ro dheuchainneach an uair
’S na dhruid mo nàmhaid mi mun cuairt;
Mo neart theich uam air fad;
Is sibhs’ a bha aon uair an sàs,
Is sibhs’ a-mhàin dhan lèir mo chàs,
’S a thuigeas truas mo staid.

3 Mo chionta leig e ris gu lèir,
Is dhìt mo chogais fhèin gu geur
Mo pheacaidh on taobh mach;
’N sin rùisg e dìomhaireachd mo chrìdh’,
Mo pheacadh gin, is smuain, is gnìomh’,
’S na ’s mile miosa ’steach.

4 Thuirt m’ anam ris, “Ged tha sud fìor,
Tha cuimhn’ agam gun bhàsaich Crìosd,
’S e nis air cathair ghràis;
’S ann thèid mi mar is tric a chaidh,
Fo dhìon a thròcair is a ghràidh,
Nach dìobair mi ’s a’ chàs.”

5 Ach mar gum falaichteadh gu lèir,
A’ ghrian, an talamh, is an speur,
’S gach craobh is lus ’tha fàs,
Le neula sgreataidh duibhre ’s gruaim,
Gu grad rinn Sàtan ’fhalach uam,
An t-Uan ’s a chathair ghràis.

6 Mar seo, fo gheilt tràth fhuair e mì,
Bha ’rùn air m’ anam chur a dhith;
Ge tà, cha d’ fhuair e ’mhiann,
Oir thàinig Crìosd le boillsgeadh beò,
Sgap e gach duibhre ’s geilt mar cheò,
’S rinn dòmhsa glòir is grian.

L.M. LAOIDH 127

1 Na fàg mi, Spioraid chaoin, na fàg,
Ged thug mi gun chion-fàth dhut fuath;
Na tilg am peacach tur od làth’r,
’S do chaoimhneas gràidh na cumsa uam.

2 Ged chuir mi stàilinn air mo chrìdh’,
’S a thilg mi dhìom gach uile shrian,
A’ deothal chuiseagan gun bhrìgh,
’S an dùil ri sìth a’ ruith le m’ mhiann;

3 Ged dh’èirich mo mhì-dhilseachd suas,
’S is neò-ghlan, duaichnidh, mi nad làth’r,
’S do mhaitheas dhomh, deich mìle uair,
Rinn mi deich mìle uair a chràdh;

4 O caomhain peacach an trom lòid,
Gu cliù is glòir an tì thug buaidh;
’S na tabhair ann ad cheart fheirg bòid,
Fa-dheòidh, nach tèid mi ’n àird led shluag

5 Cuir m’ anam nis, a Dhè, fa-sgaoil,
Tog mi gu caoin led ghàirdein fhèin,
Is treòraich mi an sìth do ghaoil,
’S gu d’ ionad naomha stiùir mo cheum.

7.6.7.6.7.6.7.5. LAOIDH 141

1 Tha sruth mo rè a’ tràghadh,
Seall, bristeadh-fàire nèimh’!
A’ mhadainn a bha ’m iarrtas,
Mo chèitein grianach, sèimh!
Dubh, dorcha, ged bha ’n oidhche,
Tha ’n soillse ’teachd na ’luaths,
’S tha glòir a’ tàmh gu sìorraidh
’N tir Immanuel shuas.

2 ’S e Crìosd am fuaran saibhir,
Sruth aoibheil, pailt’, a’ ghràidh;
Lan-beòil an t-saogh’l cia suarach
Seach cuantan Tìr an Aigh!
Mar mhuir gun tràigh, gun traoghadh,
Tha ’thròcair chaomh ’s a thruas,
’S tha glòir a’ tàmh gu sìorraidh
’N tìr Immanuel shuas.

3 Bha smachd is tròcair dualte
Tro fhad mo chuairt san t-saogh’l,
Is dealt mo bhròin ’s mo thruaighe
A’ lasadh suas le ’ghaol;
Molaim an làmh ’rinn stiùireadh,
’S an cridh’ a thùr ’s a ghluais,
Trath bhios mi ’m chathair-rìoghail,
’N tir Immanuel shuas.

4 ’S le Fear-mo-ghaoil gu saor mi,
’S is leamsa Fear-mo-ghaoil!
Bheir e am bochd ’s an diblidh
Dha lùchuirt fiona ’s faoir;
’S i airidheachd mo Shlàn’gheir
M’ aon stèidh is fàth mo luaidh-s’,
Seadh anns a’ ghlòir ’bhios sìorraidh
’N tir Inunanuel shuas.

5 Cha tlachd bean-bainns’ a h-èideadh,
Ach gnùis a cèile cridh’;
’S ge h-anbharr meud na glòire,
’S fheàrr àilleachd mhòr mo Rìgh –
Mo chionsa ’làmhan leòinte
’Bheir dhomh ’n crùn òir mar dhuais!
’S e ’n t-Uan is glòir gu sìorraidh
’N tir Immanuel shuas.

6 Bu chruaidh mo ghleachd gu flaitheas,
Tro ghaillinn ’s strì nan dùl;
’S a-nis mar ast’rach sàraicht’,
’S a thaic’ air làimh ’fhir-iùil,
Nuair tha mo là air crìonadh,
’S am feasgar ’ciaradh nuas,
Caomh-fhàilt’ dhan ghlòir ’bhios sìorraidh
’N tir Immanuel shuas!

* By adjusting the notes of the music, the concnding lines
might, perhaps preferably, be rendered – “An tìr Immannel shuas.”

L.M. LAOIDH 163

1 O m’ anam, cluinn-sa guth do Dhè,
Do Shlànaighear ’s e th’ ann, O èist;
Tha Ìosa labhairt riut, ’s ag ràdh –
“A pheacaich bhochd, am mi do ghràdh?

2 “Chuir mis’ thu saor nuair bha thu ’n sas;
Nuair bha thu leòint’ rinn mis’ thu slàn;
Is thill mi thu od sheachran claon,
’S do dhuibhre rinn mar sholas caoin.

3 “An sguir an cùram tairis, caomh,
A ghabhas màth’r de ’cìochran maoth?
Ged sguireadh tur a gràdh ’s a spèis,
Chan fhàg mis’ thusa chaoidh, ’s cha trèig.

4 “Mo ghràdhsa tha gun chaochladh, buan,
Nas àirde na na nèamhan shuas,
Nas doimhne na an doimhneachd shìos,
Nas treis’ na ’m bàs, saor, dìleas, fìor.

5 “Mo ghlòir-sa chithear leat gun dàil,
Nuair nithear iomlan obair gràis;
Is suidhidh tu am chathair-Rìgh –
A pheacaich bhochd, an toigh leat mi?”

6 A Dhè, is e mo ghearan truagh,
Gu bheil mo ghràdh cho fann is fuar;
Gidheadh dhut bheiream gràdh is glòir,
O thoir dhomh gràs ’bheir gràdh nas mò.

11.11.11.11. LAOIDH 169

1 O Àrd-rìgh na gloire, dhomh deònaich do chluas;
Rium aom i an tròcair ’s mi ’n dòrainn ro chruaidh;
Riut seallam, ort gaiream, ghnàth riut tha mo ghlaodh;
Na fàg, O na fàg mi an glacaibh an aoig.

2 Gun pheacaich mi ’d aghaidh ’s làn fhiosrach thu fhèin,
Nach b’ fhiù leam do shlàinte, do d’ àithn’ nach d’ thug
Tha ’n aimsir ’dol seachad, ’s mo latha faraon;
’S am fògrar od ghràs mi, od làithreachd, ’s od ghaol.

3 Mar choron dhen shìtheach air fhigheadh mum cheann,
Tha sòlais na beatha gam bhioradh ’s an àm;
Mar thannasg gam chlisgeadh len itealaich ghairbh.
A’ mèudach mo dhochainn lem fochaid ro shearbh.

4 Tha taimeanach ceartais ri farum am chluais,
Bhon dh’iomlaid mi m’ anam ’ghaol faileis neo-bhuain;
Tha dìoghltas, ’s fèath-ghàir air, a’ tàradh am chòir,
Gu ’m spadadh neo-bhàigheil le tàir air an fhòid.

5 Ach fhathast, O fhathast, riut leanam gu teann;
O Ìosa, na fàg mi; bi ’d sgàth dhomh gach àm;
O ‘n t-slàinte tha dhòmhsa ’n crann-dòrainn mo ghràidh,
Mo thèarmunn ’s mo dhòchas o bhròn is o chràdh!

7.7.7.7. LAOIDH 175

1 Ìosa shuairce, cheanail, chaoimh,
Seall le gràdh air leanabh maoth;
Nochd dham dhànachd lean’bail bàigh,
Ceadaich dhomh bhith taigh’nn nad làth’r.

2 Dh’iarrainn a bhith ’teachd nad chòir;
O na bac mi, Dhia na Glòir’;
Ann an rìoghachd naomh do ghràis,
Ìosa, thoir dhad leanabh àit’.

3 Riutsa togam suas mo shùil;
Bì gach là dhomh nad fhear-iùil;
Tha thu bàigheil, ceanail, caomh;
Bha thu uair nad leanabh maoth.

4 ’S e bhith coltach riut mo rùn;
Builich orm do chridhe umh’l;
Tha thu truacanta is naomh,
Deònaich dhomh do chridhe caomh.

5 Uain gun smal, a Shlàn’gheir ghràidh,
’S e m’ uil iarrtas a bhith ’d làimh;
Gu do choltais iompaich mi;
O gabh còmhnaidh ann am chrìdh’.

6 Nochdaidh mi an sin do ghlòir,
’S bheir dhut ùmhlachd mar is còir;
’S ann am ghiùlan chì an saogh’l
Crìosd, an leanabh naomha, gaoil.

10.10.10.10. LAOIDH 190

1 Fan maille rium! tha ’m feasgar ’ciaradh trom,
Is sgàil na h-oidhch’: a Dhè, fan thusa leam!
Nuair thig an èis, ’s a thrèigeas càirdean dlùth,
O thi bheir neart don lag, fan maille rium!

2 Tha beatha ’triall ’s mo là a’ taigh’nn gu crìch;
Tha maise ’s glòir na talmhainn ’dol a dhith;
Tha caochladh mòr ri fhaicinn air gach dùil:
O thusa chaoidh nach trèig, fan maille rium!

3 Chan e mo mhiann thu thriall air falbh gun dàil
Mar neach air chuairt, ach thu bhith ’gabhail tàimh,
Am chuideachd fhèin, a Dhè, le càirdeas dlùth,
A chaoidh nan cian nach trèig; fan maille rium!

4 Na tig mar Rìgh, le uamhas, thugam fhèin,
Ach coibhneil, tlàth, le slàinte fo do sgèith;
Làn iochd is truais ri sluagh tha ’cur riut cùl;
Mar charaid caomh nan truagh, fan maille rium!

5 Nuair bha mi òg rìnn thusa còmhnadh leam;
Ged b’ olc mo dhòigh, ’s mi ’triall gu bròn am dheann,
Cha d’ thrèig thu mi ged nach bu mhiann leam thu;
Gu ceann mo rèis, O Dhè, fan maille rium!

Gach uair dhen là thoir dhomh do làithreachd threun;
Ciod ach do ghràs bheir buaidh air Sàtan fhèin?
Cò ach thu fhèin bhios dhòmhsa mar reul-iùil?
Gach oidhch’ is là, O Dhè, fan maille rium!

Nuair tha thu dlùth chan eagal leam aon nàmh;
Tha m’ inntinn stòld’ ’s tha uilc is deòir nan tàmh,
Bhon thug thu buaidh air bàs is uaigh le cliù,
Nuair sheas thu ’n àit’ do shluaigh; fan maille rium!

Cùm suas do chrann gach àm am shealladh fhèin;
Led sholus àigh stiùir mi do ghnàth ’s gach ceum;
Tha ’n sgàil a’ triall, ’s tha mhadainn shìorraidh dlùth:
Tràth bhios mi ’n seo, O Dhè, fan maille rium!

C.M. LAOIDH 202

1 A Chrìosd, a stèidh mo dhòchais bhuain,
Mo thobar buadhach, mòr,
Gum faighear annads’ mi gach uair,
’S gun cumainn suas do ghlòir.

2 Do ghràdh-sa lasadh ann am chrìdh’;
Cùm dìreach mi rid reachd;
Do mholadh dèanam le àrd-strì;
Tog m’ inntinn riut le tlachd.

3 An uair ’thig dubhar air mo speur,
’S a shèideas doineann chruaidh,
Thoir sùil gu caomh orm ann am fheum,
’S às m’ èiginn tog mi suas.

4 Nuair dh’ èireas caithream àrd do chliù,
’S na cùirtean fial’ gu h-àrd,
Glèus m’ aigne-sa a sheinn dhut ciùil,
Le dùrachd lasrach gràidh.

5 Do chliù ’bhith falbh air sgiathan òir
An t-Soisgeil, ’s e mo rùn,
A’ sgapadh dorchadais le ’ghlòir,
Is eòlais feadh gach dùthch’.

6 O thobair iomlain iochd is gràis,
Bhod lànachd dìol na ’s leòir;
’S an uair a strìochdas mi don bhàs
Ad sgàth-sa maiream beò.

8.8.8.8.8.8. LAOIDH 223

1 Nuair bhios na neòil am speur a’ gleachd,
Na làithean dorch’ ’s na càirdean tearc,
Mo thaic bidh air a’ charaid ghaoil
A dh’iomchair uile àmhghar dhaoin’;
Mo dhith ’s mo gheilt ’s ann dhà is lèir,
’S leis cunntar ’s taisgear suas gach deur.

2 Gu seachran ma bhios m’ anam buairt’
Bho cheum an ionracais ’s na stuaim’,
A sheachnadh aon nì mhaith bham shùil,
No dhèanamh rud nach robh am rùn,
An tì a bhuadhaich thar gach nàimh,
Cumaidh e suas mi ’s a’ chruaidh-chàs.

3 An uair bhios m’ acain trom a thaobh
Gun d’ fhàs rium fallsa luchd mo ghaoil,
Nì esan còmhnadh leam e fhèin,
A fhuair san t-saoghal bròn is pèin;
Thrèigeadh is bhrathadh e dha nàimh,
Leòsan a dh’ ith ’s a dh’òl o ’làimh.

4 Nuair dh’èireas smuaintean goirt am chridh’,
’S a leagas uamhas m’ anam sìos,
An tì aon uair a lùb a chluas
Gu caoin ri cnead a’ chridhe thruaigh,
Cuiridh gach doilgheas-crìdh’ air chùl,
‘S gu bàigheil tiormaichidh mo shùil.

5 Nuair ruitheas deòir a-sìos mo ghruaidh,
Thar caraid gaoil ga chur san uaigh,
A ghuth, a làimh, is aoibh a ghnùis’,
Gam falach seal o bheachd mo shùl,
A Shlàn’gheir, faic mo dheura searbh,
Oir ghuil thu fhèin thar Làsarais marbh.

6 Is O, nuair bhios mi rèidh san saogh’l,
’S gach deuchainn seachad ach an t-aon,
Cum thusa ’n sin mo mhisneach suas,
Oir laigh thu fhèin fon bhàs car uair’;
Seòl mi gu tìr an t-soillse bhuain,
’S an deur mu dheireadh siab om ghruaidh.

L.M. LAOIDH 233

1 Bho chian dh’iarr m’ anam solas-iùil
Air dìomhaireachd is àirde meas;
A bheil no nach eil agam gaol?
’N le Dia nan Dùl mi no nach leis?

2 Ma ’s leis, ciod uime tha mi nis
Cho marbh, cho dìblidh, is cho fann
’S nach urrainn neach a bhith nas mios’
A chuala gun robh Ìosa ann?

3 Am biodh mo chrìdh’ air fàs cho cruaidh,
Ùrnaigh na h-uallaich is na ’cràdh,
Gach brosnachadh a’ faotainn buaidh,
Nam b’ eòl dhomh ’n Slàn’ghear is a ghràdh?

4 An uair a sheallas mi ’n taobh steach,
’S dall, dorcha, faoin, gach uile smuain,
As-creideamh ’s peacadh rium a’ gleachd –
Am faod mi bhith de shealbh an Uain?

5 ’S ma thèid mi suas gu altair Dhè,
Tha ’m peacadh ’leantainn rium ’s gach cùis;
O sibhs’ tha maille ris gach rè,
An ann mar sud a dh’èirich dhùibhs’?

6 Ach tha mi caoidh mo rùintean rag’,
’S tha doilghios peacaidh ga mo chràdh,
Am sealladh Dia dhomh meud mo shaic,
As easbhaidh eàrlais air a ghràdh?

7 Am b’ ait leam comann ris na naoimh,
’S gach nòs a b’ fhuathach leam o shean?
Am b’ ait leam seilbh a gheallaidh chaoimh,
Mur gineadh Crìosd e fhèin an cean?

8 A Thighearn, rèitich fhèin a’ cheist
Ro dhìomhair seo dham anam bochd,
Is soirbhich d’ obair fhèin, led theist,
Ma thàrmaich i ron oidhche nochd.

9 Is meudaichear mo ghràdh na ’s mò,
Ma ’s lèir dhut gràsan ann am staid;
’S mur lèir, cuir neart do Spioraid Naoimh,
Air chor ’s nach leig mi dàil nas fhaid’.

S.M. LAOIDH 248

(With Refrain)

1 Cluinneam, a Dhè, do ghuth
A ghairmeas thugad mi,
Son m’ ionnlad ann ad fhuil thar prìs,
A shruth air Calbharì.

Tha mi ’teachd, a Dhè,
Thugad fhèin, mo Rìgh;
Nigh mi, glan mi, anns an fhail
A shruth air Calbhari.

2 Ged thig mi neòghlan, fann,
Neart bheir thu dhomh, gu beachd,
Is glanaidh tu gach truailleachd uam,
Gus m’ fhàgail geal mar shneachd.

3 ’S e Ìosa ’tha gam ghairm
Gu creideamh iomlan ’s gràdh;
Gu foirfeachd dòchais, earbs’, is sìth’,
Air thalamh is gu h-àrd.

4 ’S e Crìosd a dhaingnicheas
Obair an àigh ’s a’ chridh’,
Le bhith ’cur gràis a mheudach’ gràis,
’S a-ghnàth ’cur peacaidh sìos.

5 Is bheir e fìanais fòs
Dhan chridhe dhìleas, ghràidh,
Gum bi gach gealladh coileanta,
A thagras creideamh dha.

6 Failt’ ortsa, fhuil na rèit’!
Is air gràdh-saoraidh fàilt’!
Fàilt’ air an tìodhlac – Crìosd ar Triath,
Ar fìreantachd, ’s ar slàint’!

8.7.8.7. LAOIDH 252

1 Thig, a thobair mhòir gach tiodhlaic,
Gleus mo chrìdh’ a sheinn do ghràis;
Sruithean tròcair ’ruith gun dìocladh;
Gluaisidh mi gu cliù is gràdh.

2 Togam an seo m’ Ebenèser,
’S tu is tèarmann dhomh gach uair;
’S tha mi ’n dùil gud àros nèamhaidh
Gun dèan thu mo ghiùlan suas.

3 Thàinig Ìosa Crìosd gam shireadh,
’S mi air seachran uat ’s an càs;
’S gus mo theasairginn o mhilleadh,
Dhòirt e ’fhuil is dh’fhuiling bàs.

4 O, do ghràs, cia domhain m’ fhiachan,
’S mi na fheum gach oidhch’ is là!
Biodh e dhomh mar gheimhlean iarainn,
’Ceangal m’ anma riut gu bràth.

5 Tha mi ullamh – mar is nàr dhomh –
Gu bhi ’fàgail Dia mo ghràidh;
Gabh mo chrìdh’, a Shlàn’gheir ghràsmhoir,
Sèulaich e son Tìr an Àigh.

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 261

1 Nuair thèid às dhan chruinne-chè,
Nuair a smàlar grian nan speur,
Nuair bhios sinn le Ìosa shuas,
’Meòrachadh air sgeul ar cuairt,
Dhia, san là sin tuigear leam
M’ fhiachan dutsa – O cia trom!

2 Nuair bhios mi an làthair Dhè,
Ann am maise nach leam fhèin,
Nuair a chì mi thu gun sgàil,
’S mi gun truailleachd ann am ghràdh,
Dhia, san là sin tuigear leam
M’ fhiachan dutsa – O cia trom!

3 Nuair bhios òrain nèimhe shuas,
’Fuaim mar thàirneanach am chluais,
Cruaidh mar thoirm nan uisge mòr,
Binn mar chruit is milse glòir,
Dhia, san là sin tuigear leam
M’ fhiachan dutsa – O cia trom!

4 Mar tro ghloine, no tro cheò,
Nochd dhuinn anns an t-saogh’l do ghlòir;
Deònaich maitheanas gu caoin,
’S còmhnadh deas do Spioraid Naoimh;
’S air an t-saogh’l seo tuigear leam,
Càileigin dhem fhiachan trom’.

5 Maitheas annam chan ’eil dad,
Teasairgte o dhìteadh grad,
Slàn an taobh mo Shlàn’gheir chaoimh,
Naomhaicht’ leis an Spiorad Naomh,
Anns an t-saogh’l seo nochdar leam,
Tro mo ghràdh dhut, m’ fhiachan trom’.

S.M. LAOIDH 267

1 Mo làithean tha nad làimh;
Mo Dhia, ’s e sin mo dheòin;
Mo bheatha, m’ anam, ’s luchd mo ghràidh,
Earbam rid mhaitheas mòr.

2 Mo làithean tha nad làimh,
Ge b’ e a dh’iarras tu;
Mas dorch’ no soillse, bròn no àgh,
An lù is fheàrr nad shùil.

Mo làithean tha nad làimh;
C’ uim’ geilt is teagamh bochd?
Làmh m’ Athar ghràidh chan fhàg gu bràth
A leanabh caomh fo sprochd.

Mo làithean tha nad làimh,
Mo Shlàn’ghear ceusda gràidh!
Do làmhan leònt’ lem pheacadh mòr,
’S iad nis m’ aon iùl ’s mo stà.

Mo làithean tha nad làimh;
Riut earbaidh mi a-ghnàth;
’S aig do làimh dheis, an dèidh mo bhàis,
Bidh mi leat shuas gu bràth.

8.8.8.4. LAOIDH 275

1 Mo Dhia is m’ Athair, rè mo chuairt
San fhàsach, fad’ om dhachaidh shuas,
O cuir am chrìdh’ a ràdh gach uair,
“Do thoil biodh dèant’.”

2 Ged leanadh duibhre ’s bròn mo cheum,
Na cluinnteadh gearan às mo bheul;
Ach abram mar thoirt Ìosa fhèin,
“Do thoil biodh dèant’.”

3 Ma ’s àill leat, ann an riaghladh caomh,
Gach nì ’thoirt uam dhan d’ thug mi gaol,
Bheir mise dhut gach nì lem aont’;
“Do thoil biodh dèant’.”

4 Gred bhithinn ann am bròn ro ghèur,
A’ caoidh nan càirdean caomh’ a thrèig,
Le ùmhlachd theirinn riut gach rè,
“Do thoil biodh dèant’.”

5 Ged sheargainn beag air bheag gach là,
Le trioblaid is le iomadh cràdh,
O Athair, dh’fheuchainn ri bhith ’g ràdh,
“Do thoil biodh dèant’.”

6 Ma bhios do Spiorad saor a’ tàmh
Am chridhe lapach, fann, do ghnàth,
Mun chòrr dèan thusa mar is àill –
“Do thoil biodh dèant’.”

7 Dèan nuadh mo thoil o là gu là;
Dean strìochdte mi, ’s glan uam gun dàil
Gach nì a chumadh mi o ràdh,
“Do thoil biodh dèant’.”

8 An uair a chrìochnaichear mo chuairt,
’S a sguireas bròn is trioblaid chruaidh,
’N sin seinnidh mi ’s an tir bhith-bhuain,
“Do thoil biodh dèant’.”

7.6.7.6.D. LAOIDH 278

(With refrain)

1 Tèaraint’ an caomh-ghlaic Ìosa,
Tèaraint’ air uchd a ghràidh,
Falaicht’ fo sgàil a thròcair,
M’ anam gheibh sòlas àigh.
Èistibh na h-ainglean ’gairm rium,
Èistibh an t-òran binn,
Nall thar nan cluaintean glòrmhor,
Nall thar an òr-chuain ghrinn!

Tèaraint’ an caomh-ghlaic Ìosa,
Tèaraint’ air uchd a ghràidh,
Falaicht’ fo sgàil a thròcair,
M’ anam gheibh sòlas àigh.

2 Tèaraint’ an caomh-ghlaic Ìosa,
Tèaraint’ o chual ’s o chlaoidh,
Tèaraint’ o bhuaireadh saoghlta,
Peacadh cha chiùrr mi chaoidh;
Teagamhan, geilt, is doilghios,
Fògraidh e uam gu lèir;
’S geàrr gus an sguir gach àmhghar,
’S falbhaidh gun dàil gach deur.

3 Ìosa, mo thèarmann gràdhach,
Bhàsaich e air mo sgàth;
Carraig nan Àl nì stèidh dhomh,
Bunait nach gèill gu bràth!
Feitheam an seo san sgaoilear
’N oidhche ’bha cianail, dall,
Feitheam am bristeadh-fàire,
’S deàrrseadh na tràghad thall.

7.7.7.5. LAOIDH 290

1 Thusa ’fhuair air Calbh’ri bàs,
’S do na daoi tha tagradh gràis,
Deònaich cobhair ann am chàs;
Ìosa, cluinn mo ghlaodh.

2 Ann am dhoille ’s ann am thruaigh,
Is mo chridh’ cho mealltach, cruaidh,
Mise, ceannard an droch shluaigh,
Togam riut mo shùil.

3 Nàimh a-muigh is geilt sa chridh’,
Dh’easbhaidh còir air gràs no sìon,
Gus o lochd gun saor thu mi,
Teicheam thugad fhèin.

4 Dream bha fada ’n cuibhreach cruaidh,
Mheal iad saors’ is slàinte uait,
’S cuireadh fial od thròcair fhuair;
’S nach faigh mise fòs?

5 M’ uallach leagam ort gu lèir,
Togam riut mo ghuidhe gheur,
Deònaich dhomh do thròcair fhèin,
No ’s e ’s dàn dhomh bàs.

6 Nuair bhios deuchainn rium a’ strì,
Nuair bhios buaireadh dian am chridh’,
Nuair bhios grian mo rè ’dol sìos,
Ìosa, bì dhomh dlùth.

C.M. LAOIDH 292

1 O gu bhith ’g imeachd dlùth do Dhia,
Le sàmhchair nèimh’ am chrìdh’!
O gun robh m’ astar deàlrach, rèidh,
Gach ceum a dh’ionnsaigh Chrìosd!

2 Càit’ ’eil an sògh a dh’fhairich mi
Air tùs, nuair ghabh mi Crìosd?
Càit’ ’eil am beachd ’chuir neart am chridh’,
Air Ìosa ’s fhacal fìor?

3 Cia mòr an t-sìth a shealbhaich mi!
Cuimhnicheam i gu sìor!
Ach dh’fhàg i ’m anam falmhachd gheur,
An saogh’l gu lèir nach lìon.

4 O till, a Chalmain Naoimh, a-rìs,
Àrd-theachdaire na sìth;
Mo thruaigh am peacadh ’chuir ort bròn,
’S a dh’fhògair thu om chridh’.

5 An t-iodhol air am mò mo mhiadh,
Ge b’ e air bith ciod è,
Cuiream a sìos à d’ àit’ gu bràth,
’S adhram a-mhàin dhut fhèin.

6 An sin bidh m’ imeachd dlùth do Dhia,
Is sàmhchair nèimh’ am chridh’;
’S bidh m’ astar nas ro dhealraich, rèidh,
Gach ceum a dh’ionnsaigh Chrìosd.

CM. LAOIDH 293

1 O Mealam creideamh nach gabh sgàth
Ged bhàrcadh nàimhdean dian;
Nach seas le h-athadh air a’ bhruaich
Aig goinne, truaigh, no pian;

2 ’Laigheas gun mhonmhur, gun an-tlachd,
Fo smachd na slaite cruaidh’,
Ach a nì taic ri cumhachd Dhè,
An aimsir pèin is truaigh’.

3 Creideamh a bheir ’s an doininn oillt
Am barrachd soills’ is glòir’,
Nach fairich teagamh anns an duibhr’
No maoim ’s a’ chunnart mhòr.

4 Creideamh, feadh mhaireas plosg am chrè,
Nach trèig an t-slighe chaol;
A chuireas deàlradh air mo shligh’,
An uair thig crìch mo shaogh’l.

5 Dhè, thoir dhomh creideamh fìor mar sin,
’S ge b’ e ciod bhios san dàn,
Blaiseam an seo dhen chupan àigh,
’S òlam gu h-àrd a làn!

S.M. LAOIDH 303

1 ’S caomh leam do rìogh’chd, a Dhè,
An taigh ’s a bheil thu tàmh,
An Eaglais sin a cheannaich Crìosd,
Nuair dhòirt e ’fhuil gu bàs.

2 Is caomh leam Eaglais Dhè;
A balla tha do ghnàth
lonmhainn na bheachd mar chloich a shùl,
Is sgrìobht’ air bas a làmh.

3 Na h-aobhar sileam deòir,
Is aslaicheam gu dian;
Dhi bheir mi gnìomh is toigh’ gu bràth,
Trath mhaireas toigh’ is gnìomh.

4 Os cionn m’ uil’ aoibhnis mhòir,
M’ annsachd a cleachdamh caomh,
A comann, is a bòidean fòs,
A cliù, ’s a laoidhean naomh’.

5 Ìosa, a charaid chaoimh,
Ar Slàn’ghear is ar Rìgh,
Bho ribeadh is bho ghamhlas nàimh
Do ghàirdean nì ar dìon.

6 Cho fìor ’s tha d’ fhacal buan,
locar do Shìon àigh
A’ ghlòir is maisiche san t-saogh’l,
Is glòir is mò gu h-àrd.

10. Six lines, LAOIDH 307

1 M’ anam, bi ciùin; tha ’n Tighearn air do thaobh;
Giùlain gu strìochdte crann do bhròin ’s do chràidh;
Earb as an Dia ’tha freastal do gach aon;
Bidh esan dìleas anns gach uile chàs.
M’ anam, bi ciùin; is thar gach slighe chruaidh
Seòlaidh do charaid nèamhaidh thu gu buaidh.

2 M’ anam, bi ciùin; tha còmhnadh caomh do Dhè
Gad theàrmann, ’s bithidh anns an àm ri teachd;
Biodh d’ earbsa daingean, biodh do mhisneachd treun;
Thèid solas air gach cùis ’tha ’n dìomhaireachd.
M’ anam, bi ciùin; oir èisdidh cuan is gaoth
Ri ghuth mar dh’èist iad rè a chuairt san t-saogh’l.

3 M’ anam, bi ciùin; nuair shiùbhlas càirdean gaoil,
’S a tha gach nì an gleann nan deur fo sgàil.
Chì thu cho iochdinhor ’s a tha ’n Slàn’ghear caomh,
A dh’fhuadaicheas air falbh do gheilt ’s do phràmh.
M’ anam, bi ciùin; aisigidh Fear-do-ghràidh
Thugad na chaill thu, as a shaibhreas làn.

4 M’ anam bi ciùin; tha ’n t-àm a’ teachd gu luath
Sam bi sinn maille ri ar Triath gu bràth;
Sam falbh gach mulad is gach geilt gu buan,
San teich gach bròn ro shuaimheas naomh a’ ghràidh.
M’ anam, bi ciùin; nuair thiormaichear gach deur,
Tachraidh sinn còmhla ann an aoibhneas nèimh’.

C.M. LAOIDH 318

1 A Dhia, ’s tu bheir dham anam treòir,
Tràth bhios mi trom fo phràmh;
San uair a dh’èireas deuchainn mhòr,
Mo dhòigh bidh ortsa ’tàmh.

2 Dhut aithrìseam mo bhròn air fad;
Mo shlàinte is tu fhèin;
Bheir d’ fhacal faochadh grinn gu grad,
Is saòrs o m’ uile phèin.

3 Is ann le geilt a thig mi dlùth,
Nuair bhios mo chrìdh’ fo ghruaim;
Mo mhisneach uile thèid air chùl,
’S mo dhòchas teichidh uam.

4 Ach càite ’n teich mi ann am chàs?
’S e Dia nan Gràs mo dhùil;
Dlùth leanaidh m’ anam riut gun tàmh,
’S mi sìnt’ air làr gu h-umh’l.

5 Aig d’ iarrtas siream d’ aghaidh ghràidh;
’N ann faoin thèid m’ ùmaigh suas?
’S trath dh’èigheas mi airson do ghràis,
An dùin thu rium do chluas?

6 Cha dùin! sìor fhosgailt’ tha do chluas,
A dh’èisdeachd glaodh do shluaigh;
Gach àm O faigheam cothrom uat
A chur an cèill mo thruaigh’.

7 Do chathair-thròcair cha do dhùin,
’S an sin gheibh m’ anam clos;
Le dòchas feithidh mi do rùn,
Gu h-umh’l aig stòl do chos.

6.6.6.5.D. LAOIDH 330

1 An-earbsa, bi ’siubhal,
Mo Shlàn’ghear tha ’m chuideachd,
’S e toileach is murrach
Air m’ fhurtachd am fheum;
Sìor ghleachdam le h-ùrnaigh,
’S nì esan an tùrn dhomh;
Le Ìosa gam stiùireadh,
Cha chùram leam beud.

2 Ged ’s doilleir an ròd dhomh,
Ghnàth gèilleam dha òrdugh,
’S nì esan mo sheòladh,
’S bheir lòn dhomh gun dìth;
Ged fhàilnich gu buileach
Gach creutair ’s a’ chruinne,
Grach facal a thubhairt
Thig uile gu crìch.

3 Tha ’ghràdh ’bha cho caoin dhomh
A’ bacadh dhomh ’shaoilsinn
Gum fàg e rim shaogh’l mi
Am aonar gun taic.
Tha h-uil’ Ebenèser
Mar chuimhneachan feumail
’G ràdh, “Thug ’s bheir e fhèin
Às gach èigìnn thu mach.”

4 Gu m’ aiseag gu slàinte
Chaomh-fhair e mo ghnàth’chadh,
Tràill Shàtain, nuair bha mi
Ag àbhachd ri sgrios;
’S an d’ rinn e mo threòrach,
’Chur annsan mo dhòchais;
’S am fàg e gu brònach
An dòrainn mi nis?

5 Cuim’ bhithinn fo an-tlachd
Thaobh easbhaidh no amhghair?
Gach trioblaid am chrannchur
Ro làimh nochd e fhèin.
’S tro dheuchainnean goirte,
Mar ’s fios dhomh o ’Fhacal,
Tha oighreachan sonais
Ga lorgach’ ’s gach ceum.

6 Cho searbh ’s a tha ’n cup sin
Cha bhreithnich aon duine,
’Dh’ òl Ìosa gu buileach,
A’ fulang ’n àit’ dhaoin’;
B’ i ’shlugh-san ’bu doimhich,
’S ’bu sheirbhe, gun choimeas,
O anaim, faic ’fhoighidinn,
’S oideas na claon.

7 Bhon dh’aomas a fhreastal
Gach aon nì gum leas dhomh,
Is milis a mheasam
Gach leigheas uaith fhèin;
An dràst ann an airceas,
Ach ’n aithghearr an aiteas,
’S an sin, O cia taitneach
Buaidh-chaithream a sheinn!

C.M. LAOIDH 340

1 Cia mòr do ghràdh dham thaobhsa-ghnàth,
A Spioraid Naoimh nam buadh,
Do stiùireadh caomh, o là gu là,
Air neach cho peacach, truagh!

2 Chan fhairich mi do làmh ro chaomh
Gam shaodachadh gu caoin
Bho shlighe ’n uilc mar rinn mo mhàth’r,
Nuair bha mi ’m phàisdean faoin.

3 Ach dh’fhairich mi thu gleachd am chrìdh’
An aghaidh eu-ceirt dhèin;
’S is fìos dhomh Nuair is gràdh leam Dia
Gu bheil mo ghràdh uat fhèin.

4 ’S, a Spioraid Naoimh, nuair dh’adhras mi
Gach moch-thrath ’s aig àm tàimh,
Innsidh mo chrìdh’ dhomh, le guth sèimh,
Gu bheil thu fhèin aig làimh.

5 Trath ghuidheam guidhidh tusa fòs,
Ag ùrnaigh air mo sgàth;
Trath chaidleas mi chan aom ort suain,
Ach m’ fhaire nì thu ghnàth.

Mòladh dhan Athair, is dhan Mhac,
Is fòs dhan Spiarad Naomh,
Airson a choimhneis is a’ ghràidh
A thug thu dhomh cho caomh.

The last verse may be sung as a Doxology to the same tune.

7.6.7.6.D. LAOIDH 358

1 Mo pheacaidh leag air Ìosa,
Uan caomh, neo-lochdach, Dhè;
Làn ghiùlain e gach aon diubh,
Is shaor on eallach bhreun.
Thug mi mo chiont’ gu Ìosa,
Gu m’ ionnlad o gach sal,
Tur glan na fhuil ro luachmhoir,
A rinn an corcur geal.

2 M’ uil easbhaidh leag air Ìosa;
Gach lànachd annsan tha;
’S e lèighseas m’ uile eucail,
’S a shaoras m’ ànam cràidht’.
Leag mi mo bhròn air Ìosa,
Gach uallach is gach càs;
Bheir e dhomh uapa fuasgladh,
’S am bhròn gun gabh e pàirt.

3 Tha m’ anam ’n taic ri Ìosa,
An t-anam shìth fo phràmh;
A làmh dheas tha mun cuairt orm,
’S air uchd-san tha mi tàmh.
Is ionmhainn leam ainm Ìosa,
Immanuel, Crìosd, an Triath;
Mar fhàile milis, cùbhraidh,
Tha ’ainm-san sgaoilt’ an cian.

4 Bu mhiann leam bhith mar Ìosa,
Sèimh, macant’, bàigheil, ciùin;
Bu mhiann leam bhith mar Ìosa,
Do Dhia am leanabh rùin.
Bu mhiann leam bhith le Ìosa,
Gu h-àrd am measg a shluaigh,
A’ seinn le naoimh a chliù-san,
Is òran ait na buaidh’.

C.M. LAOIDH 387

1 Air oighreachd shuas os cionn nan speur,
Nuair dhearbhar dhomh mo chòir,
M’ an-earbsa teichidh uam gu lèir,
Is tiormaichear mo dheòir.

2 Ged bhiodh an saoghal rium a’ strì,
Le ’shleaghan teinnteach, dearg’,
An làth’r na cruitheachd seasaidh mi;
’S faoin leam an Nàmh is ’fhearg.

3 Mar thuil ged thigeadh trioblaid nuas,
Is gailleann doilghis mhòir,
Buigeam gu slàn mo dhachaigh shuas,
Mo nèamh, mo Dhia, ’s mo ghlòir!

4 An sin sìor shnàmhaidh m’ anam sgìth,
An lànachd sìth mar chuan;
Tonn truaigh’ gu bràth cha chràidh mo chrìdh’,
’S mi ’n sòlas sìorraidh buan.

8.M. LAOIDH 389

1 Mo spiorad ann ad làimh,
Càiream, a Shlàn’gheir chaoimh;
Chan fhàg thu m’ anam truagh fo phràmh;
’S tu mhàin an gràdh ro naomh.

2 Do thaic’ ’s i m’ uile neart,
Ort dèanam tàmh gu ciùin;
Is aidicheam thu naomh is ceart,
’S mi strìochdte ri do rùn.

3 Ge b’ e bhios air mo chrann,
Is ceart do thoil ’s gach sìon;
Air d’ uchd-sa leagaidh mi mo cheann,
Gun gheilt ro strì nan sian.

4 Gu toileach gabhaidh mi,
Gach cùis, ma ’s àgh no pèin,
Oir gheibh mi annadsa gach nì,
Is anns gach nì thu fhèin.

An gràdh nan nèamh a’ còmhnaidh
Chan eagal le mo chrìdh’,
Is tèaraint’ tha mo dhòchas,
Gun mhuthadh ’tighinn air nì;
An stoirm tha ’toirm mun cuairt dhomh,
Mo chridhe ’dol gu làr,
Ach Dia tha ga mo chuartach’,
’S chan eagal leam aon nàmh.

Ge b’ e càit an tròraich,
Easbhaidh cha dèan mo chlaoidh;
Mo Bhuachaill’ tha gam chòmhnadh,
Is chan eil càil am dhìth.
A ghliocas tha ri faire,
A shealadh chan eil dorch’;
Is aithne dha an rathad,
Is leanaidh mi na lorg.

Am feur tha gorm air thoiseach,
Nach fhaca mi lem shùil;
An iarmailt shoilleir togaidh,
Far robh na sgòthan dùmh’il.
Mo dhòchas cha ghabh tomhas,
Mo shlighe suas tha saor;
Aig Ìos’ tha m’ ionmhas falaicht’,
Is siubhlaidh mi ri ’thaobh.

Anna L. Waring (1823-1910) [MP 331]
Eadar-th. An t-Urr Ruairidh MacDhòmhnaill, Seinn an Duan Seo

Bu choigreach mi aon uair do Dhia is do ghràs,
Gun aithn’ air mo chionta, gun eagal ron bhàs;
Ged mholadh mo chàirdean dhomh Crìosd air a’ chrann,
Iehòbha Sidcènu * – bu neoni dhomh bh’ ann.

Mar nigheanan Shioin, bu deurach mo shùil,
’S na tuiltean dol thairis air m’ anam gu dlùth;
Gun smuain gum b’ i m’ aing’eachd-sa cheus air a’ chrann
Iehòbha Sidcènu – bu neoni dhomh bh’ ann.

Bu tric mi a’ leughadh, le h-aoibhneas is deòin,
Dàn buadhach Isaiah is cainnt shìmplidh Eòin;
Ach eadhon nuair sgrìobh iad mu Chrìosd air a’ chrann,
Iehòbha Sidcènu – bu neoni dhomh bh’ ann.

Ach nuair dhùisg saor-ghràs mi le solas on àird,
Rinn eagal mo luasgadh is b’ uamhas domh ’m bàs;
Aon fhasgadh no furtachd cha robh annam fhèin,
Iehòbha Sidcènu – b’ Fhear-saoraidh dhomh ’m fheum.

Ron ainm ud tha milis chaidh m’ uamhas air chùl,
Chaidh m’ eagalan fhuadach is tharraing mi dlùth
Do thobar a’ bheò-uisge dh’òl às gu saor –
Iehòbha Sidcènu, mo Shlànaighear caomh!

Nuair shiùbhlas mi gleann agus sgàile a’ bhàis,
An t-ainm seo tha buadhach bheir fuasgladh sa chàs;
’S o fhiabhras an t-saogh’l seo nuair shaorar mi chaoidh,
Iehòbha Sidcènu àrd-luaidheam nam laoidh.

(*Iehòbha ar Fìreantachd)

Robert M. M’Cheyne (1813–1843)
Eadar-th. A. Camshron LL.D.

Cluinneam, a Dhè, do ghuth
A ghairmeas thugad mi,
Chum m’ ionnlaid ann ad fhuil thar prìs
A shruth aig Calbhari.

Tha mi ’teachd, a Dhè,
Thugad fhèin, mo Rìgh;
Nigh mi, glan mi, anns an fhuil
A shruth air Calbhari.

Ged thig mi neòghlan, fann,
Neart bheir thu dhomh, gu beachd,
Is glanaidh tu gach truaillidheachd uam,
Chum m’ fhàgail geal mar shneachd.

’S e Ìosa ’tha gam ghairm
Gu creideamh iomlan ’s gràdh;
Gu foirfeachd dòchais, earbs’, is sìth,
Air thalamh is gu h-àrd.

’S e Crìosd a dhaingnicheas
Obair an àigh ’s a chrìdh’,
Le bhith ’cur gràis a mhèudach’ gràis,
’S a ghnàth ’cur peacaidh sìos.

Is bheir e fianais fòs
Don chridhe dhìleas, ghràidh,
Gum bi gach gealladh coimhlionta,
A thagras creideamh dhà.

Fàilt’ ortsa, fhuil na rèit’!
Is air gràdh-saoraidh fàilt’!
Fàilt’ air an tìodhlac – Crìosd ar Triath,
Ar fìreantachd, ’s ar slàint’!

Lewis Hartsough (1828-1919)
Eadar-th. A. MacRae, Gaelic Hymn Book

Fan còmhla rium, tha ’m feasgar ’ciaradh trom,
Is sgàil na h-oidhch’: a Dhè fan thusa leam,
Nuair thig an èis, ’s a thrèigeas càirdean dlùth,
O, Thì bheir neart don lag, fan còmhla rium.

Tha beatha triall ’s mo latha ’tigh’nn gu crìch,
Tha mais’ is glòir na talmhainn dol a dhìth;
Tha caochladh mòr ri fhaicinn air gach dùil:
O, Thusa chaoidh nach trèig, fan còmhla rium.

Chan e mo mhiann Thu triall air falbh gun dàil,
Mar neach air chuairt, ach Thu bhi gabhail tàimh,
Am chuideachd fhèin, a Dhè, le càirdeas dlùth,
A chaoidh nan cian nach trèig, fan còmhla rium.

Gach uair dhen là thoir dhomh do làithreachd threun;
Dè ach Do ghràs bheir buaidh air Sàtan fhèin?
Cò ach Thu fhèin bhios dhòmhsa mar reul-iùil?
Gach oidhch’ is là, A Dhè, fan còmhla rium.

Nuair tha Thu dlùth chan eagal leam aon nàmh,
Tha m’ inntinn stòld’, ’s tha uilc is deòir nan tàmh;
Bhon thug Thu buaidh air bàs is uaigh le cliù,
Nuair sheas Thu ’n àit’ do shluaigh, fan còmhla rium.

Henry Francis Lyte (1793-1847) [MP 4]
Eadar-th. Iain MacRuairidh [Air atharrachadh]

Ionnlaid dhomh mo chrìdh’,
Gun robh e mar òr, is airgead prìseil.
Ionnlaid dhomh mo chrìdh’,
Gun robh e mar òr, òr ghlan.

A Leaghadair, ’s e aon mhiann mo chrìdh’
Gun robh mi naomha,
Uile coisrigte Dhuts’.
Oir ’s e mo mhiann – naomhachd –
Coisrigte, Dhut fhèin, mo Mhaighstir
Leagte ri Do rùn.

Ionnlaid dhomh mo chrìdh’,
Glan mo thaobh a-staigh, is naomhaich mise.
Ionnlaid dhomh mo chrìdh,
Ionnlaid mi bhon olc, ’staigh nam bhroinn.

Brian Doerkson © 1990, Mercy/Vineyard Publishing [MP 921]
Eadar-th. Iain D. Urchardan

Ìosa, gabh mi mar a tàim,
Chan eil slighe eile ann
Thoir a-steach mi annad fhèin
Leagh-sa m’ fheòil is dèan e fann.
Dèan mi mar a’ chloich gun phrìs
fìor-ghlan is air m’ obrachadh
Beatha Ìosa deàrrsadh tromh’m
’Toirt a’ ghlòir air ais dhut fhèin.

Dave Bryant © 1978 Kingsway’s Thankyou Music [MP 382]
Eadar-th. Iain D. Urchardan

Mar is miann le fiadh an t-uisge,
tograidh m’ anam Thus’ a Dhè.
’S Tu a-mhàin mòr chàil mo chridhe
’s nì mi adhradh Dhutsa fhèin.

’S Tu a-mhàin mo neart, ’s mo sgiath,
’s ann Dhut a-mhàin shleuchdas m’ anam sìos,
’S Tu a-mhàin mòr chàil mo chridhe
’s ni mi adhradh Dhutsa fhèin.

’S Miann leam Thu thar òr is beairteas,
’s Tu a shàsaicheas mo rùn.
’S Tu a-mhàin a bheir dhuinn fìor aoibhneas
’s Tusa ubhal àrd mo shùil.

’S Tu mo bhràthair, is ’s Tu mo charaid,
ged tha Thusa na do Rìgh.
’S gràdh leam Thus’ as cionn nan uile
fad’ as cionn nì eil’ air bith.

Martin Nystrom © Restoration Music Ltd/Sovereign Music UK; [MP 37]
Eadar-th. Iain D. Urchardan

Mo thìm tha na do làimh
Cha b’ urrainn bhith na b’ fheàrr.
Mo bheatha, m’ anam, is gach dàimh
Gum fàgainn na do ghràdh.

Mo thìm tha na do làimh,
Ge b’ e thàrlas dhòmhs’,
Tlachdmhor neo cràiteach, soilleir dorch’,
A rèir do ghliocais mhòir.

Mo thìm tha na do làimh;
Cha theagamh dhomh neo fiamh:
An làmh ud athaireil, gun fàth
A leanabh gràidh cha phian.

Mo thìm tha na do làimh,
Ìosa, a chaidh gu bàs;
Na làmhan ud a bhior mo chron,
Gur m’ iùl iad nis ’s mo gheàrd.

Mo thìm tha na do làimh,
Is m’ earbsa na do ghràdh;
’S nuair gheibh mi thairis air an uaigh,
Rid thaobh gum bi gu bràth.

William F. Lloyd (1791-1853) [CH3 680]
Eadar-th. An t-Urr Ruairidh MacDhòmhnaill, Seinn an Duan Seo

O gu bhith coiseachd dlùth ri Dia,
Le sòlas nèimh nam chridh’!
Is solas soillseach air an ròd,
Chun Uan – ceann-uidh’ mo shligh’!

Cà bheil an t-àgh a dh’fhairich mi
Air tùs, nuair fhuair mi Crìosd?
Cà bheil, o m’ anam, sealladh grinn
De dh’ Ìosa ’s Fhacal fìor?

Bu mhòr an t-sìth a shealbhaich mi!
Cuimhnicheam i gu sìor!
Ach dh’fhàg i annam beàirn cho mòr,
An saogh’l gu lèir nach lìon.

O tìll, a Chalmain Naoimh, o tìll,
Àrd-theachdaire na sìth;
Mo thruaigh am peacaidh ’chuir ort bròn.
’S a dh’ fhògair thu om chrìdh’.

An t-iodhal air am mò mo mhiadh,
Ge b’ e air bith ciod e,
Cuiream a-sìos à d’ àit’ gu bràth,
’S adhram a-mhàin riut fhèin.

An sin bidh m’ imeachd dlùth do Dhia,
Is sàmhchair nèimh’ nam chrìdh’;
’s bidh m’ astar nas ro dheàlraich, rèidh,
Gach ceum a dh’ionnsaigh Chrìosd.

William Cowper (1731-1800); [MP 494]
Eadar-th. Gilleasbuig K. MacCalluim LL.D.

O mìorbhail gràis! Nach brèagh an ceòl:
’S e fhuair mi ’s mi air chall,
Air seachran dorch’, gun neart, gun treòir,
’S a dh’fhosgail sùilean dall’.

’S e gràs thug eòlas dhomh air m’ fheum;
’S e gràs thug saors’ is sìth;
’S cha cheannaicheadh an cruinne-cè
Chiad là bha fois nam chrìdh’.

Tre iomadh cunnart ’s trioblaid chruaidh
Thug e gu sàbhailt’ mi.
An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh
Chan fhàg ’s cha trèig gu sìor.

’S an dachaidh bhuain gun uair gun tìm,
’S deich mìle bliadhn’ mar là,
Cha sguir an ceòl ’s chan fhàs iad sgìth
A’ seinn gu bràth mun ghràs.

John Newton (1725-1807) [MP 31]
Eadar-th. An t-Urr. Iain MacLeòid

Tha m’ fheum ort anns gach uair,
A Thighearna nan Gràs;
Chan eil guth eil’ am chluais,
Bheir dhomh-sa sàmh.

Tha m’ fheum ort, O tha m’ fheum ort,
A h-uile uair tha m’ fheum ort,
O, beanniach mi, mo Shlànaighear,
Tha mise nis teachd dlùth.

Tha m’ feum ort anns gach uair,
O, fan-sa ri mo thaobh –
Mo bhuairidhean gun bhuaidh,
Nuair bhios thusa dlùth.

Tha m’ fheum ort anns gach uair,
An aoibhneas neo an cràdh;
Thig cabhagach gum thaobh,
Neo beatha tha gun stà.

Tha m’ fheum ort anns gach uair;
Do thoil, O teagaisg dhomhs’,
Is thoir dhomh coileanadh
Air geallaidhean cho mòr.

Annie S. Hawks, 1835-1918 [MP 288]
Eadar-th. An t-Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill, Seinn an Duan Seo

Tha sruth mo rè a’ tràghadh
Tha soills bho nèamh a’ deàrrs’;
A mhadainn òirdhearc dheàlrach
Tha ’nis ag èirigh ’n àird.
Dorch dorch’ bha meadhon oidhche,
Ach latha thig gun dàil;
Tha glòir! tha glòir a’ chòmhnaidh
’An tìr Imanueil.

’S e Crìosd an tobar fìor-ghlan;
Tha milis làn de ghràdh.
Na shruthain ’bhos a dh’fheuch mi,
Òlar nas pailt’ leam shuas.
Tha ’n sin mar chuan ’na lànachd,
A thròcair mòr gun cheann.
Tha glòir! tha glòir a’ chòmhnaidh
’An tìr Imanueil.

Le breitheanas is tròcair,
Mo bheatha rinn E suas;
Is thar gach deuchainn bhrònach
Tha ’ghaol-san ’faotainn buaidh.
’S beananicht’ an làmh a stiùir mi,
’S an crì ’ghabh mi às làimh.
Tha e nis ’na chathair rìoghail
’An tìr Imanueil.

Le strì is iomadh deuchainn,
Thig mi fa-dheòidh gu nèamh
ged tha mi bochd is sàraicht’,
M’ fhear-iùil bi’ leam gach ceum.
Nuair ’thuiteas duibhre, anmoch
’S a thig mo thìm gu ceann;
’Sann chì mi glòir a’ deàrrsadh
O thìr Imanueil.

Trom thuiltean lean mo cheuman
’S tric mi ’n gàbhadh geur
’Nis tha iad uil’ a’ m’ dhèidh
Mo chlàrsach cuiream ’nis air ghleus
O seinneam Aleluiah
Am measg na cuideachd mhòir,
Far an gabh glòir Dhè a chòmhnaidh
‘An tìr Imanueil.

Anne R. Cousin (1824-1906) [CH3 694]
Eadar-th. M. Caimbeul, Gaelic Hymn Book