Facal Dhè, A Ghnìomhan cumhachdach

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 4

1 O Sèidibh, le trompaid chruaidh,
An fhuaim tha aoibhinn, ait,
’Thoirt fios mar thaisbean Dia,
Dhan t-saogh’l a ghràs gu pailt.
Tha bliadhna Iubilè air teachd;
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

2 Ìosa, ar Sagairt àrd,
Le ’bhàs làn rèite rinn;
’Luchd-trioblaid, gabhaibh tàmh,
An Crìosd air feadh gach linn.
Tha bliadhna Iubilè air teachd,
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

3 Àrdaichibh Uan ar Dè,
An t-Uan thug ciont air falbh;
Air slàinte shaoir, tro ’fhuil,
Gabhadh gach aon neach seilbh.
Tha bliadhna Iubilè air teachd;
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

4 A bhraighdean truagh tha ’n sàs,
Làn shaorsa gabhaibh leibh;
Air tèarainteachd gu bràth,
Le Ìosa gheibh sibh seilbh.
Tha bliadhna lubilè air teachd;
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

5 Sibhse a reic gu faoin
An oighreachd ghlòrmhor shuas,
Gabhaibh a’ ghibht air ais,
Gun airgead is gun luach.
Tha bliadhna lubilè air teachd;
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

6 Trompaid an t-Soisgeil cluinn –
Deagh sgeul na slàinte saoir!
A chreidmhich, thigibh dlùth
An làth’r ur Slàn’gheir chaoin.
Tha bliadhna lubilè air teachd;
Tillibh, a pheacaich shaorta, ’steach.

L.M. LAOIDH 7

1 Na speuran àrd’ is àillidh dreach,
’S a sgaoil an gorm-bhrat cian a-mach,
Le ’n reultan deàlrach, maiseach, grinn,
Tha ’seinn dhan Cruithear co-sheirm bhinn.

2 Tha ghrian gun sgìos o là gu là
A’ sgaoileadh cliù a Dè ’s gach àit’,
’S a’ glaodhaich feadh gach tìr fa-leth,
“Cia treun an Dia thug dhomh mo bhith!”

3 Anmoch, tràth dh’ aomas neòil nan speur,
Togaidh a’ ghealach ait an sgeul,
’S dhan talamh, chluinn le tost a guth,
Innsidh i co thug dhi a cruth.

4 Na mìlte reul tha dhise dlùth,
Gach solas eile ’s lòchran-iùil,
Canaidh an sgeul seo fada ’s cian,
Bhon àird an ear gu ruig an iar.

5 Sàmhach is ciùin ged tha an triall,
Mu ’n talamh dhorcha seo ag ia’dh,
Guth ged nach cluinnear fòs no fuaim,
Nan imeachd dheàlrach, thostach, shuas;

6 Gidheadh, le cluasan tuigse ghlic,
Cluinnear am fonn ’s an ceòl gu tric,
A’ seinn gun tàmh air feadh gach linn,
“Is Tusa, Dhia, a chruthaich sinn!”

L.M. LAOIDH 8

1 Ciod e an onair gheibh thu uainn,
A Thighearna ar Dia, an t-Uan,
An uair nach cuir àrd-ainglean fhèin
Do chliù ’s do ghlòir gu bràth an cèill?

2 ’S airidh an tì ’bha aon uair marbh,
Prionnsa na Sìth ’dh’ òl domblas searbh,
’S airidh an tì ’fhuair slàinte dhuinn,
Air glòir is onair feadh gach linn.

3 Cumhachd is mòralachd b’ e ’dhuais,
’Dhìteadh le samhladh breith aon uair;
Do dh’ Ìosa buinidh gliocas Dhè,
Ged chaidh a mheas mar neach gun chèill.

4 Gach uile shaibhreas buinidh dha,
Ged dh’fhuiling e o ’bhreith gu ’bhàs;
Glòir thugaibh dhàsan aig gach àm,
Dh’ fhàg ’uile laigsinn air a’ chrann,

5 Onair neo-bhàsmhor ’s dligheach dha,
An àite maslaidh agus tàir’;
’S a-nis chuir Dia le ’laimh ma cheann
Crùn glòire grinn gun droighinn ann.

6 Beannaicht’ gu sìorraidh gu robh ’n t-Uan
A choisinn duinne slàinte bhuan;
A chliù biodh ainglean naomh a’ sèinn,
’S gach dùil ag ràdh gu h-àrd, Amen,

L.M. LAOIDH 9

1 Dh’èirich an Tighearn Ìos’ on uaigh,
Iehòbha Dia chaidh suas an àird;
Air cumhachd ifrinn thug e buaidh,
Is rinn e braighdean de gach nàmh.

2 Tha ’chathair-rìoghail ’feitheamh shuas,
Is ainglean ’seinn gu fonnmhor, binn:
A gheat’an nèamhaidh, fosglaibh suas,
Togaibh gu fìal ’s gu h-àrd ur cinn!

3 Fuasglaibh ur bainn tha deàlrach tròm;
Gu farsaing sgaoilibh as a chèil’;
Don Rìgh seo buinidh nèamh is fonn
Is uile lùchairtean nan speur.

4 Cò è seo fhèin Àrd-Rìgh nan Sluagh?
An tì a chuir gach nàmh fo chois,
A fhuair air ifrinn ’s bàs làn bhuaidh,
’S a choisinn slàint’ dha phoball, ’s fois.

5 Tha ’chathair-rìoghail feitheamh shuas,
Is ainglean ’seinn gu fonnmhor binn:
A gheat’an nèamhaidh fosglaibh suas,
Togaibh gu fial ’s gu h-àrd ur cinn!

6 Cò e seo fhèin Àrd-Rìgh nan Sluagh?
Iehòbha Dia, dham buin gach feart;
’S e Rìgh nan naomh is ainglean shuas,
An Dia dham buin gach cliù am feast.

S.M. LAOIDH 25

1 Am peacadh ’m buanaich sinn,
Ag earbs’ à meud do ghràis?
An ceus sinn Rìgh na Glòir’ a-rìs,
Ga chur gu dàn gu bàs?

2 Nar leigeadh Dia gun dèan!
’S na biodh e air a luaidh,
Am peacadh sin a cheusadh leis,
Gun togamaid on uaigh.

3 Cha tràillean sinn nì ’s mò;
Thug Ìosa saorsa dhuinn,
Is cheangail ri ’chrann-ceusaidh fhèin
An t-uallach ’thog e dhinn.

L.M. LAOIDH 40

1 San oidhche ’s an do bhrathadh Ìos’,
’S e rèidh gu bheatha leigeadh sìos,
Ghlac e an t-aran ’s bheannaich e,
Toirt buidheachais do Dhia nan nèamh.

2 ’N sin thubhaìrt e r’ a chàirdean gaoil,
’S e bristeadh ’n t-samhlaidh sin air fheòil:
“Seo glacaibh, ’s ithibh, is gu bràth,
Air chuimhne glèidhibh là mo bhàis.”

3 Ghlac e an cupan fòs na làimh,
Is thog e rìs a ghuth an àird,
Trath labhair e le briathran sìth,
Is teas-ghràdh ’lasadh suas na ’chrìdh’:

4 “M’ fhuil, amhail seo, bheir mise seach,
A dhìoladh ceartas Dhè, gu beachd;
Seo sèula cùmhnant slàint’ is gràis,
Cruaidh-naisgte leamsa ann am bhàs.

5 “Làn-luchdaichte le gràdh do dhaoin’
Tha ’n cupan seo, ’s an ioc-shlaint saor;
Gabhaibh dhe uile ’s bithibh beò;
Biobh cuimhneach orms’ thug suas an deò.”

C.M. LAOIDH 49

1 Slàinte! Cia glòrmhor dhuinn an fhuaim!
Cia freag’rach e dhar staid!
Tha ’n gràs tha tèarnadh pheacach truagh,
Ro iongantach air fad.

2 B’ e gliocas Dhè a-mhàin a dhealbh
Ciontaich a thoirt gu Glòir;
Is dh’ullaich ionmhas gràidh gun chrìch,
Gach sìon dhen chostas mhòr.

3 Làn cheartas, le sùil thoilichte,
Chunnaic an innleachd ghràis,
’S ghabh Crìosd os làimh an obair mhòr
A shèulachadh le bhàs.

4 Fìrinn is ceartas, neart is gràdh,
Dheàlraich le glòir nach gann,
Tràth dh’fhàg an Tighearn’ nèamh nan speur,
’S a bhàsaich e air crann.

5 Tha fìrinn ’s ceartas, neart is gràdh,
A’ deàlradh ’cheart cho mòr
Le tagradh Chrìosd gu h-àrd air nèamh,
Is ’uachd’ranachd an Glòir.

6 Seall peacadh nis, cia gràineil, searbh,
’S a’ toilltinn pèin is bàis;
Gidheadh tha ’m peacach beò gu fìor,
’S e ’n sìth ri Dia nan Gràs!

L.M. LAOIDH 54

1 Nuair dhearcas mi air crann nam buadh,
Air an do cheusadh Rìgh na Glòir’,
Measam gach buannachd mar là truagh,
’S is tàir ’s is fuath leam m’ uabhar mòr.

2 Gun dèanainn uaill, nior leigeadh Dia,
Ach an crann-ceusaidh Chrìosd ’s na ’ghràs;
’S gach nì air am bu mhò mo mhiadh,
Làn striochdam e dha fhuil ’s dha bhàs.

3 Gach làmh, gach cas, a cheann, ’s a chliabh,
Tha ’sileadh bròin, le gràdh d’ a rèir;
Gràdh ’s bròn cho mòr am facas riamh,
No crùn cho brèagh de dhroigheann geur?

4 Ged a bu leam air ’fhad an saogh’l,
Bu thiodhlac e gu tur ro chrìon;
Bu neo-nì truagh mar dhìol dha ghaol,
Mo bheatha, m’ anam, is gach sìon.

C.M. LAOIDH 59

1 Air d’ uile thròcair, O mo Dhia,
Tràth dhearcas mi gu dlùth,
A’ mosgladh suas tha m’ anam blàth,
Le h-ioghnadh, gràdh, is cliù.

2 Chan urrainn dhomh le briathran beòil
An taing a chur an cèill
Tha ’lasadh ann am chridhe staigh,
Ach dhuts’ an sin is lèir.

3 Do fhreastal chùm mo bheatha beò,
Gun uireasbhaidh gun dìth,
Ri àm dhomh bhith ’s a’ bhroinn am thost,
’S an crochadh ris a’ chìch.

4 Ri m’ ghearan is ri m’ osnaidh mhaoth’,
Chrom thu gu caomh do chluas;
’S mu ’m b’ urrainn dhomh aon ùrnaigh dhealbh,
Don bhalbh ghabh thusa truas.

5 Tiodhlacan lìonmhor dheònaich d’ iochd
Gu tric dha m’ anam maoth,
Mu ’n d’ thug mi riamh fainear cò ’n tì
Thug seachad iad gu caoin.

6 Trath ruith mi dian, gun mhothachadh,
An ceuman sleamhain òig’,
Do làmh, nach facas, dhìon, is stiùir,
Is chùm, gu seo, mi beò.

7 Bho iomadh sloc do-lèirsinn leam,
Bho rib is eangach bàis,
’S o bhuaireadh cealgach, blast’, an uilc,
Thug thu mi tèaraint’, slàn.

8 Tràth shearg mo ghruaidh fo anshocair,
Rinn thus’ i nuadh le slàint’;
’S Nuair bha mi bàitht’ am peacadh ’s bròn,
Dham anam dheònaich gràs.

9 Shruth mìle sochair shaoghalta
Bho d’ làimh ro fhaoilidh, chaoin;
Is ann an caraid dìleas, dlùth,
Dhùblaich thu m’ uile mhaoin.

10 Deich mìle mile comharr’ gràidh,
Fhuair mi om Dhia gach là,
Is cridhe ait a mhealas iad,
Le buidheachas, a-ghnàth.

11 Am fad ’s is beò mi molaidh mi
Àrd-Rìgh mo bheatha ’s m’ iùl;
’S an dèigh mo bhàis, an saoghal cèin,
Cuiridh mi ’n cèill a chliù.

12 Trath theirgeas nèamh, is muir, is tìr,
’S thig crìoch air là is oidhch’,
Mo chridhe taingeil seinnidh cliù
Do Dhia nan Dùl a chaoidh.

13 Feadh linntean bith-bhuantachd gu lèir,
Togaidh mi òran binn;
Ach O ’s ro ghoirid bith-bhuantachd
Gu moladh Dhè a sheinn.

C.M. LAOIDH 64

1 O thig, a Spioraid Naoimh, a-nuas;
Ath-nuadhaich sinn gu caomh,
Is beòthaich ann ar cridhe rag
Lasair do ghràidh ro naomh.

2 Gu h-aingidh tha ar n-anam fuar
Teann fuaight’ ri nithean faoin;
Chan eil e ’togairt dol a-suas
Gu sonas buan nan naomh.

3 A Thighearn chaoimh, cia cruaidh ar crìdh’;
Is nàir dhuinn e gu leòir;
Ar gràdh cia fann ’s cia fuar, a Dhè,
’S do ghràdh-sa dhuinn cho mòr.

4 O thig, a Spioraid Naoimh, a-nuas,
Is cùm sinn beò a-ghnàth;
Sgaoil ann ar n-anam gràdh ar Triath,
Is dùisgeadh sin ar gràdh.

C.M. LAOIDH 67

1 ’S E seo an là a dh’ èirich Crìosd,
’S am bi sinn suilbhir, ait;
Nis taisbean dhuinn do ghlòir, a Dhè,
Is dòirt do ghràs gu pailt.

2 Dh’èirìch e ’n dìugh o staid nam marbh,
Dh’ fhàg e gach nàmh fo ghlais;
Labhraidh a naoimh an diugh ma bhuaidh,
’S mar thug e ’shluagh air ais.

3 Beannaicht’ gu robh an neach a thig
Le sgeula gràis gu caoin,
Tha teachd an ainm Iehòbha Dia,
Le slàint’ do chlann nan daoin’.

4 Hosanna ait do Rìgh na Sìth,
Seinneadh gach dùil tha bhos;
’S biodh armailtean nam flaitheas àrd’
A’ seinn a chliù gun fhois.

C.M. LAOIDH 68

1 Biodh Sìon is a clann ro ait,
Seall, tha an uair air teachd
’S an cuala Dia a h-athchuinge,
’S an tog e i, gu beachd.

2 Tha ’duslach is a luaithre fòs,
Ro luachmhor ann ar sùil;
Togar a balla briste rìs,
Rèir òrdugh Dhè nan Dùl.

3 Trath thogar Sìon suas le Dia,
Taisbeanar e na ghlòir;
’S air cinnich iomallach am fad,
Bidh fiamh roimh ’aimn ro mhòr.

4 Tha Dia na shuidhe shuas air nèamh,
Le tròcair chaoimh na shùil,
’S ri osnaich phrìosanach ’tha ’n sàs,
Cromaidh e ’chluas gu dlùth.

5 Tèamaidh e iad o bhinn a’ bhàis,
’S cha tèid iad sìos dhan t-sloc;
Bhon cuibhreach gheibh iad fuasgladh deas,
Is slàint’ dhan anam bochd.

6 Seo innsear nuair a bhios sinn marbh,
Airson ’s gum molar Dia,
’S airson ’s gum bi gach ginealach
’Cur dòchais anns an Triath.

C.M. LAOIDH 76

1 Dhàsan a ghràdhaich anma dhaoin’,
’S a dhòirt gach braon dha fhuil,
Airson ar ciont a ghlanadh uainn,
’S ar dèanamh nuadh gu tur.

2 Dhàsan rinn sagairt ’s rìghrean dhuinn,
Air feadh gach linn do Dhia,
Biodh moladh, urram, agus gràdh,
Gu bràth air feadh gach ial.

3 Lìonar gach beul le binn-cheol dha,
’S gach crìdh’ le teas-ghràdh caomh;
Air thalamh canar moladh dha,
’S gu h-àrd le aingle naomh’.

4 Seall, teachd Mhic Dhè le neulaibh luath!
’S ro ait le ’shluagh an là,
Ach guilidh a luchd-casgraidh truagh
Le àmhghar is le cràdh.

5 ’S tu chiad neach ’s an neach deireannach,
’S leat bith gun tùs, gun cheann,
Iehòbha Dia, a bha, a tha,
’S a bhìos gu sìorraidh ann.

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 78

1 Biobh ait, ’s e Crìosd is Rìgh!
Gach cumhachd tha na làimh;
O Shìoin, seinn gu h-ait,
Is buadhaich thar do nàimh;
Togaibh ur crìdh’ ’s ur guth a-ghnàth;
Biobh ait, a naoimh, biobh ait gu bràth.

2 Tha Ìosa rìogh’chadh shuas –
An Dia tha gràsmhor, fìor;
Nuair ghlan e as ar ciont’,
Shuidh e na chathair-rìgh;
Togaibh ur crìdh’ ’s ur guth a-ghnàth;
Biobh ait, a naoimh, biobh ait gu bràth.

3 A rìoghachd mairidh chaoidh,
Air thalamh is air nèamh;
Tha ifrinn ’s bàs le chèil’,
Fo chumhachd Rìgh nan naomh;
Togaibh ur crìdh’ ’s ur guth a-ghnàth;
Biobh ait, a naoimh, biobh ait gu bràth.

4 Bidh e aig deas-làimh Dhè
’S an gèill a nàimhdean dhà,
’S aig òrdugh àrd an Rìgh,
An sleuchd iad sìos na làth’r;
Togaibh ur crìdh’ ’s ur guth a-ghnàth;
Biobh ait, a naoimh, biobh ait gu bràth.

5 Biobh ait an dòchas math;
Tha Ìos’, am britheamh, ’teachd,
Is bheir e suas a chlann,
Dhan dachaidh shìor, gu beachd;
Togaibh ur crìdh’ ’s ur guth a-ghnàth,
Biobh ait, a naoimh, biobh ait gu bràth!

C.M. LAOIDH 82

1 Cluinnibh sgeul ait! tha Ìos’ air teachd,
Rin robh o shean ar dùil;
Aonar gach cridh’ le gàirdeachas,
Seinnear gu bràth a chliù.

2 Tha ’n Spiorad ’dhòirteadh air gu pailt,
Ri fhaicinn anns gach nì;
Tha gliocas, cumhachd, eud, is gràdh,
Deàlradh na ’uile ghnìomh.

3 Le theachd làn shaorar braighde truagh,
’Bh’ aig Sàtan fo chruaidh ghlais;
Oir sgaoilidh e gach cuibhreach teann,
Is sgealbaidh dorsan prais’.

4 Le theachd neul cionta thèid air chùl,
’S thig fradharc iùil don dall;
Claisneachd don bhodhar, ’s cainnt don bhalbh,
’S don bhacach lùgh nam ball.

5 Le theachd gheibh bochd is uireas’ach
Lan dìol de shaibhreas gràis;
An cridhe briste ceanglar suas,
An t-anam truagh bidh slàn.

6 Thàinig là saoraidh ait ar Dia,
’S ar fìachan maithear dhuinn,
Oir choimhlion Dia a ghealladh mòr,
’S an còmhnaidh bidh e leinn.

7 Hosanna ait do Righ na Sìth
Bho seo a-mach ’s gu bràth;
Co-fhreagradh nèamh, is muir, is tir,
Le co-sheirm shìorraidh dha.

C.M. LAOIDH 86

1 Cia glòrmhor, alainn, cathair Dhè!
Sìon cia brèagh a snuadh’,
Innte chuir Dia a chathair-rìgh,
Gus mairsinn sìorraidh, buan.

2 A ballaidh dìonaidh e le ghràs,
Gu làr cha tuit i chaoidh;
Nì slàinte tèarmunn dhi gach taobh,
’S ifrinn chan fhaod a claoidh.

3 A dhorsa sìorraidh, èiribh suas,
Fosglaibh gu luath o chèill,
’S gun rachadh naomh-shluagh Dhe a steach,
A thug dha reachdsan gèill.

4 An seo gun airceas mealaidh sibh
Sìth shòlasach gu bràth –
Sibhse le ’n ionmhainn àrd ainm Dhè,
’S ’tha dèanamh buin à ’ghràs.

5 Earbaibh à Dia, sìor earbaibh às;
Gach eagal fògraibh uaibh;
Aig Dia tha cumhachd gus ur dìon
Feadh linn nan linn, gu buan.

C.M. LAOIDH 89

1 Faic m’ òglach, faic mo sheircein gràidh,
’S e àrdaicht’ ann am neart;
Mo roghainn e dhen t-sluagh gu lèir,
Dha thug mi spèis, gu beachd.

2 Airsan gu saibhir tùirlingidh
Mo Spiorad naomha fhèin,
Gus anns gach dùthaich iomallach
Mo bhreith gun cuir e ’n cèill.

3 Sèimh agus ciùin, gun gheilt no buirb’,
Bheir esan breith neo-chlaon;
Cha bhrist e ’m feast a’ chuilc tha brùit’,
’S cha mhùch e ’n lasair chaol.

4 Gu lasair sèidear leis an t-srad,
Dhan lag bheir e làn bhuaidh;
Feadh mhòr-thir ’s eilean sgaoilidh ’eud,
Is gèillidh dha gach sluagh.

5 Canaibh don Tighearn òran nuadh;
Air ’ainm biodh luaidh ’s gach àit’;
Feadh mara, ’s tire, ’s innse cian,
Biodh moladh Dhia gu bràth.

6 A chathair mhòr, is fhàsaich fhaoin,
Molaibh mar-aon ar Dia;
’S a’ mhachair thugaibh moladh dha,
’S na bheil nur tàmh feadh shliabh.

7 Seinneadh gach sluagh gu h-aon-sgeulach,
Glòir ion-mholt’ Dhè bhith-bhuain;
’S don chaithreim aoibhinn agus thruim,
Co-fhreagradh fonn is cuan.

C.M. LAOIDH 91

1 Dhaoine tartmhor, thigibh gu
Sruth pailt nan uisge beò;
An asgaidh gheibh am bochd a dhìol,
Gun airgiod is gun òr.

2 Carson a struidheas sibh ur maoin
Air nithean faoin nach biadh,
’S a chailleas sibh ur saoth’r gach là
Mu nì nach sàsaich miann.

3 Gu deònach cromaibh riums’ ur cluas,
Ma ’s àill leibh suaimhneas fìor;
Lem theagasg bidh ur n-anam beò,
Is gheibh sibh sòlas sìor.

4 Èistibh, is mairibh beò gu bràth,
Mo chùmhnant grasmhor ’s leibh;
An tròcair a rinn Daibhidh ait,
Gun airc bheir mise dhuibh.

5 Mar fhianais roghnaich ’s thog mi e,
Mar cheannard treun dham shluagh;
Gach fine gairmidh e o chèin,
’S bheir iad fo ’bhrataich buaidh.

6 Faic crìochan cian nach b’ aithne dhut,
Is do nach b’ aithne thu,
Àrd-fhàidh, dhad ionnsaigh cruinnichidh,
’S dhad ainm-sa bheir iad cliù.

7 ’N sin stiùrar dùthchan ìompaichte,
Le h-aoibhneas is le fois;
Na sleibhtean seinnidh air gach taobh,
Buaillidh gach craobh a bos.

8 An àite dhroigheann agus dhreas,
Bidh ùr-chroinn uain’ a’ fàs;
Mar seo sìor mhairidh; ’s bheir gach dùil
Àrd chliù do Dhia nan Gràs.

C.M. LAOIDH 94

1 Fàilte don là ’s an d’ èirich Crìosd,
Le cumhachd nìos on uaigh;
’S an d’ fhuair e air gach uile nàmh,
Air ifrinn ’s bàs làn bhuaidh.

2 Na ’leaba thostaich anns an ùir,
Ghabh Rìgh nan Dùl a thàmh,
Gu ruìg an treas là glormhor sin,
A shònraich e roimh làimh.

3 Chuir ifrinn ’s uaigh an làmh r’ a cheil,
G’ a chumail shìos fo ghlais;
Ach bhrist an gaisgeach dheth gach sàs,
Is dhùisg e ’n àird gu cas.

4 Dhad ainm ro àrd, a Thriath nam buadh,
Gach uair bheir sinne cliù;
’S le ’r n-ait-hosanna fàiltichidh
An là ’s an d’ èirich thu.

5 Slàinte is cliù gun chrìch dhar Dia,
An Triath le ’n d’ shaoradh sinn;
Dha seinneadh nèamh, is fonn, is cuan,
Gach uair hosanna binn.

6 Dhan Ath’r, dhan Mhac, ’s dhan Spiorad Naomh,
An t-aon Dia beò is fìor,
Biodh glòir is onair feadh gach linn,
Bho seo a-mach gu sìor.

L.M. LAOIDH 100

1 Bu mhìorbhaileach an Cumhachd treun
A dheilbh le ’ghuth an cruinne-cè;
Bha ioghnadh air na h-ainglean fhèin,
A luaidh air cliù ’s air gliocas Dhè.

2 Cia dorcha, dubh, neo-chuimt’, an stuth
Bhon bhriosg an cruthachadh ’s an àm;
Leum grian is reultan suas gu cruth,
Nuair labhair Dia, “Biodh solas ann.”

3 Bhon Chumhachd chèudn’ rinn muir is tir
Grad èirigh chun an inbhe cheirt;
Gach ainmhidh fòs, gach iasg, is èun,
Gach lus, is freumh, rinn Dia nam Feart.

4 Is rinn e ’n duine, ’n riaghlair mòr
Air uile ghnìomharan a làmh;
Ach thuit e, agus chaill e ’ghlòir,
Is fhuair e dòrainn agus plàigh.

5 Ach ’s ann na ’r cruth an Ìosa Crìosd
Tha miorbhaile a’ dol thar sgeòil;
Cha choimeas do ar deilbh a-rìs
A’ chiad ghath-grèin’ a sgap na neòil.

6 Ged tha sinn millte, caillte, truagh,
Taisbean do chumhachd air ar los,
Is deilbhidh d’ fhacal sinn as nuadh,
Le cridhe striochdt’ aig stòl do chos.

C.M.D. LAOIDH 105

1 Guth Ìosa chuala mi ag ràdh,
“Thig thugam is gabh fois;
Leag sìos air m’ uchd do cheann ’s tu sgìth,
Leag sìos e ’s bi aig clos.”
Gu Ìosa thàinig mi mar bha,
Sgìth, sàraicht’, agus trom,
Is fhuair mi annsan ionad-tàimh,
’S air m’ aigne chuir e fonn.

2 Guth Ìosa chuala mi ag ràdh,
“Seall bheir mi seach gu saor
De dh’uisge fìor, cròm sìos is òl
A fuaran beò nach traoigh.”
Gu Ìosa thàinig mi is dh’òl
Dhen t-sruthan bheò nach gann;
Bha m’ iota caisgt’, fhuair m’ anam neart,
’S mo bheatha nis tha ann.

3 Guth Ìosa chuala mi ag ràdh,
“Is mise soills’ an t-saogh’l;
Seall rium, ’s a’ mhadainn deàlraidh ort,
’S do là bidh geal a chaoidh.”
Gu Ìosa sheall mi agus fhuair,
Annsan mo reul ’s mo ghrian;
’S an t-solas ghlan seo gluaisidh mi,
Gu deireadh làith mo thriall.

C.M. LAOIDH 106

1 An dòighean dìomhair gluaisidh Dia,
Thoirt ’iongantais mun cuairt;
Mar charbad dha tha ’n doineann dhian,
’S tha lorg a chois ’s a’ chuan.

2 An doimhneachdan de ghliocas sìor,
Tha ’rùintean taisgte suas;
Is cuirear leis a thoil an gnìomh,
Mar ’s miann leis fhèin gach uair.

3 Ùr-mhisneach glacaibh, ’naoimh gun treòir,
Na neòil is duirch’ tha làn
De thròcair chaoimh, is dòirtear leò
Oirbh maitheas mòr gun dàil.

4 Na measaibh Dia tre shealladh mhàin,
Na ’ghràs cuiribh ur dùil;
Air cùl an fhreasdail dhuirch’ tha gràdh
A’ lasadh ghnàth na ’ghnùis.

5 A rùintean abaichidh gu luath,
’S iad fosgladh suas gun tàmh;
’S ged robh a’ ghucag searbh ’s an uair,
Bidh mìls’ is buaidh ’s a’ bhlàth.

6 As-creideamh dall ’thèid cli ’s gach ceum,
Gnìomh Dhè a-chaoidh cha sgrùd;
’S e Dia ’s fear-mìneachaidh dha fhèin,
’S nì soilleir, rtìdh, gach cùis.

C.M. LAOIDH 108

1 Nuair thogadh suas an nathair phrais,
Le Maois san fhàsach chruaidh,
Dhearc oirre ’n dream bha dlùth dhan bhàs,
Is shlànaicheadh an sluagh.

2 Mar seo tha Crìosd air ’àrdachadh
Gu slàinte thabhairt dhuinn;
Seallaidh na slòigh ’chaidh lot an àird,
Is slànaichear gach tinn.

3 Cia anmhor tròcair Dhia nan Gràs,
Cia pailt’ a ghràdh is ’iochd,
A thug a Mhac na ìobairt suas,
A dh’fhulang truaigh nar riochd.

4 Chan ann a dhìteadh clann nan daoin’,
A thàinig Crìosd o nèamh;
Geur-lann gu sgrios cha robh na làimh,
No bagradh bàis na bheul.

5 Ach thàinig e a shàbhaladh
Bho pheacadh is o thruaigh;
Gach neach a bheir dha gèill is gràdh,
Gheibh slàinte bhos is shuas.

6 Ach leanaidh dìoghaltas gu luath
An sluagh nach gèill na thràth,
An dream nì dìmeas air Mac Dhè,
’S nach èist ri tairgs’ a ghràis.

C.M. LAOIDH 118

1 Uaibh fògraibh eagal ’s iom’gain crìdh’,
’S na biodh ur dòchas fann;
Earbaibh à freastal Dè, a-ghnàth,
’S am ghràdh-sa, gach aon àm.

2 Gu àros m’ Athar tillidh mi;
Ann ’s lionmhor ionad-tàimh,
’S is dealrach glòir na rìoghachd sin,
Ga ’lionadh air gach làimh.

3 Roimhibh thèid mise, gus, n’ ur n-ainm,
Gun gabhainn seilbh gu h-àrd,
‘S gun ullaichinn am rìoghachd dhuibh
Gu sìorraidh, àite-tàimh.

4 Ach tillidh mi air m’ ais a-rìs,
Is bheir mi sibhse leam;
An sin cha dealaich sinn nì ’s mò,
’S cha bhi sibh brònach, trom.

5 A’ Bheatha ’s mi, ’s an Fhìrinn fòs,
’S an t-Slighe suas gu Glòir,
Is bheir mi ’n dream a leanas mi,
Gu sonas anbharr mòr.

6.4.6.4.D. LAOIDH 123

1 Borb bha na garbh-thonnan,
Dorcha bha ’n oidhch’;
Ràmhach bha saothrachail,
’S caoir gheal ri soills’;
Fiamh air na maraichean,
’S cunnart dhaibh teann,
Nuair thuirt an Tigheama,
“Sìth! ’s mise th’ ann.”

2 ’Chìrein nan stuadhan àrd’,
Ìslich do dhos;
’Ghaoir chruaidh Euroclydon,
Bi-sa aig clos;
Bròn agus dorchadas
Teichidh nan deann
nuair their an Soills’ e fhèin,
“Sìth! ’s mise th’ ann.”

3 Ìosa, ar Slànaighear,
Dhòmhsa thig dlùth;
Stiùir mi tron bheatha seo,
’S bi nad fhear-iùil;
’N sin nuair bhios stoirm an Aoig
’G èirigh le greann,
Cluinneam do chagar sèimh,
“Sìth! ’s mise th’ ann.”

C.M. LAOIDH 125

1 Thug mi do shlighe ’n uilc mo mhiann
Gun suim do Dhia no dhaoin’;
Ach fhuair mi sealladh a chuir srian
Rim ana-miannaibh baoth’.

2 Chunnaic mi Fear ’s e air crann-ceusd’,
’S a ghruaidh fo neul a’ bhàis;
Sùil chràiteach thionndaidh e orm fhèin,
’S mi toirt dha beum’ measg chàich.

3 Ach O b’ i sin an t-sùil nach tèid
Às m’ aire fad mo rè;
Oir dh’fhag i ormsa ciont’ a bhàis,
Gun fhacal as a bheul.

4 Mo chogais dhùisg a suas gu searbh,
Is ghlac an-earbs’ mi beò,
Ga fhaicinn crocht’ le tàirngean garbh
’Chuir m’ eu-ceart garg tro ’fheòil.

5 Mo thruaigh, bha m’ inntinn troimhe-chèil,
’S ag èigheach, “’S faoin mo dheòir;
O càit’ am falaich mi mi fhèin,
Oir cheus mi Rìgh na Glòir’?”

6 Sùil eile thug e orm bha ’g ràdh,
“Mhaith mi gu bràth do lochd;
’S an fhuil seo (dòirteam ann ad àit’,
Thoirt slàint’ dhad anam bochd.

7 “An seo car sealain bidh do chuairt,
Ach thig an uair fa-dheòidh,
’S am till mi rìs gad ghiùlan suas,
G’ ar dachaigh bhuain an Glòir.”

7.6.7.6.D. LAOIDH 130

1 Àrd-Chliù do Rìgh na Slàinte,
Hosanna do Mhac Dhè!
Le h-iolach cuiribh fàilt’ air,
A shlòigh a’ chruinne-chè.
Seall, thàinig e ’sgrios eu-ceirt,
A chur an tràill fa-sgaoil,
Thoirt seachad iobairt-rèite,
’S a dh’èigheach sìth do dhaoin’.

2 Mar fhrasan nì e tùirling
Air gnùis an fhearainn chruaidh;
Mar fhàileadh ròsan cùbhraidh
Nì aiteas naomh dol suas;
Bidh teachdair air na slèibhtean,
Ag èigheach roimhe sìth;
Is còir is ceart na ’chèumaibh,
Mar fhìor-uisg’ èiridh nìos.

3 Borb Innseanaich an fhàsaich,
Sìos lùbaidh dhàsan glùn;
Is Africa nan tràillean,
Chì fhathast glòir a ghnùis’;
Bho iomaill chian gach tìre,
An sìth thig luingis àrd’,
Gus saidhbhreas mòr nan Innsean
Mar chìs gun toir iad dha.

4 Na ’làthair sleuchdaidh rìghrean,
Ag ìocadh òir is tùis’;
Dha adhraidh sluagh gach tìre,
Is bheir gach treubh dha cliù.
An sìol ’chaidh chur le deuraibh,
Bidh fliuch le drùchd nam beann;
’S an àird nì ’thoradh èirigh,
Mar Lebanon nan crann.

5 Gach nàmh bidh dhàsan strìochdte,
A rìoghachd bidh bith-bhuan;
Bidh slàinte, buaidh, is sìochaint,
A’ lionadh cup a shluaigh;
’S ged theirgeas tìm, cha dìobair
A choicheangal gu bràth;
Is mairidh ’ainm gu sìorraidh,
Ainm prìseil, mòr, a ghràidh.

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 139

1 Molaibh Iehòbha mòr,
Àrd-mholaibh Dia gu bràth;
Bho nèamhan molaibh e
’S na h-ionadan is àird’.
Thugaibh, a shluaigh,
Dha glòir gu lèir,
’S uil’ ainglean Dhè
Tha chòmhnaidh shuas.

2 O ghrian ’s a ghealach fòs,
’S a reultan glan’ nan speur,
Bho nèamh nan nèamh gun fhois
Molaibhse Dia le chèil’.
Chaidh ’àithn’ a-mach,
Is rinneadh sìbh;
Reachd thug e dhuibh
Bhios buan am feast.

3 A dhràgona ’s a dhoimhn’,
Bhon talamh molaibh Dia;
Gaoth, teine, sneachd, is ceò,
A choileanas a mhiann;
Na sleibhtean, ’s fòs
Na cnuic ’s gach àit’;
Gach craobh fo bhlàth,
’S na sèudair mhòr’.

4 Gach ainmhidh is gach dùil,
Is eunlaith luath nan speur;
Gach rìgh air thalamh tha,
’S na h-uachdarain gu lèir;
Gach duin’ is òigh,
Gach òg is sean,
Molaibhse ainm
Iehòbha mhòir.

5 Glòir Dhè os cionn nan nèamh,
Is ’ainm ion-mholta tha;
Leis dh’àrdaicheadh a shluagh,
’S an adharc thog e ’n àird.
’Chlann Israèil,
Tha dhàsan dlùth,
Ardaichibh cliù
Iehòbha thrèin.

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 176

1 Faic e ’teachd le neul gu greadhnach,
Dh’fhuiling airson pheacach truagh;
Mìle mìle naomh na ’chuideachd,
Air a threubhachas a’ luaidh;
Hallelùiah!
Thàinig Dia mar rìgh a shluaigh!

2 Chì, a-nis, gach uile bheò e,
Sgeadaichte le anbharr glòir’;
’N dream a reic is leis nach b’ fhiù e,
’Lot ’s a chiùrr an Slàn’ghear mòr,
Am Messiah
Chì an sùil, le caoidh is deòir.

3 Teichidh roimhe nèamh is talamh,
Leis gach eilean, cuan, is beinn;
’S a luchd-fuath’, le geilt is uabhas,
Cluinnidh ’n trompaid chruaidh a’ seinn-
Thigibh uile,
Thigibh, a chum cùirt is binn’!

4 Seall, a’ teachd an t-Slàinte shìorraidh,
larrtas iomadh ùrnaigh ghèir;
Is na naoimh bha cian fo dhìmeas,
Bheir dha còmhdhail anns an speur;
Hallelùiah!
Faicibh latha glòrmhor Dhè.

5 Seadh, Amen, gach uile chliù dhut,
Air do chathair-rìoghail shuas!
Gabh, a Shlànaigheir, do chumhachd,
Glac an rìoghachd mar do dhuais;
Thig gun mhaille!
Dhia neo-chrìoch’naich, thig a-nuas!

5.6.6.4. LAOIDH 177

1 Dia a rinn an saogh’l,
An cuan, an speur, ’s gach nì,
An solas àigh a sgaoil,
Gleidhidh e mi.

2 Dia a rinn gach blàth,
Gach achadh feòir, ’s gach frìth,
A shocraich oidhch’ is là,
Glèidhidh e mì.

3 Dia nan nèamh gu h-àrd,
Le ’n glòir, ’s e fhèin an tì
Nì stà dhomh ’n àm mo bhàìs,
’S gleidhidh e mi.

4 Dia ’rinn fonn, is cuan,
Na reultan shuas, ’s gach sìon,
’S ’tha ’toirt nan tràth mun cuairt,
Glèidhidh e mi.

5 Dhè mo bhith is m’ fhàis,
Mo ghuidhe riut is i,
Nuair bhios mi ri uchd bàis,
Glèidh thusa mi.

6 Dia ‘thug suas a Mhac
Gu bàs air Calbharì,
Air-san ma bhios mo thaic’,
Gleidhidh e mi.

7 Ann an Tìr an Àigh,
’Uile luchd-gràidh Nuair chÌ,
Seinnidh mi leò gu bràth,
“Ghlèidh esan mi.”

C.M. LAOIDH 182

1 Ierusaleim, mo dhachaidh àigh,
Nad ionnsaigh cuin thig mi?
O cuin a chrìochnaichear mo bhròn,
Is d’ aoibhneas cuin a chì?

2 O thìr ’tha taitneach, sòlasach,
O chala ait nan saoi,
Chan fhaighear bròn am feast nad chòir,
No cùram, saoth’r, no caoidh.

3 Chan ’eil innt’ sannt no ana-miann,
No farmad fòs, no strì;
Chan eil innt’ acras, tart, no teas,
Ach taitneasan gun dìth.

4 Do bhallachan is clachan taght’,
Do dhaingneach daoimean geàrrt’,
Do gheatachan is neamhnaidean –
Mo mhiann bhith ’n siud gu h-àrd!

5 ’S ro ghrinn a tùir ’s a binnein àrd’
Le deàrrsadh mhòran leug;
Le iasper, crisolit, ’s gach clach
Is taitniche na chèir.

6 Le fuaim ro chaoin tha ’n abhainn bheò
A’ sruthadh feadh gach sràid,
’S mu ’bruachan glasa air gach taobh,
Tha craobh na beatha ’fàs.

7 A craobhan toradh bheir gach mìos,
Is fàsaidh iad gach rè;
’S bheir uile shlòigh an domhain mhòir,
Dhut fhèin an glòir gu lèir.

8 lerusaleim, mo dhachaidh àigh,
Mo mhiann bhith annad shuas!
O b’ fheàrr gun crìochnaicheadh mo bhròn,
’S gum faicinn d’ aoibhneas buan!

S.M. LAOIDH 184

1 Chaidh thu a suas gu h-àrd,
Gu àros naomh na glòir’,
’S mun cuairt dhad chaithir-rìgh, gun tàmh,
Tha fonn nan clàrsach òir.

2 Tha sinne ’n seo air chuairt,
Gar buaireadh anns gach ceum;
O cuir an Comhfhurtair a-nuas,
’S thoir sinn gud shuaimhneas fhèin.

3 Chaidh thu a suas gu h-àrd,
Mar churaidh làidir, treun;
Ach thriall thu ceuman bròin is cràidh,
Gu crùn gu bràth nach trèig.

4 Le h-eagal diadhaidh ’s bròn,
’S an ròd seo gluaisidh sinn,
Oir treòraichidh e sinn fa-dheòidh,
Gu còmhnaidh leat gach linn.

5 Chaidh thu a suas gu h-àrd,
Ach thig an là gu luath
San till thu rìs le caithream àrd
Uil’ armailt àigh nam buadh.

6 Led Spiorad saor, gu treun,
O stiùir ar ceum gach uair;
’S thoir àite aig do dheas-làimh fhèin,
Trath dh’èireas sinn on uaigh.

L.M. LAOIDH 187

1 An Tighearn thig, is clisgidh ’m fonn,
’S na beanntan daingean trèigidh ’m bonn;
’S a’ searg’ à speuran àrd na h-oidhch’,
Na reultan diùltaidh ’n lèusan soills’.

2 An Tighearn thig; ge-tà, chan ann
Mar rinn e roimhe, ìosal, fann,
Na uan gu casgraidh ’dol gu balbh,
An tì ’bha brùite, leòinte, marbh.

3 An Tighearn thig an cruitheachd fuais,
Am filltean teine ’s doininn suaint’,
Air sgìathan cherub agus gaoith,
Am Breitheamh mòr air cloinn nan daoin’.

4 ’N e seo an ti a bha aon uair
A’ siubhal slighe ’n t-saoghail thruaigh,
Fo fhanaid spòrs, ’s le ainneart rèubt’,
An Nàsarach, an tì bha cèust’?

5 Na daoi nì glaodh ri creagan cruaidh’,
Ag iarraidh dìon an còs nan cruach;
Ach creideamh, buadhmhor thar na h-uaigh’,
Seinnidh gu h-ait, “Seall, Rìgh nan Sluagh!”

7., Ten lines, LAOIDH 189

1 Èist san iarmailt òran binn –
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh!
Sìth air thalamh ’s tròcair shèimh,
Dia is daoine rèidh ri chèill’
Dùisgibh suas, a shlòigh gu lèir,
’S freagraibh caithream-bhuaidh nan speur;
Togadh talamh ’s nèamh an guth –
“Rugadh Ìosa Crìosd an-diugh!”
Èist san iarmailt òran binn –
“Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh!”

2 Crìosd dhan toir na nèamhan cliù;
Crìosd, aon Tighearn mòr nan dùl;
Seall, aig crìch nan linn e ’teachd,
Gineal òighe ’s e, gu beachd;
Seall, an diadhachd anns an fheòil,
Sgàil na daonnachd air a ghlòir;
Ghabh e tlachd an comann dhaoin’,
Ìosa, ar Immanuel caomh!
Èist san iarmailt òran binn –
“Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh!”

3 Fàilt’ do Phrionns’ na Sìth on àird!
Fàilt’ do sholas Grian an Àigh!
Bheir e beatha do gach aon,
Slàint’ fo ’sgèith do chloinn nan daoin’;
Chuir e uaith a ghlòir le gràdh,
Gus ar dìon o chumhachd bàis;
Togar leis-san daoine suas,
’S nì e iad nan gineal nuadh.
Èist san iarmailt òran binn –
“Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh!”

C.M.D. LAOIDH 191

1 Air oidhche àlainn thùirling e,
An t-òran glòrmhor àigh,
Bho ainglean àrd’ a’ dlùthachadh
Len clàran-ciùil mu ’n mhàgh;
“Mòr-ghlòir do Dhia, air thalamh sìth,
’S deagh-ghean do dhaoin’ gach linn,”
Gu tostach dh’èist an cruinne-cè
Ri ainglean Dhè a’ seinn.

2 Faic iad a’ tèarnadh tro na neòil,
Air sgiathan caomh na sìth;
Chùm àrmailt nèimh gun sgur ri ceòl,
Os cionn an t-saoghail sgìth;
Tha iad a’ cromadh dlùth le bàigh,
Thar tir a’ bhròin ’s na teinn;
Is thairis air a’ bhuaireas àrd,
Tha ainglean Dhè a’ seinn.

3 Dà mhìle bliadhna ruith an cuairt
Fo cho-sheirm bhinn nan laoidh,
Gidheadh le eu-ceart agus fuath
Tha ’n saoghal air a chlaoidh;
Tha daoin’ a’ cath an aghaidh dhaoin’,
’S le naimhdeas air an roinn;
Chan èist iad ris an òran ghaoil
’Tha ainglean Dhè a’ seinn.

4 O sibhs’ tha dol, le ceuman fann,
Fo uallach trom a’ bhròin,
Air rathad dorcha, doirbh, tron ghleann,
’S a fhuair gu tric ur leòn,
Biobh ait, tha ’n t-àm a’ tarraing dlùth
A dh’fhuasglas sibh o phèin;
O èistibh, Nuair a tha sibh shìth,
Ri ainglean Dhè a’ seinn.

5 Faic là an aoibhnis dlùth do làimh,
Mu ’n d’ rinn na fàidhean sgeul!
Tha bliadhn’ na saorsa cinnteach dhuinn,
Mar ’ghealladh le am beul;
Bheir nèamh is talamh nuadh an gèill
Do Rìgh na sìth r’ a linn,
Is èiridh fonn on chruinne-chè,
Mar ainglean Dhè a’ seinn.

20a.7.7.7. LAOIDH 196

1 ’S ait an sgeul tha ’n diugh ri luaidh, Halleluiah!
Dh’èirich Ìosa Crìosd le buaidh, Halleluiah!
Dh’fhuiling esan air a’ chrann, Halleluiah!
’S choisinn slàinte shìor dha chlann; Halleluiah!

2 Laoidhean-molaidh bheir sinn dhà, Halleluiah!
Righ nan rìgh a tha ’s a bha, Halleluiah!
Fhuair e bàs is laigh san uaigh, Halleluiah!
Shaoradh pheacach dìblidh, truagh; Halleluiah!

3 Ach b’ e ’àmhgharan ’s a bhròn, Halleluiah!
Choisinn dhuinn an t-saorsa mhòr, Halleluiah!
Tha e nis na ’Rìgh air nèamh, Halleluiah!
Measg nan ainglean ’s àillidh sgèimh; Halleluiah!

4 Seinneamaid do Dhia nan Gràs, Halleluiah!
Cliù buan-mhaireann mar a ghràdh, Halleluiah!
Moladh còisir ainglean shuas, Halleluiah!
Trianaid bheannaichte nam buadh; Halleluiah!

C.M. LAOIDH 203

1 Seall, dh’ èirich solas air na slòigh
Bha chòmhnaidh ’n duibhre bàis;
Is air an t-sluagh a bha fo sgàil,
Nis dhealraich Grian nan gràs.

2 Ad ionnsaigh-sa, a Ghrian an àigh,
Le fàilte thig gach sluagh,
’S iad aoibhinn mar luchd-buan’ on fhaich’,
’S am foghar taisgte suas.

3 Oir thog thu dhinn ar n-uallach goirt,
Is mhill ar n-uile nàmh;
Led ghàirdean treun ghrad thilg thu sìos
An t-iomlan chun an làir.

4 Mar laoch a’ ruith feadh fala ’s àir,
Tha Slànaighear nam buadh;
Mar cheuman dealanaich nan speur,
Bheir thu fo ghèill gach sluagh.

5 Seall, dhuinne rugadh Mac an àigh;
Fhuair sinne Slàn’ghear treun;
Gach treubh air thalamh gèillidh dha,
’S na h-ainglean àrd’ gu lèir.

6 Prionnsa na Sìochaint canar ris,
’S e ’n tì tha glic is treun;
Le ceartas riaghlaidh e gach sluagh,
Bho ’chathair shuas air nèamh.

8.8.8. LAOIDH 204

1 Là na feirge! là an àmhghair!
Mar chaidh aithris leis na fàidhean;
Nèamh is talamh ’dol nan smàlan.

2 ’S ann a bhios ar crìdh’ gar trèigsinn
’N àm dhan Bhritheamh teachd le neulaibh,
’S bheir e binn dham feumar gèilleadh.

3 Sèididh ’n trompaid sanas èitidh,
Cluinnidh na tha marbh gu lèir e,
’S cruinnichear gu Mòd Mhic Dhè sinn.

4 Clisgidh ’m Bàs, ’s an cruinne gluaisidh,
Nuair a dhùisgear às an uaigh sinn,
’Dhol a sheasamh Mòd an uamhais.

5 Seall an Leabhar beachdail, sgrìobhte,
Anns a bheil gach nì air ìnnseadh,
’S às am faigh gach neach a dhìoladh.

6 Air dhan Bhritheamh dol na ’chathair,
Thig gach dìomhaireachd à falach,
’S èucoir cha tèid às gun pheanas.

7 Och mo thruaigh! is mi chion treòire,
Cò nì tagar airson fòir dhomh,
’S èubh nam fìrean fhèin ri tròcair?

8 Rìgh a’ chumhachd is na mòrachd,
’Thug gu gràsmhor slàinte mhòr dhuinn,
Dèan, le h-iochd, ’s an là sin còmhnadh.

9 Ìosa, bhrìgh gur e mo shaoradh
’Chuir thu ghabhail cruth chlann-daoine,
O na fàg mi ann an daor-chàs.

10 Lag is claoidhte, rinn thu m’ iarraidh;
Cheannaich mi air crann na h-iargain;
Am bhi gràs cho mòr an diamhain?

11 Bhritheimh cheirt! o pheacadh ’s truailleachd,
Deònaich ionnlad agus fuasgladh,
Mu ’n tig latha feirg is uamhais.

12 Ciontach, tha mi caoidh gu dìblidh;
Aidicheam mo lochdan lionmhor;
Furtaich orm, a Dhia, ’s na dìt mi.

13 Dhan mhnaoi pheacaich thug thu slàinte,
Is dhan ghadaich àit’ am Pàrras,
’S thug thu dhòmhsa dòchas teàrnaidh.

14 ’S fann, neo-airidh, m’ acain ’s m’ iarrtas,
Ach, a Dhè nan gràsan fialaidh,
Teasairg mi o dhìteadh sìorraidh.

15 Thoir led chaoirich chaomh dhomh àite;
’Measg nan gobhar O na fàg mi;
Ach gud dheas-làimh tog an àird mi.

16 Nuair a bhios na daoi gan lèireadh,
’S air am fuadachadh gu lèir-sgrios,
’Measg do naoimh O tionail fhèin mi.

17 Anns an dust gu diblidh sleuchdam,
Faic mo chridhe truagh fo dheuchainn,
’S dèan mo dhìon an uair na h-èiginn.

18 Là nan deur, O là an tùrsaidh!
Às na h-uaighean sluagh a’ brùchdadh,
’Dèanamh deas air son na Cùirte.

19 Dhia, nad thròcair thoir dhaibh teàrnadh;
Ìosa chaoimh, a Thriath ro ghràsmhoir,
Thoir gud shuaimhneas buan gu h-àrd iad!

C.M. LAOIDH 206

1 Dhaoine, dùisgibh suas gu seinn
An òrain nèamhaidh, nuaidh;
Le ainglean fàiltichibh an là
’S an d’ rugadh Rìgh nan Sluagh.

2 Am binn-cheòl thòisich shuas air tùs,
Measg àrmailtean nan nèamh;
’S air feadh gach àit’ san ionad ud,
Chaidh ’m fuaim le clàrsaich naoimh;

3 Bha ’n òran is an aoibhneas nuadh
Do dh’ainglean glòrmhor Dhè,
’S ruith e gun tàmh air feadh gach dùil
’Bha ’g àiteachadh nan nèamh;

4 A-nuas tro lùchairtean nan speur
Thàinig an sgeul gu grad;
’S le h-aoibhneas ruith na h-ainglean nuas
Gu daoine leis gun stad.

5 Cluinn iolach àrmailtean nan neamh!
Is e seo brìgh an dàin –
“Gach glòir do Dhia air feadh gach linn,
Is sìth do chlann nan daoin.”

6 Co-fhreagramaid le aoibhneas àrd –
“Gach glòir do Dhia nan Gràs;
Sìth is deagh thoil a-nis do dhaoin’,
Oir rugadh Crìosd gu bàs.”

7 A Phrionns’ na Beatha, mile fàilt’!
Mo Shlàn’ghear o gach truaigh!
Ged fhàilnich uainn gach nì ’s gach dùil,
Gheibh thusa cliù bith-bhuan.

C.M. LAOIDH 207

1 Biobh tostach, uile chlann nan daoin’
Trath ghlaodhas gliocas Dè;
A bhriathran thugar leibh fainear,
’S dha earail thugaibh gèill.

2 Bu mhise annsachd Dhè o thùs,
Mu ’n robh na nèamhan ann;
’S mu ’n d’ fhuair an domhan mòr a bhith,
Bha mise feadh gach àm.

3 Trath chroch e ’n talamh cothromaicht’,
Gun taic rìs o aon taobh,
Dhearc mi le sòlas mòr an sin,
Air ionad-còmhnaidh dhaoin’.

4 Dhealbh smaoin mo chrìdh’, o shìorraidheachd,
Làn tèarmann dhaibh on bhàs;
Neo-chaochlaideach, o sin gu seo,
Tha m’ iochd dhuibh is mo ghràdh.

5 Ri m’ theagasg èistibh, uime sin,
Is gheibh sibh beatha uaith;
Is sona ’n tì bheir gèill dham lagh,
’S bidh ’n tì nach tabhair truagh.

6 Is mise nì gu nèamh an t-iùl,
’S an slighe rèidh dham shluagh;
Tha beatha ’s càirdeas aig gach neach
A leanas mi gach uair.

7 Ach ’s nàimhdean mòr dhan anam fhèin;
Na dhiùltas gèill dham reachd;
’S na bheir mòr-fhuath dham theagasg naomh,
Gu ifrinn thèid, gu beachd.

11.11.11.11. LAOIDH 212

1 O Sioin, ’s tu sàraicht’ le bàth-thonnan mòr’,
’S gun duin’ ann le gàirdean tha làidir gu fòir;
An cuan ag àrd-bheuchdaich gun leus air an oidhch’,
Do mhisneach air gèilleadh ’s do neart uile claoidht’.

2 Glas-chirein gach sumainn tha ’g èirigh na ’smùid,
Ach ’s abalt’ am maraich’ tha-ghnàth aig an stiùir;
Fo bhòid chuir e ’chumhachd, a ghealladh, ’s a chridh’,
Gun cuir e fa-dheòidh thu gu sàbhailt air tìr.

3 “Cha leig mi thu ’n diochuimhn’; chan urrainn dhomh ’chaoidh,
Na tuiltean chaidh tharam nad àit ’chur am chuimhn’;
Na slocan seo ’m dheàrnan, is lèir dhomh gach là,
Tha fèuchainn na dh’fhuiling mi chean’ air do sgàth.

4 “Nad chliabh chan eil acain nach eil ga mo leòn,
Oor dàimh dhut tha agam trid fal’ agus feòl’;
Do cheann tha co-fhreagairt dhad àmhghair gu lèir,
Ach diomhain chan eil iad, no aon diùbh gun fheum.”

5 ’S tèarainte sinne, Fhir-shaoraidh, fod dhìon,
Fod ghliocas gun mhearachd, fod chumhachd gun chrìch;
Is gràsmhor do smachd oirnn an tìr seo nam beò,
Gus deàlrach gun seas sinn nad iomhaigh fa-dheòidh.

6 Tha ’m meata ’s an truaghan gach uair ann ad smaoin;
An t-acrach ’s an dilleachdan èistidh tu ’n glaodh;
Do ghlòir anns gach trioblaid bidh àrdaichte leinn,
’S mar ’s mò nì sinn fhulang is àird’ nì sinn seinn.

8.7.8.7.D. LAOIDH 215

1 O na rinn Ìosa air mo sgàth!
Seall, dh’fhàg e fearann Chànaain,
Is dh’fhuiling air a’ chrann am bàs,
Gu mise thoirt gu Cànaan.
Tha coron òir am beachd mo shùl,
’S an fhearann ùr ud, Cànaan,
Is pailm nam buadh, is luadhmhor cliù –
Nis siùbhlamaid gu Cànaan!

Cànaan, O Cànaan,
Am fearann glòrmhor, Cànaan!
’S e Cànaan fhin an rogha tìr’!
Nis siùbhlamaid gu Cànaan!

2 Nuair dhùineam ris a’ chomann àigh,
Tha tàmh am fearann Chànaain,
Àrd-sheinneam cliù Fir-saoraidh ghràidh,
Le ’naoimh gu bràth an Cànaan;
Tha Ìosa fhèin an sin a-ghnàth,
Na chathair àird an Cànaan,
A’ cuireadh dhachaigh clann a ghràis
Gu tàmh leis ann an Cànaan.

3 A pheacaich, till is thig gun dàil,
Tha Slànaighear an Cànaan.
Le ’ainglean soillseach ’thoirt dhut fàilt’,
Gu lànachd àigh an Cànaan;
O thig a chuin nan sruithean tlàth’
Tha ’ruith gun tàmh an Cànaan;
Tha deàrrsadh glòire buan, gu bràth,
Mu ’chathair àird an Cànaan.

C.M. LAOIDH 225

1 Mo ghuth cha chluinn sibh tuilleadh nis;
Ghairm m’ Athair mi gu nèamh,
Bhon tig an Cofhurtair gun dàil,
An Spiorad gràsmhor, naomh.

2 Am ainm-sa cuiridh ’n t-Athair e
A dhèanamh dhuibh an iùil,
A thoirt na chuala sibh nur cuimhn’,
’S a dh’fhoillseachadh gach cùis.

3 Mo shìth mar bheannachd-dealachaidh,
Na dhìlib gheibh sibh ’n tràths’;
Mo shìth bheir dhuibh làn chofhurtachd,
Nur beatha is nur bàs.

4 A rèir droch nòs an t-saoghail chlaoin,
Cha mheall mi sibh, gun cheist;
Is gealladh gun a choileanadh
Cha toir mi dhuibh am feast.

5 A Thriath, nad ghealladh nì sinn bun,
Rè fad ar turais fhaoin;
’S ar n-earbsa làidir bidh nad ghràdh,
Ri fàgail dhuinn an t-saogh’l.

C.M. LAOIDH 228

1 Nis biodh ar cridhe ’tha fo bhròn,
Air ’thogail suas a-rìs;
Ciod uime bhiodh ar sùil fo dheòir,
’S gur dlùth ar caraid, Crìosd?

2 Ciod ged a thig am bàs a steach
Do dh’eaglais Dè a bhos,
’S ged tha ar buachaill caomh a-nis,
San uaigh a’ gabhail fois;

3 Gidheadh, tha ’m Buachaill sìorraidh beò
Gus comhfhurtachd thoirt dhuinn;
Tha ’shùilean ’dearcadh oirnn a-nuas,
’S tha ’fhacal labhairt ruinn.

4 “Seall, tha mi maille ruibh,” thuirt Crìosd,
“Dham eaglais bheir làn dìon;
Chan fhàg mi chaoidh mo phoball fhèin,
Ach sàsaichidh mi ’m miann.”

5 Trìd beatha ’s bàis ’s a’ ghealladh seo,
Ar n-earbsa bidh gach uair;
Bheir seo dhar bràithrean sòlas seach,
Nuair bhios sinn anns an uaigh.

8.8.8.8.8.8. LAOIDH 229

1 Ciod e is ciall dhan deifìr chruaidh,
Dhan luasgan mhòr seo feadh an t-sluaigh –
Mòr-thionail dhaoin’ o là gu là,
A’ dian-ruith seachad oirnn gach tràth?
Cluinn freagradh fann o bheul gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

2 Ach cò e Ìosa? ’N e gun gèill
Am baile-mòr mar seo dha Sgeul?
An urrainn coigreach aig a mhiann
An sluagh a ghluasad fo a rian?
Cluinnidh tu rìs o bheul gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

3 Ìosa ’bha aon uair a-bhos
Air slighe dhaoìn’ measg bròin gun chlos;
Thugadh dha ionnsaigh, ’s iad nan teinn,
A mhuinntir bhodhar, bhacach, thinn;
’S a’ ghlaodh, na doill ghabh tlachd, gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

4 Faic nis e rìs! a lorga naomh
Chì sinn o àit’ gu àit’ gach taobh;
A cheuman aig ar starsnaich cluinn –
Seadh, tha e steach, ’s ri fantainn leinn;
Nach seinn sinn le mòr aoibh, gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

5 O sibhs’ a tha ler n-uallach sgìth,
Seo saorsa, dachaigh, fois, is sìth;
A sheachranaich o ’r n-Athair naomh,
Tillibh is glacaibh ’fhàbhar caomh;
A mhuinntir bhuairt’, seo dìon gach neach –
“Tha Ìos’ o Nàsaret ’dol seach.”

6 Ach fhath’st a ghairm ma dhiùltas sibh,
’S mi-bhuil dha ghràdh ma nithear leibh,
Tillidh e brònach uaibh gu geàrr,
’S diùltaidh ur n-ùrnaigh gheur le tàir;
“Ro fhada!” glaodhar leibh, ’s sibh mach –
“Tha Ìos’ o Nàs’ret air dol seach!”

C.M. LAOIDH 232

1 O thig, a Spioraid Naoimh, a-nuas,
Gu saibhir leinn dèan tàmh,
Is lìon do theaghlach nis nad làth’r,
Le aoibhneas, sìth, is gràdh.

2 Cia ciontach, truagh, ar n-anma, Dhè,
Mur beannaich thusa sinn;
Ar n-adhradh bithidh fuar is faoin,
Mur bi do làithreachd leinn.

3 Ri bheul-san bean, le h-èibhle bheò,
’Chuireas do thoil an cèill;
’S thoir air gach neach a thig nad làth’r,
Aire thoirt dhutsa, Dhè,

4 ’N sin tuigidh sinn gur math teachd dlùth
Do Dhia na chùirtean naomh’,
’S a bheil a phoball tric le chèil,
’S e fhèin nam measg gu caomh.

C.M. LAOIDH 241

1 Tha sinne ’seinn mu bhàs ar Triath;
Nuair thuit e thug e buaidh;
“Tha ’n obair crìochnaicht’,” thubhairt e,
’S chlisg ifrinn shìos gu luath.

2 “Tha ’n obair crìochnaicht’, labhair e;
Thug uaith dha fhuil gach braon;
Eirìdh a riogh’chd a-nis a-suas,
Measg gineal chlann nan daoin’.

3 A chrann leag bunait daingean sìos
Air son gach glòir’ is àigh,
Trath chaidh e trid ghlinn dorch a’ bhàis
Gu onair àird gu bràth.

4 O dhaoine, togaibh suas ur guth
Gu ’ionad glòrmhor shuas;
Molaibh le òran ’s binn-cheòl àrd,
An tì a shaor a shluagh.

5 O ainglean, togaibh suas ur ceòl
’S ur guth gu fonnmhor, binn;
Biodh nèamh is fonn ’s gach dùil a th’ ann,
’Seinn cliù dha feadh gach linn.

C.M. LAOIDH 243

1 Tha ’n Ceann ’bha crùint’ le droigheann cruaidh
Nis cuairtichte le glòir;
’S tha coron-rìgh is riomhach snuadh
Mu ’n bhathais bhuadhaich, mhòir.

2 An inbh’ is àirde dh’òrdaich Dia
Do dh’Ìos’ le còir ’s le ceart,
Grian-soillse nèimhe, Crìosd an Triath,
Àrd-riaghlair treun nam feart!

3 ’S e Crìosd is àgh dhan dream ’tha ’n Glòir,
Is àgh nan slògh ’s an t-saogh’l
Dhan d’ fhoillsich esan ’ainm ro mhòr,
’S dhan eòl a choimhneas gaoil.

4 Is leò an crann le ’uile nàir,
’S le ’uile ghràsan fìor;
An sonas sonas nèimh’ gu h-àrd,
’S an ainm sàr-ainm ’bhios sìor.

5 San t-saogh’l ged dh’fhuiling iad le Crìosd,
’S iad Rìghrean Tir an Àigh!
’S e ’n sòlas sìorraidh luaidh gun sgìos
Air dìomhaireachd a ghràidh.

6 An crann ’bheir dhuibhsan beatha ’s slàint’,
Thug dhàsan bàs is claoidh;
An crann sin ’s e am maoin ’s an stà,
’S an sgeul gu h-àrd a chaoidh.

11.11.11.11. LAOIDH 244

1 O Sibhse a shaoradh, nach daingean an stèidh
’Chaidh leagail dhar creideamh an gealladh ur Dè!
Ciod ’b’ urrainn dha ’labhairt nach dubhairt gu fìor,
Son misneachd dhuibh ’theich airson fasgaidh gu Crìosd.

2 ’S gach cor anns am bi thu, ma ’s tinn no ma ’s slàn,
’Dol fodha am bochdainn, no ’m pailteas a’ snàmh,
Aig bail’ is on dachaidh, air tìr is air cuan,
Mar dh’fhèumas do latha, do neart bidh gu buan.

3 Garbh-thonnan an uamhais mun cuairt dhut ged iadh,
Na cuireadh sin geilt ort, oir ’s mise do Dhia,
Is bheir mi dhut cabhair is neart anns gach càs,
’S tu ’n crochadh ri deas-làimh mo chumhachd a-ghnàth.

4 Nuair ’s èiginn dhut imeachd tro uisgeachan mòr’,
Cha chòmhdaichear tur thu le tuiltean a’ bhròin,
Oir bithidh mi faisg dhut le furtachd nad fheum,
’S a naomhachadh cràidh dhut is àmhgharan geur’.

5 Tro dheuchainnean teinnteach nuair ’s èiginn dhut triall,
Mo ghràs-sa ’tha buadhach bheir fuasgladh gu fial;
An lasair cha chiùrr thu; mo rùn-sa dhad thaobh,
An abhainn an àmhghair do ghlanadh gu caomh.

6 Is eadhon gu ’n sean-aois, bidh aithn’ aig mo shluagh
Nach caochail mo ghràdh-sa ’tha rìoghail is buan;
’S gu liathadh an ciabhan is deireadh an là,
Mar uain ann am uchd, nì mi ’n giùlan a-ghnàth.

7 An t-anam a theich airson fasgaidh gu Crìosd,
Bho làmhan a nàimhdean nì mise a dhìon;
’S a dh’aindeoin gach oidhirp’ bheir ifrinn gu ’chlaoidh,
Chan fhàg, O chan fhàg, is cha trèig mi e chaoidh!

6.6.6.6.8.8. LAOIDH 254

1 Aig fàire mhoch an là,
Air sgiathan soills’ gu luath,
Rinn aingeal teachd on àird’,
Is ghluais a’ chlach on uaigh.

Togaibh gu sìor,
Le co-sheirm chruaidh,
Mòr chliù do Chrìosd,
Air bàs ’thug buaidh!

2 Luchd-coimhead teann an tuaim,
Le h-eagal chlisg air fad,
Ron t-sealladh oillt ’s ron fhuaim,
Is thuit mar mhairbh gu grad.
Togaibh gu sìor, &c.

3 ’N sin dh’èirich nìos on uaigh,
An ainfhios do gach sùil,
’S air cumhachd bàis thug buaidh,
Àrd-Thigheama nan dùl!
Togaibh gu sìor, &c.

4 Biobh misneachail a-ghnàth,
Eiridh sinn mar e fhèin,
Is thèid sinn leis gun dàil,
Gu àgh os cionn nan speur!
Togaibh gu sìor, &c.

6.5.6.5. LAOIDH 256
(le sèist)

1 Teudan òir cia fonnmhor,
’S ceòl nan ainglean grinn’,
Dorsan àillidh fosgailt’,
Fosgailte dhan Rìgh;
Ìosa, Rìgh na Glòire,
Ìosa, Rìgh a’ ghràidh,
Chaidh e suas gu buadhmhor,
’S shuidh air cathair àird’.

Nis tha ’n obair criochnaicht’,
Seinnidh sinn gu binn;
Chaidh e suas gu greadhnach!
Glòir do Chrìosd gach linn!

2 Thàinig e gar saoradh,
’S dh’fhuiling bàs is bròn;
Nis, aig deas-làimh ’athar,
Seall e crùint’ le glòir;
Tuilleadh cha ruig beud air,
Chaoidh chan fhaic e bàs;
Ìosa, Rìgh na Glòire,
Chaidh a suas gu h-àrd.

3 Ghnàth as leth a chloinne,
Tha e ’tagar shuas,
E gan gairm gu flaitheas,
’S a’ cur gràis a-nuas;
Dachaidh àigh tha ’feitheamh
Air an son gu h-àrd;
Sìorraidh tha a bheatha,
Sìorraidh bidh a ghràdh.

8.8.8.3. LAOIDH 257

1 Bu gharg an doineann air a’ chuan,
’S do dheisciobail fo gheilt gach uair,
Ach ’s ann bha thu gun lochd nad shuain,
Tosdach, ciùin.

2 “O tèarainn sinn,” ghlaodh iad gu cruaidh,
“Oir caillear sinn mur gabh thu truas!”
Do ghuth os cionn nan sian chaidh suas –
“Tost, bi ciùin.’”

3 A’ ghailleann gharbh ’s an fhairg’, gun dàil,
Laigh sìos mar leanabh beag na thàmh;
’S na tonnan chrom an cinn fo phràmh,
’Rèir do rùin.

4 Le geilt nuair bhios ar n-inntinn làn,
’S an stoirm gar fuadach mach on tràigh,
Abair, mu ’n tèid sinn sìos gu bràth,
“Tosd, bi ciùin.”

C.M. LAOIDH 259

1 Air uchdan uaine fad air falbh,
Taobh muigh de bhaile-mòr,
Chuireadh an Slàn’gheir caomh gu bàs,
Son sinne thoirt gu Glòir.

2 Cha ghabh e meas no cur an cèill
Ro-mhèud a bhròin ’s a phian,
Ach ’s fios dhuinn gur ann air ar sgàth
Bha ’bhàs is ’àmhghar dian.

3 Gus sinne shaoradh dh’fhuiling e,
’S gar naomhachadh tre ghràs,
’S ar toirt a-suas do nèamh fa-dheòidh,
Saorte troimh ’fhuil ’s troimh ’bhàs.

4 Aon eile cha robh naomh gu leòir
A dhìol air ciont’ a shluaigh;
’S e Crìosd a-mhàin nì iùl gu nèamh,
’S bheir dhachaidh sinn le buaidh.

5 Bu daor ’s bu mhòr a ghràdh dha shluagh,
’S ar gràdh-ne biodh dha rèir;
Na fhuil-san biodh ar dòchas buan,
Is gluaiseamaid na cheum.

8.7.8.7.4.7. LAOIDH 262

1 Seallaibh, ’naoimh, tha ’n sealladh glòrmhor
Faicibh Fear a’ bhròin ’s na tàir’,
Taigh’nn air ais on chath le mhòrachd;
Thèid gach glùn da sìos gu làr;
Crùnaibh, crùnaibh,
Crùnaibh gaisgeach mòr nam blàr!

2 Ainglean, crùnaibh Crìosd, an Slàn’ghear!
’S mòr a chomhartach ’s a bhuaidh;
Glòir is cumhachd thugaibh dhàsan,
’S biodh a chliù gu h-àrd ga luaidh;
Crùnaibh, crùnaibh,
Crùnaibh Ìosa, Rìgh nam Buadh!

3 Naimhdean rinn, le crùn ’s le smugaid,
Fanaid air Messiah caomh;
Nis tha ainglean ’s naoimh na chuideachd,
A’ toirt cliù dha aìnm ro naomh;
Crùnaibh, crùnaibh,
’S cuiribh mach a chliù gach taobh!

4 Cluinnibh a’ bhuaidh-chaithream àghmhor!
Iolach àrd gun sgur, gun sgìos!
Crìosd ga chrùnadh anns na h-àrdan,
Coimeas dha cha robh ’s cha bhi!
Crùnaibh, crùnaibh
Triath nan Triath, is Rìgh nan Rìgh

8.6.8.5. LAOIDH 268
(le sèist)

1 Nuair a thig e, Nuair a thig e
A thional a sheudan,
Seudan luachmhor, seudan àillidh,
’Uil annsachd ’s a rùn.

Mar na rèultan ’s na h-àrdan,
Air a choron a’ deàrrsadh,
Nì iad deàlradh nan àilleachd,
Glan sheudan a chrùin.

2 Nì e ’n tional, nì e ’n tional,
Gu deàlradh na rìoghachd;
Na tha soilleir, na tha fìor-ghlan,
’Uil’ annsachd ’s a rùn.

3 ’S iad an òigrìdh, ’s iad an òigridh
Thug gràdh dhan Fhear-shaoraidh,
Sin na seudan, sin na seudan,
’Uil’ annsachd ’s a rùn.

9.9.9.6. LAOIDH 274
(le sèist)

1 Ruigibh an Slàn’ghear gràsmhor gun dàil;
Eisdibh ri ’fhacal, gèill thugaibh dha;
Nis tha e gairm gu dùrachdach, blàth,
Cluinnibh an cuireadh gràidh.

Aoibhinn, aoibhinn bidh ar coinneamh bhuan,
Nuair a shaorar sinn o pheacadh ’s truaigh,
Nuair ’nì sinn còmhnaidh, ’Shlànaigheir, shuas
Leats’ ann an Tìr an Àigh.

2 “Àite dhan chloinn bhig,” cluinnibh e ’g ràdh!
Leumadh gach crìdh’ le aoibhneas is àgh;
Thugamaid gèill gu toileach ’s gu tràth;
Thigibh, a chlann, gun dàil.

3 Thugaibh an aire, ’làth’r tha e ’n diugh;
Lùbaibh dha àithne ’s èistibh a ghuth;
Gèillibh dha fhacal, caomh mar a chruth;
“Thigibh, mo lean’ban gràidh.”

8.6.8.4. LAOIDH 296

1 A Slàn’ghear caomh, nuair dh’aslaich e
A shoraidh chaoimhneil, ghrinn,
Dh’fhàg Iùl is Comhfhurtair na dhèigh,
A chòmhnaidh leinn.

2 Mar theangaidh lasrach, beò, bha ’theachd,
Son dearbhachd, smachd, is iùil;
A thriall, mar ghaoith, aon nì cha bhac,
’S cha lèir do shùil.

3 Nuas thùirling e le ’fheartan naomh’,
Ro ghràsmhor, caoin, mar aoidh,
Chì mi far am faigh e cridhe caomh,
Bhith ’tàmh a chaoidh.

4 Cluinnear leinn guth an teachdair’ ghaoil,
Mar osag-fheasgair, sèimh,
’Cur srèin r’ ar lochd, ’cur geilt fa-sgaoil,
’S a’ luaidh air nèamh.

5 Gach subhailc annainn is gach feart,
Gach buaidh sa chòmh-stri dhèin,
Ar n-uile thograidh naomha, ceart,
Tha ’teachd uaith fhèin.

6 A Spioraid fhìorghloin, ghràsmhoir, thrèin,
Seall oirnn ’s sinn dìblidh, fann;
Ar crìdh’ dèan iomchaidh, glan, dhut fhèin,
’S dèan còmhnaidh ann.

Dhan Athair cliù, dhan Mhac faraon,
’S dhan Spiorad Naomh gum bì;
Gach glòir do Dhia, an Trì-an-aon,
An t-Aon-an-trì.

The last verse may be sung as a Doxology to the same tune.

C.M.D. LAOIDH 298

1 O Dhia, do làmh sna làithean cian,
Bu shlàint’ is dìon dhad shluagh;
Cheannsaich thu easlaint’, bàs, is caoidh,
An duibhre is an uaigh.
Ad ionnsaigh chaidh an t-easlan fann,
Am bodhar balbh, ’s an dall,
An lobhar is am bacach ciùrrt’,
A dh’easbhaidh lùgh nam ball.

2 Seall thug do làmh dhuibh slàint’ as ùr,
Thug teanga, sùil, is treòir;
Is òige nuadh is fallaineachd
Dh’aidich do chumhachd mòr.
’S a-nis led mhaitheas bi dhuinn dlùth,
’S led fheartan caomh’ gun dìth;
Air sràidean slòigh, ’s air leabaidh cràidh,
Mar aig tràigh Ghalilee.

3 Bi fhèin nad thèarmann dhuinn gach àm,
Àrd-thighearn beatha ’s bàis;
Thoir fois is beannachd, slàint’ is treòir,
Le cumhachd mòr do ghràis.
Na làmhan caomh’ ’s na sùilean gràidh
Beannaich led ghràsan fìor;
’S bheir lag is làidir, slàn is tinn,
Dhut moladh binn gu sìor.

C.M. LAOIDH 300

1 Na geataidh òir tha togte suas,
Dh’fhosgail na dorsan àigh,
Tha Rìgh na Glòir’ air dol a-steach
Gu àros ’Athar ghràidh.

2 Chaidh thusa, Ìos’, air tùs an àird
A dheanamh àit’ dhuinn rèidh,
Gum bitheamaid far bheil thu ghnàth,
A’ mealtainn làithreachd Dhe.

3 Is air ar slighe bhos a-ghnàth,
Tha deàrrsadh soluis àill’;
Tha soills’ a’ bristeadh cùl nan neul
A chuir ort uainne sgàil.

4 Ar n-aigne tog, tog suas ar cridh’,
Thoir dhuinn gun dìth do ghràs,
Air chor ’s ged bhios ar triall san t-saogh’l,
Gum bi ar maoin gu h-àrd.

5 Airson’s ort fhèin nad chathair àird
Ar dòigh gum bi ’s ar gràdh;
Fan annainn son gun dèan sinn tàmh
Leat fhein gu h-àrd gu bràth.

8.6.8.8.8.8. LAOIDH 301

1 “GLÒIR biodh do Dhia anns na h-àrdan,”
An diugh ’s e fàth ar luaidh:
Bliadhn’ eile bha le mhaitheas làn,
’Nochdadh a churaim mhòir ’s a ghràidh;
Nis togamaid gu h-ait a chliù,
Le òran àrd gach bliadhn’ as ùr.

2 “Glòir biodh do Dhia aims na h-àrdan,”
An diugh ’s e fàth ar luaidh:
An dàn a dhùisg a’ mhadainn ghaoil
’Thàinig Mac Dhaibhidh chun an t-saogh’l;
Bha ainglean deàlrach, naomh, ga sheinn,
’S sheinneamaid leò an t-òran grinn.

3 “Glòir biodh do Dhia anns na h-àrdan,”
An diugh ’s e fàth ar luaidh:
Trath nì sinn leis na h-ainglean seinn,
Thugamaid gibhtean prìseil leinn,
A dh’ionnsaigh leanabh Bhetlehèm,
A’ toirt ar crìdh’chan òg’ dha fhein.

4 “Glòir biodh do Dhia anns na h-àrdan,”
An diugh ’s e fàth ar luaidh:
O gum bi sinn mar bhuidhinn shlàn
Mu chathair rìoghail Chrìosd gu h-àrd,
Le ainglean is le cuideachd mhòr
Nan naomh a’ cur an cèill a ghlòir’.

7.7.7.7. LAOIDH 306

1 Ìosa! ’n t-ainm a tha ion-ghràidh!
’N t-ainm os ceann gach ainm tha àrd!
Lùbaidh dha gach uile ghlùn,
Sìos le ùmhlachd anns an ùir.

2 Ìosa! ’n t-ainm os cionn gach luach
Do gach peacach dìblidh, truagh,
Bhon a dh’innseadh an dèagh sgeul –
“Saoraidh Ìosa ’shluagh gu lèir.”

3 Ìosa! ainm an naoidhein naoimh;
Ainm tha làn de thròcair chaoimh;
Ainm a fhuair e a’ chiad lò
San do bhlais e ’n cupan bròin.

4 Ìosa! ’n t-ainm, na aonar, trìd
An tig slàint’, is fois, is sìth,
Dh’ionnsaigh sluaigh ’tha teann an sàs
Aig a’ pheacadh ’s aig a’ bhàs.

5 Ìosa! ’n t-ainm a tha ion-ghràidh!
Ainm Mhic Dhè ’tha shuas gu h-àrd,
Trid an tig gach peacach truagh
Dhuitse dlùth, O Dhia nan Sluagh.

8.7.8.7.8.8.7. LAOIDH 314

1 Dhè mhòir, ciod seo ’tha ’m shùil ’s am chluais!
Ceann-crìch na cruitheachd mòire!
Àrd-Bhritheamh dhaoin’ na shuidhe shuas
Air cathair neula glòire!
Aig sgal na trompaid thèid fa-sgaoil
Na ghlac am bàs o thùs an t-saogh’l:
Dèan deas mi son na còmhdhail!

2 An trompaid mhòr nì fuaim, ’s air tùs,
Na mairbh an Crìosd nì èirigh,
’S thèid suas le aoibhneas air an gnùis,
Ga ionnsaigh anns na speuran:
An cridh’ chan fhairich geilt no fiamh;
A làithreachd nì dhuibh grian is sgiath,
’S iad ullamh son na còmhdhail.

3 Ach peacaich bidh fo gheilt gu leòir,
Nuair chì iad ’fhearg a’ dùsgadh;
Tur diamhain bidh an caoidh ’s an deòir,
’S an cionta mòr ga rùsgadh;
Là gràis an t-saogh’l chaidh seach, gach rè;
Faic iad a-nis aig Mòd Mhic Dhe,
Neo-ullamh son na còmhdhail.

4 Dhè mhòir, ciod seo ’tha ’m shùil ’s am chluais!
Ceann-crich na cruitheachd mòire!
Àrd-Bhritheamh dhaoin’ na shuidhe shuas
Air cathair neula glòire!
Fo ’chrann-san feitheam teachd an là
’S an trèig an saogh’l ’s an speur gu bràth,
’S mi deas son dol na chòmhdhail.

7.6.7.6.D. LAOIDH 319

1 Bheir sinn, ar Rìgh ’s ar Slàn’ghear,
Dhut cliù is glòir gach linn,
Mar sheinn o shean a’ chlann duin’
Gu h-ait, hosanna binn.

2 Is tu Àrd-uachd’ran Israel,
Mac Rìoghail Dhaibhidh mhòir,
’Tha teachd an ainm an Tighearn’ –
Aon bheannaicht’! ‘Rìgh na Glòir’!
Bheir sinn, ar Rìgh, &c.

3 A’ seinn do chliù ’s na h-àrdan,
Tha feachd nan aingeal grinn;
’S tha ’chruitheachd le ’luchd-àiteach’
A’ freagairt dhuibh gu binn.
Bheir sinn, ar Rìgh, &c.

4 Chaidh sluagh nan Eabhrach romhad
Le caithream àird ’s le pailm,
’S tha sinne ’cur fad chomhair
Ar glaoidh, ar glòir’, ’s ar sailm.
Bheir sinn, ar Rìgh, &c.

5 Ro àm do cheusaidh bha iad
Dhad ainm ro naomh a’ seinn,
‘S dhar Rìgh-ne nis ’s na nèamhan,
Àrd mholadh togar leinn.
Bheir sinn, ar Rìgh, &c.

6 Ghabh thu gu caomh rin cliù-san,
Ar glaodh-ne cluinn faraon,
A Dhia le ’n tlachd gach maitheas,
Ar Rìgh ro ghràsmhor, caoin,
Bheir sinn, ar Rìgh, &c.

C.M. LAOIDH 320

1 Nuair thùirling Dia o nèamh air tùs
Na lorg bha neart is fearg;
Na neula sgoilt o chèir, ’s ro ’ghnùis
Bha duibhre ’s lasair dhearg.

2 An dara h-uair a thàinig Dia,
Bha ’theachd le neart is gràdh;
Mar chalman naomh, cho sèimh a sgiath
Ri osag maidne àigh.

3 An teine ’bhruchd na thuiltean mòr’
Air Sinai nuas o nèamh,
Air cinn a naoimh, mar choron glòir’,
Tha laighe nis gu sèimh.

4 Mar chuala Israel aig an t-sliabh
An guth bha cruaidh, gu beachd,
An fhuaim troimh ’n gabh na h-ainglean fiamh,
Bhon duibhre oillt a’ teachd;

5 Mar sin, nuair ghluais an Spiorad nuas
Air tòir a chaorach fhèin,
Ghrad chualas fuaim san iarmailt shuas,
Mar shèideadh gaoith ro thrèin.

6 Tha Eaglais Dhè de ’n fhuaim sin làn,
’S an saoghal ciontach, truagh;
Cha diùlt ach cridhe peacach, dàn,
Aite do ghuth nam buadh.

7 Cuir Gliocas, Feart, is Gràdh, a Thriath;
Cluineamaid guth an àigh;
Na caillear leinn àm taitneach Dhia;
Saor sinn trid geilt no gràidh.

S.M.D. LAOIDH 322

1 A Spioraid Dhia nam Feart,
Nad aimsir thaitnich fhèin,
Thig nuas mar thàinig thu led neart,
’S a’ Chaingis mhòir o chèin.
Tha sinne cruinn le chèil’,
Nad làth’r, a rèir ar gnàiths,
A’ feitheamh gealladh mòr ar Dè,
Spiorad an uile ghràis.

2 Mar threun-ghaoith ’thig a-nuas,
A’ dùsgadh suain nan tonn,
Nar n-inntinn is nar n-anam gluais
Aon togradh is aon fhonn.
Dhan òg ’s dhan aosta fòs
O deònaich gliocas àigh;
Thoir teang’ is cridhe lasrach beò,
Chum ùmaigh, glòir’, is gràidh.

3 Spioraìd na soills’, thig nuas;
Gach mùìg ’s gach gruaim tog dhinn,
Mar ghrian na maidne ’direadh suas
Gu latha iomlan, grinn.
Spioraid na firinn naoimh,
Stiùir sinn nar beò ’s nar bàs;
O Spioraid na h-uchd-mhacachd chaoin,
Nis naomhaich sinn led ghràs.

6.5.6.5. LAOIDH 337

1 Faic an drùchd a’ sileadh,
Air gach bile ’s blàth;
’Cur an cèill le h-aighear
Maitheas Dhè do ghnàth.

Ìobairt-thaing mo chridhe
Ìocam fòs gach tràth,
’S luaidheam leis a’ chruitheachd
Maitheas Dhè do ghnàth.

2 Fàiltichidh a’ choille
Fàire geal an là,
’S i gu sèimh ag aidmheil
Maitheas Dhè do ghnàth.

3 Sruthan mear a’ mhonaidh,
Ciod a tha e ’g ràdh?
Tha e ’seirm gu beothail,
Maitheas Dhè do ghnàth.

4 Shuas fo sgàil a’ bharraich,
Suigeartach, gun sgàth,
Tha na h-eòin ag aithris
Maitheas Dhè do ghnàth.

S.M. LAOIDH 338

1 Thig Mac an Duine nuas,
Le feachd nan aingeal grinn,
Bi tuiteam reul, is grian fo ghruaim,
Is trompaid chruaidh a’ seinn.

2 Chan aimsir i gu suain;
Dùisgibh, a mhairbh, gu lèir!
A theachd bidh mar an dealan luath,
A lèumas cuairt nan speur.

3 Ullaich do naoimh, a Dhè,
Fa chomhair teachd an là;
Gach cridhe gluais gu cùram geur,
’S gu ùrnaigh dhèin a-ghnàth.

4 Feitheamaid teachd na h-uair’
Le saoth’r ’s le h-uamhann naomh,
’S an tig thu rithist le do shluagh
Gad chuartachadh gach taobh.

5 ’S ged chì, le geilt, an saogh’l,
Do chomharra ’s a’ ghrèin,
Cuiridh tu feachd nan aingeal naomh
Gar toirt-ne suas leat fhèin.

7.6.7.6. LAOIDH 348

1 Gach aon nì maiseach, àillidh,
Gach creutair mòr is crìon,
Gach aon nì eagnaidh, glòrmhor,
Dia mòr ’s e rinn gach sìon.

2 Gach flùran beag a dh’fhosglas,
Gach eunan beag ’nì seinn,
’S e Dia thug dhaibh an àilleachd,
’S a rinn an sgiathan grinn’.

3 Na beanntan gorma, uaibhreach,
Na h-aibhnichean gu lèir;
Am feasgar, is a’ mhadainn
A lasas gnùis nan speur.

4 A’ ghailleann fhuar ’s a’ gheamhradh,
An samhradh grianach, caoin,
’S an lios na measan taitneach,
’S e ’chruthaich iad, gach aon.

5 Na craobhan àrd’ ’s a’ choille,
An rèidhlein maiseach, grinn,
An luachair taobh an t-sruthain,
Is tric a thionail sinn;

6 Sùilean thug dhuinn gum faicinn,
Is beòil a sheirm gach ial –
Cia mòr an Dia a chruthaich
Gach nì gu math ’s gu fial!

8.7.8.7. LAOIDH 349

1 Ann am baile Bhetle’m lùda,
Astar fada thar a’ chuain,
Bha, aon uair, na ’laighe, pàisdean,
Ann an uchd a mhàth’r na shuain.

2 Cha bu lùchuirt àillidh, ghreadhnach,
San do laigh an naoidhean caomh,
Le luchd-muinntir deas ga fhreastal,
’S saighdearan ga dhìon gach taobh;

3 ’S e bh’ ann stàbull ìosal, suarach,
’S daimh na buaile sheas ma cheann;
Anns an t-saogh’l a dhealbh a làmhan,
Cha robh ionad-tàimh dha ann.

4 Oir dh’fhàg esan glòir an Athar,
’S lùchuirt òir an Riogh’chd an àigh,
Agus ghabh e nàdar dhaoine,
Ann am mìorbhaileachd a ghràidh.

5 Ann an iomlanachd a thròcair,
’S eòl dha nis ar n-airc ’s ar truaigh,
Oir nuair bha e air an talamh,
Bhlais e masladh, bàs, is uaigh.

6 As ar leth, ’s sinn lag is peacach,
Tha e ’tagar shuas air nèamh;
Dia is duine nis gu sìorraidh,
’Bha aon uair na leanabh sèimh.

C.M. LAOIDH 354

1 Sìor luaidheam cumhachd sìorraidh Dhè,
Fear-togalach nam beann,
A sgaoil an cuan mun chruinne-chè,
’S na speuran os ar ceann.

2 Seinneam an gliocas ’rinn a’ ghrian
Gu soillseachadh san là;
A’ ghealach èistidh fòs a bhriath’r,
’S na reultan gèillidh dha.

3 Sìor sheinneam maitheas Dhè gu h-àrd,
An saogh’l le biadh a lion;
’S i ’chruitheachd uile gnìomh a làmh,
’S gur h-iomlan, math, gach sìon!

4 A Dhia, nuair sheallas mi gach taobh,
Cia greadhnach d’ oibre mòr’ –
Gach maise ’sgaoil thu air an t-saogh’l,
’S na speuran àrd len glòir!

5 Gach craobh is lus, gach bile ’s blàth,
Tha ’cur do ghlòir’ an cèill;
’S tha neòil nan speur ’s an doineann àrd
Fo òrdugh ceart do bhèil.

6 ’S i làmh mo Dhè mo dhìon gach là,
Stiùraidh e mi le shùil;
An diochuimhnich mi gur h-e ’ghnàth
M’ fhear-coimhid Dia nan Dùl?

8.7.8.7.D. LAOIDH 362

1 Dhè ro mhòir, dhan sleuchd na h-ainglean,
Laoidh ar beòil na cuir air chùl;
Triath chlann-daoin’ is aingeal glòrmhor,
Molaidh thu gu h-àrd gach dùil;
Triath gach uile thìr is chinneach,
Aost’ nan Làithean sìor is tu;
Fonnmhor, àrd, tron chruitheachd uile,
Cuirt’ an cèill gun tàmh do chliù.

2 Airson mòralachd do nàdair,
Fad thar smuain nan aingeal àrd,
Airson iongantais na cruitheachd,
Oibre gliocais mhòir is gràidh,
Airson gnìomharan do fhreastail,
Aidichte thar leud an t-saogh’l,
Rìgh na Glòir’, fear-dìon gach creutair,
’S beannaichte do riaghladh caomh!

3 Ach do Shlàinte shaor cia saibhir,
Ged bha i fo sgàil car linn,
’Dol thar comas smuain is teangaidh;
Cò nì ’n t-òran àrd a sheinn!
Deàlradh greadhnach glòir an Athar,
’N e nach luaidhear leinn do ghlòir?
Theangaidh, brist an tostachd pheacach,
’S foillsich bàs an t-Slàn’gheir mhòir.

4 As an àite ’s àird’ sna nèamhan,
Gu crann-ceusaidh, bàs, is truaigh,
Rinn thu teachd a shaoradh pheacach –
Biodh do chliù gu bràth ga luaidh!
Rach an àird as ùr, mo Shlan’ghear!
Glac a-rìs do rìoghachd mhòr;
’S thig fa-dheòidh led chumhachd rìoghail,
’S meal an rìogh’chd gu lèir le ’glòir.

S.M. LAOIDH 371

1 An Dia, ’tha uile-ghlic,
Ar Slàn’ghear rìoghail, mòr,
’S gach àite biodh a phoball naomh
Gu h-umh’l a’ luaidh a ghlòir.

2 A chomhairle ’s a ghaol,
’S a chùram dhuinn gun tàmh,
Ar cumail nì o olc ’s o bhàs,
‘S o eangach uilc ar nàimh.

3 Ar n-anma cuiridh e
An làth’r a ghnùis’ an Glòir,
Neo-thruaillidh agus iomlan, grinn,
Le sonas an-mhor mòr.

4 Mu ’chathair rìoghail shuas,
Bidh cuideachd ait a shluaigh,
A’ moladh oibre mòr’ a ghràis,
’S air iongantais a’ luaidh.

5 Gliocas is neart ro mhòr,
Buinidh dhar Slàn’ghear gaoil;
Le mòrachd shiorraidh crùnar e
’S le cliù gu saogh’l nan saogh’l.

L.M. LAOIDH 372

1 A chlann nan daoin’, le àgh ’s le fiamh,
Seallaibh air oibre mòr’ an Triath;
An saogh’l le ’uile threubhan sluaigh,
A neart ’s a mhaitheas biodh a’ luaidh.

2 Na speuran dùisgeadh òran binn,
A chur an cèill an àilleachd ghrinn;
A’ ghrian, a’ ghealach, ’s feachd nan reul,
Cuireadh am farsaingeachd an sgeul.

3 An saoghal mòr na fhallaing uain’,
Gach meas is blàth, air craoibh ’s air cluain,
’S a’ mhuir tha ’g iadh mun chruinne-chè,
Nì luaidh air glòir gun choimeas Dhè.

4 Ach O cia glòrmhor saogh’l an àigh!
’S taigh-còmhnaidh Chrìosd, an Slàn’ghear gràidh,
Mac siorraidh Dhè, an nàdar dhaoin’,
A thug gan saoradh ’fhuil, gach braon.

5 O m’ anam, ruig an t-ionad grinn,
Is cuir an cèill a chliù gu binn –
Ach dh’fheumteadh clàrsach aingil mhòir,
Is sìorraidheachd a luaidh a ghlòir’.

7.7.7.7. LAOIDH 374

1 Ainm Immanuel chaoimh ri luaidh,
‘S mìlse e na rogha ’chiùil;
Is na bhreith, na bhàs, ’s na thruaigh,
Cuiridh m’ anam ’uile dhùil.

2 “Faigheadh Dia ’s na h-àrdan cliù,”
Sheinn na h-ainglean aig a theachd;
Dhia, mo theanga gleus as ùr –
B’ e mo chomain seinn, gu beachd!

3 Gus fon lagh bhith gabhail ’àit’
An do nochdadh e san fheòil,
Air mo sgàth a’ fulang bàis –
Is nach gluais mo bheul gu ceòl?

4 Gluaisidh! molam ’ainm ro ghrinn,
Ged is dìblidh, fann, mo luaidh;
Oir nan diùltainn-sa bhith seinn,
Dh’èigheadh ’mach na clachan cruaidh.

5 Ceanglam h-uile h-ainm is fheàrr –
Cèile, Caraid, Slàn’ghear, Uan,
Grian is Sgiath, Fear-dìon is Bràth’r –
Gràdh mo chrìdh’ dhut, sìorraidh, buan!

7.7.7.7.7.7. LAOIDH 376

1 Moladh biodh dhar Rìgh is glòir!
Air a cheann biodh crùn nach searg!
Ìosa, ’n t-ainm a dhùisg ar ceòl,
Ìosa ’dh’èirich o na mairbh,
Ìosa, air a’ bhàs ’thug buaidh,
Ìosa, Slàn’ghear mòr a shluaigh!

2 Ìos’ tha nis air dol a-suas;
Thig na chòmhdhail ainglean grinn;
Dùisgidh ’n speur le caithreim chruaidh,
’S cliù a’ Ghaisgich bidh ga sheinn:
“Fosglaibh suas, a gheataibh mòr’,
Slighe rèidh do Rìgh na Gloir’!”

3 Faicibh e na ’chathair-rìgh,
Deàlradh glòir’ na ’aodann àigh,
Ainglean dha a’ sleuchdadh sìos,
Dia na naomhachd is a’ ghràidh.
Adhradh dha gach teang’ is cridh’
Glòir is moladh biodh dhar Rìgh!

4 Ìosa, deàlraich air do shluagh;
Gleus ar teanga ’s dùisg ar cridh’,
Gus bhith ’seinn le ainglean shuas,
Ann an sonas buan gun dìth.
Cliù is urram, neart is glòir,
Biodh, gu bràth, dhan t-Slàn’ghear mhòr!