Na Sàcramaidean

11.11.11.11. LAOIDH 6

1 Biodh fìamh oirbh, a shluagh, ’s deanaibh luaidh air a ghlòir,
Ag aithris, le dùrachd, a chliù mar is còir;
Biodh moladh is iolach on chruinne gu lèir,
A’ mèudach’ a’ chiùil a tha ’dùsgadh nan speur.

2 Àrd-mholaibh an t-Uan ’dh’ fhuiling shuas air a’ chrann,
Biodh coroin gun àireamh a-ghnàth air a cheann;
A mhaitheas, a mhòrachd, a ghlòir, is a bhuaidh,
Biodh ainglean gu bràth anns na h-àrdan a’ luaidh.

3 Biodh fìamh oirbh, a shluagh, ’s dèanaibh luaidh air a ghlòir,
Ag aithris, le dùrachd, a chliù mar is còir;
Biodh moladh is iolach on chruinne gu lèir,
A’ mèudach’ a’ chiùil a tha ’dùsgadh nan speur.

L.M. LAOIDH 14

1 Rèir d’ àithne fhèin, a Shlàn’gheir chaoimh,
Cumar le gràdh an t-òrdugh naomh;
Tha aran ’s fìon gan roinn gun dìth,
Ach ’s ann ort fhèin tha smuain gach crìdh’.

2 Ar creideamh tha am meud do ghràis,
’S ar dùil ri beatha bhuan od bhàs,
Is coron glòire shuas leat fhèin,
Os cionn gach peacaidh, truaigh, is pèin.

3 Ged mheas luchd-fanaid seo mar nàir’,
Is air do chùis ged nì iad tàir,
’S e d’ ainm a-ghnàth ceann-fàth ar n-uaill,
’S do bhàs a-mhàin ar bun ’s ar buaidh.

4 Gu h-ait tha sinn ag inns’ dhan t-sluagh,
Esan bha marbh gun d’ fhàg e ’n uaigh;
Nis tha e beò taobh thall d’ am fuath,
’S tha sinne ’feitheamh rìs o shuas.

8.7.8.7.D. LAOIDH 27

1 Alleluiah! Cliù do dh’ Ìosa,
Aon Fhear-dìon is Rìgh a shluaigh;
Allelùiah! Togaibh caithream,
’S e tha airidh – ’s e thug buaidh!
Cluinnibh òrain Slìoin naomha
’Ruith nan aon bhèum-ciùil mar thuil:
Às gach treubh ’s gach sluagh air thalamh,
Cheannaich Ìosa sinn le ’fhuil! ”

2 Allelùiah! Cha do dh’iobradh
Sinn mar dhilleacdain fo phràmh;
Allelùiah! tha ar n-earbsa
Dearbhte gu bheil Crìosd aig làimh.
Ged a chaill sinn e san neula,
Ann an dèigh dà-fhichead là,
Leanaidh sinn a chaoidh r’ ’ghealladh –
“Bidh mi maille ribh gu bràth.”

3 Allelùiah! Arain Nèimhe,
Bu tu fhèin ar lòn ’s ar stà;
Allelùiah! Do luchd-eu-ceart
’S tèarmann thu o là gu là.
Shlàn’gheir chaoìmh, a Charaid pheacach,
Tog mo chùis, Fhir-shaoraidh mhòir,
Far am bi na naoimh gu sìorraidh,
Seinn do chliù gu h-àrd an Glòir.

4 Allelùiah! Cliù do dh’ Ìosa,
Aon Fhear-dìon is Rìgh a shluaigh;
Allelùiah! Togaibh caithream,
’S e tha airidh – ’s e thug buaidh!
Cluinnibh òrain Shìoin naomha
’Ruith nan aon bhèum-ciùil mar thuil:
“Às gach trèubh ’s gach sluagh air thalamh,
Cheannaich Ìosa sinn le ’fhuil!”

C.M. LAOIDH 35

1 Mo laoidh ’s an fheasgar ann ad làth’r,
Thigeadh, a Dhè, mar thùis;
Is m’ ùrnaigh èist air sgàth do Mhic,
’Tha tagradh nis mo chùis.

2 Tro chunnartan an là gu lèir,
Do làmh rinn dòmhs’ an t-iùl;
‘S do thròcair shaibhir thaisbean thu,
Am easbhaidh ’chur air chùl.

3 Tìodhlacan lionmhor tha do làmh
A’ dòrtadh orm gu fial;
Ach O cia beag a thaisbean mi
De thaing air ais, a Dhia!

4 Ciod è a rinn mi riamh air son
An tì ’shaor m’ anam bochd?
Nach dèanadh cionta uair’ a-mhàin
Mo thabhairt sìos don t-sloc?

5 Ìosa, lem chridhe ciontach, truagh,
Cuiridh mi m’ ùidh nad fhuil;
O dòirt gu pailt do ghràs a-nuas,
Is dèan mi nuadh gu tur.

6 Mar seo, air m’ ùrachadh le d’ ghràs,
Laigheam a-sìos gu suain,
Mar ann an làmhan sìorraidh Dhè,
No ’n uchd a ghràidh bhith-bhuain.

C.M. LAOIDH 50

1 Tha tobar ann ’s e làn de dh’fhuil
A shruth o chuislean Ìos’;
’S gach peacach thèid a-sìos fon tuil,
Glan buileach thig e nìos.

2 An gaduich bhlais as ri uchd bàis,
‘S rinn gàirdeachas neo-ghann;
’S rinn mise fòs – cho dubh ris fhèin –
M’ uil’ eu-ceart ionnlad ann!

3 O Uain mo ghràidh, d’ fhuil phrìseil, bhlàth,
Cha chaill gu bràth a brìgh,
Gus am bi mhuinntir shaort’ air fad,
Bhom peacadh glan d’ a trìd.

4 Bhon dhearc mo shùil ri d’ chrèuchdan ciùrrt’,
A’ brùchdadh cungaidh shlàint’,
Gràdh-saoraidh Chrìosd ’s e tha mi ’luaidh,
’S a bhios gu uair mo bhàis.

5 ’N sin seinneam òran ’s milse ceòl,
Air cumhachd mòr do ghràis,
Nuair bhios an teanga mhanntach, thruagh,
Gu balbh ’s an uaigh na tàmh.

6 Dhè, ’s deimhinn leam gun d’ ullaich thu
Dhad òglach bochd nach fiù,
Luach-fala saor gu h-àrd an Glòir –
Cruit òir a sheinn do chliù.

7 Chuir cumhachd Dhè gach teud air dòigh,
’S a ceòl, gu sìorraidh, buan,
Nì seirm an cluasan Dhia nan Gràs,
Air ainm ’s air bàs an Uain.

7.7.7.7. LAOIDH 71

1 Dh’èirich Crìosd a-nìos on uaigh,
Seinneadh na tha bhos is shuas;
Seinn, a thalaimh, seinn a nèimh,
Cuiribh uile ’chliù am meud.

2 Saorsa cheannaich e dha shluagh,
Chuir e ’n cath, is fhuair e bhuaidh;
Dh’fhalbh an smal a bh’air a ghrèin,
’S deàrrsaidh i gu sìor na dhèigh.

3 Clach, is faire, ’s sèul, cia faoin!
Glas na h-uaigh’ chuir e fa sgaoil;
B’ fhaoin dhan bhàs a ghabhail sìos,
Dh’èirich e le buaidh a-nìos.

4 Seall, a-nis tha Ìosa beò;
Ghabh e còmhnaidh shuas an Glòir;
Thug a bhàs an gath on Bhàs,
’S chaill an uaigh a buaidh gu bràth.

5 Leanamaid-ne nis cas-cheum
Ìosa Crìosd, ar Ceannard treun;
Aonta ris-san, ’s leinn mar chòir,
Beatha mhaireannach an Glòir.

6 Ìosa ghlòrmhoir, seo ar n-àgh,
Gèill is cliù thoirt dhut gu bràth;
Sìth is rèite riut, gu fìor,
Seo a’ bheatha shuthainn, shior.

C.M. LAOIDH 96

1 Cia iongantach do ghràs, a Dhè,
A dh’oibrich slàinte dhuinn;
’Rinn càirdean caomh’ de nàimhdean breun’,
Is ceannaircich nan cloinn.

2 Ghabh Crìosd os làimh an obair mhòr
A choimhlionadh le ’bhàs;
Tha fhuil a’ dèanamh eadar-ghuidh’,
’S a’ tairgseadh rèite ’s gràis.

3 Nì eile ’s èiginn fòs do ghràs
A dhèanamh dhuinn, gu beachd,
Oir nì sinn tair air Crìosd ’s air ’fhuil,
Troimh bheil gach slàinte ’teachd.

4 ’S èiginn gun leig an Spiorad ris
Obair an t-Slàn’gheir chaoimh;
Blaisidh an sin an cridhe cruaidh
Ath-ghinmhinn nuadh is naomh.

5 Ceannaicht’ le fuil, ’s ath-nuadhaichte,
Is sàbhailte le gràs,
Tha àite cloinne ’n taigh ar Dè,
Aig ceannaircich gu bràth.

C.M. LAOIDH 101

1 Dhia, builich air ar n-òig’ gu lèir
Sàr thiodhlac naomh nan gràs;
Mar shìol a’ frasadh nuas on speur,
A frèumhachadh ’s ’ fàs.

2 Ge b’ e an t-àit’ ’s an cinnich gràs,
Ged ’s ann o nèamh tha ’n sìol,
’S i ’n hige ’n t-àm ’s an dosraich fhàs,
’S am feàrr a bhlàth ’s a neul.

3 Mo chreach, nach èist an òige thruagh
Ri cuireadh gràidh an Uain!
Oir ged tha ’n crìdh’ le peacadh cruaidh,
Gidheadh tha ’thròcair buan.

4 Mur biodh an cridhe cruaidh mar chloich,
Don neach is òi’ air bith,
Cha d’ fhuair an ciontach fois na h-oidhch’,
Le geilt, is bròn, is crith.

5 An uaigneas is am follais fòs,
Tha deòir is ùrnaigh ’n t-sluaigh
A’ tagradh Ìosa as ur los;
O gairmibh fhèin gu luath.

6 Is guidheamaid gum fòghlaim sibh
Fo làimh an Spiorad Naoimh,
’S nach leisgeul idir òige dhuibh,
Mur lean sibh Ìosa chaoidh.

8.7.S.7. LAOIDH 131

1 Fuaim an t-Soisgeil, ’s ait an sgeula –
losa cèusda air a’ chrann;
Sruithean tròcair uaith a’ tèarnadh,
Gràs gun èirig, ’s gun bhith gann.

2 Stiùir do cheuman chun an t-slèibh ud,
An Crann-ceusaidh ruig gun dàil;
Thig is òl dhen tobar fhèilidh,
Gairm Mhic Dhè dhut, ’s bidh tu slàn.

3 Abhainn ghlòrmhor gràs an t-Saoraidh,
’S lìonmhor aon a dh’òl dhi riamh;
Fhathast tha i ’ruith gun traoghadh,
Mach o thaobh ’s o lotan Chrìosd.

4 losa ’mhàin mo chuibhreann glòrmhor,
Sealan ’s còmhlaicheam e shuas;
’S an glaic-ghaoil m’ Fhir-shaoraidh òirdheirc,
Bidh mo chòmhnaidh sìorraidh, buan.

C.M. LAOIDH 137

1 Faic, Ìosa, Buachaill’ Israeil,
Làn sgeadaichte le gràdh,
’Togail gu bàigheil uain an treud,
’S gam beannachadh le ’làimh.

2 “Na bacaibh dhaibh,” thuirt e gu caomh,
“Dham’ ionnsaigh-sa bhith ’teachd,
Oir ’s ann gu ’n leith’d a shàbhaladh
A thàinig mi, gu beachd.”

3 Gun dàil, O Ìosa, bheir sinn iad
Gu taingeil ann ad làth’r;
O deònaich dhuibh do shlàinte mhòr
Is beannaich iad gu bràth.

C.M. LAOIDH 149

1 ’N d’ fhàg an tì tha math is caomh,
Àrd-Thighearna nan speur,
A ghlòir gun chrìch ’s na nèamhan àrd’,
Son cràidh is cùraidh ghèir?

2 An Slàn’ghear dh’fhàg a chathair-rìgh,
A chathair àrd air nèamh –
Tròcair gun choimeas! gràdh gun chrìch! –
A dh’fhulang bàis gu sèimh.

3 Ghabh e air fhèin ar n-eu-ceartan,
Is dh’fhuiling e am bàs
Airson chlann-daoin’; cia iongantach,
O Ìosa, dhuinn do ghràs!

4 A Shlànaigheir, cia iongantach
Tha ’n gràs a rinn sinn rèidh!
D’ a thrìd tha peacaich sàbhailte
Bho pheanas buan gach rè.

5 Ìosa, tha m’ anam striochdte sìos
Do ghràdh cho saor ’s cho làn;
O deònaich dhomh gum fiosraich mi
A chumhachd caomh gu bràth.

6 O ciod a dh’iocas mi air son
Do chaoimhneis ghràdhaich, chaoin?
O gabh mi uile, ’s dèan mo chrìdh’,
Ge olc e, nuadh dhut fhèin.

6.6.6.6. LAOIDH 153

1 Mo choimhead dèan, a Dhè,
Mo mhuinghin annad tha;
Mo dhòchas ’s tu gu lèir,
Gu bunailteach ’s gu bràth.

2 Mo mhaitheas cha ruig ort;
Ort comain cha chuir mi;
Nad naoimh, faic, gabham tlachd –
Do phoball ’tha san tir.

3 Seall, meudaichear gu mòr
A dhoilgheas do gach aon
Dhad ainm-sa nach toir glòir,
’S gu iodhoil ’thèid a thaobh.

4 Fuil ìobairt dhuibh cha tairg;
Mun altair fòs cha taom;
Mo bheul cha luaidh an ainm;
Nan dèidh mo chas cha chlaon.

5 Mo chuibhreann ’s tusa, Dhè,
Oighreachd mo chupain fòs;
Mo chrannchur mi cha trèig,
Bhon ’s tus’ e, Dhè na Glòir’.

6 Mo chuibhreann thug thu dhomh
An ionad farsaing fòs,
Is m’ oighreachd tha ro mhath;
Seadh, tha i fòs ro mhòr.

7 lehòbha molar leam,
’Thug comhairr orm am fheum;
Is m’ àirnean comhairl’ thug,
San oidhche mar an cèudn’.

8 A chionn gun chuireadh leam,
Fam chomhaìr Dia gach tràth;
Cha ghluaisear mi aon àm,
Oir esan leam a tà.

9 Mar seo mo chridhe tha
Ghnàth subhach agus ait;
Mo ghlòir is tu a-ghnàth,
Is fàsaidh i gu pailt.

10 An dòchas gabhaidh fois
Mo chorp, san uaigh, gu beachd;
Is gabhaidh tàmh is clos
Gu ’n gairmear suas mi leat.

11 Oir m’ anam, air aon chor,
Chan fhàg thu ’n ifrinn shìos;
Is truailleachd fòs chan fhaic
D’ Aon-ungta-sa, gu fìor.

12 Oir nochdaidh tu dhomh ’n ròd
Gu Glòir a’ treòrach’ tha;
Is bheir thu mi, fa-dheòidh,
Gu còmhnaidh leat gu bràth.

13 Nad lath’r tha abhainn làn
De shòlasan nach traoigh,
A thèid am meud gach là,
’S den òlar leam gu saor.

S.M. LAOIDH 171

1 A Spioraid, crom a-nuas,
Is èist ri lean’ban fann;
Am chridhe dèan do chòmhnaidh bhuan,
Is fàg do bheannachd ann.

2 Deònaich dhomh soills’ is gràdh,
Is lionadh iad mo chrìdh’
Le naomhachd, irioslachd, is àgh,
Do dhachaidh fhèin gu sìor.

3 Cinneadh do ghràs gun dìth
Tro m’ uile làithean maoth’,
Mar thoradh fìreantachd is sìth,
’Toirt cliù dhad ainm ro naomh.

L.M. LAOIDH 183

1 Tha ’n Thighearn’ toilichte nuair chì
Clann bheag an rèidhbheirt is an sìth;
Tha ’n laoidhean-molaidh taitneach dha,
Nuair sheinnear iad an co-sheirm gràidh.

2 Leis-san tha gràdh nas àird’ an luach
Na mhaoin is mò a bheir sinn suas;
’S a’ chlann tha chòmhnaidh ’n comann gaoil,
Tha cosmhail ris na h-ainglean naomh’.

3 An leanabh a tha soitheamh, ciùin,
’Chuir iorghaill ’s dreamhuinn tur air chùl,
Le ’m fuath gach gnìomh is facal fiar –
Taitneach tha ’n leanabh sin do Dhia.

4 Deònaich dhuinn maitheanas, a Dhè,
Nar n-aimhreit thric ri càch a chèil’,
‘S thoir blasad dhuinn dhen t-sonas fhior,
’Is cuibhreann dhaibhsan ’leanas Crìosd.

L.M. LAOIDH 199

1 Fo dhìmeas is fo tharcuis dhaoin’,
Faic fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a’ leantainn ris gun chlos,
An taobh a bhos dhen uaigh.

2 Ach cha b’ e fhèin ach sinne thoill
Gach cràdh a rinn a leòn;
Oir neo-chiontach sheas e nar riochd,
’S gu h-iochdmhor ghabh ar bròn.

3 Gidheadh, mar dhroch dhuin’ mheasadh e,
’S mar fhogarach o ghràs,
Trath dhòirt e fhuil air son an t-sluaigh,
Fo osnaidh chruaidh a’ bhàis.

4 Le ’naomh-fhuil nigh e dhinn gu glan
Ar truailleachd is ar lochd;
Leighis a chreuchdan, ’s shaor a bhàs,
Gu bràth, ar n-anam bochd.

5 Chaidh daoine dall is ceannairceach
Air seachran truagh mar threud,
Ach ghiùlain Crìosd ar n-easaontas,
Is dh’ol ar n-uile bheud.

C.M. LAOIDH 238

1 O nach bu tobar uisg’ mo cheann,
’S mo shùilean ’ruith gun tàmh,
Airson mo chiont’ cho anmhor mòr,
Tha toilltinn pèin is bàis.

2 Airson mo pheacaidh bhàsaich Crìosd,
Crochte ri crann an àird;
Bu tùrsach, deurach, air mo shon,
A chaith e ’uile làith’.

3 Cia gràineil dhomh gach ciont’ is bèud
A chèus mo Dhia ri crann,
Na peacaidh oillteil, antromach,
A dh’fhàisg a chrìdh’ gu teann.

4 Gu cinnteach thèid an claoidh gu tur,
Oir dhuibh thug m’ anam fuath;
Am feast cha chaomh’n mi iad, oir thug
lad Ìosa chun na h-uaigh’.

5 Am feadh, le cridhe briste, brùit,
A chì mi fuil mo Thriath,
Eighidh mi diogh’ltas agus fuath
Dham chionta feadh gach ial.

7.7.7. LAOIDH 269

1 A-nis, a Dhè, an là do ghràis,
Seachad mu ’n teid e gu bràth,
Dhutsa sleuchdaidh sinn gu làr.

2 Ìosa naoimh, O gluais ar deòir,
Sgrùd ar cridh’ le h-eagal mòr,
Mu ’n tig latha binne ’s mòid.

3 Builich oirnn do Spiorad fìor,
’Cromadh aig do dhoras sìos,
Son nach diùltar sinn gu sìor.

4 Chrìosd, le sùil rid fhallas cràidh,
D’ ùrnaigh dhian rid Athair gràidh,
D’ aonta saor gu dol chum bàis,

5 Deura searbh do chaoidh ’s do bhròin
Airson truaigh lerus’leim mhòir,
Mealamaid do ghràdh gach lò.

6 Fo do sgèith thoir dhuinne àit’,
Son nach caill sinn là nan gràs,
Is mu ’n còmhlaich sinn gu h-àrd

11.11.11.11. LAOIDH 285
(le sèist)

1 O sonas nam fiorghlan ’s nan iom-agan gràidh!
Dèanam m’ ionnlad sa chuan dh’fhosgail Crìosd air mo sgàth;
Thar peacaidh is truailleachd bidh m’ uaill gu neo-ghann,
Is tagram na dh’fhuiling e shuas air a’ chrann.

O luaidheam air meud a ghràidh,
Luaidheam air meud a ghràidh,
Luaidheam air meud is air cumhachd a ghràidh!

2 O sonas nam fìorghlan! Is leam Fear mo-ghràidh;
Chaoidh tuilleadh chan eagal leam dìteadh no bàs;
’S leam dearbhachd air slàinte; dha ghràs-san biodh cliù,
A thog orm gu fàbharach deàlradh a ghnùis’.

3 O sonas nam fìorghlan ’s nan ionragan gràidh!
’Fhuil phrìseil-san lèigh’sidh gach èucail gu bràth;
An tùrsach gheibh faochdadh, san saoth’reach gheibh suain,
Gu sòlasach, saor, ann an caomh-uchd an Uain.

4 O Ìosa a cheasadh! do chlìù nì mi sheinn,
Mo Dhìa, is mo Rìgh, is mo Shlànaighear grinn;
Chan eagal leam bàs, is cha sgàth leam an uaigh;
O m’ aoibhneas is m’ àgh, thug mo Shlànaighear buaidh!

C.M. LAOIDH 294

1 Dhia, pheacaich mi; ach O gabh truas;
Na tilg mi uat gu bràth;
Dean m’ anam aiseag ’s bitheam beò;
’S tu fhèin mo dhòigh ’s mo stà.

2 O èiream suas om leagadh truagh,
Le cùram nuadh ’s le treòir;
Gu gràsmhor soillsich sùil nan deur,
Is lìon mo bheul le ceòl.

3 Bho iobairt mhòr mo Shlàn’gheir ghràidh,
Mo dhùil a-mhàin tha teachd;
An geall air Dia, fo leòn ’s fo chràdh,
Mo chridhe tha, gu beachd.

4 Thoir cridhe macant’ agus blàth,
Rè fad mo là ’s mo rè;
Na buin do Spiorad Naomha uam,
’S an tèid mi suas gu nèamh.

8.7.8.7.8.7. LAOIDH 302

1 Lean’ban, thugaibh cliù dhan t-Slàn’ghear;
’S caomh leis sibh gu h-àrd an Glòir;
Molaibh e airson a ghràidh dhuibh,
Is airson a shlàinte mhòir.
Àrd-hosanna
Rachadh suas do Chrìosd gach linn!

2 Nuair a dh’fhàg e uchd an Athar,
’Ghabhail còmhnaidh am measg dhaoin’
Bha clann òg a’ tabhairt cliù dha,
’S chrom e riù a chluas gu caoin.
Àrd-hosanna
Rachadh suas do Chrìosd gach linn!

3 Trath rinn màithrichean teachd dlùth dha,
Le ’n cuid naoidhean lurach, fann,
A’ chlann bheag na ’làmhan thog e,
’S ghuidh e beannachd air an ceann.
Àrd-hosanna
Rachadh suas do Chrìosd gach linn!

4 Ann an saogh’l nan spiorad shuas ud,
Ainglean tha gu cruaidh a’ seinn;
Fichead mile uair deich mìle,
’Luaidh gun sgìos a chliù gu binn.
Àrd-hosanna
Rachadh suas do Chrìosd gach linn!

Dè ’n seòrsa gràdh tha seo,
Dh’ìobair e fhèin nam àit’?
’S mise, tha nam chiontaiche,
Nis, saor gu bràth.
Dè ’n seòrsa gràdh tha seo?
Nach b’ aithne dhomh rim bheò.
Gun eòlas fiù ’s Air ’ainm naomh
Dè ’n seòrsa gràdh tha seo?

Dè ’n seòrsa Fear tha seo,
A dh’ eug na èiginn mhòir?
Fear nach do rinn fiù ’s aon olc –
Ceust’ air mo thòir.
Dè ’n seòrsa Fear tha seo,
A dh’fhàg a chathair mhòr
Airson gum blaisinn gràdh ar Dè
Dè ’n seòrsa Fear tha seo?

Tro ghràs shàbhail E mi,
Is tiodhlac Dhè an nì,
Ro-òrdaich e uchd-mhacachd dhomh,
B’ e gràdh a bhuilich sìth.
Chan fhac’ aon t-sùil a-riamh,
Cha chuala fiù ’s aon chluais,
Cha d’ bhreithnich duine riamh na chrìdh’
An seòrsa gràdh tha seo.

Bryn & Sally Haworth © 1983 Signalgrade/Kingsway’s Thankyou Music [MP 750]
Eadar-th. Iain D. Urchardan

Nach domhainn gràdh an Athar dhuinn
Nach mòr e thar a thomhais,
Gun ìobradh Esan aon ghin Mhic
Son peacach truagh gun mhothaich.
Nach mòr an cràdh nuair bhàsaich E;
Na aonar air an sgòrr ud,
An uair thug lotan Uan Dhè
Nam mòran mic a ghlòir leis.

O seall an Duine air a’ chrann
Mo pheacadh air a ghuail’nean,
Le nàir’ cluinneam mo mhagadh fhèin
A’ glaodhaich is ga bhualadh.
B’ e m’ pheacadh-sa a chum E ’n sin
Gun d’ chuir Esan a’ chrìoch air,
B’ e anail bàis thug dhomh-sa beath’;
The fios-am g’ eil e crìochnaicht’.

Cha dèan mi uaill à nì sam bith
Fiù’ s à aon ghibht a dh’èireadh,
Ach nì mi uaill à Ìosa Crìosd
Na bhàs-san is ais-èirigh.
Carson a fhuair mi às A dhìol?
Tha m’ thuigse ga mo thrèigsinn,
Ach ’s aithne dhomh le m’ uile chridh’,
Le bhàs-san phàigheadh m’ èirig.

Stuart Townend © 1995 Kingsway’s Thankyou Music [MP 988]
Eadar-th: Iain D. Urchardan

’S E as Tighearn’, ’s E as Tighearn’,
Dh’èirich Esan bho na mairbh
Is ’s E as Tighearn’!
Lùbaidh gach glùin Dha,
Aidichidh gach beul
Gur Ìosa Crìosd an Tighearn’.

Marvin Frey. Copyright Control; [MP 220]
Eadar-th. Iain D. Urchardan

Thàinig à nèamh, naoidhein mhaoth,
a-steach nar saogh’l Do ghlòir fo sgleò,
a dhèanamh seirbheis do dhaoin’
’s Do bheath’ thoirt suas gum biomaid beò.

’S e seo ar Dia, Seirbhiseach Rìgh,
Gar gairm a-nis A leantainn dlùth,
ar beath’ a thoirt mar thabhartas gach là
son adhradh Dha, Seirbhiseach Rìgh.

An siud an gàradh nan deòir,
thug Esan m’ ealach trom air fhèin;
A chridhe reubta le bròn,
“Do thoil-s’ bhith dèant’”, na phian ghlaodh E.

’Se se seo ar Dia …

Thig faic A làmhan tha treubt’,
lotan tha ’g inns’ mu ìobairt rèit’,
na làmhan dhealbh reultan speur
gu tàirnean cràiteach iomlan gèillt’.

’Se s seo ar Dia …

© Graham Kendrick 1983 Make Way Music [MP 162]
Eadar-th. Donaidh MacSuain, Seinn Alleluia